A’ Ghaidhlig agus an Sgoil
MURCHADH MACLEOID (Inbhirnis)
CHA b’ ann an diugh no ’n dé a thòisich neart na Gàidhlig air fàilneachadh, ged a tha e soilleir dhuinne a fhuair i mar ar ceud chànain gur h-ann a’ call a treòir na ’s mò ’s na’s mò a tha i gach là. ’S e ’n teaghlach aice fhéin, ann an iomadh àite, as truime oirre a th’ann agus tha sinne bu chòir a bhith cumail taice rithe gu math tric ’ga tréigsinn agus a’ taobhadh ris a’ chànain choimhich a tha, mean air mhean, ’ga slugadh suas.
Cha mhór de luchd-lubhairt na Gàidhlig nach canadh gu ’m b’ olc an airidh na ’n rachadh i bàs gu tur. Ann an seadh, tha sinn uile glé mheasail oirre, ach aig a’ cheart am tha e ro bhuailteach dhuinn a bhith ’ga fàgail gu math fann, le mì-chùram agus cion-smaointich, faodaidh e bhith, ’s chan ann le naimhdeas ’sam bith no le droch rùn a th’againn dhi. Tha a’ Bheurla ag èaladh a steach ’nar measg gach latha, agus sinne, cha mhór gun mhothachadh dhuinn, ’ga fàilteachadh gu ar teallach, agus a’ dèanamh dhi, leis a’ charthannas sin a tha nàdurrach dhuinn mar shluagh, agus gun iomradh againn gu ’m bheil ar cànain mhàthaireil gun fhrithealadh anns a’ chùlaist, ’s i cur feum air cobhair.
Tha e soilleir gu leòir gur h-ann a’ dol air chùl a tha a’ Ghàidhlig—cha ruig sinn a leas cus rannsachaidh a dhèanamh airson seo a thuigsinn; ach ’s e ’n rud nach ’eil sinn, maith dh’ fhaoidte, a’ gabhail thugainn fhéin gu h-iomlan, nach bi a’ Ghàidhlig idir ann a dh’ ùine gun a bhith fada, ma leanas cùisean orra mar a tha iad an dràsda. ’Nuair a bheir sinn sùil air na cunntasan a rinneadh a thaobh àireamh a luchd-labhairt, o thòisicheadh air rannsachadh a dhèanamh air na cùisean sin o chionn ceithir fichead bliadhna, ’s gann gu ’n gabh e creidsinn dhuinn mar a mheudaich an diosg a thàinig anns a’ Ghàidhlig ann an ùine cho fìor aithghearr. Ach chan ’eil àicheadh air—tha e againn an dubh ’s an geal. ’Nuair a rinneadh a’ cheud chunntas, anns a’ bhliadhna 1881, bha 231,594 pearsa os cionn tri bliadhna dh’ aois ann an Albainn a bhruidhneadh a’ Ghàidhlig. B’ e sin 6. 76% dhe ’n t-sluagh air fad. Cha robh ach 95, 447 de luchd-labhairt na Gàidhlig ’nar dùthaich—no 1. 98% dhe ’n t-sluagh—aig a’ chunntas mu dheireadh, anns a’ bhliadhna 1951. Faodar a bhith cinnteach nach ann na ’s mò a tha an àireamh an diugh; ’sann a’ sìor dhol sìos a tha i gach bliadhna, agus mur a dèanar teann oidhirp gus casg a chur air a’ ghalair, chan ’eil mì-choltas nach ann a théid a’ Ghàidhlig a bith buileach glan.
Ann an aon seadh chan ann ri Gàidheil an latha ’n diugh a tha an gnothuch an urra— ’se an ginealach a tha ri teachd a chumas a’ Ghàidhlig beò air neo a leigeas i bàs; ach co-dhiùbh mhaireas a’ Ghàidhlig beò no théid i a dhìth, ’sann oirnne a thàinig gu inbhe a bhitheas an t-uallach. Chan ’eil math dhuinn a bhith smaoineachadh gu ’n téid aig a’ chloinn air gnìomh a dhèanamh mur a faigh iad cuideachadh, treòrachadh, agus eisimpleir.
