[13]

Seann Sràid ann an Tossa de Mar.

Blaths anns a’ ghrein agus anns a’ ghaire

Le FIONNLAGH I. MACDHOMHNAILL.

ANN an samhradh 1951 chuir mi fhéin agus abhean romhainn a dhol air chuairt don Fhraing an ath bhliadhna. An ath bhliadhna bha ise cho trang ag altamras agus ag atharrachadh bhadan agus nach dfhuair sinn fiùs siolpadh taobh Loch Laomuinn. An ath bhliadhna a rithist bha an bu shine adol don sgoil. Agus riamh bhon uairsin tha rudeigin cudthromach air a bhith ann. ’S ged nach bitheadh idir, a Thì Mhóir, bha an sàiltean troimh am brògan no an uilnean troimh am frogaicheans bha an Caolas Frangach afàs na bu leatha do Fhionnlagh.

A dhìnnse na fìrinne cha bi eadhoin an Fhraing a bha fodham, ach an Spàin cuideachd!

Bha mi riamh rudeigin lachdunn anns achraicionn, agus an uair a bhiodh so acur dragha air mo mhàthair theireadh mo sheanmhair (air taobh mo mhàthar) “Tut, ’s gu an t-iongnadhs fùil nan Innseanach ann air taobh athar.”

Bha mi greiseag aoise mun do thuig mi gur e Innseanach a bhaig mo sheanmhair air duine sam bith a rugadh an taobh a muigh den rìoghachd so (cha robh i eadhoin cìnnteach as na h-Eireannaich)


[14] agus bha mi na bu shine mun cuala mi an sgialachd air am biodh mo sheanmhair atarraing.

Tha e coltach gu robh boirionnach sgoinneil ann an Scarasta bho chionn fhada air an do dhubh dhfhailich fear a lorg. Bha i afuireach leatha fhéin ann am bothan sgrath an iomall amhonaidh, atighinn beò air éiginn, agus an eiseamail connaidh ach na thigeadh leis amhuir-làn. de na làithean, anns abhliadhna 1588, bha i asireadh achladaich an uair a thuit i air loirean beag duine bàthte anns an tiùrra. Chuir i car dheth le gob a bròige, agus nach ann a leig e osna bheag fhiadhta!

Thilg i thar a guailne e, agus rinn i air a bothan mar gum biodh an teine biorach air a sàilean. Dhfhàisg is thiormaich i e, agus nach ann a thainig e thuige. Cha robh facal Gàidhlig aige (seòladair Spàineach far na h-Armàda) agus mar sin cha robh cothrom diùltaidh aige . . . .

Sin an dithis bhon tàinig mise, agus riamh bhon a chuala mi an sgialachd tha an Spàin air a bhithga mo tharraing.

Am bliadhna, ’s am màl gun phàidheadhs cìs afeitheamh thalls a bhos, thuirt mi ri Maireid gu robh sinn adol le chéile don Fhraings don Spàin. Agus mun tainig i mun cuairt bha mi air afón ag òrdachadh an aiseig.

Cho luath agus a bha sinn far an talmhainn, anns an itealan a thug sinn fhéins an càr thar aChaolais gu Le Touquet, bha mi seulaichte gun do rinn mi an rud ceart. Thainig abhan-stiùbhard timcheall atairgse dhuinn uisge-beatha aig not am botull aguscigarettesaig tasdan is sia sgillinn aphacaid. Chan eil an t-astar adhair ach fichead mionaid, agus gann a bha an iomlaidna mo phòcaid an uair a bha sinn air talamh na Frainge.

Tha na h-Eòrpaich, mar a tha fios aig a h-uile duine, adraibheadh air an taobh cheàrr den rathad. Tha iad adeanamh so a dhaon ghnothaich. Cha do chuir e dragh sam bith ormsa, oir bhitheamaid adeanamh caran an aon seòrsa anns Na Hearadh. A mach a rinn sinn agus sròn achàir a deasair Poix. Bha na polasmain afeadarachd gu h-uabhasach, ach shaoileam gum be an gliocas cumail romham asmèideadh riuthas blìon orm. An uair a thog mi facal no dhà Fraingeis thuig mi gu robh mi adol suas sràid aon-rathadach, ach bha sin tuilleadh is fadalach. Cha do rug iad idir orm.

