Tigh Còmhnaidh An Innse-Gall 1777
TORMOD MACLEOID.
Bha a’ ghaoth a’ séideadh thar Innse Gall.
Bha na h-eileanaich eòlach air a’ ghaoth.
Thog iad an tighean còmhnaidh, agus gach togalach eile air cumadh iosal rèidh ionnas gun éireadh a’ ghaoth thairis gun mhaille ’s gun deidheadh i seachad gun dlòth tughaidh thoir leatha. ’S ann a shaoiliste le coimhead orra gu robh na tighean a’ greimeachadh gu daingeann ris a’ chruitheachd air eagal ’s gu sguabadh a’ ghaoth á bun iad.
Bha balla an tighe eadar 4 agus 6 troigh a thiughad agus eadar 7 agus 9 troigh a dh’ àirde. Bha aodann a muigh agus aodann a stigh a’ bhalla de chlach nach fhac òrd. Eatorra bha clacha beaga, morghan agus ùir. Bha clachan a’ bhalla muigh air an claonadh gus an t-uisge chur a mach agus bha clachan a’ bhalla stigh air an claonadh chum ’s gun cuireadh iad uisge na tobhtach steach dh’ an a’ bhalla far an sùigheadh an t-uisge air feadh na h-ùireach. Mu dheireadh na 19mh linn bha am balla stigh air a chriadhadh agus uisge aoil neo paipeir sgaoilt ’ga sgeadachadh.
Gu ruig mu thimcheall 1850 b’ ann de fhiodh cladaich a bha cabair an tighe. Bha bun nan casan-ceangail suidhichte air bàrr a’ bhalla stigh. Bhiodh tiughad dà throigh de thughadh air muin nan cabair agus bha liad dha no tri throighean de mhullach a’ bhalla lom. Casan a bha so, bharr na tobht, a bha ro fheumail aig àm tughadh an tighe an déidh na buain agus a rithis mu mheadhon an t-samhraidh nuair a bhiodh na sparran ’ga rùsgadh air sgàth an t-sùithich. Bha an sùithich ’ga sgaoileadh am measg bàrr maoth a’ bhuntàt airson a mhathachadh.
TUGHADH. —Bun a’ bheum eòrna, b’ e sin an tughadh. Bha an t-eòrna air a spìonadh as a fhriamh. An déidh do ’n arbhar uile a bhith teàruint fo shìoman san iodhlann thigeadh latha sgathaidh .i. latha gearradh nam bunan, latha crathadh nam bunan o’n cuid ùir; thigeadh latha tughaidh an tighe, dìreadh suas nan staidhreachan le eallach bhunan, chun na tobhta, far am biodh fear an tigh, a’ sgaoileadh an tughaidh agus ’ga chlapan, leis a’ mhaide slathaig.
Dh’ fheumadh dithis a bhith sìomanachadh an tighe, fear air gach taobh; cha bu mhisd an obair triùir: an trìtheamh fear am mullach an tighe. Bha a’ cheirle shìomain fhraoich neo lùib dh’ an t-sìoman ’ga thilgeadh bho thaobh gu taobh agus acraichean .i. leacan cloiche, ’gan cur anns gach lùib. Bha leac eile .i. clach bun-bac, fo gach acair. Bha clach bun-bac ’na seasaibh air an tobht, sìnte an aird ris an tughadh. Ann an cuid de thighean bhiodh sgrath fo ’n tughadh ri bun-bac. Bha na sgrathan air an cur gu feum mar chòmhdach air bothain, air tighean-chaorach agus air àirigh. Bhiodh luachair mar thughadh air cuid de thighean, bhiodh agus fraoch fhéin.
Bho chionn lethcheud bliadhna b’ ann de chriadh a bha làr an
Tigh Choinnich MhicRuairidh (1777) am Bradhagair, Eilean Leódhuis
LARACH 1777. —Chan e làrach a mhàin a tha ’n so. Tha am balla togte fhathast ionnas gum faicear rian na togalaich. Rinneadh dealbh agus tha a mheud agus a thomhais air. Tha iomall an sud ’s an so a dhìth air an làrach ach rinneadh an deablh iomlan bho beul-aithris san nàbaidheachd.
