An Dotair Bàn

le IAIN N. MACLEOID

(Alasdair Mór).

BE an lighiche Alasdair Macleòid, noAn Dotair Bànmar a chanadh iad ris, aon de na laoich a bu chliùitiche agus a bu mhóralaiche a rugadh an Innse Gall anns an ochdamh linn deug. An uair a bha mise òg, bhithinn acluinntinn gu tric mu chuid de na h-euchdan móra a bha e an còmhnaidh adeanamh, oir bha móran beò anns an Eilean Sgitheanach an uair sin aig an robh cuimhne air a ghnìomharan fhéin-àicheil, agus air gach obair iongantach a rinn e iomairt airson cor nan eileanan a leasachadh cho fada is a burrainn da. Anns achunntas ghoirid so bu chaomh leam aithris a dheanamh air cuid de na gnìomharan cliùiteach a rinn an Dotair Bàn—gnìomharan a rinn ena dhuine cho fiùghail agus a bha beòna latha fhéin an Innse Gall.

Rugadh Alasdair Macleòid an Cille-Pheadair an Uibhist aChinn a Tuath, anns abhliadhna 1788. Bha e an dlùth chàirdeas do Alasdair Macleòid, an t-seachdamh Ceann-cinnidh a bha an Ratharsaidh, agus bhuineadh a mhàthair do Ruairidh, an ochdamh Triath air Dun-bheagain, a bha pòsda aig nighean an naodhamh Morair MacDhòmhnuill Shléite. Bha na daoine ó an tainig enan tuathanaich iomadh linn an Ruige, air taobh-sear Thròndairnis, agus mar sin bha e an dlùth dhàimh ri teaghlaichean urramach an Eilein Sgitheanaich agus Uibhistna latha fhéin.

Fhuair an Dotair Bàn toiseach a fhoghluim an sgoil na sgìre anns an drugadh e. An uair a bha e glé òg, thuig a oid-fhoghluim gu robh tàlantan buadhmhor air am buileachadh air abhalach òg so, agus aig an ám a bha sud, bha sùil amhaighstir-sgoile an còmhnaidh air gach sgoilear acfhuinneach a bhiodh air a bhialaibh, agus bhiodh e agabhail saothrach nach bu bheag ri an ionnsachadh, oir bha a chliù fhéin mar oid-fhòghluim gu mór an crochadh air àireamh nan sgoilearan a bha e comasach air ullachadh airson a dhol dìreach do aon de na h-Oilthighean. Bha móran de na seann mhaighstirean-sgoile aig an ám ud glé fhileanta an Laidinn agus an Greugais. Bha aon diubh sin, do am bainm Arbuckle, ’na mhaighstir-sgoile an Tigh Ghearraidh, an Uibhist aChinn a Tuath, agus an uair a bhiodh e airson aon sam bith de na nàbaidhnean a chàineadh, shìneadh e orra am bàrdachd Laidinn an làraich nam bonn!

Tha e soilleir gun do ghabh am maighstir-sgoile saothair a bha mór ri Alasdair òg, agus o na bha a athairna dhotair anns an sgìre, rinn esan cuideachadh leis aig an tigh. Mar sin, bha uaill agus pròis nach bu bheag air amhaighstir-sgoile an a bha e comasach air Alasdair a chur do Oilthigh Dhun-eideann a mach as an sgoil aige fhéin an Uibhist a Tuath.

