[25]

An Clachan as Aithne Dhomh

Le MAIRI MHURCHAIDH.

[ A h-uile bliadhna tha Comunn Leódhais agus na Hearadh a’ tairgsinn duais do gach clas ann an Ard Sgoil Steòrnabhaighduais do’n bhalach no do’n chaileig a sgrìobhas an òraid as fheàrr air cuspair sònraichte. Am bliadhna, b’e ’n cuspair aig Clas IVAn Clachan as aithne dhomhagus bhuinnigeadh a’ cheud duais leis an iomradh ghrin sgiobalta so air baile Bhragair air taobh siar Eilean Leódhris. ’Sann bho Chinneadh sgionneil a a thainig Màirina Moireasdanaichis tha sinn a’ guidhe dhith gu lean i oirre mar a thòisich i. ]

THA Bràgair, am baile againn fhéin, air an Taobh Siar, mu shia mhìle deug á Steòrnabhagh. ’S e ainm Lochlannach a th’ air Bràgair, mar air a’ mhór-chuid de bhailtean mun cuairt agus ’s e “breidh geir” na facail o’n tàinig an t-ainm. Tha iad a’ ciallachadhinnis farsuingach dh’fhaodadh cuideachd gur e ambràighan dùn a th’ air loch ’s a’ bhaile. Dh’fhaodadh air an làimh eile gur e Bràgair gu léir a bha an t-ainm a’ ciallachadh, oir ’s e innis fharsuing eadar Siabost (am baile an cois na mara) agus Arnoil (an creagan clachadh) a bh’ann da rìreamh. Chan eil cinnteas againn an cuid seach cuid, ach ’s iongantach mur e aon de na dhà sin a thug an t-ainm air bho thoiseach.

Innis ann no as, chan eil baile Bhràgair ainmeil air son a bhrèaghad, is cha robh riamh. Gun teagamh thastigh an taobh ud,” mar a theirte ris achladach, cho àluinn ri àite chunnaic sibh riamh ach a muigh aig na tigheangu dearbha chan eil e fad air dheireadh air Arnoil fhéin leis na thann de chlachan agus chan eil craobhan no sìtheanan bòidheach ro phailt ann nas motha. ’S e their muinntir Bhràgair mar a thubhairt am bàrd mu Eilean na h-Oige:

Air a luimead gur a lurach
Leamsa a h-uile fòd dheth.”

Tha na daoine cho sonas a tha cho fada agus chan eil a bheag ann a thréigeadh an t-àite air son baile eile fon ghréin.

Tha sin air a dhearbhadh leis na tha de thighean ùra geala air an togail anns an bhliadhna so. Chan eil e furasd a chreidsinn ach chaidh faisg air fichead tigh a thogail anns an ùine sin, agus a nis chan eil a mach air deich tighean dubha anns a bheil daoine. Anns achuid as motha dhiubh, chan eil ach cailleach no bodach bochd aig nach eil comas air tigh ùr a thogail, agus aig nach eil duine air son a chumail ged a thogadh iad e.

Tha goireasan abhaile mhóir gu léir againn air an tuath a nis gun aon de na -ghoireasan aige. Tha cagair céin againn os cuimhne leam agus o chionn sia mìosan air ais a nis nach dfhuair sinn am bùrn agus solus an dealain cuideachd? Tha na cailleachan air an dòigh leis na tha so, agus tha facail an òrain a leanas fìorgar taobh:–

Chan fhaicear anTilleydol thuige le lasan,
No uisge an g a tharruingna thràth;
Put thusa do chorrags than oidhchena ,
Nom peile cur thairis le Loch Mór a Starr.”

Chan eil fius na dealbhan fhéin nach bisan tigh sgoile aig ceann a h-uile ceithir deug, achs en òigridh a tha toilichtair son so.


[26]

An dealbh a rinn Màiri air abhaile.


[27]

S eobair an t-Sàtaina thaig na cailleachan orra agus is iomadh fàrdaichs a bheil rud nach robh anns an altachadh an oidhche bhitheas iad ann, ach is iomadh thasdan a théidsan truinnsear an déidh sin. Tha carbadan Lipton is an Co-operative aig na dorsan gach seachdain agus tha na bùithean afaotainn nan gnothaichean a null a Steòrnabhagh le càraichean. n corr a dhiarradh sibh? Saoilidh mise nach eil a dhìth orra nis ach inneal a thogas am buntàtas a bhuaineas amhòine gun aca ach ri suidhega choimhead.

