Uile Bheist Loch Nis

Le IAIN CAMSHRON, nach maireann.

CHAN eil móran ri chluinntinn an diugh mu uile-bheist Loch Nis. Is beag iongantas a tha sin acur orm-sa, agus ma ghabhas sibh mfhacal-sa air, bithidh iomadh latha mun cluinnear iomradh air, mo mum faicear e a rìs. Tha daoine creideasach ann ag innseadh dhuinn gum faca iad e agus chan eil aobhar sam bith againn teagamh a churnam briathran, ach, a chàirdean, chunnaic mise e, is innsidh mi dhuibh a chruth is a dhealbh gun aon fhacal bréige.

Air an t-samhradh so chaidh, bha mi air chuairt am baile mo bhreith, is air bha sud smaointich mi gun gabhainn ceum air feadh nam bruaichean far am bàbhaist dhomh bhith cluaineas ann an làithean na h-òige. Thàinig mi gu toman uaine bòidheach ris an abrar Cnocan na Cuthaige, agus a chionn is gun robh brèagh, grianach ann, shuidh mi sìos air dos fraoich aleigeil mo sgìos dhiom, agus las mi mo phìob. Bha minam shuidhe gu socrach an sud is ameòrachadh air gluasad an t-seillein luainich a bha afalbh gu h-aotrom am measg nam bruach, an uair a mhothaich mi do chuideigin a bhith atighinn an rathad. bha so ach anGuile Gùg!”

Bha anGuile Gùg” ’na sheòladair isna iasgair ainmeil agus tha mi creidsinn nach eil port eadar ceithir rannan ruadh an domhain nach do lorg e. Thug e fhéin is a bhràthair—am Musgan—àireamh mhór bhliadhnachans achuan a tuath an tòir mhucan mara, agus bu taitneach gu dearbh a dhinnseadh e mu na h-àitean iongantachs an robh e.

An uair so, bha e ag innseadh dhomh mar a bàbhaist dhaibh a bhith aruith nam muca mara ann am bàta beag le morghath, is tha cuimhne agam fhathast, a cheart cho math is ged a thachradh e an diugh mar a thàinig am balachan beag aig Seumas aChotain far an robh mi le litir mhór bhrèaghana làimh. Gu bha so ach fios bho mhac do Dhomhnull nan Ribeanan a Lunnainn.

Ullaich thu fhéinars esan, “agus falbhaidh tu cuide rium-sa air Di-h- aoine so tighinn aig uair dheug a latha gu Loch Nis feuch gu a ghabhas dèanamh air son na h-uile-bheist a tha sin a ghlacadh.”

Cha robh fios agam gu a dhèanainn no gu a theirinn. Nach be Di-h- aoine a bhann mar thà, agus nach robh an uair dìreach adlùthachadh air -uair-dheug. Bhrùchd fallas fuar am mach orm agus atoirt sùlos mo chionn thug mi fa-near do choltas fìor-eun mór ag iathadh a nall thar mullach Beanntan Chorobheinn, agus a chàirdean, mun robh cinnt agam càite an robh mi, thàinig i gu srath is sgaoil i mach a sgiathan ann am Pàirc nan Reithichean—speur -long cho àillidh is a chunnaic sibh riamh. ’S ann a shaoil leam an toiseach gur e an donas fhéin a bhann, is e air faighinn ma sgaoil, ach cha robh mi fada an imcheist. Leum mac Dhomhnuill Mhóir nan Ribeanan a mach— ’s eRudolfa bainm don fhear so. “Gabh a stigh Iain,” arsaRudolf,” “falbhaidh i so cho math air amhuir is a ghluaiseas isan adhar,” agus fhearaibh, is a chlann, nam faiceadh sibhse an t-astar a chuireadh i as a déidh! Adol troimh na tonnan ged a bha an fhairge bronnach barragheal astealladh seachad air a sròin. Bha sinn an Loch Nis cha mhór nach