Thug Alasdair Macleòid a mach foghlum na dotaireachd anns abhliadhna 1809, agus fhuair e àite a athar mar dhotair an Uibhist. Cha bfhada gus an do sgaoil a chlìu mar lighiche sgileil, acfhuinneach, air feadh an eilein gu léir, agus bhiodh daoine tinne atighinn as



[22]

gach ceàrnaidh de Innse-Gall a dhiarraidh leigheis air. Bha lighichean glé annamh agus fada o chéile an Innse-Gall an uair sin, agus bha e uamhasach duilich faighinn o eilean gu eilean le cion ghoireasan aisig. Cha robh teleafon no teleagrabh aig an Dotair Bhàn an Uibhistna latha, agus cha mhotha bha carbad de sheòrsa sam bith aige, agus ged a bhiodh na goireasan sin aige, cha bhiodh iad gu feum sam bith dha a chionn nach robh òirleach de rathad mór an Uibhist aig an ám ud, ach frith-rathaidean troimh na boglaichean agus na monaidhean. Agus cha robh dòigh air faighinn gu tìr-mór ach leis aphacaid a bha aseòladh uair no dhà anns an t-seachdain o Loch nam Madadh gu Dùn-bheagain.

Gun teagamh , tha e fìrinneach nach robh lorg anns na h-eileanan, ri linn an Dotair Bhàin, air móran de na h-eucailean a tha buailteach do mhuinntir Innse-Gall an diugh. Bha na h-eileanaich làidir, fallain an uair sin. Bha caithe-beatha nàdurrach aca, agus bha iad beò air abhiadh fhallain a bha afàs air an croitean fhéin, agus bha an t-iasg ùr a bha cho pailt timcheall air na cladaichean aca acur smior agus smuaisnam bodhaigean. Ach a dhaindeoin sin uile, bha eucaileannam measg agus cha bann do an deòin a leigeadh iad ris gu robh iad agearan gus an toireadh an dubh-éigin orra.

Ach a dhaindeoin gach cnap-starraidh a bha sin, lean an Dotair Ban còir air a bhith toirt leighis agus comhfhurtachd do gach neach a bha acur feuma air sin, agus bha a thigh an Cille-Pheadair gu tric na bu choltaiche ri tigh-eiridinn na ri fàrdaich dotair.

Anns abhliadhna 1818, phòs e Màiri, nighean Choinnich Chaimbeil a Srannda, an ceann a deas na Hearadh, agus bi bean Choinnich Chaimbeil nighean Dhòmhnuill MhicLeòid Bheàrnaraidh na Hearadh—caraid dìleas do Phrionnsa Teàrlach.

A bharrachd air a bhithna dhotair an Uibhist a Tuath agus anns na h-eileanan eile mun cuairt air, bha an Dotair Bànna bhàillidh aig Bean Mhic Gille Eathain a bhana h-uachdaran air Boraraidh agus Griomasaidh. Anns an dreuchd sin dhfhoillsich e na ceud-fadhan iongantach a bha air am buileachadh air.

Dhealbh e innleachdan airson am fearann a dheanamh na bu toraiche, agus shoirbhich an iomairt sin a rinn e. Ghabh e tuathanachas Chille-Pheadair air mhàl, agus cha bfhada gus an do dhearbh e gu robh e cho acfhuinneach mar thuathanach agus a bha ena lighiche. Thog e tigh air an tuathanachas, agus bha e fuireach an sin gus an drinn e imrich gu Baile an Lòin timcheall air abhliadhna 1820.

Chuala am Morair MacDhòmhnuill, aig an robh oighreachdan anns an Eilean Sgitheanach agus an Uibhist, mu dhealas an Dotair Bhàin mar lighiche agus mar thuathanach acfhuinneach, agus mar sin, timcheall air abhliadhna 1829, rinn am Morair ena bhàillidh air a oighreachdan gu léir, agus thainig an Dotair Bàn an uair sin a dhfhuireach do Phort-righeadh. Thug an oifig urramach sin cothrom dha air a bhuadhan iongantach a chur an céill ann a bhith acur air adhart oibrichean de gach seòrsa.

Tha an Uibhist làn de lochan thall is a bhos, agus tha amhuir acladhach fada stigh do na lochan-mara air gach taobh. Thug e mun airidh gum biodh na lochan-mara sin air an tràghadh, agus an uair a



[23]

rinneadh sin fo a stiùireadh glic fhéin, bha am fearann a bha roimhe sin fo an mhuirna thalamh torrach le bàrr trom agus feur am pailteas. Is e fhéin a dhealbh na gàraidhean-dìon a chaidh a thogail airson amhuir a chumail a mach. Thràigh e cuideachd móran de na lochan beaga a bha cho lìonmhor anns an eilean, agus bha coirce, eòrna, buntàta is feur afàs anns an talamh mhìn thorrach a bha roimhe sin còmhdaichte le uisge.

