[189]

Fior Shonas

RUARAIDH MACGHILLEMHOIRE (Fide-gearraidh)

CHANeil neach againn nach cuala mu òrain Alasdair MhicNeacaill noBilli an Fhiosaichmar a chainte ris an Nis, ach chaneil sinn idir cho eòlach air litreachas a bhràthar, Iain, a bha acòmhnuidh is asearmonachadh fad iomadh bliadhna an Taigh Oir-na-Mointich air chùl Lìonail.

Tha cuimhne agam air de sgeulachdan Iain Fiosaich a chluinntinn aig mo mhàthair an uair a bha mi fhathast glé òg. Ged nach bann an a bha sin, cha do dhi-chuimhnich mi riamh abhuaidh a bha aicair minntinn, òg is gun robh mi. Cha robh fuachd is cruas na h-aoise fhathast air greim a ghabhail air mo chridhe; ’s ann a bha e air a lìonadh le meatachd is blàths a dhùisgeadh gu h-aithghearr co-fhaireachadh ri cuspair a bha an trioblaid no an àmhghar, co-dhiùbh am be an cuspair sin nàbuidh bun na h-ursnach, no neach a mach as an leabhar-eachdraidh a bha againn anns an sgoil, no eadhon a mach a uirsgeulan na Gréige no na Ròimhe. Chaneil mise ag ràdh gu bheil cuimhne agam air an sgeulachd dìreach mar a chuir ar caraid nach maireannna chéile i, ach bha i adol rud-eigin mar a leanas:—

Bha nighean bhòidheach, chuimir, air an robh Annag, afuireach ann am baile ann an Nis. Cha robh fleasgach eadar Aird-Dail agus ceann shìos na sgìre nach toireadh a làmh dheas air a faighinn da fhéin, ach cha robh sùil aice-se do dhuine ach do ghille anns abhaile aice fhéiniasgair air an robh Alasdair. Be balach ciùin, socair, ’na dhòigh a bha ann an Alasdair. Is dòcha gur e sin a tharruing gaol Annaig thuige an toiseach, oir cha robh ise cho sèimhna nàdur ris idir.

Mar is dual don mhuinntir a tha an urra ris achuan airson am bith-beò, bha Alasdair fo eagal aChruithfhir agus troimh thìde thàinig Annag fo bhuaidh an t-Soisgeil cuideachd agus cha robh cridhe an Nis cho aoibhneach ri a cridhe-se an uair a thòisich i fhéin is a leannan air ullachadh airson pòsaidh. Chaidh an réiteach a chumail agus bha gach deiseil air choinneimh na bainnse, an uair a thuit abhuillebuille nach robh annasach an Nis; cha do thill eathar Alasdair gu cladach, agus chaidh e fhéin is na gillean gasda bha còmhla ris a bhàthadh a mach a Cunndal.

Bha co-fhaireachdainn an t-sluaigh uile aig Annaig. “Brònag,” ars iadsan, “nach e tha duilich! Ach cha robh ann ach làmh aChruithfir! Bha e an dàn! Dhfheumadh e tachairt!”

Dhéisdeadh Annag ach cha fhreagradh. Boinneag cha tàinig bho a sùilean. Bha i mar gum biodh i fo gheasaibh. Chan itheadh is chan òladh i. Bheireadh i fad na h-oidhche acoiseachd air ais is air adhairt air an làr. Cha robh a sùilean adùnadh. Agus gheibheadh tighinn an latha ina seasamh air bàrr achladaich adian-choimhead air stuadhan aChuain Siair abualadh le nuallan air an tràigh. Ruitheadh i air am sìos gu beul na mara far an robh an sàl a taomadh is adòirtreadhna chop geal mu casan. Shìneadh i a làimh roimhpe mar gum biodh i air -eigin fhaicinn air an robh i airson gréim a ghabhail. Thogadh i an uair sin iad, is chrathadh i a dhùirn agus os cionn torrunn achuain dhéireadh a guth cianail, tiamhaidh, gort, acaoineadh is agearain.


[190]

Mhair seo car ùine. Thàinig Annag mu dheireadh co-dhiùbh rud-eigin thuice fhéin. Ach dhfhalbh an dreach as a gruaidhean, is thàinig breacadh am measg nan duallan donna. An uair a dhèanadh fear de na luchd-dreuchd tadhal a chum aoradh a chumail no comh-fhurtachd an t-Soisgeil a thoirt di chan éisdeadh i ris. Chaidh fuadach a chur air a creideamh. Bha an naimhdeas a thàinigna cridhe don chuan a thug bhuaipe fear a gràidh, aruighinn cho fada ris an Ti sin a chruthaich an cuan. Bha iad le chéile gun iochd, gun truas, gun tròcair.

