[39]

Gnothaich Bhoireanach

Le MURDAG NICCOINNICH

SO agaibh Ingliston, bhon adharagus nach mìorbhuilleach mar a dhfhàs an Fhéill-sa bhon aon àicear talaimh air an robh achiad te, ann an Dun-Eideann, gun na ceithir ficheads a deich, a tha a nise mar shuidheachadh buan aig Comunn na Féille Rìoghail Ghaidhealtach. Chan eil an so a nise ach beag bhaile, loma làn de phàilleanans de bhùitean, de shluagh ás gach ceàrnaidh, de gach ainmhidh anns am bheil ùidh an tuathanaich, ’s de gach gné toraidh dùthchailagus cothrom na Féinne air gach seòrsa goireis a sgrùdadh, agus comhairle fhaotainn saors an asgaidh.

Chualas treallaich mhath càinidh am bliadhna, cuid mhath ceairt gu leòr, ach cha robh an so ach achiad oidhirp, agus bithidh piseach atighinn air gach leis gach bliadhna. Casaid a chuala sinn gu daonnannach robh an Fhéill Gaidhealta idir, agus is fheudar aideachadh gu robh blas na fìrinn an soach bha i Gaidhealta anns an dòigh as Gaidhealta buileach. Bha càirdeas is furan, subhachas agus cridhealas follaiseach gun teagamh.

S e Féill Rìoghail a bha so da-rìribh. Dheàrrs aghrian oirnn. Thog mi orm roimh ochd uairean samhadainn, fhads a bha e fionnar.


[40]

Is e so an t-àm as fheàrr, mas brùchd am mór shluagh mu thimcheall. Chaith abhànrigh achuid bu mhotha da tìde, anns amhadainn, asgrùdadh nan ceàirdean-làimhe a bhair an taisbeanadhfighe, fuaigheal, obair-ghréis, ’s mar sin air adhart.

Cha chreid mi gum faca mi riamh cho àluinn i, le còta shantung, bàn-dheargdath nas làidire nas dual dhi a chleachdadhad, a bha mar chop ribeanan geala is bàn-dhearg, agus gùn sìoda geal, le flùr air dath a còta air fheadh. Bha lìnig a còta co-ionnan ris aghùn, agus bha a brògan, ’s a miotagan, agus a baga, geal.

Chaidh oidhirp mhór a dheanamh, am bliadhna, air cùl nan cóig a chur ris na nithean àbhaisteach, agus anns acho-fharpais a bha a dhaon ghnothaich gu cuimhneachain ùra annasach don luchd-tadhail fhaotainn, choisinn soithichean-salainn, cruthaichte á airgead, gun treallaich sam bith mun timcheall, achiad duais. Fhuair tubhailt-bhùird, oibrichte gu h-iomlan ann an geal, le lios mheuranta, mhìn mu h-oir an dàrna duais. Anns an treas àite bha cuach chruinn, fhiodha agus coinnlear caol, àrd, iaruinn. So na gné dhèanadais a dhfheumas Alba, mur eil in tòir air marcaidean an luchd-tadhail a thachdadh, le nithean dam bheilear seachd seann sgìth. Thuirt fear á Johannesburg dìreach sin riumgu robh a làn fhìde faochadh fhaotainn bho bhreacans na nithean den t-seòrsa sin.

Carson nach eil mnathan on Taobh Tuath, ’s on Iar Thuath astrì rin cuid obair-làimhe chur gu leithid so de dhfhéill? Choisinn ban-Uibhisteach prìomh duais le snàth; bha clò an sud is an so, á Leódhus, ’s ás an Eilean Sgitheanach; chaidh duaisean gu Tiridh, ’s gu Earra-Ghaidheal, airson figheach, bha naoi ceud an sud, agus trì fichead co-fharpaiss a deich.

Bha cuibhrig-pillein(cushion cover)air a shnìomh an iomadh snàth. Chaith an te a rinn e ùine ann an Sealtainn. Thug i dhachaidh clòimh leatha. Chàrd, shnìomh, dhath agus rinn i gach aon i fhéin.

Rud eile, mun robh gleadhraich molaidh, cuibhrig-leapa, air fhuaigheal leis an làimh, le na ceudan de dhaoimeanan beaga aodaich, de dhathan tlachdmhor, air am fuaigheal ann an cruth daoimean mórna theis meadhon. Bha e snasail, sgileil, ach tha fìor chuimhne agam air oidhche chaitheamh anns AChaol, bho chionn fichead bliadhna a nis, agus cuibhrig den t-seòrsa-sa fhaicinn air an leabaidh, a dhfhaodta chrochadh, gun nàire, taca ris an fhear-sa.

Thuirt dithis á Canada gu robh an obair-mheanbh, agus an obair-ghréis fada air thoiseach air càil a chìte thall aca-san. Dhaontaich triùir á Bermùda.

An dràsdas a rìs, cha be an obair a bu tlachdmhor air a t-sùil a bhair thoiseach. Chuir mi so ris an a bha os an cionn. ’S e thuirt i, gu bheil na breitheamhan, an toiseach, asireadh sgil ann an taghadh stuth a tha freagarrach ris an obair. An déidh sins e an dealbh-cruthachaidh a tha cunntadh. Feumaidh e bhith tlachdmhor, agus cumhaidh. Chan ann gus an treas àite, a tha iad acùnntadh amhodh gnìomh, no fuaigheil.

