Dòmhnall Mhogastad agus Seasaidh Bhaile Raghnaill
COINNEACH MAC A’ PHEARSAIN (Cille Mhoire)
BHO linntean ciana bha Iochdair Thròndairnis iomraideach ann an eachdraidh na h-Albann. Is gann gu bheil òb no rudha, cnoc no gleann de ’n cheàrn seo de ’n Eilean Sgìtheanach aig nach ’eil a sgeul fhéin ri innseadh. Tha aon sgeul àraidh ann a tha mi ’n dùil a bhios air aithris an Cille Mhoire cho fad ’s a bhios a’ Ghàidhlig mar a tha i fhathast ri cluinntinn mu ’n chagailt. ’S e sin an sgeulachd mu Dhòmhnull Mhogastad agus Seasaidh Bhaile Raghnaill.
Bha Dòmhnull Mhogastad ’na òganach cho sgairteil is cho eireachdail ’s a bha ’san Eilean Sgìtheanach, agus Seasaidh Bhaile Raghnaill ’na maighdean cho bòidheach dreachmhor ’s a gheibhte ’s na h-Eileanan an Iar gu léir, is bha meas mór orra le chéile. Bha Dòmhnull de theaghlach uasal mar a bha Seasaidh i fhéin, ach ged a bha baile fearainn aig Uisdean Mhogastad, athair Dhòmhnuill, bha teaghlach mór ann is cha robh sùil aig Dòmhnull ri roinn a b’ fhiach a thighinn air fhéin.
’S e duine cothromach a bh’ ann am Fear Bhaile Raghnaill is cha robh e a’ faicinn Dhòmhnuill math gu leòir do ’n nighinn aige-san. Gu dé ach gu ’n tàinig bàillidh Gallda, do ’m b’ ainm Cooper gu ruige Uidhist is thuit esan an trom ghaol air Seasaidh. Bha gu leòir de chuid an t-saoghail aige-san agus chòrd an gnothach gu ro-mhath ri Fear Baile Raghnaill. Cho-éignich e Seasaidh gu gealladh pòsaidh a thoirt do Chooper is rinneadh cuirm mhór air sgàth a’ chùmhnaint a sheulachadh. Cha robh dìth air ceòl is fleadhachas.
A suas ri meadhoin oidhche ghearain Seasaidh nach robh i a’ faireachadh gu math is thog i oirre suas an staidhir gu a seòmar fhéin. Las i coinneal is chuir i anns an uinneig i agus cha b’ fhada gus an do nochd Dòmhnull e fhéin, is gun fhios gun fhàth, gun fhaireachadh rinn e fhéin is Seasaidh air a’ chladach. Bha ’gam feitheamh an sin bàta le ceatharnaich a Tròndairnis. Thog iad orra ’nan deann a’ dèanamh air an Eilean Sgìtheanach, ach, mar a bha am mi-fhortan an dàn, bha gaoth an eara-dheas ’nan aghaidh is i a’ sìor shéideadh na bu chruaidhe. Bha an oidhche dubh, dorcha, is cha robh solus no combaist aca. Cha robh ann daibh ach leigeil leatha ruith leis a’ ghaoith.
Ann an camhanaich an latha fhuair iad iad fhéin mu choinneamh cladach Roghadail anns na Hearadh, an dearbh àite a bu mhath leotha leotha a sheachnadh, oir nach b’ ann an sin a bha a chòmhnuidh aig bràthair-màthar Seasaidh, ach bha an soirbheas cho garbh is mach robh an còrr air ach am bàta a leigeil gu tìr. Có a’ cheud fhear a chunnaic iad air an lamraig rompa ach Fear Roghadail?
Chaidh Seasaidh bhochd a thoirt gu taigh bràthair a màthr agus fhuair Dòmhnull a chàineadh gu bhrògan agus mhaoidheadh air gun a dhubh no a dhath fhaicinn an taobh ud tuilleadh. Ach mu ’n do dhealaich Dòmhnull ri Seasaidh chuir e cagar ’na cluais gu ’m bitheadh
“Sin thubhairt Maighstir Dòmhnull,
‘A Sheònaid na bi ’gam chaoidh,
Mu ’n tig an ath Di-Dòmhnuich
Bithidh sinn pòsda ge b’ oil le ’n cridh’;
Fàilte dhuit, deagh shlàinte leat’ .”
Chuireadh Seasaidh fo chìs. Bha bean an taighe a’ cadal anns an aon sheòmar rithe is bha fear faire air a chois fad na h-oidhche.
Ach gu dé mu Dhòmhnull? Bha e cho math ri fhacal. Thill e do ’n Eilean Sgìtheanach is fhuair e soitheach eile an Uige le sgioba sgoinneil a bha gu math deònach cuideachadh leis. Stiùir iad gu tuath a’cumail gu math a mach ’s a’ chuan gus an tàinig beul na h-oidhche. An sin dh’ atharraich iad an cùrsa agus gu bog, balbh aig a’ mheadhon-oidhche, theann na laoich ri ’n gnothach. Mu ’n do mhothaich am fear-faire gu dé bha tachairt chaidh stail a chur mu bheul, is dh’ fhiosraich e ceangal nan trì caol gu teann is gu daingeann.
