Am Balbhan
IAIN DOMHNALLACH
CHA b’ ann idir airson gu robh e balbh no bodhar a thugadh am farainm air, ach a chionn nach biodh fuaradh a’ dol air a bheul a latha no dh’ oidhche. Cha bu ghann nach robh e fileanta an Gàidhlig ach cha robh a’ Bheurla aige cho math ’s a bha cànan a mhàthar. Bha e a’ fuireach san Eilean Sgitheanach agus is e bu cheàrd-samhraidh dha a bhith ’na ghille-coise aig na Sasunnaich. Bhiodh e ’na thàmailt leis is ’na nàire dha nach b’ urrainn e cainnt a chumail ris na h-uaislean ’s iad a’ tighinn a shealg is a dh’ iasgach an coinneamh na bliadhna.
Aon gheamhradh chaidh e far an robh maighstir-sgoile a’ bhaile agus dh’iarr e iasad de fhaclair Beurla air. Thug e fad a’ gheamhraidh ag ionnsachadh a h-uile facal a b’ fhaide na chéile. Nuair a thainig an samhradh, chaidh e ’na ghille-coise còmhla ris na Sasunnaich cleas na h-àbhaist. Cha b’ fhada gus an do chuir e uabhas am beatha air Gall is Gaidheal. An dràsda ’s a rithist leigeadh mo liagh buatham as, le suth de na facail a bha e air a thogail as an fhaclair. Cha robh facal a’ beantainn ri fuaim, agus bha na gillean eile air an nàrachadh. Thuirt fear aca ris, “A bheil thu a’ tuigsinn dé tha thu ag ràdh!” “Chan eil, chan eil,” arsa am Balbhan, “ach is e sgoilearan matha tha annta fhéin, is tuigidh iad e.”
Coma leat co-dhiùbh, an oidhche sin fhéin rinn na gillean eile cleas leis an toireadh iad bonaid a nuas do ’n Bhalbhan. An là-rna-mhàireach bha Sasunnach ’s gun e air a bhith riamh roimhe san àite a’ dol a dh’ iasgach air Loch nan Uamh. Rinn na balaich guim gun cuireadh iad am Balbhan ’na ghille thuige. Thuirt iad ris nach robh smid cainnte aig an t-Sasunnach, agus chuir iad teachdaireachd chun an t-Sasunnaich gur e balbhan a bha gu bhith ’na ghille-frithealaidh aige, ach gu robh fhios aige air a h-uile toll is tonnag a bha air grunn an locha, agus gu robh e cho eòlach air far am biodh am bradan a’ tàmh is a bha e air a leth-chois.
Sa’ mhadainn choinnich an dà “bhalbhan” aig an uair shuidhichte. Thòisich an Sasunnach a’ suabadh a làmh mar fhear a bhiodh ag iasgach agus a’ lùbadh a ghàirdean mar fhear a bhiodh ag iomradh. Bu leòr sin airson a chéile a thuigsinn agus cha b’ fhada gus an robh na seòid an uidheam iasgaich. Rinn iad air taobh an fhuaraidh de ’n loch, an Sasunnach gu socrach somalta an deireadh an eathair, am Balbhan sna ràimh, ’s e a’ smaoineachadh ann fhéin gum b’ fhada an latha, a bhith còmhla ri fear gun chainnt.
Mun gann a leig an Sasunnach a mach an driamlach ghabh am bradan air. Chunnaic am Balbhan leis an dreinneadh a bha air an driamlaich agus an spàirn anns an robh an t-iasgair, gur e iasg trom a bha aig an fhear eile. ’S ann aige-san a bhiodh an t-inneas air an iasg mhór an tigh nan gillean an oidhche sin. Mar e dóbhran tha aige ’s e ròn a tha aige, no eadhoin uile-bheist Loch Nis is e air tighinn gu Loch nan Uamh gun fhios gun fhaoidh gun fhaireachdain, an talamh-toll air
Nuair a b’ fheàrr a bha na seòid air an dòigh is dùil aca gu robh am bradan gu toirt thairis, thug “rìgh Loch nan Uamh” siabhradh as ris nach robh dùil. Bha an t-slat a bha cho cruinn ri cearcall a nis cho dìreach ri saighead, is a bàrr a’ sméideadh beannachd leis a’ bhradan. Rinn am Balbhan a’ chiad sruth ghuidheachan an Gàidhlig, an ath shruth de na facail Bheurla. Leig an Sasunnach clostar de ’n t-slait air beul an eathair, agus chaidh e air a dhà ghlùin, a’ toirt taing do ’n Tì a chruthaich e, nach robh linn nam mìorbhail seachad fhathast. Thionndaidh sùilean a’ Bhalbhain geal ’na cheann, ’s a bheul cho fosgailte ri fiaclan na h-àirde an Iar is coltas an-uair oirre. Chuir e a dhà chois an tacsa ris na rangan, chuir e an spuinnse ud air fhéin. Mar peileir a bheatha dh’ iomair e an t-eathar chon a’ chladaich. Shàth e a toiseach air tìr, agus thug e na buinn dhi a mach dhachaidh, a cur roimhe nach cuireadh e làrach nam bonn air an fhonn chianda. Cha chuireadh an t-Arm Dearg tuilleadh e gu Loch nan Uamh, a dh’ iasgach còmhla ri Sasunnach.
title | Am Balbhan |
internal date | 1960.0 |
display date | 1960 |
publication date | 1960 |
level | |
reference template | Iain Dòmhnallach in Gairm 33 %p |
parent text | Gairm 33 |