Thainig òirnn frith-rathadan a ghabhail gu Poix ri linns gu robh an rathad mórga leudachadh no rudeigin. Mar sin chaidh sinn troimh bhailtean beaga iomallach air an Somme nach robh sinn air fhaicinn air a chaochladh. An suds an so bha tighean fàs le tuill nam peileireans nan gunnachan móra anns na ballachan. Ach anns achòrr den Fhraing chan eil sgial air an chogadh mhór a reub an dùthaich.

Tha Poix mu mheud Steòrnabhaigh. Anns gach dòigh eile tha an bhaile tur eadar-dhealaichte. An uair a ràinig sinn aig meadhon oidhche bha na cabhsairean mu choinneamh nan tighean-seinnse làn le daoine aig ithes ag òl, agus càraidean an suds an so an gaols adannsa.


[15]

Bodach, ann an ceann-a- tuath na Frainge, atreabhadh le dhamh. Gu tric bithidh an crodh-bainnegan cur an gréim.

Bha seòrsa de dhiongnadh orra anns an tigh-òsda an uair a nochd sinn, oir leis cho leibideachs a bha an Fhraingeis agamsa bha mi air an ceart ach amhìos cheàrr ainmeachadh anns an litir a chuir mi thuca ag iarraidh seòmair. Ach chan e rud cho beag sin a chuireas Frangach sìos no suas. Ann an tiota bha caileag bheag mhiadhta nach cuireadh sibh a thogail mhòna abochdail suas an staidhre le baga mór uabhasach anns gach làimh agus baga beag tomadach fo gach achlais. “Non, non, monsieurars ise an uair a dhfhiach mi ri làmh chuideachaidh a thoirt dhi. Tha sin aciallachadhTeann, chan fhaicinn ás mo rathad thu”.

Ged a tha Mairead fileanta ann am Fraingeis, cas dhith cha rachadh a mach còmhla rium an rna mhàireach an uair a lorg mi gu feumainnplugùr airson mo ràsarelectric. (An uair nach urrainn dhomh ach gann a chur ann an Gàidhlig, ciamar air an t-saoghal a bha mi adolga chur ann am Fraingeis?) Lorg mi bùtha fhreagarrach, ach an déidh dhaibhrefrigeratoragus gramafon agushoovera thairgsinn dhomh rinn mi an rud glic. Thill mi chun an tigh-òsda agus thug mi an ràsar air ais chun na bùtha. Abradh sibhseOui, ouian uairsin. Tha mi an dùil gu leigeadh Frangach, le làn a chìnn de Bheurla, leat bàthadh mur a burrainn dhut cuideachadh iarraidh ann am Fraingeis.

Ràinig sinn Paris mu mheadhon air Di-Sathuirne fliuch, an uair a bha na càraichean air na sràideannam mìltean, agus, cho fads


[16] a chithinn, Stirling Moss aig gach cuibhill. Bha sin math gu leòr dhoibhsan. Bha fios aca càite an robh iad adol, agus bha iad adraibheadh air taobh deas an rathaid bho rugadh iad. Bha misenam fhuar-fhallas, agus chan ann ri spòr a tha mi.

Chaidh mi timcheall air an Arc de Triomph ceithir uairean oir cha burrainn dhomh an corr a dhèanamh. An uair a bha dùilam gu bithinn adol mun cuairt fad an mar speileig air ceann sraingean mu cheann balaich bhig, fhuair mi siolpadh den Champs Elysées, agus, arsa mise rium fhéinBeatha no bàs!” Dhùin mi mo shùilean agus bhreab mi anexhilarator (mar a bhaig bodach an Obain air) ged a bha càraichean atighinn orm bho thuaths bho dheas. Stad iad. Agus ann an tiota dhionnsaich mi draibheadh ann am Paris. Cùm ort, agus thoireadh càch an aire orra fhéin!