Chan eil teagamh sam bith nach bi cuimhne mhaireannach air an Dotair Bhàn an Uibhist airson gach innleachd a chuir e an cleachdadh ann a bhith tràghadh Loch Scolpaig an Uibhist aChinn a Tuath. Bha an t-innleachd sin acur dragha air airson ùine fhada.

Chuir e na croitearan a dhobair gun dàil, agus ri tìde bha Loch Scolpaig air a thràghadh gu tioram, tràsgaidh. Bha seann dùn no daingneach am meadhon an locha. Bha an làrach so air a fàgail mar a bhà i, agus thog iad dùn beag oirre agus chuireadh Crois a fhuaradh an seann chladh Chille-Pheadair air mullach an Dùin, agus is e so eadar-theangachadh air an sgrìobhadh a chaidh a ghràbhaladh air aChrois: “Thogadh an seann Chrois so a fhuaradh an seann chladh Chille Pheadair air achurra so le Alasdair MacLeòid an Dotair Bàn, Baile an Lóin, 1830-40.”

Ri linn an Dotair Bhàin bha mìltean de ghainmhich ghil air taobh an iar Uibhist a Tuath—gainmheach a bha air a luasgadh a null agus a nall leis gach gaoith a shéideadh agus anns nach robh feum sam bith do dhuine no do ainmhidh. Chuir an Dotair còir roimhe gun tionndaidheadh e aghainmheach sin, gu bhithna talamh feuraich airson ainmhidhean abhaile.

Far an robh gainmheach fhuasgailte chuir e muran a tha an còmhnaidh afàs anns aghainmhich. Cha bfhada gus an do sgaoil freumhan amhurain air feadh na gainmhich agus an ùine nach robh idir fada bha machair réidh ann le muran is feur is neòinean. An uair a thainig am muran gu ìre bhiodh na croitearanga ghearradh le corrain agusga churnan saibhlean. A bharrachd air sin bhiodh iad adeanamh iomadh acuinn-tighe de an mhuran mar a bha bratan-ùrlair, ròpan, stòil, cathraichean agus bràidean-each.

Tha an Fhaodhail Mhór a tha eadar Càirinnis an Uibhist a Tuath agus Gramasdal am Beinn-Bhaodhla cóig mìle air fad. Faodaidh neach coiseachd a null oirre ri muir-tràigh ach tha an t-slighe sin glé chunnartach eadhon do na h-eòlaich a chionn gu bheil lochain dhomhain air a fàgail leis amhuir an uair a tha i tràghadh agus tha sùghanaich far nach saoil neach. Ma théid an coisiche air àruinn aon diubh sin tha e air a shlugadh as an t-sealladh agus chan fhaicear a dhubh no a dhath gu bràth tuille. Is ioma sgiorradh muladach de an t-seòrsa sin a thachair an uair a bhiodh daoine dol thairis air an fhaodhail.

Thug an Dotair Bàn mun airidh gum biodh cùirn air an togail acomharrachadh a mach na slighe shàbhailte a null air an fhaodhail. Tha na cùirn sin ri am faicinn fhathast ged a tha cuid aca gu mór air tuiteam. An uair a bha an Dotair Bànna bhàillidh anns an Eilean Sgitheanach rinn e réidhlean grinn còmhnard air mullach aMheall am Port-righeadh, airson gum biodh ena fhaiche-cluiche aig



[24]

muinntir abhaile, agus fhuair e flùraichean agus craobhan beaga, a chuireadh ceithir thimcheall air an àite sin.

