Banais Aighearach Eile An Eirisgeidh
Le Mgr. AILEIN DOMHNALLACH
“Rhyme made for an elderly couple both of the name of MacMillan who got married in January, 1899. ”
Leughtar sanEriskay Registeran earrann so:—
“Ewen MacMillan, widower, Creagchuilebhrat, and Mary M‘Millan, Ruban, were after due proclamations of banns married by me in the Oratory Ru Ban Eriskay on Tuesday, 10th January, 1899, in presence of Dougal M‘Millan and Marion McRury both of Ru Ban.
ALLAN MCDONALD. ”
Bha ’bhanais so ainmeil aig an àm. Rinn Mgr. Ailein an duan so airson na bainnse:—
Slàinte Eóghain! Slàinte Mhàiri!
’S cha d’ òl mi slàinte b’ fheàrr a chòrd rium,
An aona chùis a tha mi gearain
Nach deach sibh bho chionn fhada còmhla!
5. Bothan réidh is leóbag fearainn,
’S duine fearail chuireadh dòigh air
Miann gach òigh’ a tha san àite-s’ ,
’S a Mhàiri, bhiodh tu buileach gòrach
Nan dianadh tu tuilleadh dàlach
10. Dhol am pàirt ris fhad ’s beò thu.
Nach deach sibh ann o chionn fhada
’S e tha mise faicinn neònach,
Gun fhios dé leithsgeul bha ’gur bacail,
No cur grabadh air ur sòlas;
15. Faodar coire chur air dòchas,
’S ioma cùis a tha ’ga lorg air,
Sibh Chlann ’ic ’Ille Mhìcheil le chéile,
Bhith fadalach bu bheus do ’n phòr ud!
Ach thigeadh dhuinn a bhith ’nur comain
20. Sibh a thogairt a dhol còmhla,
’S ioma fleasgach anns an Eilein
Bha car leasg mu dhol an òrdan;
’S maighdean bha dol far na féille,
Togaidh an leum thug sibhs’ an dòchas!
25. ’S an fhine dha ’m bheil sibh le chéile
Cha bhi éis orra mu chòrdadh,
’S mun tig Carghas oirnn no Inid
Fàsaichear spirisean gu leòr dhuinn,
’S òlar galan leann na dhà dhiu
30. Oidhche bainnse Màiri Móire!
( “Och tha mi creidsinn” arsa Màiri)
’S ann a tha mi ’ga rìribh
Ged nach ìnns’ mi aimn an òigeir.
Is creidibh sibhse, chuideachd rùnaich,
Nach bi Dùbhghall an cùl na còmhladh,
35. ’S bho ’s e th’ ann an duine tùrail
Cha toir e sùil air leòmaig Dhòmhnaich,
’S an luath air Luan ’na gruaig ’s ’na sùilean,
’S a cluasan làn de smùr na mòna!
Ach taghaidh e maighdean cho grinn diubh
40. ’S a chithear an taobh-sa ’n Eòrpa,
Gheibh e ragha am Bun a’ Mhuilinn
Aite fuireach nam ban bòidheach,
’S ma cheannaicheas e bola mine
Bidh ’m “bola” sin aig’ as gach seòrsa
45. ’S math am “bola” far am bì e,
Biodh e dh’Innseineach no dh’ eòrna,
Ach mo bheannachd seachd-fillt’ air a’ bhola
Thogadh dhuinn fhìn anns a’ mhòintich,
Cha tig airc no gart no dìth ort (a Dhùbhghaill!)
50. Fhad ’s ’ios h-aon diu ’nad thigh-còmhnaidh——
’M bodach glas ud, fhios tha greann air,
’S mir’ an dannsa air an òigridh,
’S fheàrr dhomh ceann chur air an rann so,
’S àm dhomh tilleadh far na thòisich!
55. Slàinte Eóghain! Slàinte Mhàiri!
Slàinte ’s fallaineachd dhuibh còmhla!
Buaidh is piseach, rath is sonas,
Inntinn thoilicht’, ’s cuibheas stòrais!
Saoghal fad’ gun dad de thrioblaid
60. Guidhe na cuideachd tha mu ’n bhòrd dhuibh!
’S ged chuirinn anns a’ chrannaig smùid dhiom
Ann an diùmb ri luchd na pòite,
Tràghaidh mi ’n t-slige so gu sunndach,
Ann an dùrachd dha na phòs dhibh.
SANASAN
34. Dùbhghall. B’ e sin a’ cheart fhear ris an do thachair sinn reimhid ann an “Gaisgeach fo Uidheam Réitich,” Dùbhghall Mac Thormaid. Bha ainm air a bhith beagan diùid.
44. Am “bola.” A réir Mhgr. Ailein fhéin “Canar na ‘Bolachan’ ri nigheanan Bhun a’ Mhuilinn aig cho leathan ’s a tha iad.” Tha tri fichead bliadhna bho ’n uair sin, tha sibh a’ tuigsinn.
FEAR CHANAIDH.
title | Banais Aighearach eile an Eirisgeidh |
internal date | 1960.0 |
display date | 1960 |
publication date | 1960 |
level | |
reference template | Ailein Dòmhnallach in Gairm 32 %p |
parent text | Gairm 32 |