Eachdraidh an Iasgaich an Leódhas
Le SEUMAS MACTHOMAIS.
III.—Clann-nighean an Iasgaich.
CHA bhiodh eachdraidh an iasgaich idir coimhlionta gun iomradh urramach a dheanamh air a’ cho-roinn a bha aig a’ chloinn-nighean anns an obair agus air gach fearas-chuideachd a bha ’na cois. Is ann ri iasgach an sgadain a bha togradh gach caileige is maighdinn eadar sia bliadhna deug agus leth cheud bliadhna air feadh an Eilein air fad. B’e an cutadh a’ cheud obair aig nìonaig agus b’e an obair dheireannach roimh ám pòsaidh.
Cho luath agus a rachadh na fir gu muir mu’n deicheamh là de’n Chéitin, thogadh na boirionnaich orra gu Steòrnabhagh, am prìomh phort iasgaich, far an tionaileadh iad as gach clachan. A’ chuid diubh a bha tighinn fad as, is ann glé ainneamh a thilleadh iad chon an dachaidhean fhéin gus am biodh an t-iasgach Samhraidh seachad mu Là na Dròbha, fìor thoiseach an Iuchair, ach na bha tighinn as na bailtean dlùth air a’ bhaile mhór bhiodh iad sin air ais ’s air adhart o’n dachaidhean d’ an cois, oir cha robh innealan giùlain ann anns an là ud.
B’aighearach air cabhsair iad a’ feitheamh gus an ruigeadh na bàtaichean fo làn aodach an laimrig gach madainn. Bu ghrinn, sgoinneil iad, gach té le muilichinnean truiste os cionn nan uilnean, ’s le polca druidte teann mu a meadhon agus còta goirid drògaid, ceann-ruisgte no le beannaig mu a bathais. Bu ghreadhnach an iomairt agus b’àrd a sheinneadh iad na seann òrain agus na puirt Ghàidhlig a bha cho fileanta air am bilean. Bhiodh mire-chatha air bioran a’ figheadh stocainean dearga is gorma, agus geansaidhean bòidheach putanach.
Ach cha bu luaithe bhiodh an sgadan anns a’ bhucas na sguireadh an t-seinn, agus a’ phaisgte na bioran. Bu chlis a ghluaiseadh a’ chutag an làimh gach nìonaig, agus bu trang am pacair a’ càradh ’s a’ dinneadh sreath air muin sreatha anns a’ bharaille. Bha an tuarasdal a réir na lionadh iad, dithis anns gach sgioba a’ cutadh agus té a’ pacaigeadh. Cha robh dìth comhraidh orra am feadh ’s a bha an obair a’ dol air adhairt, ach cha chuireadh gearr-ghobach maille air aon agus b’e dian shaothair am fearas-chuideachd bu docha leotha.
Cho luath ’s a bha an cunntas luathaireach seachad bha na bàtaichean ach beag a’ falbh dh’ionnsaigh nam puirt a sear, gu ruige Gallaibh, A’ Bhruaich, Ceann Phàdruig, agus Sealtain, agus bha a’ chlann-nighean a mach air an sàil. Cha tigeadh iad air ais tuilleadh gu deireadh Lùnasdail.
Fad na h-ùine a bha iad air falbh as an dùthaich cha robh gainne air sùgradh no cur-seachad. Far am biodh na caileagan gheibhte na gillean an oidhche nach biodh iad aig muir, agus far an robh iad le chéile bha eòlas agus càirdeas air an neartachadh, iochd is coibhneas is carrthanas air am fadadh daonnan, agus cha robh sòradh air toil-inntinn is cridhealas far an tionaileadh iad. Fad a’ gheamhraidh aig an tigh chumadh e comhradh riutha a’ deanamh ath-luaidh air na h-àiteachan a thadhail iad, na nithean a chunnaic ’s a chuala iad aig an iasgach, agus air na fir agus na mnathan air an do chuir iad eòlas.
“Bu chlis a ghluaiseadh a’ chutag . . . .”
(J. Allan Cash.)
Ma bha togail aig a’ chloinn ri ath-philleadh nam bàtaichean á Gallaibh agus ris na briosgaidean cruaidhe, cruinne bha air an dòrtadh air am beulaibh air a’ mhol gus nach biodh beul no pòcaid ann a chumadh an corr, agus ma bha biadh is fiodh is ùirneis air son tighe ’nan toil-inntinn do na màthraichean, cha b’e ruighinn sàbhailte nan cisdeachan oiseannach aig a’ chloinn-nighean bu lugha ris an robh sùil aig sean is òg. A’ bhliadhna bha an cosnadh gu math chan ann leth-fhalamh a thigeadh iad ach làn agus a’ cur thairis leis gach goireas a b’fheàrr na chéile—aodach tighe, aodach caitheamh, ribinnean, soithichean, is tiodhlacan do gach aon a bha feitheamh gu dòchasach aig baile. ’S e là mór anns a’ chlachan an là thigeadh na cairtean á Steòrnabhagh luchdaichte le annasan de gach seòrsa. Is iomadh dachaidh a dh’fhàg am beannachd aig cridheachan farsuing, fialaidh clann-nighean an iasgaich.
