T.B. Ann An Leodhus
IAIN M. MACLEOID agus IAIN M. MACMHAOILEIN
THA Màrtainn Màrtainn ag innse dhuinn nach robh na Hiortaich buailteach do ’n chnatan idir, ach cho luath agus a thigeadh bàta-tadhail gu lamraig air an Eilean gun robh na Hiortaich, eadar bheag is mhór, a’ glacadh a’ chnatain. ’S e b’ aobhar do ’n so gun robh luchd-àiteachaidh an Eilein iomallach agus nach robh dian-cuirp aca airson gleac an aghaidh ghalairean coimheach.
Anns a’ chiad leth de ’n naoidheamh linn deug cha robh móran comuinn na comhluadair eadar na h-Eileanan an Iar agus Tir-Mór, ach mu 1840 thòisich na h-iasgairean a’ tadhal Taobh Sear na dùthcha agus thòisich a’ chlann-nighean ri dol air mhuinntireas gu bailtean móra na Galltachd.
Mar a bha an cnatan ann an Hiort bha “galair an t-srainnseir,” mar a theirte ris, a cheart cho annasach mu ’n àm so sna h-Eileanan an Iar. Chan eil e, réisd, ’na aobhar iongantais nuair a thàinig na h-iasgairean agus a’ chlann-nighean dhachaidh, nach b’ e a mhàin gun robh cuid dhiùbh fhéin air an galair a ghlacadh ach gun do sgap iad e an measg an cuideachd is an càirdean.
Ma ghabhas sinn a nis beachd air cor nan Eileanan aig an àm chì sinn cho soirbh is a bha e do ’n ghalair sgapadh.
Mar a thubhairt sinn a cheana cha robh dian-cuirp aig na h-Eileanaich mu choinneamh an tinneis so, agus thuilleadh air a sin cha do mheas iad gun robh an galair gabhaltach. A rithist, bha na h-àiteachan-còmhnaidh aca ’nam meadhon-sgapaidh air, oir bha an tigh-dubh blàth agus cha robh móran soluis ’na bhroinn. Bha, mar bu bhitheanta, tuilleadh is na bu chòir a’ cadal san aon seòmar, agus cha robh móran de àile ghlain nam beann a’ ruighinn cùiltean is oiseanan nan tighean dubha.
Aig an àm so bha lighichean da-rìribh tearc anns na h-Eileanan agus cha robh e furasda do na bh’ ann siubhal eadar bailtean a choimhead air luchd an tinneis, agus co-dhiùbh is e an fhìor éiginn a bheireadh air duine sam bith cur air tòir an dotair, oir bha an sgillinn ro ghann.
Tha e coltach gun glac duine tinneas tuilleadh nas luaithe ma tha e sìos ’na chorp agus cha robh a h-uile duine cho math dheth o chionn ceud bliadhna is a tha iad an diugh, agus mar sin bha e na b’ fhasa do ’n t-sìol-tinneis gréim a ghabhail.
Bha aobhar eile ann cuideachd, agus b’ e sin gu robh nàire air daoine aideachadh gu robh an galair aca, eadhon an déidh dhaibh toirt fainear gun robh e gabhaltach. Cha robh daoine a’ tuigsinn dé an seòrsas galair a bh’ ann agus bhitear a’ bruidhinn air ann an sanais. Mu dheireadh ’s e a’ chaitheamh an ainm a chaidh a thoirt air agus chuireadh e tàmailt mhór air duine a ràdh ris gu robh a’ chaitheamh anns na daoine aige.
Air eagal bruidhinn na nàbachd cha deidheadh duine a ghlacadh i chur air leth idir, agus ’s e bun a bhiodh ann gun glacadh an teaghlach gu léir i—no co-dhiùbh a’ chuid mhór dhiùbh.
Aireamh Sluaigh Leodhuis
Dealbh–cunntais 1
Aireamh an t-sluaigh
Anns a’ chiad dealbh-cunntais chì sinn gu robh àireamh-sluaigh Leódhuis a’ sìor fhàs anns an leth mu dheireadh de ’n naoidheamh linn deug agus gun do ràinig e àirdead mu 1910. Mu ’n àm so bha cùisean a’ soirbheachadh san Eilean againne oir bha 8000 an sàs anns an iasgach air dhòigh air choreigin anns a’ bhliadhna 1893. Ged a bha sin mar sin cha do mheudaich àireamh an t-sluaigh agus bha tuilleadh is cus de dhaoine a’ fuireach anns gach tigh.