Bha co-fharpuis ùr eile ann, do na boireannaich nach robh thar chóig bliadhna ar fhichead a dhaois. Bha feum air aleithid so, oir


[41] tha sin an cunnart mhathan òga, le sgil làimhe, no le diù ann an obair mheanbh, a chall gu buileach.

Bha naipeigearan-pòcaid air an oibreachadh an anart geal, le lios, cho fìnealta ri lìon an damhain-allaich, mun oir, ach saoileam gur h-ann am fìor éiginn, leis achnatan-mhór, a dhfheumta bhith, mur deidheadh aon shròin a shéideadh air an fheadhainn ud!

Gu tilleadh gun bhànrighchuir i sùil ann an ròs bhrèagha, agus mhol icarnation, agus, a measg na bha de gach gné fhlùr am follais an sud, cha robh e furasda aon a thogail a mach á càch. Chaidh na trì flùran a thairgsinn dhi. Uair a thìde gu leth as déidh sin, bha mi mu choinneamh tigh mór Ingliston, nuair a ràinig i fhéins an Diùc. Bha na trì flùran fhathastna làimh, ach nuair a bfheudar dhi spaid a ghabhail, gu làn no dhà a thilgeil mu bhun na craoibhe a bhàthar acur, mar chuimhneachan, shìn an Diùc a mach a làmh agus ghabh e na flùran. Shìn e a làmh eile agus ghabh e am baga geal aice. Fhads a bha ise an sàs anns an spaid, sheas esan an sud, le trì flùran anns an aon làimh, agus baga anns an làimh eileagus is e sin cho càirdeil, toileachs a bha achùis gu h-iomlan.

Carson gur h-e mnathan as trice a bhios ag àrach ghobhar? ’S ann aca fhéin a bha na gobhair cuideach! Tha aca acumail a mach gur h-e bainne gobhair as beathachail, ’s as fheàrr air droch stamaig, no air an t-siataig a leigheas. Rinn i agartas eile. Ma theid naoidhean, air am bheil Eczema, no ciorram craicinnagus tha iad car lìonmhora chur gu h-iomlan air bainne gobhair, slànaichidh e gu clisg, agus


[42] gu maireannach. Thuirt i gum baithne dhi fhéin glé mhath aon leanaban a bhana éiginn le briseadh craicinn. An ceann mìos as déidh do a mhàthair a chur air bainne gobhair shlànaich a chraicionn mar an t-òr.

Bha bùth mhór aig muinntirgas achanastair,” leis gach ìnnleachd. Gu dearbh, cha ruig bean an tighe a leas còinneal a bhith oirre mu dhìth goireasan. Bha a cheairt uimhir an so leis aghass a bha ann leis an dealan, “refrigerators” bheaga, shnog, agus eadhoin de na h-àmhainnean a ghabhas an suidheachadh aig uair sam bith. Théid an lasair air, agus dheth, ach feumar uaireadair dealain a bhinan cois.

Ged a bha gach gné sheòrsa càis ann, agus cothrom am blasad, chan fhaca mi nàdur nam mulchagan Leódhusach idir. ’S e biotachan fiodha a bhàtar acleachdadh, fad is farsaing cuideachd.

Chòrd na fasanan clòimhe rium. Bha iad sìmplidh, ann an dathan àlainn, agus na prìsean reusanta nach gabhadh a chur as leth na mór chuid. Bha gach dòigh air an dèanamh aig an tigh air a chur an céill. Bha na pleatan gann, beag, agus air achùlaibh. Tha dreas, le seacaidna cois fasanta agus feumail.

A measg abheagain de bhùitean a bha anochdadh obair-ealain Gaidhealta bha an sgiobadh á Gairbh, á Siorramachd Rois, le obair-làimh a bha taitneach. Chan eil iad so atoirt prothaid as an obair idir, oir tha iad acur an airgid gu mór gu gnothaichean a tha feumach air cuideachadh.

Bha bùitean nan dall an sud, sàsnan cuid obair, gu dìblidh. Be buidheann Obair-Dheadhain a bu shònraichte, aguss e Uibhisteach a bha an sud os an cionn.

Le meud siridh air luchd-tadhail gun Ghaidhealtachd, nach bochd nach eil ceàrnaidh an suds an so, atoirt iompais air soithichean criadha a dheanamh. ThaScottish Country Craftsdeònach air an cuideachadh, ’s an stiùireadh. Ged a tha am faradh trom, agus, gu minig, atoirt na beatha á ceàirdean-làimhe an taoibh Tuath, nan tugadh iad làmh air a leithid so, abraibh fad aGheamhraidh, gus an reic air an t-Samhradh do na coigrich, cha bhiodh cosgais faraidh sam bithnan cois. Faodaidh neach sgrìobhadh guScottish Country Industries Development Trust, 27 Walker Street, Edinburgh,3 .

titleGnothaich Bhoireannach
internal date1960.0
display date1960
publication date1960
level
reference template

Murdag NicCoinnich in Gairm 33 %p

parent textGairm 33
<< please select a word
<< please select a page