Toiseach an Earraich dhfhàg i an taigh agus chaidh i mach gu cladach Dhìbeadail. Bha làraichean àirigh a h-athar ann an sin agus chuir i ra chéile na dhèanadh bothan a bheireadh fasgadh dhi bho na siantan. Thug i turus no dhà dhachaidh don bhaile agus thug i leatha mach na dhfhóghnadh dhi de bhiadh is de àirneis. Thionndaidh i an talamh timchioll abhothain is chuir i buntàta. Bha maorach gu leòr air na creagan, is iasg locha is aibhne is mara aice, agus rud a bfheàrr idirfhuair a h-inntinn mu dheireadh tomhas de shìth is de fhois. Cha robh stoirmean aChuain Siair gu daonnanna cluasan. Bha am muir sear mar bu trice sèimh, sàmhach agus ged nach toireadh i a chaoidh maitheanas don fhairge dhi-chuimhnicheadh i an dràsda is a rithist a -rùn dha.

Chaidh abhliadhna seachad is thàinig an geamhradh is an droch thìde a rithist. Uairean bheireadh i làithean gun dhol a mach air dorus abhothain a bha i air a dhèanamh cho seasgair is a burrainn di. Bha an teine mònach am meadhon an làir gun dhol as. Bha na trì caoraich a thug a h-athair dhi cho tric a staigh is a bha iad a muigh. Ach aon oidhche nach ann a thàinig stoirm, ar leatha nach cual i a leithid, eadhon air an taobh an iar fhéinaghaoth aséideadh gu garbh-chruaidh on ear-thuath, beucail is sluaisreadh achuain ag ulartaichna cluasan, an sneachda is an t-uisge am measg a chéile astealladh a steach eadar na sgrathan. Shaoil leatha air uair am measg an onfhaidh gun cuala i éigheach is sgriachail ach bha de eagal oirre is nach burrainn di carachadh. Thilg i i fhéin air a glùinean air beulaibh na leapa, ach bha a cridhe fhathast cho cruaidh, fuar, nach éireadh facal ùrnuigh as.

Thàinig amhaduinn. Dhéirich aghrian o chùl beanntan na mór-thìr. Cha robh air aghaoith ach osag. Bha na h-uilltnan leum chum achladaich, agus lean i sìos bruaich aoin diùbh gus an dràinig i bàrr na lighe. Sheall i sìos chun na tràighe agus air a leth-taobh anns an tiùrr chunnaic i eathar. Cha be cumadh sgoth Nisich a bha oirre idir. Chrom Annag sìos gun a sùil a thoirt dhith gus an do dhfhairich i am mol le a casan. Ghabh i null is thug i sùil thar beul mór an eathair. Stad cha mhór a cridhena com! Ceangailte air clàr, agus an clàr fhéin air a cheangal ris an tobhta, bha naoidhean balaich, a dhà shùil ghormga geur-choimhead. Chuir i a mach a làmhan agus dhfhosgail i am brata a bha suainte mun cuairt air. Thog i e, is chuir e ioghantas oirre cho blàth is a bha na làmhan beaga a chuartaich iad fhéin mu h-amhaich. Thug i sùil mun cuairt ach am faiceadh i neach eile beò no marbh air an tràigh ach duine cha robh am fradharc.

Dhìrich Annag suas agus a gàirdean paisgte mun leanabh. Bha a


[191] cridhe làn gàirdeachais. Cha bhiodh ina h-aonar tuilleadh! Air bàrr na lighe sheall i rithist sìos chun na mara. An e aithreachas a ghabh na tonnan móra shìos fòipe a thug dhi a nis cuspair don tugadh i a gràdh an àite achuspair a thug iad bhuaipe? Thàinig taiseachadh gu a cridhe agus gàire gu a bilean.

An Cuan Siarna chabhaig gu cladach.
(Dòmhnull B. MacCulloch.)

Cha dfhuair balach a riamh altrumas na bfheàrr, na bu ghaolaiche, no na bfhurachaile na Alasdair Beag. Cha robh sùil Annaig atighinn dheth agus nan tigeadh duine an rathad ruitheadh i leis steach don bhothan mun deidheadh a thoirt bhuaipe. Ghàireadh i ris is sheinneadh i dha. Agus bha Alasdair Beag cho bòidheach, laghach, solt, is nach be ioghnadh sam bith ged a bhiodh cridhe Annaig alìonadh le gràdh gach uair a shealladh i ris.

