[363]

An Sgeilp Leabhraichean

Tales From Barra Told by the Coddy,deas. le Iain L. Caimbeul, clò-bhuailte le W. & A. K. Johnston, agus G. W. Bacon Ltd., 10/6.

Tha cuimhne mhath agam fhathast air an t-uabhas a ghabh mi o chionn iomadh bliadhna agus ban-charaid dhomh an ceann a deas Shasainn asgrìobhadh gu h-athair a bha air chuairt am Barraidh, agus be an seòladh a bha air céis na litreachTigh aChoddy.” Bha min dùil gur ann a bha i air i fhéin a chall, achs e bha maol mise. Cha robh Coddy ann ach an aonfhear.

Thugadh an Coddy mar fhar-ainm air Iain Mac aPhearsain agus ena bhalachan òg, agus mar is minig a thachras anns na h-Eileanan lean e ris fad a bheatha. Rugadh is thogadh e am Barraidh, agus bann an sin a chaochail e sabhliadhna 1955 adolna cheithir fichead bliadhna. Bha ena dhuine tùrail toinisgeil aguss iomadh seòrsa obair anns an robh en sàsna labha ena iasgair, ’na cheannaiche-marsant, ’na cheann air oifis-postachd, agusna bhall de Chomhairle na Sgìre, agus de Chomhairle Siorrachd Inbhir-nis.

S iomadh neach a ni toileachas ris an leabhar so, chan ann a mhàin Gaidhealtachd na h-Alba ach an iomadh ceàrnaidh air feadh an t-saoghail, oir bha Tigh aChoddyna cheann-uidhe aig móran samhradh an déidh samhraidh. A chùl air bòidhchead an Eilein, bha aoidhealachd agus coibhneas an teaghlaich atarraing luchd-tadhail, agus bha fear-an-tighena sheanchaidh sònraichte, agus measail cuideachd aig luchd-ionnsachaidh na Gàidhlige.

Tha còrr is tri fichead sgeulachd air an toirt am follais le Fear Chanaidh mar a chaidh an aithris facal air an fhacal leis aChoddy saBheurla, oir bha e cheart cho fileant sachainnt sins a bha e an cànan a shinnsearan, Tha móran chuspairean air an togail san leabhar, agus ma tha ùidh aig neach an eachdraidh, am beul-aithris no ann an seann uirsgeulan nan Gaidheal gheibh e an so gu leòr a chòrdas ris. Tha seanchasan éibhinn ann mu dhaoine air an robh e eòlach, agus nach cuala mun Pholitician, an soitheach a chaidhna clàran le luchd uisge-beatha faisg air Eilean Erisgeidh an 1941? Cha bann a h-uile bhiodh Mòd aig Mac an Tòisich. Bha an Coddyna shùil-fhianuis air an othails an ùpraid a bhann, aguss ann dha fhéin a thigeadh a dhol a dhinnse mar a bhà, agus fhacal an còmhnaidh cho faisg air. Tha e toirt ionnsaigh cuideachd air ainmean àitean, agsu seanchasan gasdanan cois, agus air cuid de na Naoimh aig an robh dlùth-cheangal ri Eilean Bharraidh. An toiseach an leabhair gheibhear geàrr-iomradh cothromach on Fhear-Deasachaidh air seann eachdraidh an Eilein a tha cur soluis air na leanas, agus notaichean fiachail air an co-chur ris na sgeòil. Tha sinn uile an comain an Fhir-


[364] Deasachaidh airson a churnar tairgse an clò cho grinn agus aig prìs air an ruig gach sporan.

A. N. N.

title1
internal date1960.0
display date1960
publication date1960
level
reference template

A. N. N. in Gairm 32 %p

parent textAn Sgeilp Leabhraichean
<< please select a word
<< please select a page