[101]

Ball-Coise ann an Leodhus

ALASDAIR MACGILLEMHOIRE

’S e àireamh beag de dhaoine air Tir-mór a chuala riamh no gu dearbh a smaoinicheadh gu bheil a leithid a rud ri ball-coisega chluicheadh an eilean iomallach Leódhuis aig fìor taobh siar na h-Albann. Ach geallaidh mise dhaibh-san aig a bheil am beachd ceàrr sin, gu bheil sinn cho daingeann an Eilean an Fhraoich mun chluich nàiseanta sin is a tha fìor luchd-leanmhainn lasganta nan Rangers am baile mór Ghlaschu. Gu cinnteach tha an t-eadar-dhealachadh as motha eadar achluich Leódhusach is cluich na buidhne ro-ainmeil sin á Glaschu. Gidheadh, bu mhath a bfhiach do choigreach sam bith bho Thir-mór uair gu leth a chur seachad ri taobh pàirc ball-coise an Leódhus.

Ach tha e faicsinneach gur h-fheudar do mhóran de na h-òglaich a dhol an ceann an cosnaidh, agus do bhrìgh gu bheil uimhir dhiubh atoirt nam bailtean móra orra sagheamhradh, tha e eu-comasach don mhór-chuid de na bailtean is na sgìrean buidheann a thogail. Air an aobhar sin is ann eadar mìos aGhiblein is mìos meadhonach an fhoghair a thatar acluich ball-coise san eilean-sa, an uair a tha móran den luchd-obrach is sgoileirean acur an aghaidh a rithist air an dachaidhean.

San t-seuson a tha air a thighinn gu crìoch, chluicheadh airson móran chupanan. Bann airson co-fharpais na Lìg a chluicheadh an toiseach, is an so bha buidhnean as achuid mhór de cheàrnan an eileinbuidheann á sgìre mhór Nis, á Càrlabhagh, bhar a’ Bhac, bho ’n R.A.F. an Uig, is trì buidheannan á baile Steòrnabhaigh: an United, an Athletic is Ard-sgoil MhicNeacail. Bha aig gach aon dhiubh sin gach buidheann eile a chluicheadh uair, is bha sin aciallachadh gu robh ceithir iomairtean deug aig gach aon ri chluich sacho-fharpais so. Aig deireadh na cùise, be United Steòrnabhaigh a choisinn cupan luachmhor na Lìg so, agus dìreach air an cùl bha buidheann òg an Athletic.

Ach chan fheumar a bhith -chùramach no dìmeasach is gun balaich òga na sgoile ainmeachadh. Feumaidh abhuidheann so de dhòganaich, seachd is ochd bliadhna deug a dhaois, a dhol an cràicean fir a tha móran nas sine is nas gnàth-eòlaiche na iad fhéin. Ged nach do rinn iad cho math am bliadhna chan fhaodar dìochuimhneachadh gun choisinn iad ceithir bliadhna air ais an Lìgairson achiad uair an seachd-bliadhna-deugagus an 1957, bhliadhna an déidh dhaibh abhuaidh uaibhreach sin a thoirt, fhuaireadh an t-aon chupan a rithist. Ach cionnus nach fhaigheadh, is iad fo dheagh stiùireadh Mgr. Young, a tha ateagasg san Ard-sgoil.

Be Cupan Steòrnabhaigh an ath chupan a dhfhiachadh, agus sacho-fharpais so, a bharrachd air na buidheannan a dhainmicheadh, bha buidheann á sgìre mhór an Rubha, sgìre anns na bliadhnaichean a chaidh seachad a bha cho làidirs cho ealanta aig ball-coise is a gheibhteadh an Eilean Leódhuis. Ged nach eil iad cho fìor chomasachs a bhà iad anns na bliadhnaichean dìreach an déidh achogaidh mu dheireadh, gheibheadh iad buaidh fhathast air achuid mhóir de na buidheannan eile. Cha dràinig iad idir an ceum mu dheireadh den[102]


[103] cho-fharpais so— ’s e an Taobh Siar a bhuidhinn an cupan an déidh dhaibh gabhail air balaich aBhac 3-2ach anns an ath chupan a dhfhiachadh, an D’Oyle Carte, ràinig iad deireadh na co-dheuchainne, ach gu -fhortanach dhaibh-san cha robh soirbheachadh leotha, is ghabh an seann nàimhdean, am Bac, orra 5-3.

Balaich na Sgoile, an 1957

Mar a bàbhaist, be Cupan Eilean an Fhraoich a dhfhiachadh mu dheireadh. Tha mu chóig bliadhna ar fhichead bho thug Comunn Leódhuis is na Hearadh an cupan-sa seachad an toiseach do bhuidheannan na tuath an Leódhus. Bhon àm sin, ’s ann aig sgìrean aBhac is an Rubha bu thrice a bha e, ach am bliadhna bha sgeul eadar-dhealaichte againn. Be sgiobadh á sgìre sgapte nan Loch a fhuair e. An déidh dhaibh gabhail an toiseach air aBhac is an déidh sin air Nis, choinnich iad balaich an Taobh Siar aig crìoch na co-fharpais. Bha an iomairt so cho cudthromach a rèir barail muinntir nan Loch is gun tug iad dhachaidh (le am faradh a phàidheadh) triùir de na cluicheadairean a bhaca an aghaidh aBhac is Nis. Bha na cluicheadairean ud air a dhol air ais a rithist an ceann an cosnaidh a Ghlaschu. Ach gu dearbh cha bann gun spàirn is strì a fhuaireadh abhuaidh. ’S ann an déidh do na Siaraich gu -shealbhach, an cul-tadhail a chall is cairteal na h-uarach ri dhol, a chuir balaich nan Loch an bhàir a choisinn an cupan dhaibh airson achiad uairnan eachdraidh. Ged a be Di-Sathuirne Orduighean Steòrnabhaigh a bhann, geallaidh mise dhuibhse gu robh ùpraid is sùgradh ro-mhór ann an dearbh fheasgar a bha sin.

S ann air far-ainm, mar APhiseag, Am Bodach Ruadh, Billy Goat, Blake, Midas no An Luchag as fheàrr a dhaithnichear mar as trice an cluicheadair Leódhusach, ach gun na Piseagan, na Bodaich Ruadha is naGobhairsin, ’s dòchaid nach bfhiach ball-coise an Leódhus a dholga fhaicinn.

titleBall-coise an Leòdhus
writersAlexander Morrison
internal date1959.0
display date1959
publication date1959
level
reference template

Alasdair MacGilleMhoire in Gairm 30 %p

parent textGairm 30
<< please select a word
<< please select a page