Posadh Mairi
AONGHUS T. MACLEOID
CHA robh fhios aig Seònaid bho rian gu dé a seòrsa litir a thug am post thuice bho chionn ghoirid an so. ’S ann a bha i an toiseach de ’n bheachd gur e sumanadh a bha ann airson nach robh i air cìs a ràdio a phàidheadh. Chan e gu robh Seònaid chòir a’ dol a phàidheadh airson an ràdio. Mar a thubhairt i fhéin. “Mar a bheil iad airson mise a chluinntinn faodaidh iad a ghearradh dheth.” Agus bha i fhéin is Curstaidh Néill glé chinnteach nach b’ urrainn dhut a ràdio a chreidsinn, no uaireannan co-dhiùbh. Thainig iad uair no dhà chon a’ cho-dhunaidh nach e an aon rud a chuala an dithis air a ràdio a bha stigh aca. Ach cha b’ e sumanadh a bha so idir ach fiathachadh gu pòsadh Màiri nighean a peathar ann an Glaschu. “Abair pròis,” arsa Seònaid, “ nuair a phòs mi fhìn agus Ruairidh cha robh càil mar so ann.” Cha do thuig Seònaid bhochd air fad gu dé a bha sgrìobhte air a’ chuireadh, gu seachd àraid dé a bha R.S. V.P. a’ ciallachadh, ach bha Ruairidh a’ smaoineachadh gur ann ceàrr a chaidh iad agus gun e R.I. P. a bu chòir a bhith ann—“Write in ink please. ”
Cha tainig smaointinn gu Màiri gun tigeadh Seònaid chun a’ phòsaidh; na robh tha mi glé chinnteach nach robh i air an cuireadh fhaighinn. Ach smaoinich Seònaid gun deidheadh i fhéin is Ruairidh ann chionn bha comanachadh ann an Glaschu an aon seachdain, agus “bha cheart cho math dhuinn seachdain mhath a dheanamh dheth,” arsa Seònaid.
Abair ùpraid nuair a thòisich Seònaid air ullachadh airson a turais. Fhuair i aodach ùr—còta dubh a dheanadh an comanachadh agus am pòsadh, ad liath agus ite bhuidhe innte a bha aig Mèarag Chaluim anns a’ bhùtha bho linn cogadh nan con, brògan dearga agus bucaill ruadha annta bho fhear a chunnaic i anns anExchange and Mart.Fhuair Ruairidh deise ùr dhubh agus brògan buidhe.
Mu dheireadh thall thog iad rithe an déidh a’ bhó agus na cearean fhàgail fo chùram Curstaidh Nèill, ach chan fhaigheadh iad duine aig am fàgadh iad an cù chaorach agus b’ fheudar dhaibh thoir leotha.
Ràinig an triùir aca Glaschu gun tubaist. Bha Màiri ’nan coinneamh (bha i air tulagram fhaighinn anns a’ mhadainn sin fhéin— “Tha miarriving , me andRuairidh”) agus bha sin cho math, oir chaidh Seònaid agus am bodach a thug bhuaipe a ticead a mach air na h-aon deug. Shìthich Màiri i agus dh’ fhalbh i chun an tighe, ach gu tubaisteach chaidh iad suas an staidhre air a’ bhus gus am faiceadh Seònaid am baile na b’ fheàrr, agus nuair a chunnaic Seònaid nach robh ‘sgiobair’ ann, mar a thuirt i fhéin, chaidh i gu ùpraid.