An Seine fon ghealaich. An Louvre. Notre Dame. Am Moulin Rouge. Cha do chuir duine a sgrìobh riamh briag orra. Tha sìth agus gàire agus maise agus eachdraidh agus beannachd air an colmadh ann am Paris mar nach eil iad ann an àite eile air an t-saoghal. Tha e daor ma throgras tu. Tha e saor ma throgras tu. Lorgaidh tu gach a réir do rùin fhéin. Tha mi an dùil gu robh sinn air fuireach far an robh sinn mar a be gun do thòisich i asìleadh, agus thòisich teas aMhuir Mheadhon-thìrichgar tarraing a deas.

Sìos leatha, sìos troimh ghleann an Loire far am bheil an abhainn mhórga toinneamh fhéin troimh na ceudan mìle de fhìon lios. Na fìonain afàs ri fàl an rathaid. Aghrian afàs nas teotha. Sìos troimh Vouvray far am bheil fìon na dùthcha ra bhlasad an asgaidh ann am bùthan beaga ri taobh an rathaid mhóir. Bha atighinn ormsa stad gu math tric, oir bha i teth, teth, agus mar sin bha gach oidhchegar glacadhs gun sinn cho fadas bu chòir.

Chan e gu robh còir ann. Chuir sinn romhainn nach robh sinn adol gar marbhadh fhéin le cabhaig. Anns amhadainn cheannaicheamaid botull fìon (tasdan is sia sgillinn), trì troighean de aran Frangach (gròt), bìdeag ime agus càise agus ubhal no dhà, agus dhitheamaid ar biadh far am buaileadh an t-acras sinn. Gach oidhche bha sinn ag ithe dìnneir mhóir, ach sud mar a bha sinn adeanamh fad an .

Cha do rinn sinn ullachadh roimh làimh ann an àite sam bith deas air Paris, agus cha do thilleadh sinn air falbh bho aon tigh-òsda far an do rinn sinn foighneachd. Bha cuid dhiubh math agus cuid dhiubh neònach, ach, fad an t-siubhail, bha sinn ataghadh àiteachan nach robh tuilleadh is daor. Cha dìochuimhnich mi gu bràth Le Dorat.

Thainig an oidhche oirnn gun fhios duinn, oir mar a bfhaide deas a bha sinns ann bu ghiorra a bha an afàs. An uair a ràinig sinn Le Dorat, air nach cuala mise no duine eile ach muinntir an àite, guth riamh, stad sinn agus chuir mi Mairead( ’s i cho fileanta) a steach a dhfhoighneachd am faigheamaid seòmar. Thainig i a mach agus a sùilean air stoban. “Cóig tasdainars iseagus tha e acoimhead snog. Tasdan airson achàir.”

Bha an seòmar snog agus glan le leabaidh mhór le boghstair itean. Fhuair sinn brod na dìnnearach cuideach, ach a mhàin gu robh amharus


[17] agam gur ann far chrùidhean a thainig an fheòil. Cha robh sinna chùis iongnaidh am bad sam bith anns an Fhraing. Tha feòil an eich nas bitheanta na feòil na , ach cha deanainnsa stem oirre. Cho luaths a chithinn truinnsear feòla bha Charlie, each a bhaig Calum Iain MhicCumhais ann an Scarasta, atighinn fo mchomhair. Cha robh eile ceàrr ach nach robh ann an tigh na h-éiginn ach toll anns an talamh nach robh air a ghlanadh ach uair sabhliadhna. Cha robh sinna iongantas na bu mhòth. Sin mar a bha air feadh na Frainge uile (rud neònach ann an dùthaich a tha cho glan anns gach dòigh eile) ach a mhàin anns na stèiseanan mórapetrol: Shell, B.P. , Esso, Mobil, Caltex. Tha gach stèisean air uidheamachadh le seòmraichean ionnlaid is eile mar a tha na tighean-òsda as fheàrr anns an dùthaich so.

Bàtaichean nansardinesann an Collioure. Chì sibh na solais air am bheil mi abruidhinn an crochadh air deireadh nan eathraichean.

