Turas Do Lochlann
ANNA NIC AN ROTHAICH (An Leathad)
Loch-mara Hardanger
IS fhada bho bha ùidh agam ann an turus a ghabhail gu Lochlann. Ach cha robh neach de mo chàirdean no luchd-eòlais aig an robh an t-aon eud rium-sa. Mar sin thog mi orm leam fhéin agus sheòl mi bho ’n Tyne air là smuigeach ceothach anns an Iuchair bho chionn trì bliadhna air ais. Cha robh mi ach ma uair a thìde air bòrd an uair a choinnich mi ri ceathrar chaileagan laghach a Siorrachd Fiobh a bha air an dearbh chuairt rium fhéin. Agus b’ iad fhéin na deagh chompanaich! Ged a bha mise ’nam choigreach ’nam measg cha d’ aithnich mi nach robh mi eòlach riamh orra.
Bha mi air mo chasan tràth ’s a’ mhaduinn air son a ’cheud shealladh fhaighinn air an dùthaich. Bha a ’ghrian a’ soillseadh air eileanan is air tìr-mór a thug ’nam chuimhne glé mhór an dachaidh a dh’ fhàg mi—taobh an iar Siorrachd Rois. Ach bha eileanan beaga air an àiteachadh an siud, agus cha bhiodh beathach no duine orra an Albainn, ach math dh’ fhaoidte, ròn no eòin-mhara! Bha bàtaichean aig gach eilean, agus lìn an crochadh air maidean a’ nochdadh gun robh an sluagh a’ toirt a’ chuid mhór de ’n teachd an tìr as a’ mhuir. Tha an talamh anns an earrainn seo de ’n dùthaich anabarrach cas. ’S ann a bha e cur ioghantais orm-sa gu’n gabhadh taighean a thogail ann am pàirt deth idir. Bha a’ chuid mhór dhiùbh air an togail de fhiodh, agus gu dearbh cha chreid mi gun rachadh aca air clachan a tharruing suas na bruthaichean casa ud. ’Se Leitir a’ Chlachain ann an Loch Bhraoin am baile chroitearan as motha shamhlaichinn ris na bailtean beaga air taobh an iar-dheas Lochlainn.
Ràinig sinn Baile Bhergen mu dheich uairean ’sa’ mhaduinn, agus bha mi ann gu deich uairean là-rna mhàireach. Tha na sràidean anns a’ bhaile seo glé chas agus fìor choltas na h-aoise air pàirt de na togalaichean.
Thug mi ’n aire gun robh na clachan a bha anns na sràidean nocobblestonesair an cur ri chéile ann an cumadh brèagha a’ dol ann an cearcaill. Agus gu dearbh bha na sràidean air an cumail glan. Bha na bùthan car coltach ri bùthan nam bailtean móra againn fhéin. Ni motha bha mór eadar-dhealachadh sam bith anns na fasanan. Ach shaoil leam gun robh móran mhnathan air an còmhdachadh ann an dubh, agus eadhon na stocainnean aca dubh.
Tha margadh mhór fhosgailte am Bergen far a bheil flùraichean, luibhean, annlan, measan agus iasg air a reic. B’ e an t-iasg a tharruing m’ aire seach nì sam bith eile. Bha dathan agus cumadh orra nach fhaca mi riamh agus tha mi a ’creidsinn nach fhaic mi ann an aithghearr.
Chaidh mi air trèn a dhìrich bruthaich chasa gus an do stad i air mullach beinne, agus b’ e sin an sealladh òirdhearc. Bha an loch no“fiord”air a bheil am baile air a shuidheachadh a’ sgaoileach a mach airson mhìltean. Chaidh m’ inntinn air ais gu làithean an Righ Haco agus an treas Rìgh Alasdair an Albainn. B’ ann as an dearbh àite seo a sheòl a’ chabhlach mhór Lochlannach air an tàinig deireadh tubaisteach aig Blàr na Leargaidh.
