Prose Writings of Donald Lamontdeas. Le Tómas M. MacCalmain, clò-bhuailte le Oliver agus Boyd, airson AnScottish Gaelic Texts Society.
Rugadh is thogadh an t-Ollamh Urramach Dòmhnull MacLaomainn an Tiriodh ann an 1874, bha e còrr is dà fhichead bliadhna ’na mhinistear am Blàr Athall agus chaochail e an Dun Eideann ann an 1958. Ré an dà fhichead bliadhna ’s a ceithir a bha e deasachadh earrann GhàidhligLife and Worksgriobh e mu dhà mhuilean facal. Rinn an t-Urramach Tómas M. MacCalmain taghadh air an iomlan agus tha nis toradh a shaothrach againn ann an leabhar tomadach, eireachdail. Mar tha am fear-deasachaidh ag ràdh dh’ fhaodadh neach eile taghadh eile a dheanamh? Dh’ fhaodadh—ach tha mise air aon làn shàsaichte leis an taghadh so.
Chuir mi seachad ùine nach robh mi ’n dùil an toiseach an leabhair. An so tha iomradh goirid air an ùghdar agus earran luachmhor sam
Tha bodhaig an leabhair ’na ceithir earrannan— “Anns a’ Choille Bheithe”, “Anns a’ Chathair”, “Cille Sgumain”, agus “Sgrìobhadh Gàidhlig”. Thòisich mise air blaiseadh an sud ’s an so ach cha b’ fhada gu robh mi fo gheasaibh aig MacLaomainn. Chùm e gréim orm gus an do leugh mi a h-uile lide—agus an sin bha mi ’g iarraidh a’ chòrr. Tha iomadh rud nach saoil thu “Anns a Choille Bheithe”. Bheir “Eòin is radain” snodha gàire an dràsda ’s a rìs, bheir “Badan de Fhraoch Geal” rac do ’n mhuineal, agus cuiridh “Am fear a chaill a choguis” (á Liosmór a bha e) gluasad air smuaintean as doimhne. Saoilidh mi gu faic mi eileanach no dhà cur colg air a’ leughadh “An t-Eilean leam as Boidhche” —ni eileanaich eile gàire.
Tha cnuasachadh gu leòr san earrann “Anns a’ Chathair”. Leanaidh sinn MacLaomainn air sgiathan a’ mhac-meanmna gu “Dùthaich Neònach” agus theid sinn leis “Ann am Bruadair” air chuairt sna h-eileanan siar. Mur eil thu eòlach air eachdraidh na Gaidhealtachd o àm Waterloo leugh “Atharrachaidhean”, agus mur eil thu eòlach air seann bhàtaichean Mac a’ Bhruthainn feuch “An Luidhear Dearg”. Mas e ceisdean troma th’ air d’ aire beachdaich greis air “A’ Bhreug agus an Fhìrinn”. Dh’ fhaoidte gur h-aithne dhut searmonaiche mar bha san “Urramach Theodore Boanerges Pom-Pom O.B. E. ”. Nach ann aige bha ’n guth ’s an comas-labhairt! Leugh dhut fhéin ciamar fhuair e O.B. E. agus cuideachd mar dh’ innis e do ’n choithional gun do bhàsaich mart bantrach an tàilleir.
Gheibh sinn MacLaomainn ’na làn chumhachd san earrann “Cille Sgumain”. An so tha e togail dealbh a fhreagras air ceàrn sam bith de ’n Ghaidhealtachd. Cuiridh sinn eòlas air an Urramach Niall MacPharlain B.D. , air a’ bhancair ’s air a’ ghreusaiche, air Seònaid Eachainn ’s air a’ choirneal, ’s air a’ chòrr. So agaibh fir is mnathan, mar gheibh sinn an sgìre sam bith—le ’n subhailcean ’s an dubhailcean, le’n sòlas ’s le ’n dòlas. Gheibh thu tlachd an làn-thomhas a’ leughadh gach dol-air-adhart san sgìre agus gheibh thu cuideachd luasgadh cridhe agus coguis.
Saoilidh tu gu bheil MacLaomainn ’na shuidhe ri do thaobh a’ seanachas riut, is riutsa a mhàin. Tha a’ chainnt sìmplidh, soilleir, réidh gun duatharrachd fhaclan a’ cleòcadh staoineachd smuaint. Tha e nas fhaisge air MacEacharna na tha e air Caraid nan Gaidheal no MacFhionghuin agus, ’nam bharail-sa, air thoiseach orra. An dràsda ’s a rìs bidh e deanamh fhaclan dha fhéin, agus gheibh sinn tuar na Beurla far an saoileadh tu nach ruigeadh i leas a bhith. Ach ’s dòcha gun gabh sinn a leisgeul nuair leughar na th’ aige ri ràdh air “Sgrìobhadh na Gàidhlig”.
Ach ’na iomlanachd so ulaidh litreachais bheir sòlas do shean is òg. Carragh-cuimhne eireachdail air an Ollamh Urramach Dòmhnull MacLaomainn air a dhealbh gu snasmhor leis an Urramach Tómas MacCalmain. Ar taing dha.
I.M.
title | 2 |
internal date | 1960.0 |
display date | 1960 |
publication date | 1960 |
level | |
reference template | I.M. in Gairm 33 %p |
parent text | An Sgeilp Leabhraichean |