[288]

Eunabal (Embo)

ALASDAIR CALDER

ANN am fichead bliadhneile cha bhi Embo ann.” Sin agaibh mar a labhair aon de bhuill Comhairle Riaghlaidh Chataibh ann an 1950, agus gu dearbh, aig amannan, tha sinn ullamh air a bhith acreidsinn gun tig a bhriathran fìor agus gun teid am bail-iasgaich so a bha aon uair cho ainmeil air an aon slighe ri iomadh baileile anns aGhaidhealtachd. Ann an coimeas ri móran de bhailtean Gaidhealach, chan eil Embo ach òg, oir chan eil iomradh againn air fiù aon tigh anns acheàrn so roimh fhuadach an t-sluaigh, no na “Clearances” .Mar tha fios agaibh shuidhich Diùc Chataibh móran de ’n t-sluagh a dh’ fhuadaich e ás na glinn air airthir na siorramachd. Rinneadh fàsach bheanntan agus mhòintichean den achuid mhòir den t-siorramachd, agus bha na croitearan bochdamóran diubh aig nach robh eòlas sam bith air iasgachdair an suidheachadh air fearann cruaidh creagach ri taobh na mara.

Be clann Mhic Aoidh á Gruimbeg ann an Srath-Nabhair achiad luchd-còmhnaidh a bha ann an Embo agus tha achiad tigh a chaidh a thogail fhathastna sheasamh agus MacAoidh agus a theaghlach acòmhnaidh ann. Lean iomadh MacAoidh eile achiad teaghlach a thainig do dhEmbo air chor is gun robh am baile air ainmeachadh orra— “Baile Chlann MhicAoidh.” Do bhrìgh is nach robh talamh aca a ghabhadh àiteachadh, thionndaidh iad don mhuir agus le dol seachad nam bliadhnachan thainig sluagh am follais a dhearbh iad féin mar iasgairean fulangach, calma agus comharraichte. Bha na daoine sin air ais agus air adhart eadar Embo agus bailtean-iasgaich taobh an ear Siorramachd RoisInbhir, Portmahomaig agus Bail’ -an-Todhair. Chan e mhàin gun tug na fir mnathan pòsaidh as na bailtean sin ach thainig fir á bailtean Rois do dhEmbo a dhiarraidh bana-chompanaich a bhiodh air an ceangal riutha ann an snaim urramach aphòsaidh. Mar sin gheibhear sliochd nan Rosach, nam Frisealach agus nan Cuimeineach ann an Embo gus an lathan diugh.

Bha soirbheachadh leis an iasgach, agus dhfhàs am baile. Ann an 1900 bha àireamh an t-sluaigh mu chóig ceud, barrachd agus a bha ann am Baile Dhòrnaich a tha cho faisg air làimh. Dhinnis am maighstir-sgoile a bha romham agus a thainig do Embo ann an 1902, nach robh bail-iasgaich air taobh an ear na h-Albainn a bha cho soirbheachail ris. Bha eadar cóig agus deich ar fhichead de bhàtaichean beaga ann agus ochd bàtaichean móra a bha adol gach bliadhna do bhailtean-iasgaich Shasuinn agus do eileanan an iar Albainn. Bha an sluagh air leth gnìomhach, agus a dhaindeoin gach cruadail bha iad sònraichte sona. Bha iad beò ann an tomhas mór dhaibh féin, agus bha iad alabhairt an cànain féin. Cha robh aBheurla air a bruidhinn aig leac an teinntein no leis achloinnnan cleasachd aig an sgoil. Gidheadh, cha robh maighstir-sgoile aig an robh eòlas air ar cànan Gaidhealachd anns abhaile gu 1933. Bha sin tuilleadh is anmoch gu bhithag aiseag nam bliadhna a dhith an lòcust.”

Sin mar a bha Embo gus achiad Chogadh. An sin thòisich cùisean


[289] ri dhol air ais. Cho luath agus a dhfhàgadh balach an sgoil, ghabhadh e anns an R.N. R. agus ann an 1914 ghairmeadh seachd ficheads a deich de dhaoinibh òga gu seirbhis rìgh agus dùthcha. Bha móran de na bàtaichean leis an robh iad acosnadh an lòin ann am puirt eile. Cha robh ann dhaibh ach falbh agus cha burrainn do na seann daoine na bàtaichean a thoirt dhachaidh.

Eunabal, bho’n Chidhe

Dheònaich an Riaghaltas na bàtaichean a cheannach airson sgrìobadh nam mèinn. Reic na daoine còire na bàtaichean anns an dòchas an uair a bhiodh an Cogadh seachad, gum biodh enan comas feadhainn eile a churnan àite. Fhuair iad prìs mhath orra, agus chuireadh air leth an t-airgead airson an aobhair a dhainmich sinn. Chrìochnaich an Cogadh ach bha prìsean air éirigh cho àrds nach robh enan comas ceannach agus air sgàth sin thainig crìoch air nam bàtaichean móra ann an Embo.

