Solus Anns An Iar
DOMHNULL IAIN DOMHNULLACH (Inbhirnis)
GU tric bha Sgìre Loch Carrann air taobh a muigh de na cùisean móra a rinn suas eachdraidh na h-Albann, ach bha a h-uairean fhéin aice.
Air tùs, mun tàinig solus an t-soisgeil d’ a crìochan, bha neul tiugh an aineolais ’na laighe air a cuid bheanntan is shrathan. Tha àite faisg air an rathad iarruinn ris an can iad “An Teampull” gus an là ’n diugh. Cho faisg oirnn fhéin ris an t-seachdamh linn deug bha fir na Comraich air beulaibh na cléire ann an Inbhir-pheofharain airson a bhith ag ìobradh mairt ann an Achadh na Seilich.
Ach cha robh astar fada eadar Loch Carrann agus a’ Chomraich fhéin ’nuair a thàinig Maol Rubha agus a chuid mhanach a Eirinn leis an sgeul aoibhneach. Chithear Eilean nan Naomh ri taobh Eilein Chròlaig, agus Clach Ruaraidh Mhóir Mhic Chuigein aig geata a’ chladha. Is e clach mhór ruadh a tha innte, is toiseach croise air a ghearradh aiste. B’ e Ruaraidh ard-mhanach na Comraich agus bha e air astar do Thaigh Ollamh Mór Bhangoir an Eirinn le còrr is dusan mhanach òga ’nuair a chailleadh am bàta aca. B’ i a’ chlach seo cuimhneachan air-san. Carson a stad am fear-gràbhalaidh(sculptor)chan fhios cinnteach duinn. Theagamh gum faca e fhéin agus a chompanaich cabhlach Lochlannach a’ tighinn dlùth orra agus gun do theich iad do ’n mhonadh agus nach do thill iad tuilleadh. Math dh’ fhaoidte gu ’n do mharbhadh esan leotha agus gum beil a chnàmhan ’nan laighe ri taobh cnàmhan Mhaoil Ruibhe ann an cill na Comraich. Tha beul aithris ag innseadh gum bheil clachan de ’n aon seòrsa ’nan laighe gu pailt fo làr na h-eaglaise. Bha aon de na croisean a bha a’ cur air leth crìochan na Comraich mar bhaile-dìdein ’na seasamh gus a’ bhliadhna 1860, ’nuair a bhris clachair a Leódhas ’na bloighdibh i mar iodhal aoraidh a bu chòir a bhriseadh a bith. Ach ’se “A’ Chomraich” a chanas eadhon a h-uile neach fhathast ris an àite bhrèagha agus uaigneach seo.
Is iomadh turus a rinn Maol Rubha as A’ Chomraich mar theachdair a Mhaighstir. Agus is ann troimh Loch Carrann bu tric a ghabhabh e. Aig ceann an locha tha “An Clachan,” agus innsear fhathast gun robh seipeal beag aig an naomh an sin. Tha Loch Ma-Ruibhe air ainmeachadh air, agus is ann bhuaithe-san a thàinig, theirteadh, comas leighis na tobrach a tha anns an eilean ’na mheadhon. Ràinig e Baile Chéith an Siorrachd Bhainbh oir is e Céith Ma Ruibhe a b’ ainm dha anns na linntean a dh’ fhalbh.
Mhurtadh Maol Rubha leis na Lochlannaich ann an coille eadar Fearann na Tòiseachd agus Cromba anns an Aird Mheadhonaich. Tha faoin sgeul ag innseadh nach b’ urrainn do fhir an àite sin a chorp a thogail, cho trom agus a bha e, ach, ’nuair a ràinig a dheisciobuil fhéin as A’ Chomraich bha e dhaibh cho aotrom ri iteig, agus a mach gun tug iad leis gus A’ Chomraich. Ris na h-àitean far an do stad iad feadh na h-oidhche their muinntir na tìre “Suidhe Mhaoil Ruibhe.” Tha aon diùbh aig Conntainn agus fear eile ri taobh na h-Annaide ann an Toireardan.