Cha dìochuimhnich mi gu bràth achiad sealladh a fhuair mi den Mhuir Mheadhon-thìreach, gorm agus gathan na gréine aleumadraich air. Tha neart agus torman agus, air uairean, sìth anns amhuir air an eòlaiche mise, ach tha blàths anns aMhuir Mheadhon-thìreach a thaga do thàladh gus dòrdag mhór a bhogadh ann.

Be ar ceann-uidhe baile beag iasgaich, Collioure, faisg air crìoch na Spàine. Cha robh ann aon uair ach baile beag iasgaich ach thòisich luchd-turuis acromadh air cho luaths a fhuair luchd-turuis a mach gum biodh Picasso acur seachad greisean ann agus apeantadh ann. Ach a dhaindeoin luchd-turuis tha Collioure fhathast mar bhaile iasgaich sam bith eile. Chitheadh sibh seabhaltaich ann an seann léintean liath (an àite geansaidh) agus air an casan-ruis (an àite bhòtanan) a machs a steach a measg nam bikìnis mar gu robh iad socharach


[18] air an tràighs air an cladadh fhéin. Biad sin balaich nansardines: be sin an t-iasgach air am biodh iad adeanamh am bèoshlaint.

Bha bàtaichean nansardinesair an tarraing air an tràigh a measg an luchd snàmh agus gréinidh. Tha iad tur eadar-dhealaichte bho na bàtaichean iasgaich againne, cus nas giorra anns an druim agus le bascaid mhór anns am bheil solus crochte thar deireadh gach aca. Is ann leis an t-solus a tha iad adeanamh an iasgaich. Tha an làmpa atarraing nansardinesagus thàtar an uairsingan sguabadh a steach ann an tàbh.

Fhads a bha sinn ann an Collioure cha do dhith sinn gréim am broinn an tighe. Bha i cho blàth aig meadhon oidhche agus gum bithinnna mo shuidhe ás mo léinidh aig bòrd beag ri taobh na mara, le gloinne fhìonna mo làimh agus am BBC agus Gairm mìle mìle air falbh.

Bha dùilam gu rachadh Mairead ás a ciall air an rathad don Spàin. Lean sinn rathad na mara, rathad caol càm an crochadh ri cliathaich na beinne ceithir mìle troigh os cionn na mara. Rathad cunnartach.

Tha an Spàin, fo riaghladh Franco, fo spòg an airm, agus tha saighdearan le gunnachan air an guailnean air gach oisinn. Théid do stad ann an teas-mheadhon amhonaidh, mìltean bho chlachan no bho thigh-còmhnaidh. Tha so rudeigin -chneasda an toiseach, ach mar as trice cha dean na saighdearan ach sùil a thoirt air do phassport, ach gu -fhortanach tha iad buailteach a bhith dùr greannach agus cha chan iad fiùs math”. Tha iad asiubhal nan rathaidean an tóir air meàrlaichs air ceanarcaich a tha fhathast anns na beanntan, no acumail sùil air na ceàrdanan (mar a their sinne riutha) a tha asiubhal na dùthcha ann an dròbhan atighinn beò mar as fhèarr a dhfhaodas iad.

Tha barrachd shaighdearan anns an roinn san robh sinne na tha ann an àite sam bith eile san Spàin. Bi Catalonia an stàit a bfhaide a sheas an aghaidh Franco agus, mar sin, tha sùilga cumail oirre fhathast. Tha na Catalans uasal, pròiseil, agus measail air saorsa, ach chan eil mi an dùil gu bheil aimhreit air thalamh fa-near dhaibh an diugh. Bha mi abruidhinn ri fear a chaill a mhaoin agus a theaghlach ann an cogadh Franco, duine a bha beairteach thar tomhaisna òige ach a tha nisena bhuidealair ann an tigh-òsda. “Ach!” ars esanTha na seann làithean seachad. Agus ged a chaill mise na bhagam feumaidh mi aideachadh gun do shàbhail Franco an Spàin agus gun do leasaich e staid an duine bhochd.”

Am bheil saorsa agaibh?” arsa mise.

Thàars esan. “Faodaidh sinn an rud a throgras sinn a dheanamh fhads nach can sinTigh na Galladh air Franco’ .”