Dé an treòrachadh a fhuair a’ chlann thuige seo? Feumar gabhail ris nach d’ fhuair móran. Gun teagamh, faodar a ràdh gu ’m bheil an riaghaltas air a bhith toirt na h-uiread de bhrosnachadh do sgoiltean na Gàidhealtachd, o chionn dà fhichead bliadhna, gus aire a thoirt dha ’n Ghàidhlig agus gus feum a dhèanamh dhith ann an ionnsachadh[250]
Chan ’eil teagamh ’sam bith nach ’eil a’ Bheurla feumail agus éiseil dhuinn uile ach cha tuirt sin nach bu chòir dhuinn, agus nach fhaodamaid, eòlas a bhith againn air ar cànain fhéin cuideachd. ’S e duine gun seadh a chanadh nach ’eil am pàisde a dh’ fhàgas an sgoil gun eòlas math air a’ Bheurla ach ’na bhloigh, anns an t-saoghal a th’ ann. Ach an gabh e dèanamh, clann-sgoile a bhith anns a h-uile seadh ealanta anns a’ Ghàidhlig agus a cheart cho math ri muinntir na Beurla fhéin anns a’ chànain eile? Cha do dhearbhadh a’ chùis fhathast, oir cha d’fhuaradh cothrom sin a dhèanamh—air neo cha do ghabhadh an cothrom—ach tha clann ann an dùthchannan eile a’ faighinn cothrom air eòlas—agus eòlas coimhlionta—a chur air dà chànain aig an aon am, agus an rud a ghabhas dèanamh ann an aon àite bithidh e coltach agus nàdurrach nach fairtlich e air àit’ eile.
’S ann ’san sgoil a nis a dh’ fheumas ath-bheothachadh na Gàidhlig tòiseachadh, ma tha e dol a thighinn gu ìre ann an àit’ idir. Bha latha ann a dh’ fhaoidte a’ Ghàidhlig fhàgail an urra ris an dachaidh; ach ’se a tha ann a nis suidheachadh eile ann an iomadh àit’ air feadh nan Eileanan—chan ’eil cus Gàidhlig ann an àit’ ach anns na h-Eileanan fhéin an ceartuair—agus tha gu leòir dhe na dachaidhean nach ’eil a’ brosnachadh an cuid chloinne gus a’ Ghàidhlig a ghleidheadh. ’Sann tha cuid air a’ chaochladh. Tha iad a’ toirt gach misneachd dha ’n chloinn gus a leigeil seachad. Tha oideachadh na cloinne, matà, a thaobh na Gàidhlig, mar a tha e a thaobh iomadh cuspair eile, an crochadh ri obair na sgoile. Ma gheibhear air ùidh a thogail agus a bheathachadh am measg na cloinne, cha bhi sinn buileach gun dòchas gu mair a’ Ghaidhlig beò, ciurramach ’s gu ’m bheil i. Air a’ cheann thall ’si ’n dachaidh agus eisimpleir nam pàrantan as treise, agus is dòcha gu ’m bheil cuid dhe ’n bheachd nach ’eil cus brìgh anns na gheibh a’ chlann de Ghàidhlig anns an sgoil mur a cluinn iad aig a’ chagailt i. Faodaidh e bhith, ’na dhéidh sin, gu ’m bi obair na sgoile ’na meadhon air a’ Ghàidhlig a thoirt air ais dha na dachaidhean as am bheil i sruthadh a mach agus air a daingneachadh far a bheil i fhathast an ìre mhaith fallain. Chan ’eil inntinnean òga cho doirbh an stiùireadh, agus an ìre mhaith fallain. Chan ’eil inntinnean òga cho doirbh an stiùireadh, agus ’se deagh eisimpleir as mò tha dhìth orra. Càite bheil eisimpleir cho éifeachdach ’s a gheibh iad anns an sgoil?
Chan e mhàin leas na cànain a tha fainear dhuinn ’nuair a tha sinn
1. Chan fhiach e ’n t-saothair. Chan ’eil feum anns a’ Ghàidhlig aon uair ’s gu ’m fag thu na h-Eileanan. Cha choisinn i sgillinn dhuit.
’S cinnteach gu ’m bheil barrachd air airgiod anns an t-saoghal seo, ged a tha e éiseil. Gun teagamh, chan ’eil e soirbh dha na h-eileanaich bith-beò a chosnadh an diugh gun a dhol gu tìr-mór, ach ’se duin’ ainneamh nach toir cuairt chun na dachaidh uair seach an uair. Nach e bhitheadh tàmailteach mur a cluinneamaid ach a’ Bheurla anns na h-Eileanan! Dh’ fhaodadh tu a ràdh nach b’ e an t-aon àite bhitheadh ann. Nach mór an toileachas, cuideachd, a nì neach a fhuair a’ Ghàìdhlig aig glùin a mhàthar agus a tha nis air choigrich an uair a chluinneas e cainnt òige! A thaobh buannachd shaoghalta cuideachd chan ’eil a’ Ghàidhlig idir cho deireannach ’s a tha feadhainn a’ cumail a mach: faodaidh neach a tha leantainn an fhoghluim a’ Ghàidhlig a ghabhail anns a’ cholaisd no anns an oil-thaigh, agus tha an aon inbhe aice ’s a tha aig cànain ’sam bith eile. Shaoileadh tu gu ’m bitheadh e na b’ fhasa do dhuine a chànain fhéin ionnsachadh na bhith strì ri cainnt ùir, mar a tha móran oileanach a’ dèanamh.