Tha aghaidh an tighe ris an àirde deas. A cheann ris an àirde ’n ear. Tha uchdan talamhain ag éirigh thun na h-àirde ’n ear-thuath air cùl an tighe a’ cur fasgadh air an tigh bho ghaoith ghreannaich fhuair an earraich.
Bha aithneachadh de leathad air an àilean mu thimcheall an tighe leis an ruitheadh bùrn éirigh no uisge na speur. Cha robh tighinn fodha no thairis air an ùrlar. Bha an làr tioram seasgair fo ’n cois. Cha robh sileadh dubh mu ’n ceann, fhad ’s ghabhtair gu math mu ’n tigh le tughadh tiugh bhunan dubha agus sìoman fraoich na mòintich.
AIG AN TEINE. —Aig an teine: b’ e so meadhon an tighe agus b’ e an teine a theis mheadhon. Bhiodh leac an teinntein daonnan blàth. Mun deidheadh an tigh mu thàmh, bha an teine ’ga thasgadh, b’ e sin, fòid air an sàthadh air an ceann a steach am measg nan éibhleag ’s na luaithre. An àm éirigh sa’ mhadainn bha an luaithre ’ga cur a thaobh, na h-éibhleagan air an cruinneachadh an glaic a chéile, fòid agus caorain mun cuairt agus bha teine lasrach loinnireach ris a thiotadh.
SOLUS. —B’ iad corr-fhàd agus mòine-bhàn tasgadh, ach b’ e an caoran dubh a thogadh solus geal an fheasgair. O shean bha an crùisgean ann le ola éisg agus sifeag luachrach a’ deanamh leus beag soluis. Thàinig an sin an ola ghuail ann a’ làmpa dhubh nan ceàirdean, cumadh cluig a bh’ air an làmpa dhubh agus dubhan àrd an àird aist’ gu a crochadh air taraig no air spàrr. Thàinig an sin làmpa mhór bhrèagha as a’ bhùth (1900-1930). Bha sin Tilley ann agus Aladdin, gus mu dheireadh an d’ fhuaireadh solus an dealain. Bha bho thùs uinneagan tughaidh am bàrr a’ bhalla, agus craicionn glan chaorach orra. Bha sin mìr gloine rithe. Mur a bitheadh leigeadh an toll ceò na mònach a mach.
CULAIST. —Bha cailbh’ fhiodha gu àirde a’ bhalla a’ dealachadh na cùlaist. B’ e a’ chùlaist an àite cadail agus a thuilleadh air leapaichean bha ann cisteachan anns am biodh aodach agus ionmhasan.
LEABAIDH BHALLA NO CRUB. —Cùil a bha so, leth chruinn, 5½ troigh steach dh’ an bhalla, 4 troigh a leud aig a beul, air an làr, agus 3½ troigh a dh’ àirde, aig a beul: casan a steach agus ceann a mach ri blàths an teine. Ceann leac a bh’ air a chrùb. Leac air muin lic ’ga toirt a steach gus an deach an leac-mhullaich orra. Bha seorsa eile ann de leabaidh-bhalla: air fad a’ bhalla. Bhiodh an leabaidh so aon troigh na b’ àirde na làr an tighe, 6 troigh air fad, 5 troigh air leud aig a ceann agus 2½ troigh aig na casan. ’S e ceann leac a bhiodh orra. Thainig na leapaichean dùinte fiodha mu 1850 agus chaidh na leapaichean balla á cleachdadh.
Sealladh sìos air leabaidh chruinn a’ bhalla.
TEINE
balla
cinn
casan
Sealladh bho a taobh air leabaidh chruinn a’ bhalla.
làr
cinn
casan
[Dealbh]
Sealladh sìos air leabaidh bhalla air fad a’ bhalla.
TEINE
balla
cinn
casan
[Dealbh]
Sealladh bho a taobh air leabaidh bhalla air fad a’ bhalla.
leac mhullaich
làr
TALLAN. —Bho thùs, an àm nan creach, cha robh air an starsaich ach an Leac Urlarach ’na seasamh taobh nan daoine dh’ an dorus. Bha na daoine agus an crodh steach agus a mach air an aon dorus, dorus beòil an tighe. San dol a mach ’s san teachd a steach bha an crodh a’ tionndadh aig a’ Leac Urlarach; mach tre dhorus an fhosglain, no steach, sìos air an todhair. Linntean an déidh sin, chuirear streath chlach air an starsaich agus an déidh sin leth-bhalla. Ach bha sùil fear an tighe air na beathaichean. B’ fheudair dhà. Lean cleachdadh an leth-bhalla, linntean eile, leis an leisgeul gum b’ fheàirrde an crodh an teine. Chaidh ceud bliadhna seachad agus togail nam bò agus creach nam bailtean gun chuimhne orra nuair a dh’ éirich an tallan suas chun na sparran agus a thugair an teine bho ùrlair an tighe gu taic an tallain, ann an simileir le fàrlus.
