[324]

Feachd Ghearrloch de Chomunn na h-Oigridh ann an cladh Ghearrloch acoimhead air an t-seann chloich air uaigh Uilleim Rois.

Oigridh GhearrlochS AGhaidhlig

LE CEITEIREIN NICMHATHAIN (Inbhir-àsdail)

Bha riochd is dreach an àite sogam thàladh thuige riamh,
Beanntaichean is gàrraidhean is màigh aig bun an t-sliabh;
Fhuair mi sìth is sàmchair, am measg chàirdean bàigheil fial
Sachlachan san deach màrach an Sgir Gheàrrloch, Rois-an-Iar.

SIN mar a labhair Bàrd òg Inbhir-àsdail aguss e an aon smuain a réir coltais a tha ruith troimh inntinn achuid as motha de òigridh Sgìr Gheàrrloch an diugh. Tha an òigridh asìor thilleadh dhachaidh ma gheibh iad an cothrom air obair fhreagarraich idir is tha am barrachd dhiubh afuireach aig an tigh na fhads is cuimhne dhomh-sa. Ach thagan tarraing air ais? Chan e na cur-seachadan ùra co-dhiùbh, air a bheil òigridh nam bailtean atighinn beò, bhon chan eil iad ann dhaibh. Ach tha de thoinisg aca a toileachas-inntinn dhaibh fhéin, atoirt feart air an t-sean-fhocalis buaine dùthchas na oilean.” Is tha mise den bheachd gu bheil iad cho sona is cho toilichte len suidheachadh ri òigridh ann an ceàrnaidh sam bith de Albainn.

Beus na tuath— “far am bithears e nithear,” is tha e fìor an so, oir ged a tha móran sluaigh air tighinn a steach dhan sgìre bhon Ear is bho Dheas chan aithnicheadh duine an diugh air achloinn nach robh iad riamh anns an Sgìre. Gu dearbha fhéin tha na feadhainn sin nas deònaiche na na Gaidheil gun ionnsaicheadh achlann aca aGhàidhlig agus de na sgoilearan Gàidhlig as fheàrr ann an sgoil an Leothaid, far a bheil an cànan gu math beòs ann á Deas a thàinig a cuideachd.

Ach ged a tha beusan nan Gaidheal aca, cia mheud a tha agabhail suim anns achànain. Bheil aGhàidhlig beò fallain a measg an


[325] òigridh ann an Sgìr Gheàrrloch an diugh? Tha mi duilich ri ràdh nach eil. Ach tha mi toilichte ri ràdh gu bheil iad acur còrr diù air aGhàidhlig na bha iad bho chionn iomadach bliadhna.

S e mo bheachd-sa gur e an rud as cronaile do adhartas na Gàidhlige a measg an òigridh, chan e a mhàin ann an Geàrrloch ach anns aGhaidhealtachd air fad, an t-aineolas a measg na feadhna a bhruidhneas i gu fileanta a bheir orra a bhith fanoid air luchd-ionnsachaidh ma iad mearachd ann am fuaim facail no an gnathasan-cainnte. Bu chòrr dhaibh cuimhneachadh an rud a fhuair iad fhéin an asgaidh gu bheil an luchd ionnsachaidh acur fada bharrachd luach air na tha iad fhéin is gu bheil iad ag obair gu math cruaidh airson a chosnadh. Is an àite bhith dèanamh cuis-mhagaidh dhaibh bu chòir dhaibh a bhith toirt gach cobhair dhaibh, bhons e na dearbh fheadhainn a tha gabhail an dragh ri ar cànan ionnsachadh a tha dèanamh oidhirp mhór airson aGhàidhlig ath-bheothachadhrud nach ruigeadh iad a leas mur be gun do ghabh na Gaidheil cho beag suim de an dìleab fhéin. Chan eil suim neo foighidinn agam airson nan Gaidhealnar measg a tha mar sin, ach tàir is truas airson an an-fhios. Agus airson na feadhna eile a tha den bheachd nach eil iteagan bòidheach ach air eòin fad as chanainn riuthaged is grinn an sìoda is coma leis air am e.”

Stiùirear achlann le ceithir nithean sònraichte gu bhith gabhail tlachd den Ghàidhlig.

1. An Eaglais

Gun teagamhs e aGhàidhlig a tha air a cleachdadh mar is trice anns na seirbhisean is na coinneamhan-ùrnuigh ach mach air a sin chan eil Comunn airson na h-òigridh no buidheann airson fir togail an fhuinn idir annrud a dhèanadh cuideachadh mór.