An Sgùrr Dubh an Gleann Toireardan (Domhnull B. MacCulloch)
Bho am Mhaoil Ruibhe gus an tàinig an Eaglais Chléireach gu Loch Carrann chan ’eil eachdraidh sam bith as aithne dhomh-sa air staid spioradail na sgìre ach dìreach dà sgeul nach ’eil ro bhrèagha. Anns an t-siathamh linn deug, ’nuair a bha MacDhòmhnuill a Gleann Garaidh agus Clann MhicChoinnich a’ sabaid mu chaisteal an t-Stròim, bha MacDhòmhnuill air a shumanadh gu “Comhairle Uaigneach” an Dun-Eideann agus, a réir coltais, bha daoine ann an Loch Carrann a’ deilbh iodhalan air a shon. Tha an seanachas eile ag innseadh gun robh ministear Gheàrrloch, a bha ’na mhinistear ann an Loch Carrann cuideachd anns an t-seachdamh linn deug, a’ faighinn a là dubh bho ’n Phàrlamaid do bhrìgh agus gun do bhris e air Maighstir Sinclair anns a’ Chananaich, ministear nan reubalach!
Tha e coltach bho sin nach robh an t-Ath-leasachadh air Loch Carrann a ruighinn ri am iodhalan Ghlinne Garaidh. Bhuineadh ministear Gheàrrloch do Eaglais Easbuigeach na h-Albann, agus b’ e sin eaglais muinntir Loch Carrainn, ’nuair a ràinig Aonghas Sage, an Sàigeach Mór, ceud mhinistear na h-Eaglais Cléirich, an sgìre anns a’ bhliadhna 1725. Ach ma bha muinntir Loch Carrann ’nan Easbuigich, b’ ann an ainm a’ mhàin, oir cha robh ministear no Eaglais aca. Le Aonghas Sage thòisich as ùr eachdraidh spioradail na sgìre.
Thàinig Mgr. Sage do Loch Carrann anns a’ bhliadhna 1725 agus chaochail e anns a’ bhliadhna 1774, agus e ceithir fichead bliadhna ’s a h-ochd. Fad nan leth cheud bliadhna sin thug e iomadh ionnsaigh air an-diadhachd muinntir na sgìre; faodar cuid de na rinn e a leughadh
Bha sluagh Loch Carrainn air taobh nan Stiùbhartach agus cha robh iad ro thoilichte ministear Chuigseach a bhith ’nam measg. B’ fheudar dha Mgr. Sage eaglais agus taigh a thogail, agus cha b’ ann gun chunnart a rinn e sin. Chuir e seachad a’ cheud oidhche ann an sabhal. Aig meadhon oidhche chaidh teine a chur ris, ach, air ruith a mach do ’n mhinistear, bhreac e air a nàmhaid agus air a’ mhionaid bha ’n duine ’na laighe air an làr gun chothrom éirigh, oir b’ e duine cumhachdach a bh’ anns an Sàigeach. Bha eagal a bheatha air a’ Charrannach bhochd, agus cha b’ urrainn da a chluasan a chreidsinn ’nuair a leig am ministear fa sgaoil e, aig an aon am a’ cur f’ a chomhar biadh is deoch. Anns na bliadhnaichean a lean thionndaidh fear an teine gu bhith ’na dheagh Chrìosdaidh, agus b’ esan a’ cheud eildear a bha aig Mgr. Sage.
Bu neònach feadhainn de na dòighean a b’fheudar do Mhgr. Sage a chleachdadh ann a bhith a’ cur fa chomhair nan Carrannach teagasg na h-Eaglaise. Bu ro chruaidh dhaibh lagh na Sàbaid ionnsachadh. B’ e sin là na camanachd agus iomadh seòrsa de fheala-dha eile, agus is ann air beulaibh taigh a’ mhinisteir a bu trice a chluicheadh iad. Cha dèanadh facail feum. A mach far an robh iad ghabh am ministear le aran is càise is uisge-beatha. An déidh an drama bha iad deònach gu leòr an eaglais a thoirt orra.
