Air an Spiris
OBAIR do na h-Eileanaich! Có nach deanadh toileachas ris an naidheachd sin? Rinn sinn toileachas roimhe so rithe, nuair a thòisich obair na feamad a’ soirbheachadh a rithist ann an Uibhist; nuair a dh’ fhidir sinn gu robh croitearan Thiridhe a’ faotainn teach-a- steach bho chur nam bulbaichean; nuair a thòisich feur uaine a’ cinntinn air mòinteach riabhach Leódhuis is Na Hearadh. ’S e bha sin rudan anns a robh fàs agus beatha. Beatha do na h-Eileanaich, sùgh milis dh’an teaghlaichean, cothrom-fàis do’n chaitheamh-beatha, do na subhailcean, do’n chànan a bhuineas dhuinn. Cha leig duine a leas a ghuth a thogail a ràdh nach dean sinn aoibhneas ri naidheachd de’n t-seòrsa sin.
Ach tha obair is obair ann. Obair a mhaireas is obair a mharbhas. Sùgh an fheòir a bheathaicheas is sùgh na brèaghlaich a thachdas. Agus ged a tha coltas brèagh gainmheachail air machair Mhealboist, far a bheil a’ Phàrlamaid a’ gealltainn gun cuir NATO bonn tioram cruaidh do na soithichean-adhair aca, tha amharus againn nach eil innte ach a’ bhrèaghlach, is gun tig fàileadh loit dhith mun toir i bàrr.
Tha sinn searbh de chùilteireachd ’s de shliogaireachd an Riaghaltais a tha a nis fad bhliadhnaichean a’ deanamh armlann is daingneach de na h-Eileanan-an-Iar. Beinn-a- bhadhla an toiseach, agus lamraig-adhair Steòrnabhaigh; ionad-rocaid Uibhist an uair sin, le stéiseanan freiceadain is freasdail an Uibhist-a- tuath ’s an Hiort; Ard Uige an Leódhus. ’S a nis NATO an Leódhus. Gach nì a’ tighinn oirnn cho fèathchaidh, mar nach biodh gnothach aig an dara rud ris an rud eile. Is beul-bòidheach an Riaghaltais a’ brìodal ruinn fad na h-ùine, a’ gealltainn obair do na h-Eileanaich, a’ gealltainn rathaidean dhuinn, a’ gealltainn telebhisean is VHF dhuinn. Na drochaidean ’gan togail, is na Ban-rìghinnean is na diùcannan a’ tadhal oirnn le ’n cuid chon is an slatan-iasgaich. Mus sluig sinn a h-uile baoiteag a tha air a thairgsinn dhuinn bithidh cnuimh ’nar n-innibh a shluigeas beò sinn.
Ach their fear gu feum sinn an rìoghachd a dhìon an aghaidh ar nàimhdean. Chan ann o’n iar a thig ionnsaigh ma thig i idir, agus ged a b’ ann, tha innealan-sgrios an là-an-diugh cho cumhachdach ’s cho cinnteach ’s nach leig iad a leas a bhith ri beul an nàmhaid nuair a loisgear iad. Cuireadh iad na h-innealan an sàs air bràigh Lunnainn, is ionnsaichidh sin modh is ciall do’n Riaghaltas. B’ fheàrr dhuinne air a’ Ghaidhealtachd gu robh an Riaghaltas fhathast cho caoin-shuarach mu’r deidhinn ’s a bha i roimhe so.
title | Air an Spiris |
internal date | 1960.0 |
display date | 1960 |
publication date | 1960 |
level | |
reference template | Gairm 33 %p |
parent text | Gairm 33 |