[329]

Ad A Bhuairidh

MAIRI TAILLEAR

BHA cuairt Pheigi agus Annaig an Obaireadhain gu bhith seachad, agus na sporanan aca air fàs glé aotrom nuair a chunnaic iad “SALE” ann an de bhùthan Sràid Sheòrais.

Nam faighinnarsa Peigiad shaor do mmhàthair bhithinn sona. Chan eil tòrr agam dhi agus thubhairt i rudeigin mu ad.”

Steach gun deach iad agus chunnaic iad ach cnap adan air tasdan an . “A chruthaidheachd!” dhéigh Peigi. “Seall an dhubh ud. Nach i bhiodh freagarrach don chaillich, ma tha i mór gu leòr.”

Thug Annag misneachd do Pheigi an ad a cheannachad a bhiodhna bargan air aphrìs a bha sgrìobhtoirreseachd is sia sgillinn.

Ràinig iad fhéin agus an ad Leódhus gu sàbhailte, agus chaith Annag beagan làithean aig dachaidh Peigi mus do ghabh i slighe chun an Taobh Siar.

Bha fàilt banntrach Iain, màthair Pheigi, cho blàths a bàbhaist, measgaichte ged robh i le beagan trod ri Peigi airson cho fadis a thug i caitheadh a cuid sabhaile mhór.

Chòrd na cupanan ùra gu ro mhaith ris achaillich, ach cho luath is a laigh a sùil air an aid bha port eilaic’.

n ceann circ don dcheannaich thun ad?” ars ise.

Is e Annag a fhreagair. “Tha i car math mór do Pheigi, agus is cinnteach gu freagair i sibhse. Nach eil ceann nan Rothach air Peigi cuideachd?”

Chan eil non ciall,” thuirt achailleach, is e placadh na h-aid air mullach a cinn. Móran na bfhaide sìos cha deidheadh i agus cha mhotha bha i tighinn dhi air dhòigh sam bith. Diomb ann no as, cha burrainn achlann-nighean gun bhriseadh air an gàire agus an sin chuala iadCo uaithe air an t-saoghal a thug mo ghineal-sa a bhith cho beag suim man cosnadh?”

Abair cosnadh!” arsa Peigi. “Seachd is sia sgillinn!” Theib i innse eachdraidh fhìor na h-aid, ach bha fhios aice nan innseadh gum biodh a dubh thuice airson rud cho suarach a thoirt don àrdaich.

nochd asteach sna focal ach Mòr Dhonn, le muga blàthaich.

Fàilte air na siubhailearan,” ars ise, agus ationndadh ri bean an tighe: “Meal is caith na cupanan agus an ad ùr a Mhàiri.” Nuair a fhreagair seabhadair na h-aid, “Ge be chaitheas i, chan e mise,” thuig Mòr nach robhn ad freagarrach agus thubhairt iNach bochd gu bheil am bodach agamsa air mothachadh lìonmhorachd nan ad san tigh. Chan eil ach on dubhairt e rium gur ann aige bhitheadh an aoil bheatha nam biodh boireannach mu choinneamh gach ad san àrdaich. Mur a be sin cheannaichinn sabhad i.”

Air sàil Mòir thainig Niall Mór, bràthair Màiri, le gad leóbaigna làimh, agus an aoighealachd àbhaisteachna ghnùis.

An déidh fàilte chridheil a chur oirre fhéin agus air Annaig thionndaidh e ri phiuthar agus thubhairt e— “Bithidh sibh ag iarraidh barrachd leóbag an nochds an teaghlach air fàs mór.” Dhaithnich e air a freagairt nach robh i air a dòigh: “Tha thus’ ’g iarraidh tuilleadh airgid mar as àbhaist.”


[330]

,” ars esan, “tha dol gad riarachadh. Peigi air a thighinn, mise le gad mór léobag, Mòr le muga blàthaich, agus tha mifaicinn cupanan ùr agus ad ghrinn air abhòrd.”

Thuig e chùis nuair a thuirt Peigi, “Nach garbh a mheud a than cinn nan Rothach co-dhiùbh.”

O ghràidh ortars esan, “an en ad fàth na h-a- sìth.” Air dhà priobadh air Peigi dhfhoighnich e da màthair co mheud leóbag a chosgadh an ad, ’s a shùil innte airson na caillich aige.

Thu féins do leóbaganfhreagair Màiri, is isguabadh na h-aid leatha suas a staidhir. “ ’S mairg a chitheadh spàgaire dhe do leithid acoiseachd ri taobh.”

San dealachadh chomhairlich Niall do Pheigi leigeil oirre gu robh i feir a siubhail agus gun tigeadh fiath. Mar a thubhairt, thachair. Lean Màiri agearain gus an duirt Peigi, “An ainm an t-sealbh eisdibh. Tha mi coma ged bhitheadh sibh féin agus an ad an tòin Tigh Eitheasaidh.”

Dhisd an trod an uair sin agus chaidh cùisean na fàrdaich air adhart gu dòigheil.

Lana mhàireach bha bean an tighe ann am fonn math nuair a nochd i le cupan tea. “Na cairichibh,” ars isegus an àill leibh féin. Tha mise falbh suas am baile air ceann gnothaich agus thig mi aig meadhon .”

Cha robh meadhon glé fhad ás an uair a ghluais iad, agus dhfhàg sin iad cho trangs nach robh sìde aca fiùs ainmeachadh cuspair na h-aimhreit.

Ameasg nan ultaichean leis an do chuidich Annag Màiri on bhus, chunnaic iad ach poca na h-aid! “Carsonarsa ise, ’s a h-aghaidh air Peigi, “nach deanadh tu fhéin do ghnothaich cho toinisgeil ri do mhàthair?”

Amach as aphoca thug i ad bhriaghavelour. ” “Sin agaibh ad!” dhéigh i gu greadhnach,” ’s cha do phàidh mi sgillinn ruadh oirre.” “Mo chreach-sa thàinig,” arsa Peigi. “ ’S cinnteach nach do dhiarr sibh a leithid sin a dhad an iomlaid na te shaoire.”

Cha tig do chreach a chaoidh tromhams’, mo chaileag,” fhreagair a màthair. “Eisd ri deireadh mo sgeòil agus thoir fainear.”

An sin dhinnis i dhaibh mar a thug in ad gu a deagh bhana-charaid am bùth nan adan. Ged a dhfhàg i phrìs oirre, thairg abhana-cheannaiche dusan tasdan oirre, ag ràdh gum biodh moit gu leòr air te-eigin leatha nuair a dheidheadh loinn oirre le beagan fhlùraichean, agus nach cailleadh ise sgillinn oirre.

Air dhaibh foighneachd prìs na tevelour, ”thuirt Màiri, “Bhiodh i nota paipeir air duine sam bith ach mi fhìn, ach fhuair mise i air sia tasdan deugceithir tasdan agus ad Obaireadhain.”

Tha iomadh sgillinn ruadh ann an ceithir tasdan,” ars Peigi.

Gu ,” fhreagair a màthair, “bàill leatha an dusan ugh àbhaisteach nan t-airgead.”

What per cent. profit? ”dheubh Annag, le lachan mór gàire. “Coma leibh de Bheurla an duine dhuibh,” thuirt achailleach. “Càite bheil mo bhiadh? Cha bheathaich ad ‘velour’ duine.”

titleAd a Bhuairidh
internal date1960.0
display date1960
publication date1960
level
reference template

Màiri Tàillear in Gairm 32 %p

parent textGairm 32
<< please select a word
<< please select a page