AN TIGH UARAICH (E). —Bha dorus an tigh-uaraich fa chomhair an teine. Dh’fhóghnadh blàths agus solus an teine dh’ an tigh-uaraich. Bhiodh leabaidh no dhà ann, tè anns gach ceann dh’fhaoidte, cisteachan eudaich agus ciste mhór le min airson aran agus ciste mhór le càth airson làghan. Bha an trìtheamh ciste mhór le feòil: sia muilt air an sgoltadh air am fad, air am brùthadh air muin a chéile ann an salainn. Ann an ceàrnan de ’n Ghaidhealtachd theirteir tigh-uaraich ris an tigh-bhainne.
SABHAL (F). —Bha dorus an t-sabhail air an todhar. Bha cruach eòrna no cruach choire, tè mu seach, ’ga cur a steach dh’ an t-sabhal. Bha an t-arbhair ’ga bhualadh le sùiste .i. làmhchrann 5′ × 2″ , iall a chraiceann caorach, buailtean 3′ × 2½″ . Bhiodh an sìol air a thiùrradh ri leac an t-sil .i. leac 6′ × 3″ a bha togte air a taobh am balla an t-sabhail chum ’s nach caillear an sìol ann an tuill a’ bhaile. Bha a dh’ àird air dorus a stigh an t-sabhail gum faigheadh duine troimhe le ultach no mùillean arbhair a riarachadh nam beathaichean ’nan tràth
TOLL AN T-SABHAIL. —Ach dorus a muigh an t-sabhail, cha robh ann ach toll: 2′ × 3″ tre an robh an t-arbhar, am bad coirc no am beum eòrna ’ga thilgeadh a steach gu fear a thilgeadh e a rithis gu fear a stéidheadh e. Bha toll an t-sabhail ’na tholl mar so bho linnteann nan creach. Ged nach robh creachadh ach ainneamh an Innse Gall bho thogadh na daoine gu Blàr Allt Eireann (1645), lean e ’na chleachdadh bhith deanamh toll an àite dorus. B’ e cuimse lughad an tuill nach fhaighte seice sìl a mach troimhe. Tha sabhal togte fhathast agus arbhar ann gach foghar, sabhal a thogadh ann an 1900. ’S e toll 2′ × 3″ th’ air. An cleachdadh a’ leantainn còrr air 200 bliadhna gun aobhar. Nuair a bhiodh an t-arbhair a stigh dhùnadh an toll le clachan, cha robh còmhla ris.
Cha robh e comasach do ’n teaghlach ultach no eallach droma thoirt a steach tre tholl an t-sabhail. Cha bu mhotha bha rian aig luchd nan creach ultach no eallach a thoirt a mach gu h-àraidh ann an dorchadas na h-oidhche, agus an toll dùinte le balla cloiche.
AIR AN TODHAR. —Bha dà thrian de ’n tigh aig a’ chrodh agus trian aig na daoine. Bha na daoine agus an crodh fo na h-aon chabair, air faiteas nan creach. Air cho bochd ’s gun robh an dachaidh bha stéill a’ chruidh ann agus sabhal arbhair gu am beathachadh. Mur a bitheadh
TUATH
ear
iar
BEULTHAOBH DEAS
SABHAL
TAIGH
FOSGLAN
SEALLADH TROIMHE
Rannan an tighe:—
A aig an teine.
B cùlaist.
Bi crùb, no.
Bii leabaidh bhalla.
C cailbhe.
D tallan.
E tigh uaraich.
F sabhal.
G air an todhar.
Gi stéill.
H fosglan.
I àth.
J tigh falaich.
K dorus beòil.
L toll an t-sabhail.
M toll-each.
