“A Croft in the Hills”le Catrìona Stiubhart. Clo-bhuailte Oliver & Boyd. 12/6.
Thug mi an dara sùil air an leabhar so an uair a mhothaich mi gun do sgrìobh Niall Gunn an roimh-ràdh. “Huh-huh” arsa mise riùm fhéin “an turus mu dheireadh a chunnaic mi Niall bha e a’ bòideachadh nach robh e a’ dol a sgrìobhadh aon fhacal gu bràth tuilleadh. Gu dé a thainig air?”
An uair a leugh mi an leabhar thuig mi air ball gu dé a thàlaidh e. Tha an leabhar, ann an iomadh dòigh, coltach ri feadhainn de na leabhraichean aige fhéin, gu h-àraidh“Off on a boat. ”Chan eil an sgrìobhadh cho math. Chan eil an smuain cho domhainn. Ach tha sìth anns an leabhar. Agus tha e onarach, rud nach eil iomadh leabhar mu’n Ghaidhealtachd.
“Tha cuimhne agam ” arsa Catrìona Stiùbhart air a’ chiad duilleig “air aon là ré a’ chogaidh an uair a bha mi a’ coiseachd sìosOxford Streetann an Lunnainn mar a theib mi tuiteam fo chasan an t-sluaigh a chionn ’s gu robh mo shùil fada air falbh, air lochan liath air a’ Ghaidhealtachd, agus mo chuinnleanan làn de fhàileadh an fhraoich . . . .”
Tha i ag innse mar a bha am baile mór ’ga tacadh—i fhéin agus a fear. Mar a ghluais iad gu baile beag ann an ceann-a- tuath Albann, agus mar a fhuair iad am baile beag na bu mhiosa buileach. Ach aon là chunnaic iad ann am paipear naidheachd gu robh tigh ’ga reic faisg air Druim-na-Drochaid. Chaidh iad a choimhead air. Chòrd e riutha. Agus air ball leig Seumas dheth a dhreuchd agus cheannaich iad an tigh agus a’ chroit a bha ’na luib.
Bha an tigh gun uisge phìoban, gun solus. Bha an talamh garbh. Bha iad le chéile gun eòlas air tuathanachas no air spréidh. Ach, leana beag is beag, chuir iad gach nì an òrdugh: cheannaich iad mart (a b’ fheudar dhoibh a reic air ball an uair a lorgadh a’ chaitheamh innte) agus gobhar (a ghoideadh an t-aodach far an t-sìomain agus nach toireadh drùbh bainne) agus àl iseanan a chaill iad leis an fhuachd. Ach dh’ ionnsaich iad, agus tha iad an diugh air an deagh shuidheachadh le spréidh luachmhor agus le talamh torach.
Chan eil an sgrìobhaiche a’ deanamh lughadachadh air cho duilich agus a tha beatha na dùthcha, ach tha i a’ bòideachadh nach tilleadh i fhéin no a teaghlach do ’n bhaile mhór air dad a chunnaic iad riamh. Tha a sùil geur agus tha i glic anns gach breith a tha i a’ toirt. Chan i so idir té a chì sìthiche air gach bealach; an uair a chì i bealach chan fhaic i air ach caoraich no feur. Mholainn an leabhar so do leughadairean Gairm uile. Còrdaidh e riutha.
F. McD.
title | 3 |
internal date | 1960.0 |
display date | 1960 |
publication date | 1960 |
level | |
reference template | Fionnlagh MacDhòmhnaill in Gairm 32 %p |
parent text | An Sgeilp Leabhraichean |