Taigh tuathanaich mar a chithear gu tric an Lochlann
Dh’ fhàg sinn Bergen air bus agus rinn e iomadh dìreadh is teàrnadh mu ’n d’ ràinig e baile-puirt beag air an Hardanger Fiord far an deach sinn air bòrd bàta smùid a thug sinn gu Ulvik. Dh’ fhaighnich té ri mo thaobh rium cia as a bha mi, agus an uair a thubhairt mi gun robh mi a taobh siar Siorrachd Rois an Albainn phut Bann-Sassunnach air mo chùlthaobh mi ag ràdh, “Ciod a tha thu dèanamh seo? —chan fhaic thu àite sam bith cho àluinn ris an àite as an tàinig thu.” Ghabh mi leatha ach thubhairt mi gum b’ fheàirrd sinn fios a bhith againn ciamar
Ach nach truagh nach urrainn Rìoghachd Bhreatuinn le a beartas rathaidean móra a dhèanamh troimh chreagan gu àitean iomallach na Gàidhealtachd ’nuair a tha rìoghachd bhochd mar a tha Lochlann a’ gearradh troimh chreagan uamhasach a chum rathaidean a chur gu bailtean beaga anns nach ’eil ach mu dhusan chroitean. Tha iad eadhon a’ cur an rathaid troimh tholl-talmhainn air a lasadh le solus an dealain. Shaoilinn gum biodh e móran na b’ fhurasda rathad mór a dhèanamh aig taobh tuath Loch Beag Bhraoin gu Scoraig no gu bailtean na Comraich na tha e troimh chreagan Lochlainn.
Thug am bàta sinn gu Ulvik, baile beag air an Hardanger Fiord. Fhuair an t-àite so a shadadh leis na Gearmailtich ri am a’ chogaidh. Chuir iad as dà thaigh-òsda agus an sgoil, agus mharbhadh mu dhusan pearsa. Ach tha an diugh dà thaigh-òsda ùr agus sgoil mhór air an togail ’nan àite. B’ e taigh-òsda Ulvik an taigh a b’ fheàrr leam de na chunnaic mi. Bha na h-uile seòmar air uidheamachadh le fiodh buidhe agus bha na làir air an aon dath. Agus gu dearbh bha am biadh pailt agus math. Bha am biadh-maidne air a chur air bòrd mór agus na h-uile neach a’ toirt dheth na bha e ag iarraidh. Bha trì no ceithir a sheòrsachan feòla agus iasg ann, aran dorcha, aran geal, agus iomadh seòrsa càise. Bha càise dorcha ann air a dhèanamh de bhainne goibhre. Bha càise bog no gruth ann am meadar dharaich le spàin fhiodha airson a thogail as. Bha e glé choltach ri gruth a bhiodh mnathan na Gàidhealtachd a’ dèanamh le bainne math anns a’ gheamhradh, air a shailleadh agus bhiodh cuid a’ cur “carabhaidh” dubh ann. ’S e biadh beathail a bha an seo an uair a bhiodh biadh is annlan gann as t-earrach. Bha mìos no meadar eile air a’ bhòrd làn bainne tiugh no blàthach agus liagh fhiodha ann airson a thogail as. Bha mo chuid agam dhe seo na h-uile maduinn.
Cha robh anns an earrainn so de Lochlann ach croitean. Ni motha bha taighean móra ann coltach ri taigh uachdarain, agus fhuair mi a mach gun robh gach croitear ’na uachdaran air a thalamh féin. Bu leis fhéin an talamh, a ’choille, agus an t-iasg geal no glas aig taobh a’ chladaich. Chunnaic mi bean agus nighean a’ buain an fheòir timchioll air craoibh le corran. Bha móran de ’n talamh cho briste agus cho cas ’s nach dèanadh tractar no inneal-buana feum ann. Thug mi ’n aire gu ’n robh an crann-speala fada, agus an duilleag goirid agus glé gheur. Bha a ’chuid bu mhotha dhe na h-eich ruadh agus na ’s lugha na gearrain Uidhisteach. The bocsa a’ chùirn àrd agus na rothan beag. Chunnaic mi feadhainn a’ tarruing eallaich feòir air an druim.
Cha chreid mi gum beil taighean nan croitearan cho goireasach ’s a tha iad air a’ Ghàidhealtachd an diugh. Ged tha solus agus puthar
Balaich bheaga bhana an Ulvik
Air an àirigh faisg air Geilo
Spealadair Lochlannach
Dh’ fhàg sinn Ulvik air bus troimh mhonadh àrd fiadhaich far nach robh taigh no eadhon bó no caora r’a fhaicinn airson mhìltean. Thug e ’nam chuimhne an earrainn de Chataibh eadar Luirg agus Tunga. Bha an sneachd aig taobh an rathaid ann an àitean agus sheall fear-stiùiridh a’ bhusglacierdhuinn a bha mu mhìle o’n rathad.