Ach thill na balaich a bha air falbhnach mór an aobhar iongantais agus molaidh gun urrainn duinn a ràdh gur e a mhàin aon duine den seachd ficheads a deich a dhfhalbh nach do thill, agus chan ann aig muir a chaill e a bheatha ach asabaid air blàran na Fraingeagus chuireadh làmh a rìs ri iasgach nan lìn bheaga agus bha cùisean adol gu math gu 1930. Aig an àm sin bha fir òga Embo air an tàladh do na bàtaichean marsantachd a bha adol do thìrean céin. Cha robh an cosnadh cho cruaidhs a bha e air na bàtaichean iasgaich, agus a thuilleadh air sin, bha iad cinnteach ás an tuarasdal. Lean na boireannaich air a bhith adol gu cutadh an sgadain ann an Inbhir-Uig, ann an Yarmouth agus air taobh siar na dùthcha. Ach cha robh càil sam bith aca a bhith atilleadh don tràigh a thrusadh biadhadh lìn bheaga agus asiubhal nan sgìre le cléibh air an dromannan. A thuilleadh air na nithean sin thainig na bàtaichean sgrìobhaidh no na tràlairean a steach do na bàighean brèagha agus sguab iad leò na bha air na


[290] leapaichean far an robh an t-iasg asìolachadh. Ann an 1937 cha robh ach aon bhàta ann an Embo agus ann an 1939 cha robh a h-aon féin ann. 1818, toiseach abhaile, 1821 toiseach an iasgaich, 1939 bail-iasgaich gun iasgach idir.

Sin agaibhnam bharail-sa na h-aobharan airson dol sìos Embo mar bhail-iasgaich. Ach bha móran de na seann daoine a bha den bheachd nach robh am baile idir freagarrach airson bail-iasgaich agus mar sin nach maireadh an t-iasgach. A rèir na daoine sin, chaidh am baile a shuidheachadh anns an àite cheàrr. Chan eil teagamh nach robh brìgh anns abharail sin oir nan robh am baile air a shuidheachadh aigAPhort Bheagaig ìochdar abhainn Fleet dhfhaodadh gum biodh cùisean na bfheàrr. Airson aon rud tha fios againn gun gabhadh caladh fhreagarrach agus shàbhailte a thogail an sin. Bha na bàtaichean móra ann an acarsaid aPhuirt Bhig mhìle air falbh bhon abhaile. A thaobh nam bàtaichean beaga, cha robh ann ach a bhithgan cur gu sàile agusgan toirt gu tìr leis na làmhan. Agus cha bu shoirbh an obair sin, gu sònraichte anns agheamhradh nuair a dhfheumadh na mnathan na fir a ghiùlan a mach chun nam bàtaichean.

Ged a bi aGhàidhlig cànan an t-sluaigh chan fhaighearnam measg gnàthan cumanta luchd-labhairt na Gàidhlige. Cha robh céilidh ann idir agus cha deach agam air sgeul no òran alorg a thainig gu bith anns abhaile. Cha robh ann ach obair, obair, agus obair chruaidh aige sin. Mar sin cha robh tìm ann airson aigheir agus spòrs ach aig bainnsean agus air aig aBhliadhnUir.

Sin agaibh Embo mar a bhà e. Gu mu dheighinn an an diugh? Far an robh cóig ceud duine chan eil an diugh ann ach beagan is cheud. Càit a bheil iad? Thà ann an Canada, ann an New Zealand agus ann an Ameireaga. Sin far am faighear an dachaidhean. Agus chuireadh coire orra? Chan eil iasgach no obair eile ann gu an cumail aig baile. Tha prasgan beag ann a tha afaotainn cosnaidh aig Bòrd nan Craobh. Tha mu chóig duine deug de na fir as òige air bàtaichean iasgach nam muc-mhara ann an Georgia mu Dheas. Anns an t-samhradh tha móran de na boireannaich ag obair anns na tighean-òsda agus anns na tighean eile a bhitheas agabhail a steach luchd-turuis. A bharrachd air sin, gheibh iad corra cosnaidh aig obair an Earraich agus an Fhoghair. Tha aGhàidhlig an impis a dhol bàs. Chan eil i air a cleachdadh anns na dachaidhean agus is ann ainneamh a tha i air a labhairt le duine fo leth cheud bliadhna a dhaois. ’S e fìor chorra fhacal a tha aig achloinn, agus a thaobh a bhithga teagasg, bhiodh sin cho doirbh ri teagasg cànan nan Ròmanach no nam Frangach. Agus is duilich leam a ràdh nach eil suim aig na pàrantan gu bheil achùis mar so. Gidheadhs e Embo daingeach mu dheireadh na Gàidhlig air taobh an ear Chataibh, ach, och! och! tha na ballachan atuiteams e thana aobhar bròin dhuinn cho beag ag urrainn duinn a dhèanamh mu dheighinn.

titleEunabal
internal date1960.0
display date1960
publication date1960
level
reference template

Alasdair Calder in Gairm 32 %p

parent textGairm 32
<< please select a word
<< please select a page