[314]

A’ Chiad Uair A DhFhàg Mi Uibhist

(mar a dhinns Bean Nill do dhFhear Chanaidh)

ACHIAD trip a dhfhàg mi an t-eilein, cha robh mi ach gu math deireannach. Bha mi ag obair foghar ann an Ormaclait, aguss e tasdan san latha a bhagam, agus rinn mim foghar ann; ach co dhiù, gun do chuir mi not gu taobh. Agus bha iomadach rud agam ri fhaighinn leis an not; bhiodh dreas a dhìth orm, agus bhiodh a h-uile rud a dhìth orm. Neor thaing nach robh mi faicinn feodhainn eile leòmach, ’s gun rathad agam fhìn air sian fhaighinn; agus bha mi cumail agam an not.

Bha sin ann Di-Dòmhnaich, agus chaidh mi dhan eaglais; nuair a sgaoil an eaglais, thànaig nighean a mhuinntir Staonaibrig a mach, agus thuirt i:

Bheil duinen seo théid a chosnadh deagh-thuarasdal idirors iseno do dheagh-àite?” Cha robh gin no duine ag radha guth. Thuirt mise air mo thurrag, on a bha mi car abaich:

Théid misann.”

O, meudail, hugainnors isetha mise falbh am màireach, ’s bi falbh còmhla rium, ’s chì misthu air ùrlar tigh do mhaighstir, agus théid mi latha sa bithgad choimhead ann.”

O, siod an rud a bha math agamsa. Ach dhfhalbh mi còmhla rithe sìos dhan tigh aca fhéin, gu ruige Staonaibrig, agus dhinns mi gu robh not agam, dùil am gura mi bha beairteach, nach teirigeadh e idir dhomh! Well, ’s e crùn a bhiodh an uair sin oirnn a dhol dhan Oban leis ansteamer. Dhfhalbh mi madainn Di-Luain, ’s thug mi leam na badan a bhagam ann an oisein bhig, a h-uile bad a bhagam, tha mi cinnteach gu robh e umam co dhiù. Well, nuair a ràna sinn an t-Oban, bha ise Gàidhealach gu leòr, ach nuair a rànaig i sin, cha chluinneas ach Beurla, ’s cha robh Beurlagamsa, ’s cha robh sgoil agam. Cha robh mi ach truagh.

Oors isegheobh thu rud sa bith a bhios a dhìth ort ann am bùth an seo gum bitermann; achors isebheir dhomhsa beagan thasdan fiach an déid mi a stigh a phàidheadh umbaralla a chuir miga chàradh ann a sheo nuair a bha mi dhol dhachaidh a bhrist mi.”

O, thug mise siod dhi, ’s mi bha math dheth. Chaidh i stigh do sheop liom ann a shin agus thuirt iAm faigh searbhanta an seo rud guterm ?

O, gheobhars am fear sin, “agus litir a maighstir aice.”

Siod rud nach robh agamsann. Cha robh mise foighneachd airson maighstir, ’s i fhéin adol dha mfhàgail ann. Cha robh mi airson mo chur am fhaicinn. Bha seo ceart gu leòr, ach chaidh sinn an seo air an trèan. Cha robh fios agamsa robh mi dol, ach gu robh miga leanail-sa. Agus nuair a stad an trèan an Loch Obha ann an sin, thog ise uinneag na trèin’, agus thòisich i air smìdeadh. Agus bha bàta dol a thighinn a nall air an locha, air Loch Obha, ’ga h-iarraidh; bha ise ceart gu leòr, bha i tilleadh dhan à’ ’n robh i reimhid. Thionndaidh i rium agus thuirt i:

Wellors isethig thusa aisde a nist air an ath-stàisean, neo


[315] mura dig, ’s ann aig Dia mór tha brath n déid thu.” Thòisich mise air caoineadh an uair sin. Cha robh fios agam chanainn, no dhianainn.

Tha mise tighinn aisde ann a seoors iseagus mura dig thusaisde an uair ud, aig Dia tha brath m bi thu!”

Thionndaidh an seo dha na boireannaich a bha sachearraids, agus thuirt i:

A bheil sgoil agad, a ghalghad?”

Chan eilorsa mise.