Tha mi adleas nan làithean a chuir mi seachad ann an Spàin mar na làithean bu shona a bhagam riamh. Tha an sluagh càirdeil agus gàireil. Cha chuir dad sìos no suas iad agus tha iad adol gu uchd an dìchill gus an luchd-turuis a thoileachadh. A dhaindeoin sin, chan eil iad dìblidh no tràilleil, agus chan eil an làmh a mach airson abhuinn-duaise mar a tha anns an Fhraing.


[19]

An tràigh agus an seann chaisteal ann an Tossa.

Ri lìnn agus gu bheil an dùthaich bochd tha prìsean ìseal. Trì tasdain thar fhichead airson rùm do dhithis (leis a h-uile biadh) ann an tigh-òsda fìor mhaith. Seachd sgillinn airson gloinne searaidh. Cóig sgillinn airson gloinne bhranndaidh. Deich tasdain fhichead airson paidhear snog de bhrògan bhoireannach.

Ann an Cadaquez thachair mi ri duine cho laghachs a chunna mi riamh. Be iasgair a bha ann an Sebastian ach bha e acur seachad an t-samhraidh a toirt luchd-turuis air cuairtean marana bhàta. Deich tasdain airson uair a thìde co-dhiùbh a bha dithis no dusan anns achuideachd.

Gheall mi dha gun coinnicheamaid e aig uair, ach chaidh rudeigin ceàrr agus bha e trì an uair a ràinig mi an lamraig. Bha Sebastian an sud afeitheamh gu ciùin, socair, gun uallach air thalamh. Mar a tigeadh an Senor cha tigeadh e. Gu an diofar?

Cha robh stiall air ach luideag de léinidh agus briogais chanabhais. Bha an craicionn cho cruaidh ris an leathar air a chasan. Cha robh aon fhacal Beurla aige, agus aig an t-Sealbh fhéin a tha fios ciamar a rinn sinn seanchas, ach sinn fhéin a rinn. Thug e a mach á bàgh Chadaquez sinn sìos an cladach gu Port Lligat far am bheil an tigh aig Salvador Dali. Agus be sin an tigh, ’na sheasamh ann an gàrradh mór de chroinn-ola. Bha Sebastian cho uasal á Dali agus ged a bu mhac dha fhéin e, agus ged nach fhaca e gin de na dealbhan aig Dali riamh.

An uair a ràinig sinn tìr thug mi Sebastian suas gu cafe mór brèagha làn de luchd-turuis agus thairg mi drama dha. Thuirt e gun gabhadh e gloinne anisette agus an uair a dhfhoighnich mi dheth an gabhadh


[20] e uisge ann, rinn e lasgan mar a dheanadh iasgair Gaidhealach nan tairgeadh sibh bùrn dha ann an gloinne uisge-bheatha. Bha na h-iasgairean eile astad air an t-sràid an uair a mhothaicheadh iad do Sebastian agus bha mi atuigsinn glé mhath gu robh iad ag ràdha ri chéileDhia cuidich mi. Seall thusa air Sebastian a measg nantowries!” Bha so acòrdadh glan ri Sebastian agus bha e ann an suds blìon air. Bha e uabhasach moiteil gun do thog sinn a dhealbh agus dhearb is dhàithn e dhuinn a chur thuige dheth fhéins den Senora. sinn sin.

Bha Sebastian titheach air dealbh fhaotainn dhe fhéins den Senora.

Dhfhuirich sinn cho fada anns an Spàin agus gun do theab mi mi fhéin a mharbhadh adraibheadh air an t-slighe dhachaidh, uaireannan asiubhal suas ri cóig ceud mìle ann an . Ach cha do rinn mi gearain agus cha dèanadh air dad a chunna mi riamh. Is ann a tha mi taingeil don ud (ma bha a leithid ann) a lorg an duine beag lachdunn anns an tiùrra agus a thug dhachaidh e. Mur a be ises dòcha nach robh mise air an Spàin fhaicinn fhathast.

titleBlàths anns a’ Ghrèin agus anss a’ Ghàire
internal date1960.0
display date1960
publication date1960
level
reference template

Fionnlagh I. MacDhòmhnaill in Gairm 33 %p

parent textGairm 33
<< please select a word
<< please select a page