Fhuair Mgr. Sage a phàigheadh fo Chailean Dearg, factar Shìthphoirt, ach cha robh càirdeas ’sam bith eadar am ministear agus Cailean, oir bhruidhinn an Sàigeach ro thric ri Cailean an rathad rabhaidh agus cha robh an gnothach a’ còrdadh idir ris. Aon là ’nuair a bha Mgr. Sage air turus, dh’ fhàg Cailean pàigheadh a’ mhinisteir ann am feoirling. Turus eile dh’ fhàg Cailean an sgìre gun dad fhàgail air a shon idir. Bha e mìltean air an rathad gu Caisteal Bhrathann ’nuair a thuig Mgr. Sage dé thachair. Air muin eich ghabh e agus rug e air Cailean aig taigh-òsda an Luib, faisg air Achadh na Sìne. Bha Cailean aig a shuipear. “ ’S bochd a rinn thu orm, a’ Chailein,” ars’ am ministear. “Càite a bheil m’ airgiod?” “Seo an t-aon phàigheadh a th’ agam dhuit-sa” fhreagair Cailean, a’ tarraing a’ chlaidheimh. Cha robh sin a nasgaidh dha. Mu ’n robh fios aig Cailean dé thachair bha e an àird anns an t-similear, agus chum Mgr. Sage an sin e gus an do dh’ eugh e airson tròcair. Fhuair Mgr. Sage a phàigheadh.
Beagan ùine an déidh sin bha Iarla Shìthphort a’ dol troimh Loch Carrann air an rathad gu Eilean Leódhais. Còmhla ris bha tòrr math sluaigh, agus Cailean Dearg ’nam measg. B’ e ’n t-Sàbaid a bh’ ann, agus air do ’n mhinistear fàilte a chur air an Iarla agus aoigheachd a thoirt dha, dh’ iarr e air a thurus a leigeil dheth gus an ath là agus aoradh a dhèanamh anns an eaglais. “Na éisd ris an fhear sin,” arsa Cailean. “Faodaidh thusa sin a ràdh an diugh,” fhreagair am ministear gu sòlamaichte, “ach, a Chailein bhochd, is e seo an turus mu dheireadh a nì thu.” Agus, a réir an sgeòil, bhàthadh Cailean anns a’ Chuan Leódhasach ’nuair a bha e a’ tilleadh gu Tir-mór.
Fhuair an Sàigeach na Carrannaich ’nan sluagh borb, gun Bhìobull, gun eaglais. Dh’ fhàg e ’na dhéidh sgìre shìtheil, coimhthional agus
Bha Loch Carrann beannaichte ’na theachdairean, iadsan a thàinig thuige agus iasdan a thàinig as. Anns an naoidheamh linn deug bha an t-Ollamh Iain Ceanadach, aig an robh buntanas ris an sgìre, an Inbhir-pheofharan, agus ’nar là fhéin bha an t-Ollamh Dòmhnull Mac’ Illeathain, ùghdair còrr is aonan leabhar ainmeil mu litreachas agus eachdraidh na Gàidhealtachd. Agus tha iad beò an diugh a tha a’ cumail an àird bratach an deagh sgeòil mar a bha na seòid o shean, agus, tha mi an dùil, gum bi an còrr ann fhathast.
Loch Ma-ruibhe bho’n Tollaidh (Domhnull B. MacCulloch)
title | Solas anns an Iar |
internal date | 1960.0 |
display date | 1960 |
publication date | 1960 |
level | |
reference template | Dòmhnull Iain Dòmhnullach in Gairm 31 %p |
parent text | Gairm 31 |