Thog e Tùr am meadhon aMheall agus be a bheachd gum biodh seana rudan a bhuineadh don eilean air an gleidheadh gu cùramach anns an Tùr sin. Tha an Tùr an sin fhathast ach cha deachaidh crìoch a chur air riamh.

Bhana bheachd cuideachd amaran-failcidh a dheanamh shìos air cladach Phort-righeadh ach cha deachaidh leis anns achùis sin.

Is ann ri linn an Dotair Bhàin a chaidh Loch Chaluim Chille an Cille Mhoire an Trondairnis a thràghadh gu muir. Rinn am Morair MacDhomhnuill fhéin ionnsaigh air an loch sin a thràghadh, an 1715 agus 1760 ach cha deachaidh leis gu maith anns na h-oidhirpean sin. Ghabh an Dotair Bàn an obair os laimh agus chaidh Loch Chaluim Chille a thràghadh gu tioram anns abhliadhna 1824. Chaidh saothair shia bliadhna a chur anns an obair sin a chosg £10 ,000.

Chaochail am Morair MacDhòmhnuill anns abhliadhna 1835, agus an uair sin chaidh an Dotair Bàn air ais gu a sheann dachaidh am Baile Lòin an Uibhist agus bha ena lighiche an sinna sheann sgìre.

Timcheall air abhliadhna 1844, rinn an Coirneilear Gordon ena bhaillidh air a oighreachdan am Beinn-Bhaoghla, Uibhist aChinn a Deas agus Barraidh, agus an uair a chaochail an Coirneilear thainig an Dotair Bàn air ais do Phort-righeadh gu bhithna lighiche air son an Eilein Sgitheanaich gu léir. Chuala am Morair MacDhomhnuill a leithid de chliù iongantach air an Dotair Bhàn agus gun do thairg e dha bhithna lighiche an Sléite agus anns an t-Srath, agus an Cnoideart air tìr-mór. Ghabh an Dotair ris an tairgse sin.

Is ann air an 12mh de an Ghiblein 1854 a thug e acheud sgrìob gu Cnòideart mar lighiche. Chaidh fios cabhagach a chur air airson a dhol a dhamharc air bean cìobair a bha tinn an gleann iomallach an Cnòideart. Cha robh rathad mór no frith-rathad atreòrachadh a dhionnsaigh an tighe sin ach dìreach ceum cam duatharach troimh an mhòintich. Thàinig an oidhche air mun dfhuair e tilleadh agus chaill e a shlighe agus thuit e le creig agus chaidh a leòn gu bàs. Fhuaradh a chorp an ceann latha agus chaidh a ghiùlan gu cladh Chille Mhoire an Uibhist aChinn a Tuath.

Be an Dotair Bàn Gàidheal cho urramach agus a sheas am bròig leathraich anns an naodhamh linn deug—duine a bha gach adeilbh ghnìomharan agus innleachdan a bhiodh a chum maith a cho-chreutair. Agus gach innleachd a dhealbh e air an drinn mi iomradh chuir e an cleachdadh agus thug e iad uile gu buil air acheann thall. Bha ceud-fadhan iongantach air am buileachadh air agus cha do chaomhain e a chorp no a inntinn ann a bhithgan cur gu feum nan eileanach. Ged a tha nis suas ri ceud bliadhna o na chrìochnaich e a thurus tha e fathast alabhairt agus bu chòir do na h-eileanaich agus na h-Uibhistich gu h-àraidh am mìle beannachd a thoirt air an latha a thàinig enam measg an toiseach.

[Tha móran sgeulachdan mun Dotair Bhàn air bilean an t-sluaigh fhathast—ann an Uibhist agus anns an Eilean Sgitheanach agus air Tìr Mòr. Bhitheamaid fada an comain dhaoine aig am bheil an leithidean sin nan cuireadh iad thugainn iad—NA FIR- DEASACHAIDH] .

titleAn Dotair Bàn
internal date1953.0
display date1953
publication date1953
level
reference template

Iain N. Macleòid in Gairm 3 %p

parent textGairm 3
<< please select a word
<< please select a page