[202]

Bantrach Choinnich Mhóir

Le ANNA NICCOINNICH

BHA taigh Bantrach Choinnich fo sgàil na beinne, dlùth ris achladach. Tha mi an dràsda fhéinnam inntinn acoiseachd dhachaidh as an sgoil a nuas frith-rathad lùbach abhaile, an rathad beag laghach ud a tha gabhail sìos mu Cheann na Cléidh gu ruige Plocropol. Chithinn isena suidhe air carraig bhig anns achladach agus i ag iasgach: bha i bòidheach, le sùilean glé ghorm agus gruaidhean àrda le rudhadh fallain. “Gabh a steach,” chanadh i, “bidh mi stigh le cudaigean ann am mionaid no dha. Cuir air an coire.” Dhullaichinn am bòrd an tac an teine agus mus biodh an coire càil ach air goil bhiodh i staigh leis an iasg. Is iomadh àite thadhail mi air feadh an t-saoghail bhon uair sin ach biadh cho milis no cho suaimhneach a riamh cha do ghabh mi. Air an fhionnairigh bhiodh i sniomh agus bhiodh iomadach seanchas aice. “Bha,” arsise, “maighistir-sgoile Gallda ann an seo ris an canadh iad Mgr. Robastan, agus bha e anabarrach math air an fhidhill. Dhfhaighnich e dhiom , “Am bi sibh afaireachdainn na tìde fada?” “Cha bhi, Mhgr. Robasdain; fhads a bhios pailteas clòimhe agam do mo chuibhill, pailteas airson na poite bige, agus Crìosda còmhla rium, carson a dhfhairichinn an tìde fada?”

Cha robh móran idir den Bheurla aig Bantrach Choinnich ach saoilidh mi gun robh gliocas agus feallsanachd nan linntean bho chian agus nan linntean ri teachd anns na briathran iriosal, ciatach sin! Is beag a bha dhiomradh agam-sa an uair sin gum bithinn ag eadar-theangachadh nam briathran sin ann an cànain eile, do mhnathan ann an tìr fada fada a Ceann aChléidh, —ri cladach Choromandel ann an ceann a deas nan Innseachan; agus air dhomh innse dhaibhnan cànain fhéin thubhairt iad rium, “Bha an sgeul ud a thug thu dhuinn air do bhancharaid anns na Hearadh Nerthiana”: (is e sin air eadar-theangachadh àluinn). Cha robh guth aice-se, a bharrachd, gum biodh snàilean òir de dhàimh spioradail air a shnìomh eadar i fhéin is iad-san.

Na h-Innseachan

Bheir mi nise cuairt sibh troimhn tìr mhaisich seo, tìr na gréine. Chì mi fhathast air cùl an taighe achraobh cho làn de bhlàthan geala is gun robh i dòrtadh gu socair gun sgìos a sìthean gu làr mar bhrat de òg-shneachd fad chaoin shuaimhneach an latha. Chì mi càraid de leanabanan donnagan tionalnan glaic a réir doigh na cloinne. Seall suas rithe agus chì thu gu bheil mu choinneamh gach sìthein a tha i sileadh fear eile fàsna àite. Thall fo bhur comhair tha chraobh ris an can sinnLasair na Coilleasgaoileadh a mach bhrataichean sgàrlaid, atoirt dùbhlain do theas an latha. Seo an tìr far am faic sinn fo chomhair ar sùl ann an dubh na h-aon oidhche, an uair a dhòirteas na tuiltean, an dìthreabh atighinn fo bhlàth mar an ròs. Bidh an talamh gu léir fo bhlàth agus na h-eòin uisge, geal mar an sneachd, air bruaich gach lòin. Glé fhaisg tha fearann Arcot far an do chuir Clive an cath, agus a réir eachdraidh bha mac do Rob Donn


[203] am bàrd agabhail òrain Ghàidhlig airson cridhealas do na saighdearan atighinn troimh bhealach Sholungur aig an am ud. Aite tioram, teth, creagach a tha an Sholungur far an tuig duine gu soilleir brìgh an fhacail— “sgàil na creige móire ann an tìr airsneulaich.”

Ach gu tric thigeadh boillsgeadh dìomhair do-rannsachail de mhothachadh ionadail fa chomhair minntinn gach ceum de mo shlighe. Chan e mhàin gun robh gach lochan de dhuisge sèimh far an robh an lotus agus an duilleag-bhàite ri bruadar atoirtnam chuimhne lainnir gheal agus sanais nan lilidhean air lochan na Hearadh air an t-slighe gu Gàradh an Lòin agus Sgadabhagh, chithinn taighean tughaidh mar anns na h-Eileanan an Iar ach gun robh iad seo fo sgàil nan craobhan pailme. Bhiodh deatach ghorm os an cionn an uair a bhiodh na mnathan ag ullachadh biadh an fheasgair; cha robh annas sam bith ann dhomhgam faicinn afasgnadh le criathair dhuilleach; bhiodh an t-sùist agus achlach-bhràthann air cùl an tallain. Bha an crùisgeanga chleachdadh agus cragannan de chrèadh ruadh airson uisge mar a bha anns na h-Eileanan linntean air ais. Bha saobh-chreideamh làidirnam measg agus bha na h-aon chleachdaidhean leigheis aca is a bha againne airson tinneas-an-rìgh agus a leithid sin. Is minic a chunnaic mi balach beag le bonn coltach ri airgiod ceangailte air sreing mu amhaich; bha rannan ghisreagan aca cuideach ris an canadh iad mantra.