An uair a bha an leanabh mu thrì bliadhna dhaois, is e nis cho bonnail air a chasan, chan iarradh e ach a bhith ruith is ariagail timchioll an taighe. Cha robh de eagal air a mhàthair (oirsemhàthaira bhaige oirre, is eile bhiodh aige oirre ach sin?) ach gun deidheadh e ro dhàna air na creagan. Bha i air caora is uan a thoirt dha agus dhaithnicheadh e anns an treud iad. Leanadh an t-uan e agus uair no dhà rug a mhàthair air-san aleantuinn an uain sìos chun na tràghad far am biodh na caoraich acromadh a dhitheadh na feamad. Rinn i boineid snàtha dearg dha, is cha deidheadh e mach air dorus as aonais.

Aon latha, is e a muigh is ise a staigh, nach ann a chuala i e acòmhradh ri cuid-eigin. Leum i chun an doruis agus chunnaic i Alasdairna shuidhe an uchd fir agus an dithis ag amharc air deilbh a bha ann an leabhar a bha aig an duinena làimh. “ tha thu ag iarraidh? ,” ars ise ris an duine. “Chaneil mise,” ars an duine, “ag


[192] iarraidh càil. Tha mi air an t-slighe a Nis agus mi adol a reic nan leabhraichean seo ann.” Shìn e thuice am Bìobull a bhana làimh. “Cha ghabh,” thuirt Annag is i agabhail gréim air làimh abhalaich isga tharruing thuice fhéin. “Is fhada bho sguir mise a leughadh an leabhair sin, no chreidsinn anns an sin tha sibh ag ràdh as ùghdar dha.”

Thill i steach an taigh is Alasdairga leantuinn. ’Na làimh bha crois bheag a fhuair e on fhear-reice. Thàinig e steach oirre an toiseach achrois a thoirt bhuaithe agus a tilgeadh don teine ach bha eagal oirre gun goirticheadh sin an leanabh, agus dhfhàg i aige i.

Beagan ùine an déidh seo, mu thoiseach an t-Samhraidh, nach ann a dhfhàs Alasdair Beag tinn. Bha Annag gus a dhol dhith fhéin le iomagain. Thug i oidhche an déidh oidhche gun chadal ach mu dheireadh thòisich am balach beag adol am feabhas. ’S ann oirre a bha an t-aoibhneas an latha a dhiarr e oirre an t-uan beag a thoirt suas gu beulaibh na leapa agus am boineid dearg a thoirt dha ged nach robh e fhathast cho mathna beachd-se is gum faodadh e éirigh. Bha fhios aice cho fad is a thug an tinneas sìos am balach beag, is gum feumadh e mathachadh nach burrainn dhi-se thoirt dha. Dhfheumadh i fhàgail agus a dhol chun abhaile a dhiarraidh gach a chuidicheadh Alasdair air ais gu shlàinte a rithist.

Dhfhalbh i tràths amhaduinn ann an dùil gum biodh i air ais mun dùisgeadh am balach. Is ioghantach gun do shiubhail duine riamh an t-slighe eadar Dìbeadal is am baile cho luath is a shiubhail Annag i amhaduinn a bha siud. Fhuair i gach a bha i ag iarraidh is thill i gun anail a leigeadh. Cha robh coltas na maidne acòrdadh rithe. Bha an t-adhar dorch, bagarrach. Bha cudthrom mór air na niùil. nan dùisgeadh Alasdair is ise gun sgeul oirre? Ruith i, is leum i na féithean a bha roimhpe. Chaidh na casan aice a ghearradh leis na clachan is leis an fhraoch ach bu mhò oirre sin? Mus robh i letheach slighe bha an iarmailt os a cionn mar gum biodh e air a sgoltadh is air a sgàineadh leis an dealanaich, agus bha an tàirneanaich atoirt crith air amhòintich fo a casan. Dhfhosgail na niùil is thaom is dhòirt an t-uisge nuas. Ach chum Annag oirre is mu dheireadh thàinig i am fàire abhothain. Cha do lagaich a ceum gus an dràinig i an dorus. Thilg i steach roimhpe, ag éigheach ainm an leanaibh. Ach cha robh Alasdair ra fhaicinn. Bha an leabaidh falamh.

