[59]

Cur Fàs Agus Ath-àiteachadh Eilean Hiort

RUAIRIDH CAIMBEUL

O CHIONN còrr agus ceithir cheud bliadhna air ais chaidh sluagh bochd an eilein iomallaich so a losgadh gu bás le cuilbheartachd ghràineil dithis Ghoill a bha chòmhnaidh air an eilean aig an àm. Chan eil eachdraidh atoirt iomradh ro chinnteach air an dòigh san do thachair don dithis dhaoine so a bhith air an eilean, ach tha e ro choltach gur h-e reubairean mara bhannta, oir bha reubaireachd air muir cumanta aig an àm, aguss ann le eagal luchd-reubaidh a chuir na Hiortaich iad fhéin anns an t-suidheachadh dhosgainnich a chosd dhaibh am beatha aig an àm. Be Dùgan agus Fearchar an dithis a thug léir-sgrios anns an dòigh a leanas air
Eilean Hiort.

Be latha grianach samhraidh a bha ann, agus bha fàbhan brèagha gaoithe séideadh on àirden earra-dheas, gu ciùin shocrach a steach an loch. Bha na luinn a dannsadh leis an teas air gob an Dùin, agus bha trì beanntan Hiorta ri togail an cinn àrda suas don iarmailt ghuirm anns nach robh fiùs aon sgòth bheag ri fhaicinn. Bha na h-eòin dhubha agearradh shithidhean o chreag gu creig agus o uchdach gu uchdaidh, anochdadh an sòlais agus an aoibhneis ann a bhith air ais eile aig eilean agus stacannan an gaoil. Cha robh luchd-àiteachaidh an eilein, cho tràth air an latha, air gluasad gu uisge no gu monadh, agus bha sàmhchair agus mór thosdna laighe air abhaile.

Bha Dùgan agus Fearchar shuas anns na mullaich aig bearradh nan creag, eadar Oiseabhal agus Conachair far an robh Caolas Bhoraraigh aug an cuan an ear a dhionnsaigh nan Eileanan Flannach agus an Eilein Fhada fa chomhair an sùla, ach cha bann air an t-sealladh a bha mun coinneamh a bha iad idir asmaoineachadh. Chunnaic muinntir abhaile iad aruith sìos on bhearradh mar dhaoine air bhàinidh agus ag éigheach àird an cinn gu robh na Goillbe so na reubairean maraann an caolas an eilein agus adeanamh cùrsa air beul an loch. Ghlac eagal oillteil na Hiortaich air ball, agus chruinnich gach mac agus nighean màthar a bhair an eilean don teampall am meadhon abhaile, a chum aslachadh rin Cruthaidhear an teàrnadh on luchd-spùillidh ana-cneasda agus neo-thruacanta so a bha tighinn a rithisd a dheanamh sgrìos orra.

Nis, be iad a dhol don eaglais a cheart rud a bha Dùgan agus Fearchar ag iarraidh. Cha robh bàta no coslas dragh sam bith an Caolas Bhoraraigh, ach bha fuil amhortaidh a nis aruith le dian chabhaig an cuislibh Dhùgain agus Fhearchair, agus cho luaths a chunnaic iad gu robh an sluagh uile air cruinneachadh don teampall, rinn iad cabhaig sìos a dhionnsaigh abhaile, agus air dhaibh dorus an teampaill a dhùnadhs a ghlasadh on taobh a mach, chuir iad aithne teine ri tughadh na h-eaglais. Ann an cairteal na h-uarach bha an teampall, o cheann gu ceann, ’na smàl dheirg agus loisgeadh


[60] gu h-an-iochdmhor gu bàs gach beò-chreutair a bhan taobh a stigh de bhallaichean. Cha robh a nis fear no , sean no òg, beò air an eilean ach Dùgan agus Fearchar, agus bha an t-eilean aca dhaibh fhéin agus iad ann an làn sheilbh air.