O teine.
sin ann cha bhiodh san fhàrdaich ach bothan mar a chìtear aig seana dhaoine bochda laga gun chrodh gun chaoraich gun raon gun fhearann.
Bha gach beathach mairt a bh’ air an todhar ceangailt air stéill le smeathag mu h-amhaich. Bha bun nan stiall daingeann san làr ’s am bàrr ann an lùib a chasa-ceangail. Bha cothrom aig an smeathag èirigh mu thimcheall na stéill mar a bha an todhar ag éirigh leis na bha an crodh a’ cur ris agus an talamh a bhatar a cur a steach airson an cumail tioram. Mun tigeadh an t-earrach bha an todhar cho àrd ’s gum biodh adhaircean a’ chruidh toirt brag air na casan-ceangail. Bha fear ann, ’s cha b’ aonfhear, agus thàinig air an tughadh fhosgladh do chinn a’ chruidh.
Bho chionn fhada cha robh e ceadaichte talamh a chur a steach a measg an todhair. Bha san àm sin staran leacan ris an abairear Leacan Seisearachd a’ falbh bho’n a’ starsaich gu ruig an toll-each. Fòpasan bha sùgh an todhair a’ ruith chun an toll-lodain ’s mach air tòin an tighe.
An àm obair an earraich bha an toll-each ’ga fhosgladh an tòin an tighe, ’s bha an capull-uallaich le chuid chlèibh a’ cur a mach na h-inneireach. Linntean an déidh sin bha cart aca. Am fear aig nach robh each no cart b’ fheudair dhàsan an todhar a chur a mach air a dhruim fhéin, agus nuair a bha an todhar gu léir a muigh, bha an toll-each, no mar a theireadh cuid, an toll-inneireach, air a dhùnadh mar a bha e, le balla cloich, airson bliadhna eile.
FOSGLAN (H). —Bha am fosglan a’ cur dìon air an tigh. Bha àite ann dh’an each. Bha àite ann dha na h-òisgean. Bha cùil ann do fheamainn a’ chladaich air an robh meas aig a’ chrodh. Bhiodh srathair ann, ’s cléibh, ’s cliath, cas-chrom, cas-dhìreach, plocan, ploc-lomaidh, agus iomadh treallaich a bhitheadh goireasach do dhaoine bha strì ri muir ’s ri tìr.
DORUS BEOIL (K). —An dorus a muigh, agus dà dhorus eile; dorus a stigh an fhosglain agus dorus a stigh an t-sabhail, b’ e iad sin na trì dorsaibh tre ’n coisicheadh fear ’na sheasamh. Nan cuirte casg air coigreach coimheach aig an dorus a muigh cha robh bealach eile air an coisicheadh e steach do ’n fhàrdaich. Ma bha e an dùil èaladh a steach a dh’ aindeoin b’ ann air a chnàmhspogan a dh’ fheumadh e gluasad agus cha bhiodh dìth fàilte roimhe ’s e snàgadh a steach an comhair a chinn, ann an dorchadas na h-oidhche, bhiodh di-bheatha roimhe.
AN ATH (I). —Mu thimcheall 1900 cha robh àth air a suidheachadh an ceann tighe no an ceann sabhail, ach tha e soilleir gu robh an àth aig ar sinnsearachd ceangailt ris an dachaidh. Bhiodh teine mór anns an teallach, teas mór agus deatach suas an sòrn gu ruig an surrag far an robh an tìoradh a’ cruadhachadh. Bha an àth buailteach a dhol ’na teine. Nan deidheadh an àth ri teine dheidheadh teine ris an tigh. Air an aobhar sin thogadh na h-àthan mu dheireadh a bha togte astar bho ’n tigh.
’S dòcha nach e àth a mhàin a bh’ ann. Bha cùil-thigh an ath-dhorus ris an abarar an tigh-falaich. Cha robh feum aig àth air tigh falaich. Tha san amharus mar sin gur iongantach mura biodh an àth an dràsd agus a rithist ’na tigh-staile, ach chan fhaoidite luaidh a thoirt air ainm tigh-staile bho an uair a sgaoil sgaoth dhubha dhorch de ghàidsearan air feadh na dùthcha.
