[73]

Cha Dhiochuimhnich Mi Chaoidh

IAIN MACARTAIR

NACH tric a chuala sinn anns an tigh-chéilidhCha dhìochuimhnich mi chaoidh e gus an la théid mi nùll,” is cho fadas a ghleidheas mise mo cheudfadhan, fada no goirid gem bi mo shlighe, cha dean mise dìochuimhne air bathadh mór Phabail gus an théid mi nùll. Rinn e uimhir a dhrùidheadh orm is tha e cho fuaightenam ìnntinn is gun tig gach sealladh co-cheangailte ris cho ùr thugam chun an -an-diugh is ged a bann an a bhiodh e air tachairt. Is beag an t-ìongnadh!

Chan eil am bàthadhna annas an àite sam bith than cois na mara is gu h-àraidh far a bheil beòshlainte an t-sluaigh an crochadh ri saoibhreas achuain, is cha do sheachainn am baile againne a bharrachd air càch. Tha call mara oir ri oir ann am beul-aithris achlachain againn, is cuid dhiubh dóruinneach da-rìribh, ach cha robh aon dhiùbh sin mar a bha am fear ud, le beatha cheathrar a dhol don t-sìorruidheachd troimh an-iochdmhoireachd duine a leig le dhroch nàdur uimhir a bhuaidh fhaighinn air is gun chaill e a lionn-.

Tha am Mas- sgoile Ruadh amìneachadh an ainnPabailmarpapa-boeli” —baile an t-sagairt. Biodh sin mar a bhitheas e tha srath fharsaing adeanamh chruinn leth air abhaile bhrèagha so is asìneadh chun achladaich leiarachisuarachri dìreadh air gach taobh dhith. Tha an tigh againne air iomall abhaile, aig bràighe aghlinne le sealladh fhradharcach cho fada ri tir-mór.

Thug mi sùil chun na mara, amhadainn ud, mar an àbhaist, is mhothaich mi do dhà bhàta-sgrìobaidh air acair anns abhàgh. Bha an dearg ghaillionn air a bhith ann an oidhche roimhe sud, is bha sgrìob mhath fhathast air aghaoith is i atilleadh an aghaidh na gréine; achuid bu mhotha den bha i séideadh on ear-thuath bho thìr. ’S e bhann nach deidheadh tu ro dhàn air, abagairt garraisich an dara h-uair is an ath mhionaid thigeadh boillsgeadh gréine a chuireadh snuadh eile air aognaidheachd an . Bha sinn air a thighinn a steach do dheireadh an fhoghair; bha am buntàta san t-slochd, an coirce san iodhlainn, ’s a chreagachd seachad airson na bliadhna, is, mar sin, cha robh móran ri dheanamh ach fidealais timcheall na croite gun tigeadh àm na céilidh.

Cha be misenam aonar a bha faireachdainn na tìde fada an ud. Bha balaich Chléide air a bhith air bhioran fad na h-ùine, afeitheamh fèath a leigeadh bho phort iad. Bha na tighean acasan na bàirde is na bfhaisge air achladach nan fheadhainn againne is cha robh càil a thigeadh no dhfhalbhadh taobh na mara nach robh fon comhair. Bha an aire air na bàtaichean-sgrìobaidh is miann orra an ruighinn, ach fad an cha robh de abhsadh air aghaoith na chuireadh tu eathar. Ach ann an ciaradh an fheasgair leig aghaoth fodha beagan is chunnaic iad eathar á Pabail Iarach a mach bhon Sgeir-Mhaoil, adèanamh air an dara bàta, amBuckingham.” Is ann ri so a bha na séoid afeitheamh is thog iad orra, cóignear aca, am fear bu shine bliadhna thar fhichead is am fear a bòige ceithir bliadhna[74]


[75] deug. Lean balach òg, Iain Macleòid, iad is ghuidh is dhàithn e dhoibh a bha thoirt leotha, ach cha tugadh. Bha cus aca mar a bha, thuirt iad ris. Cha be an t-àm aige-san a bhann!

Thug duine no dhithis anns abhaile fianuis aig achuirt an Dún-éideann gum faca iad iad ri dol sìos gu Port Lidhir, gun dhaithnich iad bha san amharc aca is gu robh fìor-eagal orra air an son, ged nach robh an an uairsin cho bagarrachs a bha e air a bhith. Be an t-eathar thug iad leotha geòla Arcach le throigh dheug a dhruim, le cnagan fiodha is ràmh oirre. Bha am feur afàs troimh chlosaichean sgothan móra an sgadain air an Sgaoilteach. Cha robh ach sgoth Niseach airson nan lìon-mhóra air achladach ach bha grùnn gheòlaichean beaga ann gu ruith an t-saoidhein is an liùtha san t-samhradh. ’S e an t-aineolas no an t-éiginn a bheireadh ort lunn a chur fo shàil te aca anns agheamhradh, ach bha na balaich tapaidh, lùthmhor le misneachd na h-òige is cha robh an t-slighe ach goirid. Fhuair iad an t-eathar air bhog is le buille ràmh is sgiùrsadh gaoithe cha bfhada gus na rinn iad an dara bàta-sgrìobaidh dheth, anCarisbrooke.”