Bheil Beurlagad?” ors ise.

Chan eil.”

, ’s truagh leam thusa gun sgoil gun Bheurla.”

Cha robh mise ach acaoineadh. Dhfhalbh iad sin, a h-uile duinaca, mach as achearraids; ach gun dànaig fear obrach a stigh. Shuidh e mar sin mum choinneamh air an taobh eile. Bha mise caoineadh. Theireadh esan an dràsds a rithist:

Teann a nall goirid domh, gun fhios am nach tu as bean domh fhéin.” Cha robh mise ach acaoineadh.

Bheil airgiod agad?” ors esan.

Chan eilorsa mise.

“ ’S il thu dol?” ors esan.

Chan eil fhios am gu dearbh, chan eil fios am il mi dol, ach geil agam tighinn amach aig an ath-stàisean.”

Well, tha mise tighinn a mach an sin cuideachdors esan. “Agus an ann gu cosnadh a tha thu dol?”

“ ’S annorsa mise.

Wellors esanchan eil agad ach bruidhinn ris aphoilisman nuair a thig thu mach as an trèan.”

, chan eil bruidhinn agam dhan phoilisman ann, tha mi gu donair.”

Oors esanchleachd e Gàidhlig a bhith aige.”

Well, nuair a ràna sinn Dail-Mhàilidh, thàna mise a mach, ’s thànaig am fear sin a mach. Dhfhalbh e far an robhm poilisman, ’s thànaig am poilisman. Bhruidhinn e rium, ’s dhfhoighneachd e dhiom robh mi dol, ’s thuirt mi gu robh mi dol gu fear MacFhilib. Bha e treiseag acoimhead orm. “Oors esan, “ ’s e crathadh a chinn, “chan eil duine dhan ainm sin an seo ach aoinfhear, ’s chan eil e gleidheadh searbhanta idir. Chan eil searbhanta idir aige uair sa bith,” ors esan. Cha robh mise achnam ghurraban ann a shin.

Thànaig an sin am fear sin a bha còmhla rium, thill e agus bha pacaid bhriosgaid aige dhomh agus flasg aigena phòca, agus thug e orm balgam a thoirt as a sin. Dhfhalbh am poilisman agus dhfhàg en sin mi; agus thànaig e seo an ceann treiseig a rithist.

Oors esantha mi nist, a chaileag, atuigsinn il thu dol. Thig a mach. Seall am faic thu am bad coilleadh than sin.” Bha e cóig mìle bhuam, am bad coilleadh ud, ach gu dearbh bha e mór, agus bha e car air leath on chòrr. “Siodors esanfar eil thu dol, siod far eil an tigh far eil thu dol, far eil am bad coilleadh ud.” Ach cha robh mise deònach carachadh air a shon sin as an à’ ’n robh mi, cha robh fhios am ’ ’n robh mi gus a dhol.

[316]
[317]

Thànaig an sin chnapach ghille agus thuir fear aca rium:

An ann á Uibhist a tha thu?” ors esan.

“ ’S annors mise.

“ ’N e Raonaid Dhòmhnallach thug gu tighinn thu?”

“ ’S iorsa mise.

O, wellors esan“ ’s ann còmhla ruinn bhios tu falbh.” Dhfhalbh mi an uair sin còmhla riuthan sin, ’s cha robh agamsair ruighinn an àite sin ach pàipear sgrìobhtes dhà no trì stampaichean, tasdan no dhà, sin na bhagam dhan not, ’s cha robh mi ann ach sia mìosan, ’s gu dearbh cha robh mi ro-thoilichte ann. Sin mar a thachair dhòmhsa achiad fhalbh a rinn mi!

(Tha Bean Nill ceithir ficheads a trì deug am bliadhna. Bann sabhliadhna 1882 a thachair so.)

titleA’ Chiad Uair a dh’fhàg mi Uibhist
internal date1960.0
display date1960
publication date1960
level
reference template

Bean Nill in Gairm 32 %p

notesRecorded (and edited) by Fear Chanaidh/Iain Latharna Caimbeul. According to Gairm Index: Bean Nìll = Mòr Chaimbeul
parent textGairm 32
<< please select a word
<< please select a page