“The Wallace,” le Sydney Goodsir Smith. Clò-bhuailte Oliver & Boyd 15/-.
Is e bàrdachd chumhachdach a tha anns a’ mhór-chuid de ’n chluiche so, agus tha sinn fada an comain Oliver & Boyd airson a cur ann an cruth maireannach ann an leabhar tlachdmhor. Oir g’ e b’ e dé a thachras do ’n chluiche mar chluiche, chan eil teagamh nach iarr daoine tionndagh air ais chun an leabhair a rithist agus a rithist.
Tha an sgeul a’ tòiseachadh ann an seòmar beag ann an Leanndraic, anns a’ bhliadhna 1297. Tha Uallas fo choill. Tha sàil nan Sasunnach air sgòrnan na h-Albann. Aon oidhche tha Uallas amuigh anuair a chromas Heselrig, Siorram Leanndraic, air tigh Uallas, a’ marbhadh a mhnatha. Tha so a’ cur Uallas dheth fhéin, agus, le mort na shùilean tha e fhéin agus a chompanaich a’ cromadh air caisteal Heselrig.
Tha an dealbh-chluich (agus an leabhar) ann an cóig seallaidhean Toiseach tòiseachadh. Uallas an déidh Drochaid Shruighlea agus roimh Bhlàr na h-Eaglaise Brice a’ strì, chan ann a mhàin ris na Sasunnaich, ach ri uaislean farmadach na h-Albann. Eideard ann an caisteal Shruighlea agus Alba aon uair eile fo ’spòig, ach le Uallas saor fhathast. Menteith a’ brath Uallas. Agus—an sealladh mu dheireadh agus an sealladh as cumhachdaiche dhiùbh uile—Uallas na phrìosanach mu choinneamh Eideird.
Tha an sgeul a’ siubhal gu latha agus gu làidir. So leabhar as fhiach a leughadh, agus a dhùisgeas aigne gach Albannaich.
title | 3 |
internal date | 1960.0 |
display date | 1960 |
publication date | 1960 |
level | |
reference template | Gairm 33 %p |
parent text | An Sgeilp Leabhraichean |