Sean Eolas-Luibh
(13) EALA-BHUIDHE
ALASDAIR MAC’ILLEMHAOIL
Tha iomadh seòrsa de ’n lus so a’ fàs air feadh ar dùthcha. Gheibhear e fo ainmean eile mar Allas Mhuire, Caod, Aslachan Chaluim Chille; anns a’ ChuimrigY fendigaid (an lus beannaichte); agus sa’ Fhraingeisla toute- saine.
Faodar mar sin a thuigsinn gu robh e air a mheas mar luibh anns a robh iomadh buaidh. Bha e ’na chleachdadh aig na sean Ghaidheil dos dheth a ghiùlan gu fuadach a chur air gach dòlas. B’ fheàirrd am bainne gaisean beag de ’n eala-bhuidhe sa’ chuman aig àm bleoghainn.
A réir beul-aithris b’ e so am flùr a b’ iomhuinn le Calum Cille, agus nam faighte an lus gun a shireadh ghleidheadh e neach bho fhiabhrus, agus cha rachadh aig na sìthichean air a thogail leò is e fo bhuaidh cadail:
Achlasan Chaluim Chille,
Gun sireadh gun iarraidh,
Cha toir iad as do chadal thu
Is cha ghabh thu fiabhras.
Air a bhruich còmhla ri alm bheireadh e dath buidhe, agus dheanadh am flùr an t-uisge-beatha dearg mar am fìon.
Agus tha an rann so a’ toirt teisteas air cho luachmhor ’s a bha an lus:
Eala-bhì, eala-bhì, mo niarach neach aig am bì,
Buaineam thu le mo làimh dheis, teasdam thu le mo làimh chlì,
Ge be có a gheibh thu ’n crò an àil cha bhi e gu bràth gun nì.
title | Sean Eòlas-Luibh |
internal date | 1960.0 |
display date | 1960 |
publication date | 1960 |
level | |
reference template | Alasdair Mac’IlleMhaoil in Gairm 33 %p |
parent text | Gairm 33 |