AN TIGH FALAICH. —Bho ’n taobh a muigh cha shaoileadh duine gu robh àth ann. Cha b’ e a bh’ ann theireadh tu ach ceann an t-sabhail. Mar an ceudna bho ’n taobh a muigh theireadh tu gum b’ e ceann an tigh-uaraich bha san tigh falaich. Ged a thigeadh tu steach dh’ an tigh uaraich, ’s cha chuirte bacadh air neach tighinn a steach, chitheadh tu balla cruaidh chlach romhad: leac mhór àrd a bha dhith féin ach beag lìonadh balla ceann an tigh uaraich. Bha an leac cho mór is ged a bhiodh i ’na laighe air an raon gun toireadh i an dùbhlan do thriùir dhaoine car a chur dith le geamhlag.
Do dhaoine a bhitheadh an teagamh b’ e ceann an tigh uaraich ceann crìch an tighe dha-rìribh.
Bha i mar mhìr de ’n chruthachadh mhór fhéin, nach caraicheadh, neo-ghluaisteach daingeann sìor. Dé a bha gu bhith air cùl a leithid sud de chloich? ’S ged a bhitheadh cionnas a gheibheadh neach mu chuairt oirre no fòipe no os a cinn? Cha robh rian air. Bha an leac a’ lìonadh ceann an tighe. B’ e sud a chrìoch, gu deimhinn b’ è.
TUILL CRUBAIDH. —An toll a bh’ eadar a’ chùlaist agus an àth b’fhurasd fhalach le mìr de dh’ àirneis an tighe .i. ciste mhór na mine. An toll crùbaidh a bh’ eadar an àth agus an tigh-falaich, bha esan mar an ceudna furasda fhalach le seice gràin no connlach ’na sreithig air muin slinnteach na surraig. Bha toll a muigh na h-àthaidh mar a bha toll an t-sabhail, dùinte le clachan, nuair nach bidhte cur feum air. ’Se sin, nuair nach biodh an àth air ghleus.
A nuas gu linn Napóleon b’ ann le airgead an uisge bheatha bha móran de na h-eileanaich a dìoladh màl an fhearainn; le airgead an uisge-bheatha agus le feòil agus le min agus le ìm; feòil is min is ìm, thuilleadh air airgead. Cho fad air ais ’s théid cuimhne agus beul aithris bha e ’na chleachdadh a bhith deanamh uisge beatha agus ged a bhà, mu dheireadh, na gàidsearan a’ tighinn agus a’ dol air an cuairt, cha tigeadh iad gun fhios. Cha robh carbaid siùbhlach aca, ’s ged a bhiodh, cha robh ròidean ann. Cha tigeadh marcach air each air luathair tarsainn mìltean de mhòintich bhog réisg.
Bha sùil cuideigin air gach bealach air am faodadh gàidsearan teachd. Nan deanadh gach neach a dhleasdanas, nam biodh gach cleas air ghleus, cha lorgadh na gàidsearan nì. Nan gléidhte an dorus beòil cha robh e comasach do choigreach tighinn a steach don fhàrdaich ach le cead an teaghlaich; cead mar a thug Dòmhnall mac Iain Bhàin, nuair a thogair e cead a thoirt.
Thainig na gàidsearan air fàire gun fhios. Chuir Dòmhnall a bhràthair Iain gu àrd-doruis an doruis bheòil le clach mhór mhuil ’na làmhan agus lasadh coimheach fuar feargach fuathach air a bhathais agus le earalas rinn e na gàidsearan a chumail a muigh gus an cuireadh an teaghlach an t-uisge-beatha air falach.
Nuair a bha gach nì réidh, tháinig Dòmhnall a mach le aghaidh chaomhail choibhneil chàirdeil chridheil agus chuir e fàilte air na daoine uasal a bh’ aig an dorus agus dh’ iarr e steach iad gu biadh agus blàths an tighe. Sheall iasdan an àirde gu h-amharusach ri fear feargach na cloiche muile a bha shuas air an tobht. Sheall Dòmhnall suas agus thuirt e “cha dean esan cron air duine, chan eil ann ach amadan.” “Cia ’s ainm dha?” ars iasdan. “ ’S e is ainm dha Blaghastair, ’s leig am baile thairis e.”
title | Tigh-còmhnaidh an Innse-Gall 1777 |
internal date | 1960.0 |
display date | 1960 |
publication date | 1960 |
level | |
reference template | Tormod MacLeòid in Gairm 32 %p |
parent text | Gairm 32 |