A’ Ghaidhealtachd
AN ASAINNT
Le AONGHAS ROS (Loch an Inbhir)
DH’ IARRADH orm eachdraidh air choir-eigin mu dheidhinn na sgìre seo agus nì mi mo dhìchioll air taobh duilleige ged dh’ fheumteadh leabhar—agus leabhar mór cuideachd—airson eachdraidh cheart air an Asainnt.
Feumaidh mi an toiseach iomradh a dhèanamh air muinntir na sgìreachd. Cha bhiodh eachdraidh ann gun daoine agus ma theirigeas na daoine dé bhios ann an sgìre ’sam bith ach fàsach?
Anns an t-seann aimsir bhitear ag ràdh mu ’n sgìre, “Tha na daoine móra agus tha na boireannaich bòidheach.” Tha sin, a nis, ceart fhathast. Tha na daoine móra agus tha na mnathan brèagha, co dhiùbh an fheadhainn sin a bhuineas do theaghlaichean a bha anns an sgìre bho chionn fhada. Ach tha iad-san a’ fàs gann agus ’s ann a’ sìor dhol an lughad a tha muinntir na sgìre a h-uile bliadhna. Ach a mhàin ann an Loch an Inbhir fhéin, tha an àireamh móran na ’s lugha ’s a h-uile ceàrn na bha i deich bliadhna air ais. Tha sin ’na chùis thruais do Albainn—agus ’na chùis dragha do ’n mhuinntir sin a tha fuireach an sgìre fhathast.
Tràigh Ach-a’ Mhealbhaich, faisg air Loch an Inbhir
Tha sgìre na h-Asainnt fìor bhoidheach. Eadar bheanntan is lochan, aibhnean is thràighean chan ’eil sgìre ann an Albainn tha mis a’ smuaineachadh—agus ’s aithne dhomh móran dhiùbh—a bheir bàrr oirre. ’S iomadh uair a shuidh mi ann am bàta beag a muigh ann am bàgh Loch an Inbhir a’ sealltuinn a steach air a’ bhaile, le baidealan Chuinneig ag éirigh air a chùl, Suilbheinn ’na seasamh mar thùr agus
Súilbheinn, A’ Chumhal Mhór, A’ Chumhal Bheag agus Stac Polaidh bho Rudha an Stòir
Tha rathad beag a’ toirt cuairt air an sgìre agus gheibhear a leithid a dh’ eadar-dhealachadh sheallaidhean bho ’n rathad sin nach fhaighear ann an àite sam bith eile—bho Loch an Inbhir seachad air Clach-Thuill agus An Stòir gus An t-Slios, seachad air An Nead gu Unapol agus a’ Chaolas Chumhang a’ tilleadh ri taobh Loch Asainnt gu Loch an Inbhir.
Tha a’ Ghàidhlig aig muinntir na sgìre fhathast, ach a mhàin ann an Loch an Inbhir; Gàidhlig a tha coltach ri Gàidhlig na Cóigich agus nach ’eil eu-coltach ri Gàidhlig Leódhais. ’S iomadh duine a rinn ainm mór anns an t-saoghal a rugadh agus a thogadh anns a’ Ghàidhlig sin agus ged nach urrainn dhuinn iomradh a thoirt air gin dhiubh an dràsda theagamh gu ’n dèan Asainnteach a bhios comasach eachdraidh air feadhainn dhiubh uair-eigin ’s an leabhran seo.
title | A’ Ghàidhealtachd |
internal date | 1960.0 |
display date | 1960 |
publication date | 1960 |
level | |
reference template | Aonghas Ros in Gairm 31 %p |
parent text | Gairm 31 |