Thug i sùil air an stòl a bha aig beulaibh na leapa far an robh aodach Alasdair air a phasgadh. Cha robh an t-aodach ann, agus cha robh am boineid dearg fon chluasaig far na chuir Alasdair fhéin an raoir e. Ruith i a mach. “Alasdair! Alasdair!” dhéigh i. “Càite bheil thu, mo naoidhein ghràdhaich?” ’Se Mac Talla nan creag is nan cnoc a mhàin a fhreagair a glaodh, eadar fuaim nan tàirneanaich. Achna cluasan bha, cuideachd, geumnaich uamharr na mara aig bonn nan creag nach robh ceud slat air falbh bhuaipe. Lean i an t-allt chun achladaich mar a lean i e amhaduinn a fhuair i Alasdair. Air bàrr na lighe sheall i sìos a rithist. Bha amhuirna làn àirde abualadh is abriseadh bàn fòipe. Dhéigh i ainm abhalaich a rithist is a rithist, ach cha robh freagairt ach gàire fanoid na faorge. Mhothaich i do -éigin geal air sìneadh gorm a bha aig bonn na creige. ’Se uan Alasdair a bhann agus ra thaobh am boineid beag dearg nach deach am balach


[193] beag a riamh a mach as aonais. Fhads a bha iga choimhead thàinig tonn a bu dàine na càch is rug i air abhoineid is ann an trota bha e aseòladh air ais is air adhairt air uachdair na mara.

Thionndaidh Annag agus choisich i air ais gu dorus abhothain. Cha robh i mothachail air càil a bha timchioll oirreair an teine a bha alosgadh gun sguir os a cionn, air an tuil a bha dòirteadh as na speuran, air an tàirneanaich a bha bùrail is abeucailna cluasan. Cha biadsan na naimhdean aice-se idir. Cha robh aice-se ach an t-aon nàmhaidan t-uilebheist a bha aig bonn nan creag; achùis-uamhais a bha an dara uair air a fàgail falamh.

Chaidh i steach agus leig i i fhéin sìos air làr abhothain. Chaneil fhios cho fada is a thug i an sin, ’na sìneadh gun ghluasad. Ach mu dheireadh mhothaich i gun robh an iarmailt air sìtheachadh. Bha gach sàmhach ach fuaim an uillt air taobh a muigh an taighe. Sheall i chun na h-uinneige agus chunnaic i -eigin adeàlradh ra taobh ann an solus na gréine a bha a nis ag oidhirp air i fhéin a bhruthadh sìos far an robh na niùil atanachadh. Bha an seo cho geal ann an dorchadas an taighe is gum bfheudar dhi a làmh a chur ra sùilean. Dhéirich i is rug i airna làimh is chuir i ra bilean ecrois Alasdair. an goirteas a thug sin gu a cridhe! Ghlaodh ina h-àmhghair, dhfhàisg i a làmhan ra chéile is an uair a sheall i ris achrois a rithist bha an fhuil oirre far an robh i an déidh a làmh a ghearradh. Leig i i fhéin air a glùinean agus chrom i a ceann. Thòisich a bilean agluasad, gu mall stadach an toiseach, is i ag oidhirp air ùrnuigh a chur suas don Ti sin a chaidh a lot air achrois agus E neo-airidh air a phianadh. Ach ise! Nach ann air a lotadh a bha ise airidh? Shaoil leatha aon uair gun robh Alasdair, a leannan, ra taobhga brosnachadhsga cuideachadh. Thaom na deòir bho sùileandeòir a dhiùlt chun a seo a thighinn. Bhris a cridhe ach anns a bhriseadh sin shlànuicheadh e.

An ceann ùine chaidh i null chun na leapa is shuidh i. Dhfhairich i gluasad mu casan agus air dhi amharc sìos chunnaic i ceann bàn atighinn a machceann Alasdair. Cha dthubhairt i facal ach ghlac ina h-uchd e. Bha a cheann fhathast fliuch on am a ruith e dhachaidh o bhàrr na creige an uair a chaill e abhoineid agus a chrùb e steach fon leabaidh an uair a chuir an tàirneanaich eagal air. ’Se bha an déidh an cadal a dhèanamh staigh ann an siud! Tharruing Annag ra broilleach e, chrom i a ceann car tiota agus, an uair a thog i a rithist e, bha aghrian air dorchadas an latha a sgaoileadh. Rinn i gàire.

titleFìor Shonas
internal date1960.0
display date1960
publication date1960
level
reference template

Ruaraidh MacGhilleMhoire in Gairm 31 %p

parent textGairm 31
<< please select a word
<< please select a page