An Cànain is an Ceòl

Bha e aithnichte gu leòir gun robh càirdeas aig aGhàidhlig ris achànain aca gu h-àraidh far an robh Sanscrit abristeadh a steach. Ann an àiteachan sònraichte bha an aon seòrsa stéidheadh orra. Cluinneamaid beagan den cheòl aca. An seo far a bheil aghrian gu drilseach adòrtadh a nuas troimh dhoire nam meanbh-chraobh cluinnidh sinn gliongadaich glagan nan gobhar agus am buachaille cluich air feadan a measg nam preas. Suas troimhn bhaile tha ceòl eilean ceòl-pòsaidh, am pìobair air thoiseach agus achomhailteachdna dhéidh. Tha cuireadh againn gu taigh-na-bainnse agus gheibh sinn carthannas agus fialaidheachd mar anns na h-Eileanan fhéin. Chì sinn gnìomh-òrain bhon chloinn, acur an céill gach car a iad bho dhéireas iad anns amhadainn gus an sgeadaich iad an ceann le sìtheanan aig am an fheasgair. Tha e soilleir gu bheil buntanas aig stéidh-chiùil na Gàidhlige ri dòigh achiùil aca-san. (Chuir mi focail Ghàidhlig ris an fhonn Innseanach, ghleidh mi cuimhne orra agus chuir mi ann an dealbh-chluich iad. Cha drinn luchd-sgrùdaidh aMhòid a mach nach e fonn Gàidhlig a bha ann!)

Théid sinn don eaglais Innseanaich air na Sàbaid. Is eireachdail an sealladh e afaicinn nam mnathan ag éirigh gu seinn le an trusgain shoilleir dhaite gorm, sgàrlaid, òr-bhuidh, agus anns an dèanamh leth-choltach ri earasaid na Gàidhealtachd bho shean. Seinnidh iad an aona sailm thar an t-sia fichead a réir an t-seann nòis Innseanaichfonn beothail, bonnanta, drileanach, àlainn. Bhiodh cuireadh againn an còmhnaidh chun nam bainnsean agus air réiteach an Arkonam is iad na h-aon bhriathran àbhachdach a bha aig na bodaich a réir rian agus deas-ghnàth na cuirme is a chuala mi aig na bodaich ann am Màraig.


[204]

Chì sinn òganach atighinn a mach a bothan-dhuilleag oir is e buth fear-turuis anns an fhàsach a tha aige. Togaidh e bho thaobh an rathaid-mhóir cuinneag mheirgeach agus a mach leis an òran, abualadh na cuinneige aig an aon am. Is e òran-snìomha a tha aige, agus ann am fonn, ann am beairteachd, ann an gluasad, bha e comh-fhreagart òrain-shnìomha Gàidhealtachd na h-Albann no na h-Eireann.

Bha e ra fhaicinn gun robh iad mar shluagh air an callachadh is air an ciùineachadh troimh na linntean. Thachair bean rium agus mi air turus, , agus arsise, “Thàinig sibh astar fada; feumaidh sibh tighinn a steach gu biadh,” dìreach mar gun canadh bean a Caolas Sgeire-buidhe. A rìs aig am tional nan cnothan-talmhainn an uair a thachair cailleach rium le sgeileid chnothan. Bha ise bochd agus is e sin na bha aice de bhiadh an t-saoghail, ach chuir i a dòrn don sgeileid a thoirt dhomh earrann diùbh. Bha iorraim agus caoineadh aca, aig am bàs an luchd-dàimh, air acheart mhodh agus sheòl is a chanadh na seann mhnathan anns aGhàidhealtachd iad.

Is iad seo seallaidhean beaga air an dàimh dhìomhair a bha mar aobhar nach do mheas mi mi fhéin a riamh mar choigreachnam measg. Tha deilbh bheò a dhfhanas agam agus a thaisgeas mi mar earras luachmhor a ghnàth; na pàisdean acur an làmh ri am bathais acantainn gu socharach Salaam, na mnathan len trusgan de iomadh dath agus cragannan buidhe air an gualainn; gabhaidh iad sìos gu lòn na duilleig-bàite a dhiarraidh uisge; tha gàir air an aodann agus na cragannan adealradh ris aghréin. Chì mi na caileagan adol mun cuairt mar fhlùirean beò, criosan airgid adèanamh ceòl binn mu chaol an cas, aseinn an gnìomh-òrain le deagh-ghean is le maise; tha sìtheanan gealanan cuailein dorcha . . . .

Ach cluinnibh seo. Còisir de chloinn na sgoile ann an Arkonam aseinnBuain na Rainich”! Dhionnsaich mi dhaibh e; thog iad e gu furasda. Seo achànain iomlan, cànain achiùil, a thogas gu sàmhach agus gun ro-chùram drochaidean òir bho dhuine gu duine agus bho rìoghachd gu rìoghachd

(Bha Anna NicCoinnich an toiseachna ban-mhaighstir sgoile anns na Hearadh. An déidh sin bha i bliadhnachan ateagasg anns na h-Innseachan, agus an diugh tha i dèanamh obair mhór is fhiachail an ceòl is an Gàidhlig an SgoilIc Neacail an Steòrnabhagh.)

titleBanntrach Choinnich Mhóir
internal date1960.0
display date1960
publication date1960
level
reference template

Anna NicCoinnich in Gairm 31 %p

parent textGairm 31
<< please select a word
<< please select a page