An acarsaid mar a tha i an diugh.

Thòisich iad a nis gu h-innleachdach adealbh uirsgeulan a chuireadh iad gu faicilleach mu choinneamh aBhàillidh an uair a thigeadh e air a thurus bhliadhnail á Dun Bheagan air an ath shamhradh. Mar so smaoinich iad gun innseadh iad sgeul achruadail agus naidheachd ro bhrònach don Bhàilllidh mun chall anabarrach a thainig air an eilean. Cho luaths a bhuail an sgoth an cladach leum Dùgan agus Fearchar an còmhdhail aBhàillidh le uirsgeulan agus bas-bhualadh, a leig ris don duine sin agus da luchd sgiobaidh gu robh gnothaichean fada o bhith réidh air an eilean. Bha an doilgheas is am mulad, ma bfhìor, cho mór is nach burrainn dhaibh, car ùine, innseadh ceart mar thachair; ach an uair a fhuair iad mu dheireadh cothrom na teangaidh thuirt iad ris aBhàillidh gun tainig plàigh uabhasach mharbhtach don eilean, goirid as déidh don sgoth tilleadh dhachaidh air an turus mu dheireadh, agus gun do chaochail gach beò-chreutair ach iad fhéin. Bha sgeul na dunaidh aca ri innse mun dòigh anns an do chaomhnadh am beatha fhéin, le teicheadh on bhaile a dhionnsaigh nan creag, agus mar a thainig iad, gu caol, troimhn bhliadhna le bhith ag itheadh nan eun a bha iad atàrsainn air uchdaichean nam bearraidh agus an sgoran nan creag. Tha e ro choltach gun do chreid am Bàillidh gach smid dhe so mar fhìrinn, agus dhiarr e air an sgioba gabhail aig na daoine le biadh is deoch cho luaths a burrainn iad.

Bha nis am Bàillidh ag iarraidh an sgoth a chur ma sgaoil leis gach


[61] uile chabhaig, a chum an naidheachd so a ghiùlain air ais a dhionnsaigh an uachdarain. Cha robh màl ri thogail mar a bàbhaist agus cha robh iasg, ola no itean rin toirt gu tìr-mór, agus bha e dìreach an ìmpis an sgoth a chur fo aodach an uair a chunnacas fear den sgiobas a làmh os cionn a fhradhairc adùr-amharc suas air slios Chonachair agus afeòrach ciod e an rud dubh a bha e faicinn agluasad a nuas a dhionnsaigh achladaich o bhonn na bainne. Sheall an sin gach duine gu geur, le iongnadh agus -chreideas, ach bha neo-àbhaisteach ri fhaicinn gun teagamh, ateàrnadh a nuas Gàrradh cùl-a- bhaile.

A bheil mart air an eilean?” thuirt fear, ach bha Dùgan agus Fearchar balbh agus bodhar agus iad gus an sùilean a sgeith a mach ás an cinn ag amharc cumadh an so nach tug iad fa-near riamh roimhe so air an eilean.

“ ’S e duine thann,” arsa fear eile.

“ ’S e boireannach a thann,” ghlaodh iad an sin le chéile, ach chunnacas gun do chaochail an dithis thruagh a bha mar riutha an dreach gu h-obann, gu robh am fiaclan asneagardaich agus an glùinean, ach gu beag, alùbadh fòdhpa.