Thachair gu ’n robh caileag shearbhanta a mhuinntir Thròndairnis an taigh Fhir Roghadail agus cha robh ise gun làn eòlas a bhith aice air mar a bha cùisean eadar Dòmhnull is Seasaidh. Bha co-fhaireachdainn aice riutha agus b’ ann le rùn a cridhe a dh’ aontaich i cuideachadh le Dòmhnull. Mu ’n deach i a laighe dh’ fhàg i té de na h-uinneagan gun a glasadh. B’ ann oirre sin a fhuair Dòmhnull a staigh.
Cha b’ fhada gus an d’ ràinig e an seòmar ’san robh Seasaidh; thug e rabhadh air an dorus gu ’n robh e air tighinn ach gu dé a thachair ach gu ’n do mhothaich bean an taighe dhi a’ gluasad is i ag éirigh. Ghabh i amharus gu ’n robh an t-eun a shaoil i bhith ’san nead a’ dol a sgaoileadh a sgiathan, is dh’ eubh i na creachan. Dhùisg so a h-uile mac màthar a bha fo chromadh an taighe. Cha robh mionaid ri chall. Chuir Dòmhnull a cheann am mach air an uinneig is ghlaodh e ris na gillean a dh’ fhàg e am muigh gu ’n robh e ’na phrìosanach. “Ma tha,” arsa Dòmhnull Ruaraidh a Cille Mhoire, “cha bhi thusa fada mar sin,” is e a’ cur a ghuala ris an dorus is a’ dèanamh bùird dheth. ’S ann an siud a bha an ùpraid, a’ dìreadh ’s a’ teàrnadh na staidhre, briseadh ghlasan, fosgladh dhorsan, gus mu dheireadh, neo-ar-thaing do Fhear Roghadail no aon a bha leis, an deach Seasaidh a toirt air falbh, is mu ’n d’ fhuair an fheadhainn a bha air ùr dhùsgadh as an cadal an toinisg air ais, bha na gillean is na bha iad an tòir air gu sàbhailte air bòrd na soithich, “Ealasaid.” Cha robh iad fada ’ga cur fo aodach, i thug iad air ball farsuingeachd cuain dhi.
Faodar a thuigsinn gu dé am beachd a ghabh Fear Roghadail de ’n iomairt seo agus cho luath is a ghabhadh dèanamh, chuir e fios cabhagach gu Baile Raghnaill a’ sparradh air a theachdaire gun e a dhèanamh moille sam bith air a thurus. Ràinig an teachdaire a cheann-uidhe an ath latha agus bha maoidheadh is mionnan an sin ’nuair a chuir e an céill fàth a thuruis. An làrach nam bonn fhuair Cooper aiseag gu Dun-bheagain far an d’ fhuair e long agus sgioba a dh’ fhalbhadh leis an tòir air bàta Thròndairnis. Ach bha iùbhrach Dhòmhnuill am fianuis Rudha Réidh an Geàrrloch, mu ’n d’ ràinig iad Rudha Hunais. Cha robh aca ach saothair an dìomhain is b’ fheudar tilleadh mar a dh’ fhalbh iad.
Ràinig an “Ealasaid” Ullapul gu sàbhailte. Chaidh a’ chàraid òg air tìr an sin. Chuir iad an aghaidh ri Glaschu agus le snaim a’ phòsaidh thug iad bòidean dìleas do chàch a chéile. Chionn ’s nach robh tilleadh dhachaidh ann dhaibh thog iad orra gu Austràilia, far an robh tomhas math de shoirbheachadh aca.
Ged bha Dòmhnull is Seasaidh an nis far nach cuireadh bàillidh no neach eile cùram orra cha b’ ann mar sin a bha a’ chùis do na gillean a chaidh còmhla riutha air an “Ealasaid.” Cho luath is a fhuair iad dhachaidh, chaidh an lagh a chur orra. Thugadh iad gu cùirt an Inbhirnis, ach fhuair iad dheth. Air a’ bhinn seo a bhith air a toirt am mach, rinn òigridh a’ bhaile othail mhór riutha is bha a leithid de fheala-dhà is de mhagaireachd aca air Cooper is gu ’m b’ fheudar do ’n duine bhochd teicheadh am mach air dorus-cùil na cùirte, agus thug e a’ Mhanachainn air.
Mu thimchioll ochd bliadhna air ais thàinig dithis ghillean òga, coigrich, do Iochdar Thròndairnis. Co bha seo ach na h-oghaichean aig Dòmhnull Mhogastad is Seasaidh Bhaile Raghnaill, a thàinig a Austràilia a dh’ fhaicinn na dùthcha as an d’ fhalbh a’ chàraid air am bi cuimhne fhad ’s a bhios bainne aig boin bhric agus muir a’ bualadh ri lic ann an Tròndairnis mhóir nam bonnach far an d’ fhàg am bochd a bheannachd.
title | Dòmhnall Mhogastad agus Seasaidh Bhaile Raghnaill |
internal date | 1960.0 |
display date | 1960 |
publication date | 1960 |
level | |
reference template | Coinneach Mac a’ Phearsain in Gairm 31 %p |
parent text | Gairm 31 |