Bha an sgiobair, Frederick Thomsett, fo rùm an uair a cheangail iad rithe is a chaidh iad air bòrd ach dhéirich e is cha be an gabhail aca a bfheàrr a fhuair na balaich. Mhallaich is riabhaich e don droch àit iad mar thrusdairean a ghoideadh an nach fhaigheadh iad le faoigh. An déidh an innisgeadh dhòrdaich e air ais don eathar iad ach sùil dan tug iad cha robh sgeula air an eathar. Bha am ball air briseadh is le sruth mara is siabadh gaoithe bha i deanamh astair maith air falbh bhuapa. Cha be so a bfhasa; cha robh an dearg chuthach air an sgiobair chun an so. Co-dhiùbh thog iad an acair is chaidh iad air a losd. An uair a ghreimich iad oirre mu dheireadh thall bha i letheach mara, bha na bacan briste is ràmh ás a h-aonais.

Aig an dearbh àm so bha eathar Phabail Iaraich air tilleadh. Fhuair iadsan aoigheachd air leth bho sgiobair a’ “Bhuckingham.” Thugte air bòrd iad. Chaidh iasg a thoirt doibh, is an déidh greis conaltraidh chaidh an sgiobair a steach leotha air bòrd gus an dfhuair iad fasgadh an fhearainn is cha do chairich e gus am faca e gu tèaruinte air tìr iad. Nach bàraid gun tachradh air an aon fheasgar, san aon lagan bàigh, fo làimh dhithis choigreach leis an aon ùghdarras, ghnìomh cho calg-dhìreach an aghaidh a chéile is a thachair air an fheasgar ud, an ceathramh den Dàmhair, naoi ceud deugs a h-ochd deug ar fhicheadan t-aon uasal, truacanta, is am fear eile brùideil, aingidh, an-iochdmhor. Is iomadh dual than t-snàilinn achinne-daonna.

Bha an oidhche ri tuiteam mus do ghreimich na balaich air agheòla. Bha Thomsett air a chall fhéin gu tur leis an anmuinn. Thilg e bhioran maide is ràmh don gheòla is thuirt e riutha mar a deidheadh iad air bòrd an turus so gun cuireadh e a h-uile mac aca thar cliathaich abhàta. Bha na balaich tapaidh an corps an ìnntinn is cha robh am fear a bòige gun eòlas mara ach bha eagal am beatha orra. Bha deagh fhios is cìnnt aca nach cuireadh iad agheòla an ceann gu siorruidh le ràmh an aghaidh sruth tràghaidh gu deas fo shiabadh na gaoithe tuath, is am blabar a bha eadar iad agus tìr. Thuirt fear aca


[76]

so ris an sgiobair is ghabh sgioba abhàta an taobh, is thuirt esan an uairsin gun tugadh e na bfhaisge air an fhearann iad ach gum feumadh iad a dhol don gheòla. Cha robh an sgioba aig Thomsett air an dòigh idir ach cha do dhfhosgail a bheul ach aon duine aca is cha be an taing a bfheàrr a fhuair e. Mar a dhaidich iad fhéin a rithist bha ùghdarras ro mhór aigesan is mar a thuirt fear aca, “Bha dùil agamsa gu robh e na bu léirsinniche na mise; gur ann aige a bfheàrr a bha fios.”

Chaidh am peantair a cheangal ri deireadh abhàta is dhfhalbh iad. Dheubh an sgiobair sìos gu robh e ag iarraidh tuilleadh astair ach dhiùlt fear nan einsean sin thoirt dhà. “Air sgàth Maith,” ars esan, “dean air do shocair; tha beatha dhaoine an crochadh riut.” Cha robh na facail ach gann ás a bheul an uair a rinn agheòla fiaradh gu deas, thug i sròin fòidhpe ann an cnap mara is chaidh i fodha. Dhéirich i ann am mionaid no dhà is an gille a bòige, Murchadh Caimbeul, crochte rithe. Thog iad esan o uachdar nan uisgeachan is chuir am bàta, le solus-lorgaidh, cuairt no dhà far na thachair an call ach chan fhacas dubh no dath nan ceathrar eile. Biadsan: Iain Stiùbhart. dìlleachdan gun athair gun mhàthair: Amhlaidh MacAmhlaidh; Alasdair MacMhathain is Coinneach Dòmhnallach aon mhac banntraich.

Lean Thomsett air gu muir mar nach biodh cothrom sam bith aige air na thachair. Chuir e fios chun abhàta eile gun deach an t-eathar thairis air a slighe gu tìr is gu robh aon aca sàbhailte air bòrd. Dhfheuch e ri sgleò a chur air na thachair ach rinn na chunnaics na chuala iad uimhir a dhrùidheadh air an sgioba is gu robh iadsan mar mheadhon air a thoirt gu Ard Chùirt Dhun-éidinn far an dfhuair e ochd mìosan a phrìosan airson a cheannairceachd. Be sgiobair a’ “Bhuckinghama ghairm bata-teasargainn baile Steòrnabhaigh.

