Làraichean Ainmeil
CAISTEAL SHUIBHNE CNAPAL
Le A.I.M.M.
“Dún Suibhne do-chím gan cheól.”
AIR cladach a deas Loch Shuibhne, ann an Cinntìre, chithear na tha air fhàgail an diugh de bhallachan làidir Caisteal Shuibhne. Chan eil cunntas ann an eachdraidh ar dùthcha air cuin no có a thog an daingneach so air tùs. A réir beul-aithris bha i air a stéidheachadh le Suibhne, Mac Rìgh Lochlainn. Is dòcha gu robh, ann an aimsir chéin, seann dùn Lochlainneach air an làrach cheudna, ach ann am beachd luchd-rannsachaidh tha a’ chlachaireachd a comharrachadh gun do thogadh a’ chuid as motha dhith anns an treas linn deug. Tha ballachan na dìdean mu sheachd troighean an tighead, agus mar theisteas air cho sònraichte ’s a bha ’n caisteal ann am barail nam fineachan theirteadh Iuchair Chnapadail ris.
Tha iomradh air Clann Shuibhne, no Clann Shuain, a bhith còmhnaidh sa’ cheàrn so anns an treas linn deug, agus bha sealbh aca air a’ chaisteal. Tha ’n cinneadh ’gan sloinneadh fhéin air fear Suibhne, de ghineal Conair I, Rìgh Eire, agus their seanchaidh gur e so Suibhne a thog an caisteal mar as aithne dhuinn an diugh e.
Ann an Cogadh Saorsa na h-Albainn sa’ cheathramh linn deug, tha e coltach gun thaobh Clann Shuibhne ri Eideard I, Rìgh Shasuinn, an aghaidh Raibeart Brus. Dhùisg so colg a’ Bhrusaich, chaill Clann Shuibhne am fearann, agus thugadh Cnapadal le Caisteal Shuibhne do Shir Iain Menteith, an dearbh fhear a bhrath an gaisgeach Uallas. Chan eil e soirbh dhuinn a thuigsinn an diugh carson a bhitheadh
Co-cheangailte ri cogadh ann an linn Sheumais II, Rìgh nan Albannach, anns a’ bhliadhna 1455, dh’ éirich connspaid eadar an dà chinneadh—muinntir Loch Obha agus Mac Dhòmhnaill nan Eilean—agus b’ e bun na cùis gun shuidhich Iain, Iarla Rois, ceathramh Tighearna nan Eilean, Eachainn MacNèill Ghiogha ’na fhear-gleidhidh air Daingnich Shuibhne.
A nis, o ’n cheathramh linn deug bha buidheann de Chlann Mhic Ille Mhaoil a’ sealbhachadh fearainn an Cnapadal a Deas, agus troimh phòsadh ri ban-oighre Mhic Nèill thainig an caisteal fo làimh Alasdair Mhic Ghille Mhaoil mu thimcheall 1472. Chuireadh ris an togalach ri linn-san, agus chithear fhathast ballachan briste “Tùr Mhic Mhaoilein” a bha leasachadh a’ chaisteil. Tha cuimhne air Alasdair so anns a’ chrois mhóir—Crois Mhic Mhaoilein— ’na seasamh ri taobh làrach Eaglais Chille Mhoire sa’ choimhearsnachd.
Ach ann an ùine gheàrr chaidh a’ chuibhle rìs mun cuairt, agus ann an 1481 chuir Rìgh Seumas IV Mac Cailein Mór, Iarla Earra-ghaidheal, ’na fhear-gleidhidh air an dìdean so.
Thainig a’ chreach dheireannach air Caisteal Shuibhne nuair a chuireadh ri theine e le Sir Alasdair MacDhòmhnaill, mac Cholla Chiotaich, sa’ bhliadhna 1644, aig àm cogadh Mhontróis.
Feumar aideachadh gu bheil gach nì de’n eachdraidh so a’ foillseachadh dhuinn cho buaireasach is an-fhoisneach a bha cor na Gaidhealtachd sna linntean a dh’ fhalbh. Nam biodh teanga aig na clachan liath so nach ann ac a bhiodh an sgeul!
title | Làraichean Ainmeil |
internal date | 1960.0 |
display date | 1960 |
publication date | 1960 |
level | |
reference template | A.I.M.M. in Gairm 33 %p |
parent text | Gairm 33 |