2. Cumaidh a’ Ghàidhlig a’ chlann air ais mar a chum i sinn fhéin. Chan ionnsaich iad a’ Bheurla cho math.
’S minic a chuala sinn feadhainn a’ gearan nach d’ fhuair iad air adhartas a dhèanamh anns an t-saoghal cho math ’s bu mhiann leotha, agus a’ fàgail na coire air a’ Ghàidhlig. Faodaidh e bhith nach e na bh’ aca de Ghàidhlig a rinn an call, ach na bha dhìth orra de rud-eigin eile. Cha deach a dhearbhadh a riamh nach ionnsaich pàisde a’ Bheurla a cheart cho coimhlionta ged a bhitheadh e air oideachadh anns a’ Ghàidhlig cuideachd. ’S ann a tha foghlumaichean a’ cumail a mach mar as mò bhitheas aig duine de chànainean gur h-ann as fhasa bhitheas e dha cànain ùr a thogail, agus gu ’m bheil an dàrna té a’ cuideachadh na t’ éile. Chan ann idir gun bharantas a tha iad a’ cur nam beachdan seo an céill. Chan ’eil ann ach rud a th’ air a dhearbhadh.
3. Tha a leithid aca ri dhèanamh ’s an sgoil an diugh agus nach ’eil rian aca ùine a thoirt do chuspair mar a tha a’ Ghàidhlig nach bi cho feumail ri rudan eile a dh’ fheumas a’ chlann ionnsachadh. Ma chosgas iad ùine air a’ Ghàidhlig, chan urrainn nach bi uireasbhuidh air rud-eigin eile.
Faodaidh na sgoiltean na tha feumail de dh’ ùine a thoirt dha ’n Ghàidhlig gun easbhuidh fhagail air dad ’sam bith eile. Tha e fìor gu ’m bheil amannan àraidh ann ’nuair a dh’ fheumar aire mhór a thoirt dha ’n Bheurla, ach tha cuid de chuspairean-sgoile a ghabhas an ionnsachadh anns an dà chanain, mar tha eachdraidh, eòlas dùthcha, eòlas nàduir, leasain ciùil, leasain a’ Bhìobaill agus mar sin. Tha na leasain sin a cheart cho feumail a thaobh na Gàidhlig ri leasain Ghàidhlig fhéin, agus tha an t-eòlas a cheart cho furasda a lìobhraigeadh agus a
4. Tha chuis air a dhol ro fhada. Chan ’eil ach àireamh bheag de chloinn a bhithdadh leasain Ghaidhlig feumail dhaibh.
Faodaidh e bhith nach ’eil an fheadhainn a their seo fada ceàrr ’nam barail. Tha na cunntasan a dh’ ainmicheadh cheana a’ dearbhadh dhuinn gur h-ann bho chionn leth-cheud bliadhna a b’ fhasa leasachadh a dhèanamh. Na ’n robh maighstirean-sgoile air a bhith a dh’ atharrachadh inntinn anns na bliadhnaichean a dh’ fhalbh ’s dòcha nach bitheadh cuisean cho mì-mhisneachail an diugh. Gu fàbharach, bha cuid ’nam measg a ghabh tlachd dhe ’n Ghàidhlig agus a thug a h-uile cothrom a b’ urrainn dhaibh dhi anns na sgoiltean a bha ’n urra riutha, agus tha an t-saothair a rinn iadsan ’na cuideachadh agus ’na brosnachadh dhaibh-san a tha ’n sàs an diugh anns an obair a leig iadsan dhiùbh. Tha an àireamh de chloinn na Gàidhlig’ air a dhol an lughaid, is fìor, ach nach math na th’ ann dhiùbh fhathast, agus air cho gann ’s gu ’m bheil iad, nach math is fhiach iad an cothrom nach d’ fhuair na chaidh rompa? ’S e sin am beachd a th’ aig comhairle an fhoghluim ann an Siorrachd Inbhirnis air a’ chùis agus tha iadsan, maille ri corra dhuine léirsinneach air feadh na dùthcha, air a dhol am beò mu shuidheachadh na Gàidhlig ’nar sgoiltean.
A thaobh togail a thoirt dha ’n Ghàidhlig ann an obair na sgoile, tha Siorrachd Inbhirnis ceum air thoiseach air càch, agus ged nach ’eil e soirbh breith a thoirt fhathast air a’ bheagan a rinneadh, tha sinn an dòchas gur h-ann am feabhas a tha cùisean a’ dol, agus gu ’m faicear brìgh na saothrach ceann sreath. Chan ’eil ’san t-siorrachd air fad ach mu thrì mìle pàisde sgoile aig a bheil a’ Ghàidhlig agus tha iad a’ frithealadh sgoiltean a tha sgapte air feadh an Eilein Sgitheanaich, na Hearadh, Uibhist agus Bharraidh. Tha àireamh bheag cuideachd an siud ’s an seo air tìr-mór. Chan ’eil an seo uile ach fuidheall an coimeas ris na dh’ fhaodadh a bhith ann, ach ged is e fuine thana tha againn am bliadhna chan ’eil càil a dh’ fhios nach bi mhin na ’s pailte an ath-bhliadhna. Cha b’ uilear dhuinne ceartas a thoirt dha ’n bheagan a th’ ann.