Thainig a nis an t-seann bhean dan ionnsaigh, agus dhinnis i dhaibh uile mar thachair agus mar thug ise i fhéin troimhe, le bhithg falach anns na creagan air an latha agus atighinn a dhiarraidh bìdh a dhionnsaigh abhaile air an oidhche. Cha burrainn a nis Dùgan agus Fearchar am beul fhosgladh air dhòigh sam bith, a chum iad fhéin fhìrinneachadh, agus cha mhotha dhfhiach iad ris. Chaidh an cur an gréim air ball agus an ceangal air bòrd, agus sheòl an sgoth gu stac, ann an Caolas-an-eilein, a bha cóig cheud troigh air àirde, agus mu shia mìle mara o Eilean Hiort. Chuir iad Fearchar air tìr anns an staca sin gu e fhéin a thoirt beò mar a bfheàrr a dhfhaodadh e. Bha fios aig Fearchar, glé ghasd, nach robh ann ach am bàs dha co-dhiùbh, agus thilg se e féin thar na lice don mhuir air ball. Mar sin bhàthadh gu h-an-iochdmhornam fianais duine aig nach robh iochd sam bith do chàich. ’S e Stac an Armainn as ainm don staca so gus an la-an-diugh. Thill an sin am Bàillidh air ais a dhionnsaigh Eilean Shòghaigh, eilean cruinn àrd, mar chruaich no mar bheinnna sheasamh gu corrach, cnuachdach air cùl Hiorta.

Bha na caoraich air an eilean aig an àm sin, mar an diugh, a chionn chan eil cunntas cuin a chaidh na caoraich bheaga so a chur air an eilean an toiseach, ach co-dhiùbh chaidh Dùgan a thilgeadh air tìr ann aSòdhaigh, agus dhfhàgadh an sin e gu bhith beò no marbh mar a dhfhaodadh e. Chan fhaodar dìochuimhnich innse gun tug am Bàillidh leis an t-seann bhean á Hiorta, agus an uair a bha gach réidh aon uair eile shuidhich e a chùrsa air Caolas na Hearadh, agus le cuideachadh caitean gasd gaoithe on àird an iar-thuath ràinig iad uile Dun Bheagan gu tèarunite slàn. Tha cunntas beul-aithris ag innse gu robh Dùgan fhathatst beò air an eilean air an ath shamhradh, nuair a thadhail sgoth aBhàillidh a chum beagan de na caoraich bheaga thoirt do Dhun Bheagan gu feum an uachdarain, ach mar thig crìoch gach duine gu crìch air aon dòigh no dòigh eile fhuaradh a chnàmhan air an treas samhradh ann am bothaig bhig am fasgadh nan creag air


[62] an taobh den eilean a bha ag amharc don àird an ear a dhionnsaigh an Eilein Fhada. Tha abhothag so, ris an abrar Both Dhùgain, ri fhaicinn fhathast ann an Eilean Shòdhaigh.

Bha nise Hiorta fàs fad àireamh bhliadhnaichean, agus thòisich na Hearaich agus na h-Uibhistich le chéile atagairt còir air. Bha na Hearaich ag agairt seilbh air, a chionns gum bitheadh am bàta-tadhail agabhail a turuis da ionnsaigh gu daonnan troimh Chaol na Hearadh, agus bha Dòmhnallaich Uibhist ag iarraidh còir air a chionn is gu robh Uibhist mu dheich mìle na bu dlùithe dha na cladach na Hearadh. Thainig an gnothach gu connspaid agus connsachadh mhì-eireachdail eadar na h-Uibhistich agus Clannic Leòid na Hearadh, agus bha e ro choltach gu robh tuasaid gu bhith air a bonn a thaobh na cuspaireachd so a bha eatorra. Mu dheireadh chuir na Dòmhnallaich bàirlinn gu muinntir na Hearadh, atoirt dùbhshlan dhaibh ann an réis iomairidh gu Eilean Hiort, an sgioba a bheireadh a mach an t-eilean an toiseach gu bhith air am fàgailnan luchd-àiteachaidh air an eilean.

Dhaontaich gach taobh, gu toileach, leis an dòigh-dearbhaidh so, agus chaidh luchd-iomairidh, cho sgoinneils a bha anns an eilean, a thaghadh le mór chùram. Bha na Hearaich anns an àm sin, mar an diugh fhéin, ’nam maraichean foghainnteach. Bha iad air an togail ri maraireachd agus móran dhiubh ag ionnsachadh seòladaireachd agus sgoil-mhara le bhith daonnannan làmhan air birlinnean nan daoine móra agus nan uachdarain.

