“Fas Is Crionadh”
IAIN MACARTAIR
BHA dìreach càil an latha glas earraich ann an uair a smuaislich Dòmhnall as a chiad chadal. Chitheadh tu a leus air uinneig na cùlaiste, ged nach robh a shoilleireachd fhathast air fuadach sgàil nan cùiltean no a’ foillseachadh doilleireachd an tughaidh. Ach bha eadar-sholus na madainn earraich mar eadarsholus an fheasgair fhoghair—mar chloich le gleann. Shìos aig an teine chitheadh e breacadh deirgead air oirean nam fàdan tasgaidh is duibhead a’ choire an achlais na griosaich. Chitheadh e gilead na beinge is an lìon-càraidh a’ taomadh bho spàrr is a’ cuaileanachadh anns an oisein aice.
Thilg e dheth a’ chuibhrig, thog e chuid-aodaich fo achlais is, ás a leine, shnàig e sìos seachad air leabaidh athar ’s a mhàthar. Bha a chridhe ’na bheul gum fidreadh iad e ach cha do ghluais iad, is srann aig athair a chuireadh na h-eich as a’ choirce. Nan caidleadh an cù a nis! Ach aig dorus an tallain thòisich an sporghail is thainig Oscar a chur furan na maidne air, ’ga shearradh fhéin is ag imleachd aghaidh. Bhrùth Dòmhnall air falbh e le “laigh ” fo anail is liùgair an cù asteach fo ’n bheing air ais.
Chaidh Dòmhnall ’na chuid-aodaich cho luath is a dheidheadh aige air, is a’ dol a null chun an dreasair a bha ris an tallan, thog e làn pòla bainne-togalaich as a’ mhèis is chuir e slige barra as a’ chrogan ruadh ’na cheann. Fhuair e truibhle aran-corca is shlìb e cnuaic ime air le òrdaig mhóir dìreach mar a bha cuimhne aige a sheanmhair a dheanamh. Shluig e sin mar an sùlaire oir bha cabhag air, is lorg e am bonnach-lice tiugh eòrna a chaidh a bhruith ri cloich an cois na grìosaich air tàille nan caorach a bha gu breith, is chuir e ceathramh dheth ’na phòcaid.
Bha e deis a nis, is bha thìde aige chasan thoirt leis air neo bhiodh cuideigin eile roimhe aig na caoraich. B’ e àm nan uan a bh’ ann, is bha ugh mu choinneimh gach caora le duine eile a gheibheadh tu air ùr-bhreith, is bha strì mhór ach có bu mhotha a gheibheadh. Cha do rinn duine de na balaich a’ chùis airsan fhathast.
Thàinig grìs fhuachd air an uair a dh’ fhosgail e an dorus is bha a’ mhadainn na bu duirche na shaoil leis a bhiodh i, ach bha deagh fhios is cìnnt aige dé an taobh a stiùireadh e. Dh’ fhàg e an raoir iad an cliathaich Hòl ann an ciaradh an fheasgair is ged a bheireadh corra chaora leis a’ mhulad astar math aisde cha bhiodh gin aige-san a dheidheadh na b’ fhaide na Allt-na-Muilne co-dhiùbh. Bha caoraich a’ bhaile air an toirt gach oidhche steach air na crìochan is mar a bha a shùilean a’ co-fhreagairt na doilleireachd chitheadh e geal an sud ’s an so iad. Ruith e ach am fàsadh e blàth is mar a bha e teannadh ris an treud dh’ eubh e “ciora; ciora.” Thainig mèile chuige an sud ’s an so as an aon chròiligean is rinn e air an eubha.
Cha robh aon aca a nis nach tàinig ’na choinneimh, ceum stadach, teadhaireach aig an fheadhainn le uain, is ceum glan, siùbhlach aig an h-òisgean. Ach bha aon a dhìth air, a’ chaora chùlanach a chuir athair air a sheilbhidh fhéin. Bha i air a’ chiad uan is bha tìde ann. Chunnaic e pìos bhuaithe i is i ’na slaod ’s a casan sìnte bhuaipe. Thog i ceann is thug i an t-sùil thiamhaidh sin air an uair a sheas e os a
Pìos air falbh bhuaidhe bha caora le Dòmhnall Choinnich ag imleachd an uain is esan a’ strì ri dhol air na casan fada, camagach, nach giùlaineadh fhathast cudthrom a chuirp. Chaidh Dòmhnall suas thuige. Uan fireann! Cha b’e dol á caoraich mult ach b’e dol á clòimh e. Bha ugh na breacaist aige co-dhiùbh.
An uair a thìll e air ais bha uan brèagha, boireann aig a’ chaora aige fhéin. Bhuic e leis a’ ghàirdeachas is dh’ fhalbh e ’na dheann a’ dol a dh’ innseadh d’ a athair, ach bhuail e chuige gu robh a’ chaora fhathast ’na sìneadh is nach tug e càil dhi. Thill e rìs, bhris e pìos bonnaich ’na phòcaid is chùm e rithe e ach cha leagadh i beul air. Dh’ fheumadh i dhol air a casan co-dhiùbh oir b’ e sud a’ chiad rud a chaidh a chur roimhe le athair a bu chòir dha dhèanamh is b’ e a’ chiad rud a dheanadh e fhéin an còmhnaidh. Cha robh e ro chìnnteach carson, ach chan fhaodadh tu a fàgail ’na sìneadh. Rug e air dhà adhairc oirre; “Eirich, a chiora, éirich!” ach le aon spìonadh thug i a ceann as a làmhan. Chaidh e gu cùlaibh is dh’ fhiach e ri a togail ach cha robh e ach na naoi bliadhna is cha deidheadh aige air. Chaidh e ’na bhòilich an uair a dh’ fhidir e gun deanadh i chùis air, is thòisich e draghadh ’s a’ bruthadh ’s ag eighachd ’s na deòir ’na shùilean leis an eagal is an tàmailt. Leig e fead, ma b’ fhìor, air Oscar, ach ged a chlisg càch cha do chairich ise. Thug e an ath stair air a’ draghadh ’s a’ bruthadh. Shuidh e mu dheireadh is glug a’ ghuil ’na amhaich, anail ’na uchd is fallus a ghruaidh is na deòir a’ dalladh a fhradhairc.
