Tàintean: Iris Bhliadhnail Sgoil Lìonail (2/ - ).
Tha sgoilearan òga Lìonail fortanach. “Aoibhinn beatha an sgoileir” an duirt an dàn Eireannach, agus gu dearbh tha coltas an aoibhneis air an leabhar bheag thaitneach a tha a nise air nochdadh an dàrna bliadhna an sgìre Nis an Leódhus. Tha coltas an dealais air an luchd-teagaisg cuideachd nuair a tha iad a’ brosnachadh nan sgoilearan gus a leithid so a sgrìobhadh ’s a chur an clò.
Tha clann de gach aois bho shia bliadhna gu cóig bliadhna deug am measg an luchd-sgrìobhaidh, is tha e glé choltach gu bheil a’ Ghàidhlig cho math ris a’ Bheurla a’ faighinn cothrom na Féinne anns an sgoil so. Uaireannan tha na dhà am measg a chéile: “One day I saw him running out with no bonnet and he has a mashavullich. ”Sgeulachdan is bàrdachd, aoireadh is fealla-dhà, deilbh is sanasan-reic, sìmplidheachd is eirmseachd, tha gach seòrsa ann an Tàintean. Faodaidh sluagh smiorail nan gu gaichean a bhith uasal ás an àl a tha iad a’ togail.
Chun urra mi gun rann de ’n bhàrdachd aig Geinidh a thoirt dhuibh mus dùin mi an leabhar. Tha e coltach gun dh’ fhàg a bhith ag obair air tir-mór laigse ann an stamaig a’ bhàird. So am biadh coimheach a rinn an call, mar a rinn e air iomadach fear:
Feòil nan canastairean gu leòr ann
Stad ’nad fhiaclan ’s ’na do sgòrnan,
Tha sinn an dòchas gun cluinn sinn tuilleadh bho Gheinidh, agus bho’n àl òg a tha ag éirigh ann an sgìre Nis.
R.McT.
title | 2 |
internal date | 1960.0 |
display date | 1960 |
publication date | 1960 |
level | |
reference template | Ruaraidh MacThómais in Gairm 32 %p |
parent text | An Sgeilp Leabhraichean |