[87]

An Sgeilp Leabhraichean

Folk Medicine, leis an Dr. D. C. Jarvis, M.D. (Clo-bhuailte le W. H. Allen. 15/- ).

Carson a chithear clann òga acur làn an dùirn de thalamhnam beòil, an dràsdas a rìs; no acagnadh lusan no chopagan? Carson a gheibhear each acriomadh fiodha á taobh na stabuill? ’S e an cuirp a tha ag innse dhaibh gu bheil dìth potassium orraagus is e potassium amhèinn as prìseil do shlàinte gach duine agus ainmhidh. As aonais, bàsaichidh na lusan.

Carson a theireadh achailleach, ’s i toirt sùil air te-eigin a bha car reamhar, “Tha làn thìd ise chur air fìon-geur”? Tha freagairtean reusanta do na ceistean sin, agus do mhóran eile, air an taisbeanadh gu sìmplidh anns an leabhar-sa.

Sgrìobh an Dr. Jarvis e an déidh lethcheud bliadhna a chaitheamh ann an Vermont, sna Stàitean Aonaichte, acnuasachadh eòlas-leigheis sluagh na dùthcha. Tha e afoillseachadh an eadar-dhealachaidh as motha eadar na tha de dhaithne fiosrachail mu na dòighean-leigheis-sa, a measg luchd-còmhnaidh na dùthcha, agus na chluinnear de bheul-aithris, anns a bheil nàdur na buidseachd.

Dhionnsaich ar sinnsir na cùisean a bfhiach an so-shamhlachd, le bhith acumail faire air na h-ainmhidheannam fulangaisan creutair le pian siataigga shìneadh fhéin ann an teas na gréine; am beathach a chaidh a bhìdeadh leis an nathair adèanamh air seòrsa luibh(snakeroot) ’sga ithe—— —. Cha bhlais beathach air annlan fhads nach eile e gu math; ach òlaidh e am pailteas. Carson, matà, a bhios clann an duine astrì ri ithe bìdh nuair a tha iad tinn?

Tha an t-sìde ann an Vermont rudeigin coltach ris an t-sìde againn fhìnlatha fuars latha blàth. Feumaidh ar cuirp iad fhéin atharrachadhs an cleachdadh ris gach aimsir; ach faodar, le bhith agabhail mil a measg fìon-geur nan ubhal, cor achuirp a chumail réidh troimh gach fuar agus teth.

Dhfhàillinn an Dr. Jarvisna oidhirp air toirt air dithis mhac tuathanaich, a bha còmhnaidh maille ris, uinneag an t-seòmair cadail fhuasgladh troimhn oidhche. “Tha sinne mar na cearcan”, ars iadsan. “Seallaibh riuthasan acadal len goban paisgte measg an itean mus gabh iad am fuachd.” Innsidh e cuideachd mun t-sionnach. Ma gheibh esan e fhéin, car oidhche, air mullach talmhainn, cuiridh e earball mu shròin gus nach tarraing e anail nach eil blàth. Nach e uinneagan mórar an lath-an-diugh a bhith fosgailt fad na h-oidhche a tha fàgail achnatain nas minignar measg na bàbhaist dha bhith[88]


[89] bho chionn fhada? Cuiridh móran ceist air a so; chan eil an Dr. Jarvis asparradh a bheachdan oirnn idir. Chan eil e ag ràdh gu bheil a bharail fhéin ceart. ’S ann a tha e ag innse dhuinn gu dòigheil na thog e a mheòrachaidh, ’s afàgail acho-dhùnaidh againn fhìn.

Chan eil gnè chiorraim air nach toir mil, fìon-geur nan ubhal, no sùgh nam fìondhearc cobhairma ghabhar iad san dòigh cheairt. Tha seòrsan feamad agus iodine glé fheumail cuideachd. Bu chòirCastor OilnoCorn Oila bhithgan cleachdadhsgan suathadh air gach ball den chorp a thana chuis-dragha.

Gun ainmeachadh ach beagan de na galairean air an dearg na stuth-san, tha gach gné phian-cinn, tinneas-cridhe, an teine-, navaricose veins, abhuaileag-thimcheall, ’s gach briseadh craicinnagus chan e galairean sluaigh a mhàin ach nan ainmhidhean cuideachd.

Anns an -an-diugh tha strì a measg gach fear agus gu bhith tana, agus iomadh dòigh nach eil gu h-iomlan saor no sàbhailt air so a dheanamh comasach, ach innsidh an leabhar-sa dhuibh mar as urrainn dhuibh a bhith cho seang ri crodh caol Phàraoh.

Ach chan fhaod mi cus a leigeil a mach mun leabhar. Ceannaichibh e, fiach chóig tasdan deug, tlachdmhor, furasda thuigsinn. Mo ghealladh gu faigh sibh e loma-làn de shean ghliocas nàduir.

S ann a tha luchd-leantainn nan dòighean leigheis nàdurrach den bheachd nach eil leigheis cho bladhail idir ri bacadh na h-euslaint; agus gur h-ann mar as fhaide theid sinn air seacharan bho dhòighean fallaineachd ar sinnsrean as dìblidh a bhios galairean adol an lìonmhoireachdnar measg.

Ma tha ùidh air bith agaibh anns na seann chleachdaidhean leigheis, so leabhar a chòrdas ruibh. Gun teagamh tha eòlas fada agus farsaing aig an fhear-sgrìobhaidh, agus bha gach cùis air a cur troimh iomadh deuchainn mun do chuir e am follais i. Tha an leabhar air a nochdadh ann am modh cho còir, iorasals gu bheil blas ùghdarrais da-rìribh air. Saoileam nach deanadh e càil air grunn againn oidhirp a thoirt air ath-nuadhachadh cuirp agus spioraid, le botal fìon-geur nan ubhal (Apple Cider Vinegar) agus cìr-mheala.

MURDAG NICCOINNICH.

title1
internal date1960.0
display date1960
publication date1960
level
reference template

Murdag NicCoinnich in Gairm 33 %p

parent textAn Sgeilp Leabhraichean
<< please select a word
<< please select a page