2. An Dachaidh

S dòcha gum faigh mi mo chàineadh, agus ma gheibh mo thogair, ach tha e follaiseach nach drinn achuid as motha de na pàrantan an dleasdanas gu toirt achànain a fhuair iad fhéin mar chòir-bhreith don cloinn. Chan eil ach aon ghille nis ann an Aird-Sgoil Gheàrrloch a tha fileanta saGhàidhlig. Ach tha aon bhaile beag anns an Sgìre nach eil mi cur cuide ris na feadhainn eile. Is e sin Mealbhaig, far a bheil aGhàidhlig cho fallain a measg sean is òg is a tha i ann an gin de na h-Eileanan an Iar, is guma fada mhaireas i mar sin. Aon chleachdadh a tha dol as anns na dachaidhean nach eil adeànamh cuideachadh don Ghàidhlig a chumail beò a measg an òigridhs e adhradh teaghlaich. Tha fios agam fhìn gur e bhith leantainn an adhraidh a dhionnsaich dhomh aGhàidhlig a leughadh an toiseach is tha mi glé chinnteach gun robh móran òigridh coltach rium. Bithidh sinne acluinntinn móran leisgeulan aig pàrantan carson nach eil aGhàidhlig aig an cloinn ach tha mi fhìn den bharail gur e an reusan as bitheanta an leisg agus nach gabh iad an dragh.


[326]

3. Camp Comunn na h-Oigridh

Tha Càmp bhliadhnail Comunn na h-Oigridh aig Cnoc nan Ròs, Baile Dhubhthaich, glé mheasail aig achloinn. Tha iad glé dhéidheil air a dhol ann, agus gu dearbh bha fìor-chliù math orra bho na h-inbhich as gach ceàrn a bha air ceann na càmpa. Chaidh seachd pearsa deug á Geàrrloch do Chnoc nan Ros an uiridh agus cha robh aon diubh sin a bheireadh droch ainm da dhùthaich air a bheatha. Is dòcha gum bi an còrr adol ann am bliadhna. Is mór is fheàirrd achlann a bhith acoinneachadh ri cloinn eile; tha iad afaicinn gu bheil na h-Eileanaich nas fileanta na iad fhéin is tha sin atoirt orra oidhirp nas motha a dhèanamh nuair a thilleas iad dhachaidh. Tha iad ag ionnsachadh na Gàidhlige a h-uile madainn aig achamp, agus amhrain Ghàidhlig is ceòl gach . Is mór an sin oir ann an sgìre Gheàrrloch chan eil neach a tha oileanaichte ann a bhith ateagasg ciùil dhaibh.

4. An Sgoil

Chan eil ach aon sgoil a nis anns an sgìre far nach eil ceann-teagaisg Gaidhealach agus tha an sgoil mar sin bho chionn bhliadhnachan is cha chluinnear facal Gàidhlig aig achloinn as abhaile bheag sin ged a tha iad glé dheònach air aGhàidhlig ionnsachadh nuair a thig iad don sgoil mhóir. Tha rud eile adèanamh cron mór air aobhar na Gàidhlige. ’S e sin: ma tha sgoilear math tha e air a chur gu Inbhir-pheofharain aig bhliadhna dheug, baile a tha nas Gallda na aGhalldachd. ’S chan eil misneachd sam bith air a toirt dhan chloinn bhon taobh an Iar spéis a ghabhail anns achainnt mhàthaireil aca fhéin. Ach air an làimh eile tha aGhàidhlig air a teagasg gu cruaidh ann an cóig sgoilean ann an sgìre Gheàrrloch agus tha trì feachdan de Chomunn na h-Oigridh air a stéidheachadh san sgìre.

(a) Ann an sgoil an Leothaid fo stiùireadh Anna Nic an Rothaich, bana-Ghàidheal a tha air uabhas obrach a dhèanamh fad a beatha as leth na Gàidhlige.

(b) Feachd a measg 12-15 bliadhna dhaois ann an sgoil Gheàrrloch far a bheil fìor Ghaidhealna mhaighstir-sgoile, Donnchadh MacLeòid as aChóigich a tha ag oibreachadh gu cruaidh is atoirt gach cuideachadh do gach gnothaich a bhuineas don Ghàidhlig anns an sgìre.

(c) Feachd 8-12 bliadhna dhaois ann an sgoil Gheàrrloch a tha cho deònach air aGhàidhlig is pìobaireachd ionnsachadhs gu bheil iad atilleadh an déidh àm na sgoile airson leasanan. Is nuair a tha mi afaicinn aghinealaich a tha ag éirigh suas cho dùrachdach air an cainnt mhàthaireils na cleachdainnean Gaidhealach, bu mhiann leam cur fo chomhair am pàrantan agus an linn dom buin mise na faclan aigFionnnach maireann ann an òraid do na Gaidheil ann an 1908

Cuimhnich orra-san a thignad dhéidh is dèan buil cheart de na fhuair thu, oir ma leigeas tu a dholaidh an oighreachd luachmhor so, éiridh ginealach as do dhéidh a mhallaicheas thu airson mar a chuir thu a dhìth oighreachdChlanna nan Gàidheal.”

titleOigridh Gheàrrloch ’s a’ Ghàidhlig
internal date1960.0
display date1960
publication date1960
level
reference template

Ceiteirein NicMhathain in Gairm 32 %p

parent textGairm 32
<< please select a word
<< please select a page