Bha iomagain air muinntir abhaile nach robh na balaich atilleadh is an oidhche air tuiteam, is cho luaths a chunnaic iad solus lainneireach abhàta-sgrìobaidh adol chuige is asiabadh abhàigh dhaithnich iad gu robh rudeigin fada ceàrr. Thòisich an imrich chun aphuirt bho shìos is shuas, thalls a bhos ach cha robh càil air fèath no air fidreadh an uair a ràinig iad. Cha robh romhpa ach bàgh fuar, falamh, tuinn ghruamach le cìreanan geala is dùbhrachd an eilein mhóir eadar iad agus leus.

Is ann á Steòrnabhagh, ochd mìle air falbh, a thainig an naidheachd dhuilich an toiseach, gu robh agheòlas na bhana broinn air an call ach aon duine, is cha robh fhios . Bha meadhon oidhche ann mun tainig fios cìnnteach. Ciamar a sheas na bha feitheamh na fios ris?

Cha do thasgadh móran theineachan sabhaile an oidhche ud. Is gann tigh aig nach robh solus air uairean samhadainn.

Leig aghaoth fodha aig tilleadh mara is bha -rna-mhàireach cho ciùin is a bha an roimhe cho stoirmeil. Cho luaths a bhris an bha fir abhaile air achladach. Chaidh na h-eathraichean a chur a mach ceathrar no cóignear anns gach is sgìrobain aca ged nach robh móran dòchais aca oir tha sruthan làidir, brasa, camagach tarsainn aBhogha Mhóir is mu shròin Eilean aChàis, ach cho fadas a bhiodh


[77]

an t-sradag an éibhleag an dòchais cha tugadh iad suas. Lean so fad an gun tiotadh faochaidh; duine mu seach agabhail àite an fhir a bhiodh aleigeil dheth a sgìos no agabhail blasad bìdh.

Tha cuimhne ro mhath agam air an t-sealladh air achladach an latha ud am beul na h-oidhche, ged tha bhliadhna thar fhichead bhon uair ud. Bha an cidhe dubh le daoine eadar bheag is mhór, sòluimteachd an adhraidh air pearsa is giùlan gach duine; sàmhchair Sàbaid ariaghladh air muir is tìr; sluaisreadh na mara is osann throm ri cur ris an t-sìth. Air iomall na cuideachd, air an fhaoilinn bha na mnathannan seasamh ri sìor-fheitheamh mar a bha càch, ach cha bhuineadh dhoibhsan ach feitheamh le làmhan paisgte is an dèanadas aig na fir. Geòla mar a thigeadh a steach chìte achuideachd ag aomadh gu oir achidhe, sùilean geura astrì ri doilleireachd an eadar-sholuis, cuid dhiubh le làmhan paisgte mar gum biodh iad ag aslachadh gum faighte na bha talmhaidh de na bròin. Cha chualas smidga ràdh ach chrathadh fear na tobhta-bràghad a cheann is thuiteadh spiorad na cuideachd as ùr. Thìll agheòla mu dheireadh is theich an dòchas gu tur; cha robh an còrr ann a burrainn duine a dhèanamh.

Chan eil teagamh sam bith agam nach be sud an oidhche a thainig mi gu ìreoidhche chuir sgàile aghliocais is sòluimteachd nan inbheach air faoineas, aotramas is aineolas mòige. Ann an call mo chomhaoisean a ghabh compàirt na mo lùthchleasan is a shuidh air an aon déile rium san sgoil thuig mi airson na ciad uaire gun robh guth abhàis ris an òige mar an aois ged bu duilich sin a chreidsinn ann an lùthmhoireachd na h-òige. Chunnaic mi cho soilleir cuideachd cho dlùth is a bheireadh dóruinn daoine air a chéile, oir a dhaindeoin strì is buairidh mu chrìochan, mu phuill is mu innis bha muinntir abhaile mar an aon teaghlach mu choinneimh abhàis is bha an call abruidhinn riutha air fad. Bha mi mothachail cuideachd, do mo thaobh fhéin, nach do rinn an gairm lughdachadh sam bith air mo spéis don chuspair a lot minntinn; gun robh tàladh is mealladh a cheart cho mór dhomh fhathast ann an cagair na mara le lioba-leaba aice air an tràigh. Is chunnaic mi rithist na mnathan air iomall na cuideachd le làmhan dìomhain is smaoinich mi orrasan a bha aig tighean afeitheamhs acaoidh is dhfhoghluim mi cho soilleir gum be sud beatha achuid mhóir de mhnathan achlachainBha sòlas is deuchainn is gàbhadh am beatha an iasgair is an t-seòldair, ach cha robh sòlas dhoibhsan ach an tilleadh nam fear. Cha bhuineadh dhoibhsan ach a bhith feitheamh fo eagalis ro thric am bròn.

titleCha Dhiochuimhnich Mi Chaoidh
writersJohn MacArthur
internal date1960.0
display date1960
publication date1960
level
reference template

Iain MacArtair in Gairm 33 %p

parent textGairm 33
<< please select a word
<< please select a page