Stad sinn airson dà là ann am baile Gheilo. Bha na tuathanasan na bu mhotha an so oir bha gleann leathann torrach air gach taobh dhe abhainn. Chaidh sinn suas ann an cathair air oibreachadh le dealan gu mullach creige àirde. Feumaidh mi aideachadh nach robh mi glé shona ’nam shuidhe glaiste ann an cathair agus a’ faicinn na tìre mìltean fodham. Ach b’ fhiach an sealladh a fhuair mi aig ceann an turuis beagan fiamh. Bha am monadh lom briste le seòrsa de fhraoch a ’fàs air. Cha robh e idir cho àluinn ri fraoch Albann. ’Se feasgar a bh’ ann agus chuala mi fuaim ghlagan a chuir ioghnadh orm. Air mullach aonaich chunnaic mi grunnan chloinne a’ saodachadh greigh chruidh-bainne. Mu mhìle bhuam bha pàirce réidh ghorm le taighean fiodha an siud ’s an seo innte. Chuir e ioghantas orm nach robh coltas àiteachaidh air an fhearann. ’S e bha seo an àirigh, far an robh mnathan agus clann a’ samhrachadh a’ chruidh agus a’ dèanamh ime agus càise a bha air an reic ris na taighean-òsda. Bha na “bothananàirigh” na bu ghrinne air an togail na na bothanan a chunnaic mi ann an Leódhas. Thatar a’ dèanamh airgid air na taighean seo anns a’ gheamhradh oir tha iad air an suidheachd air sluagh a tha ’gan cluich fhéin anns an t-sneachd.
Shiubhail sinn ann an trèn eadar Gheilo agus Oslo. Mar a b’fhaide a bha sinn a’ dol gus an ear bha an talamh na bu chòmhnairde agus na bu bheartaiche, na tuathanasan na bu mhotha, agus taighean nan tuathanach na bu ghreadhnachaile.
Tha Oslo ’na bhaile a tha a’ sgaoiledh a mach air móran fearainn, agus tha craobhan a’ fàs eadar na sràidean. Chuir na Gearmailtich talla-mhór a’ bhaile ’na teine agus tha talla àluinn ’na h-àite, air a togail fagus air a’ chala.
Ghabh sinn turus air bàta gus rudha far a bheil am “Fram,” anns an do sheòl Nansen, air a cumail. Chunnaic mi cuideachd an raft ioghantach an Kon-tiki , a sheòl troimh chuan a’ Phacific. B’ ioghantach a’ mhisneachd a bh’ aig na daoine a dh’ earb am beatha ris na maidean truagha ud air cuan mór an t-saoghail.
Ghabh sinn sgrìob gu taigh-bìdh mór a tha air slios beinne os cionn Oslo. Bha an là grianach blàth agus bu ghlòrmhor an sealladh a fhuair sin air muir, baile mór, agus monadh cho fada air falbh ris an t-Suain. Fhuair sinn breac ròsda slàn (eadar cóignear), lan cuaich-airgid de shuibheagan-làir, agus mu chàrt de uachdar beartach. Bha e math, ach bha an sailleadh sin air! Ach, mar a thuirt am fear a phàigh not mar pheanas airson sgleog a thoirt air nàbaidh nach bu toigh leis, “cha d’ fhuair mi luach nota riamh a bu docha leam.”
Dh ’fhàg sinn Oslo aig naoi uairean ’s a’ mhaduinn agus bha sinn dà uair dheug a thìde air an turus gu Stavanger. Mar a b’ fhaisge bha sinn a’ tighinn air Stavanger bha na bu lugha de choille r’ a fhaicinn. Chunnaic mi cruachan mòna an seo agus bha na taighean air an togail de chlachan.
Bha an cuan a Tuath ciùin gorm, agus cha robh sgòth ’san adhair an uair a sheòl mi dhachaidh a Stavanger. Dh’ fhuirich mi air bòrd gus an deach a’ ghrian fodha anns an àird-an-iar air mheudachd uighe. ’Nuair a dhùisg mi ’s a’ mhaduinn bha sinn a’ teannadh air oir-thìr Shasuinn agus bha an là smuigeach fliuch mar a bha e an là a dh’ fhàg mi e. Ach cha tug mi dùil nach till mi fhathast gu tìr àluinn Lochlainn, agus nach fhaic mi a shluagh càirdeil aoidheil aon uair eile.
title | Turas do Lochlann |
internal date | 1960.0 |
display date | 1960 |
publication date | 1960 |
level | |
reference template | Anna Nic An Rothaich in Gairm 31 %p |
parent text | Gairm 31 |