’N uair a thòisicheadh air brosnachadh na Gàidhlig ann an Siorrachd Inbhirnis bha iomadh cnap-starra ’ga fhaicinn agus ’ga ainmeachadh leis an luchd-teagaisg, agus ged nach deach iad sin uile a fàire fhathast, ’s ann na ’s lugha a tha iad a’ fàs a thaobh meud agus àireimh. Feumar a ràdh gu ’n do ghabhadh gu h-aoidheil ris na chuireadh fa chomhair an luchd-teagaisg agus gu ’n robh iad glé dheònach dòighean ùra a chur air chois airson leasachadh na Gàidhlig. Cha tuirt sin idir gu ’n robh iad gun chùram agus gun iomaguin. Chan ann idir a’ dèanamh tarcuis air a’ Ghàidhlig a bha iad an uair a chuir iad teagamh anns na dòighean ùra, ach bha iad fo chùram gu ’n coisneadh iad nach bitheadh a’ chlann cho adhartach ann an obair-sgoile ’s a bu mhath leotha. Bha móran fo imcheist gu ’n robhas a’ dol a thòiseachadh gun dàil air a’ chlann a theagasg uile gu léir anns a’ Ghaidhlig anns a’ cheud dà bhliadhna, agus cha robh e ach nàdurrach gu leòir gu ’m bitheadh cùram air cuid gu ’n cuireadh seo dragh cho mór air na dòighean-teagaisg a bh’ aca agus gur h-ann a bhitheadh call aig a’ chloinn dhe ’n ghnothuch[254]
Chan ’eil againn fhathast ach toiseach tòiseachaidh, ach tha beagan misnich gur h-ann a’ sìor dhol am feabhas a bhitheas cùisean. Airson seòladh a thoirt dha ’n luchd-teagaisg air fad chuireadh comhairlean air chois air feadh nan Eileanan agus tha iad seo air sgrùdadh geur a dhèanamh air an t-suidheachadh gu léir, agus air beachdachadh ach ciamar a bhuineas na dòighean ùra ri obair na sgoile air fad. Tha na beachdan a chuir iad seo an céill a nis air am filleadh an altaibh a chéile agus air an craobh-sgaoileadh air feadh nan sgoiltean. ’S iomadh atharrachadh a dh’ fheumar a dhèanamh fhathast agus is iomadh dòigh ùr a dh’ fheumar fheuchainn, ach ’s e obair-latha tòiseachadh. Tha dà nì sònruichte fainear dhuinn anns an oidhirp a tha seo: togail a thoirt dha ’n Ghàidhlig, agus feum a dhèanamh dhith ann a bhith ’g oideachadh na cloinne.
Tha sinn a’ creidsinn nach misde a’ Ghàidhlig a’ chlann a bhith ’ga labhairt, ’ga leughadh agus ’ga sgrìobhadh anns an sgoil, agus tha sinn dhe ’n bharail cuideachd gu ’m bi an t-ionnsachadh a gheibh iad anns an dòigh ùir—leis an da chànain taobh ri taobh—na ’s fharsuinge na bhitheadh am foghlum a gheibheadh iad leis a’ Bheurla a mhàin. Chan ann idir a’ cur na Gàidhlig an àite na Beurla a tha sinn, ach a’ leasachadh na Beurla leis a’ Ghàidhlig. Tha sinn an dòchas gu ’m faigh clann na dùthch’ againne, mar sin, an cothrom a th’ aig cloinn ann an dùthchannan eile, gu ’m bi am foghlum coitchionn a gheibh iad na ’s coimhlionta na bha e roimhe, agus gu ’m faigh iad eòlas na ’s mionaidiche air an cànain fhéin, air an dùthaich fhéin, agus air na daoine o ’n tàinig iad. Chan ’eil teagamh ’sam bith nach gabh a’ chlann fhéin tlachd dhe ’n teagasg ùr, agus mar as mò bhitheas aca de thoil dha ’n ionnsachadh ’s ann a ’s aotruime bhitheas an t-uallach orra.
title | A’ Ghàidhlig agus an Sgoil |
internal date | 1960.0 |
display date | 1960 |
publication date | 1960 |
level | |
reference template | Murchadh MacLeòid in Gairm 31 %p |
parent text | Gairm 31 |