[187]

Air an Spiris

AN duine a bhitheas ri sìor obair tha feum aige air beagan analach an dràsdas a rithist. Tha Ruaraidh agus Fionnlagh air a bhith adeasachadh Gairm bho chionn còrr agus seachd bliadhna a nis, agus cha bu bheag an rud dhaibh cothrom fhaighinn air iad-fhéin a shearradh airson mìosan an Earraich seo; bithidh iad air ais leis an ath àireamh le ùrachadh inntinn.

An uair a bhitheas an cat bhon taigh thig na luchainn a mach a chluich, thatar ag ràdh, agus cha luaitheas a fhuaradh na fir-deasachaidh air falbh na leigeadh an coileach bochd a mach gu sgiabadh a thoirt do a sgiathan. Chaneil e buileach cho bragail na cho spaideal agus a bàbhaist dha, ach is e coileach math nach bi atilgeadh nan itean troimhn Gheamhradh, agus aige tha fios a blàths an t-Samhraidh air a shon.

Le bhith agabhail os laimh an àireamh seo a dheasachadh dhfhoghlum mise aon rud co-dhiùbhchan ann gun saothair a tha an leabhran seo adol ri chéile gach ràith. Nan tuigteadh beagan dheth cha chreid mi gum bitheadh uibhir de luchd na Gàidhlige cho leisg air an làmh a churnam pòcaid gus an leth-chrun a chur sìos air a shon gach uair a thig e a mach.

Cha robh na h-uiread a riamh air a dhèanamh airson ar cànain agus a thatar adèanamh an diugh; tha dòchas mór an sin ach tha rabhadh ann cuideachd. Gu tric mar as ìsle agus as cunnartaiche staid, is ann as motha na h-oidhirpean air leasachadh a dhèanamh air; ma théid leis an leigheas is math, ach mur téid fàgar e gu sìoladh as, gun dad tuilleadh air a shon. Tha na sgoiltean agabhail móran a bharrachd suim anns aGhàidhlig na riamh roimhe; tha leabhraichean freagarrachgan deasachadh, agus ullachadhga dhèanamh gu bhith ateagasg an tuilleadh den Ghàidhlig fhéin agus gu bhithga cleachdadh ann an teagasg chuspairean-sgoile eile. Cha tig as an seo ach math do chloinn na Gàidhealtachd ma ghabhar ris anns an dòigh cheirt. Bu mhath gun tuigeadh pàrantan seo, gun gabhadh iad ùidh ann, agus gun toireadh iad gach misneachd seachad, ann an làn chinnt gu bheil gach duine a tha air cùl an dùsgaidh seo làn dhearbhte gun tig piseach air achloinn agus air am foghlum ri linn.

Tha an cothrom gu bhith againn, agus móran dìchillna chois. Cuimhnicheamaid ar dualchas; tuigeamaid feuman an latha agus nach ann le aran a mhàin a bheathaichear an duine; dèanamaid, agus chan eagal duinn.

ALASDAIR IAIN MACASGAILL.

titleAir an Spiris
internal date1960.0
display date1960
publication date1960
level
reference template

Gairm 31 %p

parent textGairm 31
<< please select a word
<< please select a page