Feumar aideachadh ged a tha seòladaireachd agus maraireachd nan Uibhisteach an diugh air tuiteam air ais ann an tomhais, gu robh birlinnean Chlannic Ailein, no Bhaile Raonaill, ainmeil air còrsaichean siar Alba, Shasuinn agus Eirinn aig an àm mum bheil sinn asgrìobhadh agus cha chreid mi nach fhaod mi ràdh gur gann a bhan leithid idir ann.

Chaidh mar sin shuidheachadh airson an réis iomramh so a dhearbhadh, agus a chum aig acheart àm luchd-còirich an eilein a shocrachadh air dhòighs nach burrainn neach, taobh seach taobh, a bhith -theagmhach mun chùis. Air madainn àraidh aig deireadh an earraich tharraing bhirlinn dhusan-ràmhach suas ri taobh a


[63] chéile aig Ob na Hearadh. ’S e latha ciatach grianach a bha ann. Bha an t-adhar saor o sgòthan, agus o choltas gruaimein sam bith a thaobh aimsir. Bha aghrian adìreadh gu math os cionn gualainn Ròineabhail agus atilgeil a gathan theinntidh air aghaidh chiùin aChuain Sgìth. Bha uisge aChaoil cho sàmhachs gu saoileadh neach gu robh na h-eileanan agus na sgeirean a bha mu choinneamh achladaich mar gum biodh iad crochte eadar muir is adhar. Chìte sgrabh no tunnag fhiadhaich an suds an so, adeanamh buaileag-thimcheall ann a bhith tighinn an uachdair no dol fodha anns an lianaig ghloine a bha mun cuairt nan sgeireans nan eileanan a deas. Chaidh an luchd-stiùrach a dheanamh réidh le Niall Dòmhnallach aig falmadair na sgoth Uibhistich agus Colla MacLeòidna shuidhe gu colganta misneachail air tobhta-deiridh na sgoth Hearaich, le ailm fo asgaill. Chaidh òrdughràimh a chur am bacana thoirt seachad bho thìr, le bratach a chrathadh air binnean àrd creige. Be fuirbidhean da-rìribh a bha anns na laoich a bha nise sìneadh an dromannan air an tobhta-bhràghaid anns gach birlinn, agus ann a bhith gearradh astar gun iar a measg sgeirean agus bheag-eileanan aChaoil, cha burrainn iadsan a bhag amharc agus ag àrd-iollach air tìr a ràdh bhair thoiseach no air dheireadh.

Bha beagan gaoithe on àird an iar-thuath air taobh a muigh nan àird, agus a chionns gu robh an sruth-tràghaidh, mar an ceudna, ag èaladh gu deas dhiarr gach stiùiriche còmhnadh an t-sruthas na gaoithe le cùrsa dheanamh air Eilean Héisgir, aig acheart àm atoirt an aire nach tuiteadh iad na bfhaide deas, a chionn dheanadh sin an t-slighe chur gu mór am meudachd dhaibh. Aig tilleadh an t-srutha bha aghaoths an sruth an aghaidh a chéile agus adeanamh beagan cladhach anns amhuir, nach robh idir ro thaitneach dhaibhsan a bha nis air an cur thuige le spiorad na strìthe agus le braisead an iomraidh.