Aireamh-Bàis
Dealbh-cunntais 2
[Dealbh]
Aireamh de bhàsan anns a’cheud mhìle (100,000)
Ma bheir sinn sùil air an dara dealbh-cunntais chì sinn gu h-ann mu ’n àm so cuideachd a dh’fhalbh a’ chaitheamh le barrachd, a réir
Aireamh-Bàis
Dealbh-cunntais 3
[Dealbh]
Aireamh de bhàsan anns a’ cheud mhìle
Baile Steòrnabhaigh
An Rudha ’s am Bac
Chan eil teagamh sam bith nach robh tighean-còmhnaidh na b’fheàrr ’gan togail an Steòrnabhagh bliadhnaichean mun deach an togail air an tuath, agus mar a b’ fheàrr na tighean is ann bu lugha a bha bàsachadh leis a’ chaitheamh.
Aireamh a rèir gach seòmair
Dealbh-cunntais 4 (Baile Steòrnabhaigh)
[Dealbh]
Le sùil a thoirt air a’ cheathramh dealbh-cunntais chì sinn gu robh na bu lugha is na bu lugha de dhaoine mu choinneamh gach seòmair am am baile Steòrnabhaigh mar a bha na bliadhnachan ri dol seachad, ach air an tuath cha deachaidh móran thighean geala chur suas gu ás déidh 1924 nuair a thug Achd Pàrlamaid cuideachadh do na croitearan airson tighean ùra thogail.
Aireamh-Bàis
Dealbh-cunntais 5
Aireamh de bhàsan anns a’ cheud mhìle (100,000)
Firionnaich
Boirionnaich
A nis nach coimhead sinn ris a’ chóigeamh dealbh-cunntais far am faic sinn (a dh’ aindeoin cho duilich is a tha e dhuinn aideachadh!) gu bheil am boireannach tòrr nas righinn na am fireannach. Bha móran a bharrachd de dh’fhireannaich a’ bàsachadh leis a’ chaitheamh aon uair is gun do dh’ fhàs na boireannaich rudeigin cleachdte ris a’ ghalair. Tha na boireannaich righinn da-rìribh!
Anns an àite mu dheireadh coimheadaidh sinn air ais air an dara dealbh-cunntais agus chì sinn gu soilleir gun robh an àireamh ás a’ cheud mhìle a bha a’ bàsachadh leis a’ chaitheamh a’ sìor dhol na bu lugha o chionn còrr is lethcheud bliadhna. Dé a b’ aobhar do ’n so?”
’S e am prìomh aobhar, mar a chunnaic sinn, an leasachadh a bhatar a’ dèanamh air na tighean-còmhnaidh ach bha gnothaichean eile ann a bha cuideachadh.
Bha bainne a’ chruidh anns an latha againne nas fallaine, oir thatar a’ dèanamh oidhirp mhór air a’ chaitheamh a chur á bith am measg crodh na rìoghachd, agus mar sin chan eil daoine cho buailteach a togail as a’ bhainne.
Tha an “X-ghath” air cuideachadh mór a dhèanamh oir is iomadh neach a lorgadh air an dòigh so mun d’fhuair a’ chaitheamh cus gréim air, agus mun d’ fhuair i cothrom air sgapadh gu daoine eile. Eadhon ged a bhitheadh a’ chaitheamh air gréim fhaighinn air duine an diugh tha tigh-eiridinn ann an Siorramachd Obar-Dheadhain far a bheil lighichean cho ealanta leis an sgithinn is gu bheil iad a’ leigheas na mór-chodach a tha dol fo’n làmhan.
Chan eil e cho fada bho bha Taigh-eiridinn na Siorramachd air bràigh Steòrnabhaigh làn a mach air a bheul le feadhainn air an robh a’ chaitheamh, ach tha uimhir de leapaichean falamh ann a nis is gu bheil pàirt de ’n aitreabh air a cur gu feum eile.
Nach ann a bhios an latha ann nuair a thig an duine mu dheireadh a mach air a’ chachaileith air a leigheas, agus ’s e ar dùrachd ’s ar dòchas nach eil an là sin ro fhada as, oir is iomadh fleasgach is òigh, a bha glé ghealltanach, a chaidh a ghearradh as ’nan òige le galair grànda an t-strainnseir.
title | T.B. ann an Leódhus |
internal date | 1960.0 |
display date | 1960 |
publication date | 1960 |
level | |
reference template | Iain M. MacLeòid and Iain M. MacMhaoilein in Gairm 32 %p |
parent text | Gairm 32 |