Bha e ’na shuidhe mar so car ùine, a’ strì ri cumail air, an uair a leig a’ chaora mèile chràiteach aisde. Sheall e rithe is bha ceann an ath uain air nochdadh. Leum e àirde fhéin—dà uan gu bhith aice! Is ann aige a bhiodh an naidheachd dhachaidh ach cha thogadh athair a chrot ris: “Tha aon fhéin cus is na thogas caora an t-sléibhe,” ’s e chanadh e. Mà thà mo thogair, bha bainne gu leòr aice, is bha an dà bhoin a’ bleoghan. Cha robh ach an ath stair a thoirt a’ buachailleachd.
Mhothaich e an sin nach robh an t-uan a’ tighinn ceart; cha robh tighinn ach an ceann is aon chas, is bha a’ chaora ’na h-éiginn. Thruisich e a dhà mhuilchinn is chaidh e air a dha ghlùin. Gu h-athaiseach, ciùin, mar a chunnaic e bhith dèanamh, bhrùgh e an ceann air ais le aon làimh is leis an te eile thòisich e ri lorg na coise eile. Fhuair e i is thug e air adhart i na bu luaithe na thug athair a riamh oir bha làmh-san cho beag is cho bog airson na cùise. Cha robh aige an uair sin ach feitheamh sgrìoba is beagan cuideachaidh thoirt dhi is bha an dàrna uan air an talaimh.
Bhrùchd gàirdeachas is taingealachd troimhe mar uisge na h-aibhne as déidh na dìle. Sheas e is nigh e a làmhan ann an lòn uisge ri thaobh, a’ faireachdainn cho mór is ged a bhiodh bliadhna no dhà air a dhol ri aois ann am mionaid a thìde. Thug e am bonnach-lice ás a phòcaid is bha am bonnach am broinn na caorach is uan mór, dubh-cheannach, boireann a’ deoghal air gach taobh dhith mus tug e ceum ás dachaidh. Thadhail e a dh’iarraidh an uighe air a shlighe is sìth àraid is riarachadh mór air inntinn.
Bha fead aig a’ bhainne sa’ pheile an uair a thog e an clàimhean ’s a dh’ fhosgail e an dorus. Shìos air an todhar bha a mhàthair a’ bleoghan is bha athair air ùr-éirigh is grìosach dearg aige ri dotail na pìoba an uair a lìrig a naidheachd. “Tha dà uan aig a’ chaora chùlanaich agam fhìn is ’s e mi fhìn thug bhuaipe an dara fear. Sud ugh mo bhreacaist bho Dhòmhnall Choinnich,” ars esan anns an aon anail. Thug athair sùil air. “ ’S math a fhuaras tu” ars esan le fàite gàire air aodann.
Ach theich an fiamh gàire bho aodann athar is sheas e aig an uinneig bhig a’ sìor choimhead ach gun a bhith faicinn, oir ’s ann a bha shùil a steach is thug na chunnaic e dubhachas air inntinn. Bha da fhichead bliadhna nis co-dhiùbh bho sheas esan air stairsnich is an dearbh naidheachd a bh’ aig Dòmhnall aigesan g’ a athair fhéin, is bhiodh e glé iongantach mura robh i roimhe sin aig athair-san ’s aig a sheanair ’s a shean-seanair. Oir bha an caithe-beatha an uairsin neo-chaochlainteach, gun mhuthadh bho àl gu àl ach na bheireadh tìm is aimsir mun cuairt. Mar a bha na daoine a’ crìonadh le aois bha lìnn eile a’ fàs co-ionnan ás na freumhan ceudna.
Ach, an diugh, bha bras-shruth an t-saoghail air siabadh a steach air marbh-shruth tòb na beatha sin is cha robh anns a’ chlachan ach crìonadh gun fàs . . . na h-eathraichean ’nan criathar air an Sgaoilteach is lotaichean bàna is cagailtean fuara. Cha tigeadh tuilleadh bith-beò ás a’ chroit is thigeadh air Dòmhnall, mar air òigridh a’ bhaile, an saoghal a thoirt fo cheann, is a dhol a measg Ghall is choigreach le cànain coimhich agus gu beatha cho tur eadar-dhealaichte ris na b’ aithne dhaibh is far nach biodh móran cothrom aca air a’ mhór-eòlas a dh’fhoghlum iad sa’ chlachan a chur an céill. Nach bu mhath do Dhòmhnall, is a shùilean laiste le ìongnadh breith is beatha, nach robh mothachadh aigesan air a’ chrìonadh is am bàs.
title | Fàs is Crìonadh |
internal date | 1960.0 |
display date | 1960 |
publication date | 1960 |
level | |
reference template | Iain MacArtair in Gairm 32 %p |
parent text | Gairm 32 |