Tha mu chóig cheud gu leth duine am Bràgair, agus sin le trì fichead croitsan taobh thall agus còrr is fhicheads aCheann a Tuath, a thuilleadh air an tigh sgoile agus dhà no trì nach eil ceangailte ri croit idir.

Chan eil ach beagan am Bràgair gun bheairt, aguss ann orra tha amhórshluagh atighinn beò. An uair a dhfhàgas na caileagans na gillean an sgoil bheir iad bliadhna no dhà aig an tigh orra, mus téid iad air falbh an ceann an cosnaidh. An sin togaidh iad orra, oir chan e beatha fhallain a thann a bhith ro fhada air an obair ud. Bithidh achlann-nighean a bha maths asgoil mur do lean iad rithe, gu tric adol a steach air son eiridnich; gu dearbha tha e fìor nach eil bliadhna adol seachad gun caileag á Bràgair a machn a bean-eiridinn. Ged tha cuid de na balaich atoirt a mach ceàird, ’s ann aseòladh a tha móran dhiubh, agus chan ann tric a chithear aig baile iad.

Tha croitean Bhràgair, mar a chì sibhsan dealbh, air cùlaibh nan tighean a steach gu ruig an cladach. An diugh, tha croit an suds an so bàn, ach chan eil iad sin pailt. Tha amhór-chuid air an àiteachadh mar a bha iad riamh. ’S minig a chuala mi aig mathair gum bàbhaist do na daoine cóig no sia a chumail. Chan ann idir mar sin a tha an diugh. Cha mhór nach eil a h-uile dàrnach tighe a nis gun bhoin. Bfheudar dhuinn fhéin dealachadh riBlàraga measg achòrr, oir bha cosgais innte nach bfhiach i. Cha robh duine againn a choimheadadh ri feur air a son, agus is iomadh tigh a thuilleadh a bhasan aon staid. Theirinn-sa nach eil corr air ceithir ficheads an àite nis. Tha na “tractors” acur as do na h-eich is chan eil ach fichead air fhàgail. Tha “tractor” aig Murchadh Ailein agus aig Uisdean Fhionnlaigh agus ni iad an obair an tiotadh. Chan eil fois aig an thruaghan ud, ach geallaidh mise gu bheil an pòcaidean an!

Air àireamh an t-sluaigh, tha fhichead pàisde fo aois na sgoile eadar Bhràgair, aguss anns acheann a tuath a tha achuid as motha dhiubh. An uair a dhfhosgladh sgoil Bhràgair, an 1883, bha cheuds a h-aon adol innte. An diugh tha trì ficheads a deich. Saoilidh mise gu bheil trì aobharan air son an suidheachadh bochd a tha so. An toiseach, bha teaghlaichean mórasan fhasan an uair ud. Cha mhór an diugh gu bheil a mach air ceithir duine cloinne an aon diubh.

Seall oirnn fhéin mar eisimpleir. Bha deichnear an tigh mo shì-sheanar. Chan eil ach ceithir againn ann. Tha sin afàgail na sgoile car falamh seach mar a bha i. An dara aobhartha de fhleasgaich agus chloinn-nighean gun phòsadh am Bràgair a chumadh bainnsean ruinn gach san t-seachdain air son mhìos. Anns achreagan bhòidh-


[28] each againn fhéins gun ann ach dusan tigh gu léir, tha dusan fleasgach a bu chòrr a bhith mach le -eigin o chionn fhada. Bithidh sinne atarruing asda gun sgur, ach tha iad cho sona leis na peathraicheans na màthraichean gasda a thacas nach eil iarrtas aca air céile a bhithnan cois. Ach, atilleadh air ais don sgoil, tha aobhar eile air son cho bàns a tha i. Tha achlann os cionn bhliadhna dheug adol a Shiabost no a Steòrnabhagh don sgoil, agus chan eil ach triùir ateagasgsan sgoil againn an diugh. Tha carbadan agiùlan nan sgoilearan air ais is air adhart gach . Tha còrr is fichead aleantain an fhoghluim mar so. Tha sin afàgail gu bheil còrr math is ceithir cheudcoig cheud an uair a tha iad gu léir aig baile de dhaoine móra am Bràgair. Den àireamh sin tha deich air fhichead trì-ficheads a cóig no barrachd. Chan eil duine beòs abhaile os cionn ceithir-ficheads a deich on bhàsaich Calum Dhoileig o chionn trì mìosan, is e ceithir ficheads a dhà-dheug. Tha cuimhne agam air an rud a thubhairt am bodach glic an uair a dhfhoghnaich duin’ -eigin am be a baosdas abhaile: “Is mi, gu dearbh,” arsesan, “ach is e sin urram nach do ghléidh duine sam bith fada.” Mar a thubhairt, bfhìor. Tha Calum a nis atàmh an cois na mara an Cill Sgàire, agus tha sinnega ionndrain.