Bha Ruairidh agus Seònaid latha anns a’ bhaile roimh ’n a’ phòsadh, agus a chionn gu robh Màiri cho trang ag ullachadh bha iad air an treòiristean fhéin. Bha Seònaid airson a dhol a thadhal air seann fhear ’ga feadhainn. Dh’ innis Màiri dhi mar a gheibheadh i ann—asubawaymar a theireadh Seònaid fhéin a ghabhail gu Kelvinbridge. Dh’ fhalbh i fhein is Ruairidh agus an cù—am beathach bochd bha e gus a dhol ás a chiall. Chuir Màiri air asubwayiad, ag ràdh rithe fhéin nach b’ urrainn iad a dhol ceàrr, ach is beag a bha fhios aice có bh’ aice. Chaidh Seònaid agus Ruairidh a chath dhith anns an dearbh àite anns an do thòisich iad
Bha e tàmailteach le Ruairidh agus Seònaid a’ tilleadh dhachaidh cho tràth, agus seach gu robh aig Ruairidh ri lìon sgadain a cheannach dh’ fhalbh iad air a tòir. Mu dheireadh ràinig e bùth mhór uabhasach a bha, ann am briathran Seònaid, “na bu mhotha na Eaglais Cheann a Loch.” Dé bha so ach bùth mhór Lewis, agus chuir Seònaid agus Ruairidh seachad am feasgar innte a’ lorg lìon sgadain, rud nach robh innte. Ach gu tubaisteach nuair a bha iad a’ dol a dhèanamh air an tigh ’s ann a leig Ruairidh ás an cù agus e dol a lasadh a phìob, agus an ath shùil a thug e cha robh sgeul air. Sheall iad thall ’s a bhos, shìos agus shuas, a’ faighneachd do dhuine an sud is an so am faca iad “Caileag.”
Mu dheireadh thall thainig àm dùnadh na bùthadh agus cha robh for air a’ chù. Nuair a chaidh Ruairidh agus Seònaid a mach chun na sràide chunnaic iad poilisman an sin agus còta fada geal air, agus chaidh Ruairidh a dh’ fheòrach dheth am fac e Caileag. Cha b’ e freagairt a b’ fheàrr a fhuair e. “Feumaidh,” arsa Seònaid, “gur eCommunista bha ann.”
Cha robh aig Seònaid agus Ruairidh ach a dhol dhachaidh gu trom tùrsach agus an déidh ochd busaichean a ghabhail ràinig iad gu tèaruinte tigh Màiri air an ath shràid.
Bha Ruairidh airson SOS a chur air awirelessairson a’ choin, ach cha leigeadh Màiri leis, ach chuir iad dh’ an a’ phaipear e agus madainn a’ phòsaidh bha fear aig an dorus leis.
Chaidh Ruairidh agus Seònaid chun a’ phòsaidh ann an taxaidh, agus b’ fheudar dh’ an duine a bha leis a’ charbad so a charbad a thionndadh agus a dhol a mach ceann eile na sràide, oir cha deidheadh Seònaid thairis air pìos dh’ an rathad a bha aig a’ cheann eile, chionn gu fac i daoine ’ga chur sìos air latha Sàbaid an uair mu dheireadh a bha i anns a’ bhaile ann an 1926.
Cha robh Màiri air a dòigh an seòrsa aodaich a bha air Seònaid ach cha b’ urrainn i càil a dheanamh dheth. Ach cha leigeadh i leotha an cù a thoir leotha idir. Cha do chòrd an t-searmon ri Seònaid idir. Cha b’ urrainn i faighinn seachad air a’ phiàno a bha iad a’ cluiche anns an eaglais.
An déidh a’ phòsaidh chaidh iad do thigh-òsda mór agus “abair thusa,” arsa Seònaid, “fidenalls.” Bha duine ann thall agus a bhos ag éirigh a bhruidhinn. Cha robh Seònaid gu bhith air a fàgail air dheireadh, agus dh’ éirich i fhéin is thug i facal comhairle air an òigridh agus dh’ innis i dh’ an chuideachd mar a chaidh i fhéin iompachadh leis a’ Mhinistear Ruadh.
Bha Màiri air a maslachadh ach bha ’n còrr gu tighinn. Chuir Seònaid crùn air a h-uile càil a bha ann nuair a shéid i sròin leis a’ phìos pàipeir a bha anns a’ ghloinne air a’ bhòrd.
Ach feumaidh sinn Seònaid agus Ruairidh fhàgail anns a’ bhaile, oir tha iad ann fhathast agus tha e a’ còrdadh glan riutha mura biodh an t-eagal a tha orra gun caill an cù a’ Ghàidhlig.
title | Pòsadh Màiri |
internal date | 1960.0 |
display date | 1960 |
publication date | 1960 |
level | |
reference template | Aonghus T. MacLeòid in Gairm 32 %p |
parent text | Gairm 32 |