Bha lethcheud mìlena astar dheuchainnich eadhon do ghàirdeanan lùthmhor an ama sin, agus thug Colla MacLeòid fainear gum bfheàrr da chuid fhir iad fhéin a chaomhnadh cho maths a dhfhaodadh iad, gun astar a chall, gu sònraichte gus an tigeadh iad fagus don eilean. Bha nis aghrian seach a h-àirde agus ag iarraidh a dhionnsaigh na h-àirde sin far am faicte mullaich nam beanntan Hirteach, mar gum banngan stadhadh fhéin a mach á aiginn achuain gu fhaicinn iad so a bha tighinn a dhamharc orra. Bha Cliseam na Hearadh, Mèalaiseal Leódhuis, Eubhal Uibhist agus Cuilthionn an Eilein Sgitheanaich fhathast rim faicinn gu glan shoilleir san àird an ear, ach bha iad asìoladh ás an t-sealladh, uidh air n-uidh, mar gum bann ri call sùim anns amhuinntir shanntaich so a bha cur an cùlaibh riutha fhéin, agus an aghaidh, mar eilthirich, air Hiort iomallach achuain.

Cha robh a nis ach deich mìle eadar iad is cladach; bha ochd uairean a thìde on dhfhàg iad Ob na Hearadh; bha Eilean Bhoraraigh mu dhà mhìle bhuapa air an làimh dheis, agus thòisich gach sgioba acur na bhaneart air fhàgail aca anns an obair throm a bha fhathast air thoiseach. Thòisich treum-iomairt da-rìribh an àm dol seachad air Stac an Armainn, agus mu shia mìle on eilean bha fear an suds an so atilgeadh dheth mìr aodaich, gu e féin fhionnaireachadh


[64] agus aotromachadh. Bha brosnachadh agus misneachadh le àrd-bhriathran air gach taobh, agus dùbhshlanga thilgeadh orrasan a bha toirt dùbhshlan seachad. Dhaltaich gach fuirbidh e fhéin, chaidh buinn an tac, bha ràimhgan snìomh agus bacannan atrom dhìosgan air gach làimh, lùb agus shìn gach sgioba iad fhéin ann an co-chleas le uspairneachd agus mór eud, agus ged a bhan t-sìde fàbharach air chuan bha cliathan maragan tilgeadh gun lasachadh leis na tulgaidh agus na leum-shìnteagan fada bha gach de na sgothan agearradh. Bha Niall Dòmhnallach beagan àlach ràmh air thoiseach aig àm bualadh gu bonn Oiseabhal, ach bha an uidhe so air a giorrachadh gu aon fhad birlinn mun do lùb iad don bhàgh. Aig tionndadh aghuib dhéigh an t-Uibhisteach àird a chinn, le mór spaga-da-ghliog agus le spaglainn uaibhreach gum bu leis-san an t-eilean agus gum faodadh na Hearaich tilleadh dhachaidh. Air cluinntinn so do Cholla MacLeòid cha drinn e dàil no fadal, ach rug e air tuaigh ghéir a bhana laighe aig an t-sòdhla-dheiridh aig a chasan, chuir e a làmh chlì air beul-mór na sgothaidh, agus an déidh a sgudadh dheth le aon bhuille den tuaigh thilg i thìr i chun na creige, ag éigheach aig acheart àm, gun chus bruaillean sam bith nochdaichte air aodann, “Is leamsan t-eilean”.

Mar tha iomadh sgeula neònach fuaighte ri móran ainmean anns an eilean iongantach so, ’s e Gob Cholla theirear fhathast ris an spuir creige so ann a Hiorta. Is iomadh budhaigir, scràbaire, làmhaidh, fulmair agus gearra-breac a ghabh sitheadh air iteig seachad air on ud, agus is iomadh borbhair, carbhanach, smalag, liù agus bodach-ruadh a bhios muinntir Hiorta, len slatan goirid agus len driamlaichean fada, ag iasgach ri taobh aghuib ainmeil so.

(Chaidh an t-iomradh so a sgrìobhadh mus do dhfhàsaicheadh Hiort sabhliadhna 1930. Tha e a nis, mar tha fhios aig na h-uile ath-àiteachadh a rithist.)

titleCur Fàs agus Ath-àiteacheadh Eilean Hiort
internal date1960.0
display date1960
publication date1960
level
reference template

Ruairidh Caimbeul in Gairm 33 %p

parent textGairm 33
<< please select a word
<< please select a page