Sin agaibh matà, sluagh Bhràgair mar as aithne dhomhsa e. A nis, mas e bhur toil, innsidh mi dhuibh mu na sloinnidhean a chunnt mi-fhéin is Fionnlagh gu dìcheallach Di-Sathuirne so chaidh.

S e baile mór tham Bràgair an taca ri bailtean eile a chunnaic mi, agus ghabh mi dearg uamhas an uair a chunnt mi na sloinnidhean. Chan eil ach trì deugs an àite gu léir! A réir mo chunntais tha ClannIll-Eathain air toiseach le ochd deug, Clann aGhobhainn, ’s ClannIc Leòid a rithisdle sia-deug an duine aca. Tha iad sin air a bhith am Bràgair o chionn linntean. Dhamais mi air eòlas fhaotainn air eachdraidh na sloinnidhean nach eil cho pailt. Tha teaghlach de Chlann an t-Saoirnar measg aguss e Barraich a bha annta mun tainig iad an so o chionn fhichead bliadhna. ’S minig a chuala mi an sgeulachd ag innse mar a bha muinntir Bhràgair fo eagal gur e Pàpanach a bhann an Dòmhnull bochd. bha suds ann a dhfheòraich fear de na h-eildearan dheth: “An e Pàpanach a tha annad, a Dhòmhnuill?” Fhreagair esan air a shocair fhéin: “Rugadh Crìosd ann an stàbullach cha be each a bhann deth.” Cha do dhfhoighnich an còrr den Bharrach mu a chreideamh. Tha naoi Moireasdanaich ann, agus dhiubh sin tha Moireasdanaich Bhràgair, Moireasdanaich Tholstaidh agus Moireasdanaich Bheàrnaraidh, agus chan eil càirdeas aig cuid seach cuid ra chéile. Chuala sibh mu Iain Moireasdan, am bàrd ud a bha beò an so anns an t-seachdamh linn deug? ’S e shìol-san a tha an ceann thall abhaile— ’s iad-san muinntir Bhràgair. De Mhoireasdanaich Bheàrnaraidh bha bàrd eile, Dòmhnull M. Moireasdan, a chaochail an Amerigas an Dàmhar a chaidh is e ceithir ficheads a dhà-dheug. ’S esan a rinn na h-òrainEilean Beag Donn aChuainagusBalaich an Iasgaich.” Bliadhna mus do bhàsaich e, chuir e chugam leabhar leis na h-òrain. Is e sin a as priseile leam-sa a chunnaic mi riamh. Tha cuideachd Tholastaidh shìos a rithists achùil tha shìos.


[29]

Thàinig cuid de shluagh abhaile againn á Siabost, agus á Arnoil. Tha sin ra fhaicinn leis na tha de chàirdean acasan bhaile sin.

Chan eil sinne mar shluagh déidheil air ainmean annasach, agus chan eil ainm Galldanar measg, fhads as aithne dhomh. Cha mhór gu bheil tighsan àite gun Anna, Catriona, Ciorstag no Ceit am measg nam mnathan agus Dòmhnull, Calum, Aonghas no Iain air na firionnaich. Tha Màiri, Iseabail, Coinneach is Murchadh pailt gu leòir, achs e na ceithir a dhainmich mi air thoiseach as lìonmhoire.

Chan eil bàrd am Bràgair an diugh as fhiach an t-ainm ged nach eil ach cóig bliadhna on bha dithis ann. Chaochail iad goirid as déidh a chéile. Bha Calum Ruairidh nach maireannna bhàrd cho math ri bàrd eilena linn, aguss iomadh òran a chuir e ra chéile. Cha robh Aonghas Chaluim Dhoileig fad air dheireadh air ged nach gabhadh e riamh ri òrain fhéin. Chan eil luchd-eòlais (i.e. , luchd-buidseachd) ’nar measg a nis nas motha, dhfhaodadh gur ann nach eil duine acreidsinn annta an a chuir as daibh. ’S tric a chluinneas sinn aig Anna Dhòmhnuill mu na rudan sin, ’s an tigh chéilidh, ach chan eil creideas no spéis aig an òigridh an diugh do an leithid.