[16]

fhaodamaid a ràdh ann an tiota, agus ged a shiubhail sinn bho cheann gu ceann den loch, fad fion foineach an latha is e cho fèathail ri measair bhainne, chan fhaca sinn builgeach air an uisge na bu mhotha na tunnag fhiadhaich. Ach nuair a thàinig an oidhches a thilg sinn a mach na h-acraichean, bha car eile an ruidhle abhodaich. Mu dhà uairs amhaduinn is sranndan grinn agam fhéin is aigRudolf,” chuala mi fuaim a thug orm sùil a thoirt thar na cliathaich. Bha an lochna lasraichean teine le meallan móra de theine sionnachaingan sradadh bho thaobh gu taobh. Thug mi leum air mo chasan agus ghlaodh mi àrd mo chinnBi air t-uilinn, a Rudolf, tha rud-eigin an so.” Ach ann am prioba na sùla dhéirich sud a suas aig deireadh na luinge, agus be sin an sealladh oillteil. “Sin do chothrom an nis, a Rudolf, thoir dhàsabhroilleach iarsa mi fhéin, ach an uair a thug mi sùil air mo chùlaibh bha Rudolfna chrùbansan toiseach is e air chrith mar dhuilleach air craoibh. Thog am béist a cheann na bàirde. Bha a dhà shùil mar lasair dheirg—fiasag agus dosan mór ruadh air—a chluasan air tighinn thairis le bàirnich is clabha dubha—a bhroilleach mar sgeir na mara—is e air a chomhdach le feamainn is maoraich. Bha gath muin sios gu meadhon a dhroma, is ma bha e òirleach air fhad, bha trì fichead troigh ann, ’na lùbansna charan. Is bhaga mharcachd ach anGuile GùgagusAm Musgan.” Dhfhosgail e a bheul agus nam faiceadh sibhse am beul! Labhair e an sin, agus ars esanCarson a thàinig sibh an so gam ghlacadh-sa agus gam mhilleadh? Tha mise an so bho chionn mìltean de bhliadhnaichean . . . . fada mun robh snàgach sam bith agluasad air an talamh bha mise ann. Mun do chruthaicheadh an duine no an deach a dhealbh bha mise an so. Bha mi ann an uair a bha aGhàidhlig aig uile-bheistean an domhain. Chunnaic mise an uair nach robh ann an abhainn mhór na h-Eipheit ach alltan beag, agus mun do ghabh aMhuir Ruadh a dath.”

Dhéirich an uilebheist an sin na bàirde is na bàirde is e aspùtadh uisge a mach as a shùilean, a cuinnleanan a shròine is a bheul le leithid de dhfhuaim is gun saoileadh duine gur e eas mór Niagara a bhann. Thug e an sin aon ròic as. Shaoil mi gun do chrith na beanntan gum bunait! Dhéirich an fhairge le tonnan barr-gheal dìreach mar gum biodh i air ghoil is thug e crathadh as. Chaidh e fodha agus le aon sgaileag da earball chuir e an speur-longna sgealban air na creagan agus dìreach mar a chaidh Ionah o shean a thilgeil air cladach Ninibhi, chaidh mise agusRudolf” —mac do Dhomhnull Mór nan Ribeanan—a thilgeil air bràighe achladaich aig Cill Chuimein.

Air dhomh mo shùilean fhosgladh is coimhead mun cuairt, bha rim thaobh ach anGuile Gùgis e aglaodhaich rium dùsgadh mun cuireadh an seillean ruadh a bha a nis aruith mum aodann an gath annam.

Ghrad dhéirich mi is thog mi orm dhachaidh. Agus a chàirdean, chomhairlichinn dhuibh uile Cnocan na Cuthaige a sheachnadh air latha brèagha samhraidh, gu sònraichte an cuideachd aGhuile Gùg is e ag innseadh ròisgeulan mu mhuca mara. Chan eil e furasda na h-uile rud a their an duine sin a chreidsinn. ’S e an fhìrinn a bu docha leam fhéin riamh. ’S is fheàrr a sheasas!

titleUile Bheist Loch Nis
internal date1953.0
display date1953
publication date1953
level
reference template

Iain Camshron in Gairm 3 %p

parent textGairm 3
<< please select a word
<< please select a page