Bha an cosnadh-san, gun teagamh sam bith, a’ deanamh barrachd feuma do na teaghlaichean na bha cosnadh nan gillean. Bha iad a’ cur gu buil mhath na gheibheadh iad, gun anacaitheamh no mì-stuamachd. Ach ged a bha na fir dìcheallach gu leòir a’ solaradh an teachd-an-tìr, bha iad gu minig glé ullamh gu bhith dealachadh air bheagan feuma ris na choisneadh iad.
Cha b’ann dìomhaineach a bha na caileagan a’ caitheamh an ùine nuair a thigeadh iad dhachaidh. Bha na tighean r’ an uidheamachadh, am bàrr r’ a chruinneachadh agus r’a thasgadh gu sabhailte air son a’ gheamhraidh. Cho luath ’s a bha crìoch air obair an fhoghair, an t-arbhar anns na cruachan fo lìon ’s fo shìoman,
agus am buntàta anns na sluic, bha iad uile, ach an fhìor fheadhainn a b’òige, dol gu iasgach Shasuinn far an robh iad an sàs gu deireadh na Samhna.
Nuair a thilleadh iad á Sasunn bha fois aca o obair a muigh gus an tigeadh ám an àitich an ath Earrach. Ach cha robh làmh no cas dhìomhain a stigh. Bha glanadh is nighe is sguabadh ag agradh gàirdeanan fèitheach, agus chan ann idir gun saothair làitheil a bha gach being is séis, gach stòl is tallan air an sgùradh cho geal ri sneachda na h-aon oidhche.
Is minig a dhearbh calanas mun chagailt gur e lìonmhorachd nan làmh dh’fhàgas an obair aotrom. Bhiodh màthraichean is nigheanan a’ cìreadh ’s a’ càrdadh, a’ snìomh ’s a’ tachrais fad nan oidhcheannan geamhraidh mus ruigeadh cloimh nan caorach a’ bheirt. Bha fuaigheal is figheadh daonnan air bòrd oir cha robh aodach a’ tighinn á bùth a dheanadh làmhan aig baile.
Ach gheibhte ùine air son sùgradh agus cur-seachad cuideachd. B’e ám a’ gheamhraidh ám na céilidh. Chruinnicheadh an òigridh ri ra-soluis anns na tighean céilidh, agus ’s e an t-anmoch a bheireadh dhachaidh iad. Am feadh a bhiodh na gillean ri deasbaireachd, a’ seinn ’s a’ comhradh ’s ag innseadh sgeulachdan bhiodh a’ chlann-nighean a’ figheadh ’s a’ deanamh ath-luaidh air na chuala iad agus na thachair riutha air falbh far an d’fhuair sluagh an Eilein eòlas buan agus mionaideach air a chéile.
Cha robh ach aon àite bheireadh faochadh do’n tigh chéilidh, agus b’ e sin an tigh luaidh. Nam biodh luadh ’s a’ bhaile chluinnte e, agus far am biodh luadh bhiodh cuideachd. Mu àrd fheasgair chruinnicheadh na caileagan. Le gàirdeanan rùisgte agus beannagan iomadh dathach shuidheadh iad mu’n chlèith, ochdnar no deichnear, le sùrd is aighear is glòir.
Gus an obair aotromachadh thogte fonn nan iomadh rann, agus cha robh òran luaidh a chualas a riamh nach seinneadh iad mus biodh an obair ullamh. Cha luaithe thòisicheadh na h-òrain na thionaileadh fir is mnathan, òigridh is clann gus am biodh an tigh air a lìonadh. Cho luath agus a bhiodh an t-aodach air a luadh agus air a phasgadh, agus an t-suipeir seachad bha an danns a’ tòiseachadh, ’s a’ leantainn. B’ e an toil-inntinn da rìreadh a bhith an cridhe na cuideachd.
Bha an céilidh agus an luadh gu math ach bho ám gu ám bha cur-seachad ann a bheireadh barr orra le chéile. ’S e na rèitich agus na bainnsean barr-mullaich an t-sùgraidh. Far am biodh banais bhiodh cruinneachadh de gach seòrsa, inbhich is òigridh. Gheibheadh na dlùth chàirdean cuireadh chon an rèitich bhig, nuair a bha cumhnant pòsaidh air a sheulachadh le biadh is deoch gun ghainne. Chruinnicheadh inbhich a’ bhaile dh’ionnsaigh an rèitich mhóir far an robh ceòl is aighear gu madainn là-arna-mhàireach, ach gheibheadh muinntir a’ bhaile gu h-iomlan cuireadh fialaidh dh’ionnsaigh na bainnse. Bhiodh ceòl is dannsadh o anmoch gu madainn aig an òigridh, ith is òl is othail aig gach neach gus an cuireadh iad a’ chàraid òg a chadal. Agus ’s e clann-nighean an iasgaich a bha air toiseach agus air deireadh gach cuirme.
Chrìon obair an iasgaich uidh air n-uidh o chionn iomadh bliadhna a nis, dh’fhalbh móran de na cleachdaidhean air an robh sinn eòlach, agus saoilidh sinn nuair a thachair sin gun deach an solus as.
title | Eachdraidh an Iasgaich an Leòdhas III – Clann-nighean an Iasgaich |
writers | James Thomson |
internal date | 1953.0 |
display date | 1953 |
publication date | 1953 |
level | |
reference template | Seumas MacThómais in Gairm 3 %p |
parent text | Gairm 3 |