Ged a tha na cleachdaidhean a sìor dol as an fhasan, tha cleachdadh aig muinntir abhaile anns a bheil mi-fhéin co-dhiùbh acur làn chreideas— ’s e sin ann a bhith adol chun na àirigh. Chan eil àite ann coltach ris. Chan eil a mach air fichead adol a mach a nis, ach tha mise mach air acheud fheadhainn ma gheibh min cothrom. Seachdain an déidh don sgoil dùnadh tha sinn mach a so, ’s chan fhaic am baile ach na banachagan gach madainn leis abhainne air son fad mhìos. Bheir iad-san a mach am biadh thugainn gach oidhche. Chan iarrainn am bainne leis!

ThaBuidheann an Fhearainnair a thaghadh gach bliadhna anns gach ceann den bhaile mar as àbhaist. ’S iad-san tha riaghladh obair nan croitean, agus tha iad adùnadh nan geatachan mu an 15mh den Cheitein gu ruig meadhon an Dàmhair. Ach tha eagal orm gur e sgeulachd dhuilich a thagam mu na seann chleachdaidhean. Dhfhaodainn seanchas fada gu leòir a dheanamh orra leis na chuala mi, ach cha bhitheadh e fìorsan lathan diughagus ciod am feum a dheanadh e an uair sin? Than s a bheil sinne beò, le innealan cho ùr is cho iongantach, acur as do na seann chleachdaidhean a thogadh cridheachan ar sinnsrean o chionn fhada.

Fàgaidh sinne a nis matà an taobh sin den ghnothach agus gheibh sibh iomradh air na h-àitean a bhios coigrich asireadh an uair a thig iad an taobh. Chuir mi iadsan dealbh agus a nis innsidh mi dhuibh ciod iad. A stigh an Cill Sgàire tha Teampull Eòin a tha cho aosdri na bruthaichean. Chan eil ach aon bhalla an àirde dheth a nis, achs iomadh duine tha dol a shealltainn air. Than dùn mór a muigh air Loch an Dùine agus suas seachad than Luib far a bheil taibhsean an t-saoghail gu léir acruinneachadh. Shìos aig Tigh Mhurchaidh tha géillean na muice mara agus a stigh air achladach gheibh sibh Geodha na Muic far an tàinig i air tir o chionn deich bliadhna fichead. Tha e coltach gu robh Leverhulme fhéin air son nan géillean a chur aig geata aChaisteil, ach bha Murchadh ro fhadana cheann agus tha e am Bràgar fhathast. Tha amhuileann, shuas air an allt, a nis a


[30] tuiteam ach chan eil ach trì bliadhna on bha i ag obair agus chuala mi gur i an aon mu dheireadh am Breatainn de seòrsa. Stigh aig Cill Sgàire a rithist chì sibh Bruthach Thòbac far am biodh Murchadh acladhachs alorg innealan neònach a bhaca o chionn fhada. Tha iad a nis aig an “Society for Antiquities” an Dun Eideann.

Chan eil eaglais againn am Bràgair— ’s ann an Siabosts am Barbhas a tha na h-eaglaisean. Tha tigh coinneimh aig an Eaglais Shaor agus bithidh seirbhis an sin oidhche na Sàbaid. Sin agaibh gu léir na h-àitean ainmeil agus an co-dhùnadh bheir mi beachd dhuibh air cruth is dealbh an àite.

Mar a thubhairt mi cheana, chan e àite brèagha a thann idir. ’S e thubhairt mo phiuthar an uair a chunnaic i an dealbh dhethChan fhaic thu an a bhitheas Bràgar cho bòidheach ri sin.” (Feumaidh mi aideachadhdh’fhàg mi am polls na clachan as.) Co-dhiùbh, chì sibh gu bheil na tighean faisg agus ro fhaisg air a chéile shìos agus sgaipte o chéile shuas. ’S e Fìbhig a tha shuas gu fadasin agaibh na numbraichean aon, dhà, is trìs acheann a deas. Ach tha iad sin cho faisg air Siabosds gur ann an sin a tha an sgoil aca.

Sin agaibh sop as gach seidbeagan mu gach a thas abhaile. Nam bitheadh tìde aig duine, dhfhaodadh e leabhar a sgrìobhadh air. Ach than tìde a thagam-sa ro ghoirid air son sin. Dùnaidh mi na duilleagan so a nis matà, agus mi an dòchas gun chòrd bhur cuairt a Bhràgar ruibh cho maths a chòrd e rium-sa.

title“An Clachan as Aithne Dhomh”
writersMary Morrison
internal date1953.0
display date1953
publication date1953
level
reference template

Màiri Mhurchaidh in Gairm 3 %p

parent textGairm 3
<< please select a word
<< please select a page