Sean Eolas-Luibh
(II) AN T-AITIONN
LE ALASDAIR IMAC’LLE MHAOIL
GHEIBHEAR an t-aitionn fo iomadh ainm mar, Staoin, Iubhar-beinne, agus Iubhar-àigh. O shean bha e ’na ghnàths-glanaidh aig na Gàidheil teine aitinn fhadadh air Latha na Bliadhna Uire ’s an taigh-chòmhnuidh agus anns a’ bhàthaich. Dh’ fheumtadh an connadh seo a spìonadh le a bhun, na meanglanan a roinn ’nan ceithir pasgan eadar na cóig meòir, agus an duan a ghabhail:—
“Buainidh mis’ an t-iubhar-àigh
Roimh chóig aisnean croma Chriosd,
An ainm an Athar, a Mhic ’s an Spioraid Naoimh,
Air bhàthadh, air ghàbhadh ’s air ghrìobhadh.”
Aig aon am bhatar a’ trusadh nan caorunn-staoin air monaidhean na Gàidhealtachd, agus ’gan cur do ’n Olaind, far an robh iad gu bhith leasachadh na braiche o ’n robh an deoch-làidir gin air a tarruing. Tha an t-ainm Tom-aitionn, baile beag faisg air Inbhirnis, mar theisteas air cho pailt ’s a bha am preas seo anns a’ cheàrnaidh.
Loisgeadh na Greugaich caoruinn-staoin aig adhlacadh, gus na deamhain fhuadach. Chuireadh samh an tomain-staoin na coin-sheilge air seacharan, agus bheireadh a’ mhaigheach a casan as a’ ghàbhadh.
Anns an Eadailt chuirteadh am preas-staoin ri taobh an doruis gus na buidsich a ghràineachadh; bha e mar fhiachaibh orra na duilleagan àireamh mus tigeadh iad a steach, nì a bha ach beag eucomasach.
title | Sean Eòlas-Luibh |
internal date | 1960.0 |
display date | 1960 |
publication date | 1960 |
level | |
reference template | Alasdair Mac’Ille Mhaoil in Gairm 31 %p |
parent text | Gairm 31 |