[300]

Sùil Air Ais

SEORAS MACLEOID (Alanais)

(An Eaglais ann am beatha muinntir Roscuidnidh anns an ochdamh linn deug.)

IS mór agus is ùidheil an eachraidh a tha againn air eaglaisean an t-seann aimsir, agus tha taisgeach nach eil beag ann an leabhraichean cléire thalls a bhos. Bheir sinn criomag no dhà á cunntasan cùirtean eaglais Roscuidnidh ann am meadhon na h-ochdamh linne deug.

Rinn cogadh Phrionnsa Teàrlach léir-sgrios air eaglaisean nan sgìrean eile anns achoimhearsnachdan Cille-Mhoire agus an Alanaisach thàrr Roscuidnidh ás gu h-iongantach, agus trì eaglaisean ann afeitheamh searbhadas aChogaidh. Tadhailidh sinn air aon diùbhEaglais an t-Sruthain.

Goirid an déidh aChogaidh (1715) rinn muinntir an àite móran dìchill gu cùisean na h-eaglaise so a leasachadh. Chithear fhathast an làrach aice, agus ged nach eil dealbh againn dhith, tha fios gum be clach a thog na ballachan, gu robh iad air an dèanamh réidh a muighs a stigh agus air an aoladh. Bha am mullach de fhiodh le còmhdach mhath de fhraoch. Bha an clag-thigh cho àrd os cionn na binneiges a thigeadh aca air a chur. Bha gach mìr den làr fo leacan móra còmhnard. Cha robh dìth luaidhe, ullagan, no gloine air na h-uinneaganged a thàinig orra dealachadh ri £8 19s 11d airson gloine an teampuill gu léir! Biad a bha cùramach mu na gloinichean sin oir leughaidh sinn a leithid so anns aChunntas Bhliadhnail— “10/6 airson stoban iarainn gu cumail slaodairean bho bhith suidhe anns na h-uinneagan”!

Be cuid de obair amhaoir-eaglaise taobh a stigh nam ballachan aoladh bho àm gu h-àm, an làr a sguabadh gu tric, agus dèanamh cinnteach nach robh dìth àile ghlan air an luchd adhraidh. Feumas e bhith gu robh am bodach aig an am so anabarrach dìchiollach oir bha e gu tric ag iarraidh sguaban ùra. Tha e coltach gu robh e air a shàrachadh gu mór le uisge a bha laighe air làr na h-eaglaise; bu bheag an t-iongnadhs i an cliathaich bruthaich. Cha robh móran airgid atighinn thuige bhoobair mar mhaor-eaglaise ach bha e cinnteach á sia sgillinn airson an clag a bhualadh. Bann aige a bha ris na h-uaighean a chladhach agus bha a thuarasdal a réir an inbhe an neach a bhàsaich: tasdan airson uaigh dhuine bhochdrudeigin eu-domhainn; uiread eile airson fear no an inbhe mheadhonail; agus bha na h-uaislean atoirt seachad ceithir tasdain airson doimhne neo-àbhaisteach. Cha robh am bàs fhéin adèanamh co-inbhich dhiùbh! Bha leth-chrun air a chur air leth eadar e fhéin agus an Ceisdear airson caisbheairt!

Be sgrùdadh an t-sluaigh air eòlas litreachail na Fìrinn agus an ceasnachadh air Leabhar-Aithghearr nan Ceisd obair dhligheach aCheisdeir. Bha e mar fhiachan air an Fhìrinn a leughadh do shean is


[301] òg, oir cha robh leughadh ach aig abheagan. Cha be idir dad de dhleasdanas-san na Sgriobtairean a mhìneachadhbe sin achadh dìoghluim an teachdaire a mhàin.

Bha aig an àm ud Ceisdear am Portmaholmaig a rinn àrdachadh ain-dligheach air inbhe. Bha e car làn dheth fhéin agus cha be am furasda chumailna àite. Thàinig a reasgachd gu cluasan na cléire agus cha bfhada gus an deach an glas ghuib a chur air ar caraid. Goirid an déidh so bha e a rithist le a bhonaidna làimhiad acur ás a leth gu robh e acur dragha air an t-seirbhis le bhith seinn àird achlaiginn le fonn eadar-dhealaichtes a bha aig càch. Fhuair e achmhasan geur, ’s a leabhraicheanna chois! So am meas a bha achléir acur air cuideachadh Mhurchaidh aCheisdeir ás leth leasachadh na seinn!

An uair a thàinig Dàniel Bethune gu Roscuidnidh anns abhliadhna 1717 bha cùisean na diadhachd glé ìosal. Chan fhaca e freagarrach Bòrd an Tighearna a fhrithealadh fad cheithir bliadhna an déidh a phòsadh ris achoimhthional. Aon eildear cha robh aige agus mar sin bha e gun seisean. Be duine anabarrach diadhaidh a bha an Dàniel agus mun do chaochail e thug e a chumadh fhéin air móran den sgìre.

Bha e fhéin agus am fear a thog àite acaitheamh móran den ùine ann an oidhirp air leasachadh cor ìosal nam bochd, agus bhatar acrìochnachadh iomadh seisean le greiseag airAirgead nam Bochd.” So a bha ac air mar siud

1. Banntrach aPhìobaire Dhoill, 2/6.
2. Aobhar feumail,1/ .
3. Sìne aMhuilleir (Sìne Allaban), 2/6.
4. Bean Chuthaich aMhuilleir, 1/ -.
5. (Bliadhna an déidh sin.) Banntrach Gharg aMhuilleir, 4/- (chaidh an truaghan fodha fo chudthrom na deuchainn).
6. Seòras Rothach, 1/- (air uairean).
7. Seann Seòladair, l/ -.
8. Caileag Bhochd Swanson, 1/ -.

Aon cuis-thruais eileagus cha bann air dheireadh bu mhath leam e bhithUilleam Amadan. Thigeadh e bliadhna an déidh bliadhna, bho bhràighean grianach Chulcàirn, a dha làimh gu dòchasach sìnte mach airson a shia sgillinn, is deàlradhna ghnùis fo ghàire neònach na h-inntinn nach robh làidir.

S math gu bheil fhathast againn sgàthan anns am faic sinn mhuinntir abhann, is an rian beò a bhaca. Is mór an caochladh a thàinig air cùisean bhon ud. Tha daoine gu mór nas soirbheachaile, ach, ma thà, chan eil teagamh nach eil éire-thruimna chois. Chunnaic iadsan tròcair Dhé suainte suas ann an drap den uisge fhuar; faiceamaid-ne a làmh fhialaidh ann am meadhon ro-lìonmhorachd ar sochairean.

titleSùil air Ais
internal date1960.0
display date1960
publication date1960
level
reference template

Seòras MacLeòid in Gairm 32 %p

parent textGairm 32
<< please select a word
<< please select a page