Air An Spiris
THA an àireamh so de Ghairm a’ cur crìch air an ochdamh bliadhna bhon a thòisich sinn. Agus bhon a thòisich sinn tha sinn an dùil gur h-ì a’ bhliadhna so mu dheireadh bliadhna cho misneachail agus a chunnaic an coileach.
Bha a’ bhliadhna misneachail do Ghairm a chionn ’s na comharran a chunnaic sinn air saoghal nas fheàrr do ’n Ghaidheal. Dùsgadh beag an sud. Plap beag an so. Neartachadh ann am buille na cuisle.
Seallaibh air cuid de na rudan beaga a thachair.
Thòisich Iain Rollo (tapaidh riamh as leth na Gaidhealtachd) a’ cladhach diatomite ann am Beàrnaraigh Leódhuis. Chuir MacGilleathainn-Fullarton obair fighe air chois ann an Tobar Mhoire. Chuireadh ban-fhigheadairean Leódhuis agus Na Hearadh ann am buidhinn gus geansaidhean eileanach fhighe agus a reic air feadh an t-saoghail. Thòisicheadh air trèanadh a thoirt do bhalaich far an taobh siar ann an iasgach sgileil le innealan an la ’n diugh.
Faodaidh nach eil na rudan sin mór annta fhéin, ach tha iad cudthromach. Leth-dusan duine a’ faotainn obrach an sud no an so. Tha sin a’ ciallachadh leth-dusan teaghlach a’ faotainn teachd-an-tìr as aonais am feumadh iad imrich. Tha na h-obraichean sin beag, ach is ann beag as fheàrr iad. Chan eil feum air coigrich a thoirt a steach. Chan eilear a’ cur dragh air gnè a’ chomuinn no air a’ chànain.
Chunnaic Gairm Coimisean nan Croitearan a’, dol an uidheim. Chuir Gairm fàilte air a’ Choimisean, ach bha teagamh anns an fhàilte. “Coimisean gun ùghdarras.” Sin an t-eagal a’ bha òirnn. Tha an Coimisean fhéin ag aontachadh leinn a nis, agus ag aideachadh nach urrainn dha a chuid obrach a dheanamh gu coimhlionta as aonais an tuilleadh ùghdarrais. Tha sinn an dòchas gu faigh e sin.
Anns an iomradh mu dheireadh a chuir an Coimisean an clò sheall e dhuinn cho leibideach agus a tha cùis na croitearachd. An treasa cuid de chroitean na Gaidhealtachd fàs no gun a bhith air an obrachadh ceart. An treasa cuid! Leis an dìlseachd a tha e mar thà a’ nochdadh, agus leis an ùghdarras a tha e a nise a’ sireadh, tha sinn an dùil gun toir an Coimisean buaidh mhìorbhaileach air cor na Gaidhealtachd.
Chunnaic sinn rudan mì-fhortanach a’ tachairt cuideachd. Tha e tuilleadh is tràth tomhais a dheanamh air a’ bhuaidh a bheir obair nan rocaidean air beatha nan Uibhistean. Tha a h-uile coltas gun tòisich obair mhór fo ùghdarras N.A. T.O. ann an Leódhus. Chan urrainn dhuinn casg a chur air “aobhar an rìgh” ach mar as treise a tha sinn mar shluagh air ar talamh fhéin is ann as fheàrr a sheasas sinn gach cunnart a bhagras ar beatha ’s ar cànan.
title | Air an Spiris |
internal date | 1960.0 |
display date | 1960 |
publication date | 1960 |
level | |
parent text | Gairm 32 |