[29]

Gael-Linn

PADRAIG O BAOIGHILL

IS mór na dhfhuiling Eire an déidh na Gorta Móire anns abhliadhna 1847. Chaidh móran de na Gaidheil a null thairis, agus leis gach imrich agus cruadal agus acras chreachadh an teanga. Ann an aon cheàrnaidh an Eirinn bha 141,004 de luchd-labhairt na Gaeilge an 1821, ach an 1891 cha robh ann ach 6,680. Thuit àireamh an luchd-Gaeilge anns an dòigh cheudna air feadh na tìre, ach a mhàin an cois achladaich far a bheil Gaeltacht an -an-diugh. A réir Phàdraig Mhic Phiarais thòisich ath-bheothachadh an Eirinn le stéidheachadh Connradh na Gaeilge an 1893; an déidh sin stéidhicheadh agus neartaicheadh C.L. C.G. , agus aig acheann mu dheireadh thainig an t-Ar-a- mach anns abhliadhna 1916 agus chuireadh gu bàs àrd-cheannardan na saoirse. Thuig am Piarsach agus na ceannardan eile gum be an teanga bonn-stéidh an nàisinn agus gu feumadh Eire a bhithchan e a mhàin saor ach Gaidhealach cuideachd.” Rinn an cogadh cathardha agus gach a thainigna lùib milleadh air an tìr agus briseadh air achànain, agus an uair a chuireadh air bhonn Riaghaltas san t-Saorstàit cha do rinn e uireads a dhfhaodadh e gus achànan a neartachadh. Leis an fhìrinn innse, tha e duilich dhuinn a chreidsinn gu robh an Riaghaltas idir an da-rìribh mu ath-bheothachadh na Gaeilge, nuair a bheir sinn fa-near na rinneadh de dhobair ann an sia bliadhna le comunn a tha ag obair air a shiuc fhéin, mar a tha Gael-Linn.

Cha bu chòir dhuinn a ràdh gun tug an luchd-riaghlaidh an cùl gu tur ris aGhaeilge. Chaidh móran de dhobraichean fiùghail a chur air chois: atoirt cuideachadh do dhaoine gus tighean a thogail air Ghaeltacht, agus duais chóig notaichean do phàrantan gach pàisde aig a robh aGhaeilge; aneartachadh dràma an Gaeilge ann an Gaillimh agus an àitean eile (leis aChomhar Dramaíochta); stéidheachadh achomuinn chlo-bhualaidh ris an canar An Gúm; acuideachadh leis an Oireachtas, féill nàiseanta na dùthcha; acur air bhonn Comhdháil Náisiunta na Gaeilge agus Bórd na Leabhar Gaeilge; atoirt cuideachadh gus Colaistean Gaeilge a thogail saGhaeltacht, agus iomadach rud eile. Ach maths ga robh na h-obraichean sin, cha deach a chosg orra ach fuidheall suarach de mhaoin na Stàite.

Anns abhliadhna 1953 chumadh cruinneachadh de àrd-chomhairle aChomhchaidrimh (comunn de bhuills de oileanaich nan oilthigheans nan colaisdean Eireannach a stéidhicheadh an 1936) anns an tigh-òsda, anImperial, an Corcaigh, agus aig achoinneimh sin chomhairlich Dónal O Mórain oirnnlinn peile” (nopools) a chur air bhonn, co-cheangailte ris na cluichean Gaelach, agus gum biodh aphrothaid air a cur gu feum gu leas na cluichean Gaelach, Dhaontaicheadh ris achomhairle sin, agus chuireadh Gael-Linn air bhonn ann am mìos na Bealltainne, an 1953.

Thaghadh O Móraina thana fhear-lagha, ’na chlo-bhualadair agusna dhuine sgilear an gnothaichean airgid, —mar fhear-cathrach air aChòmhlan Urrais. Cuide ris air aChòmhlan sin bha


[30] Máirtín O Cadháin á Conamara, a thana sgrìobhadair Gaeilge agusna fhear-teagaisg an Colaisde na Trìonaide; Séan O Síocháin, Iar-rùnaire C.L. C.G. ; Máire Bhreathnach, àrd stàit-sheirbhiseach an Roinn an Airgid; agus Aodhagán Brioscú, a thana ailtire agusna fhear-dreuchd anns aChomhchaidrimh. Bha e an urra riutha-san an t-airgead a chosg ann an dòighean a bhiodh feumail agus iomchuidh. Thaghadh Riobárd Mac Gabhráin, Fear-deasachaidh Comhariris aChomhchaidrimhmar bhainisteir air Gael-Linn, agus bha mi fhìn an sàs an obair na h-oifise cuide ri Clár Dhuigneáin á Conamara a tha a nise pòsda aig Séamas Mac Crosáin, Iar-bhainisteir Gael-Linn. Cha robh anns an oifis aig an àm sin ach triùirbhiodh e duilich luchd-obrach Gael-Linn a chunntadh air feadh na dùthcha an diugh.

Duaisean Sgoileireachd

Be achiad rud air an tug Gael-Linn aghaidh duaisean a thairgse chum clann a thoirt gu ruig an Ghaeltacht, agus chaidh aca air phàisde dheug ar fhichead a chur chun na Gaeltacht airson trì mìosan. Roimhe so cha chumadh na duaisean a bha air an tairgse dhaibh ach cealla-deug no mìos air aGhaeltacht iad (a mach o Chomhaltas Uladh, a bha atairgse sia mìosan), agus mar sin cha robh cothrom aig na pàisdean móran eòlais a chur air luchd bruidhinn na Gaeilge. Dhéirich gu math don scéim so aig Gael-Linn, agus thainig na pàisdean so dhachaidh abruidhinn Gaeilge gu fileanta. Tha na duaisean so (airson trì mìosan) a nis air an tairgse gach bliadhna, agus tha deagh chothrom aig pàisde sam bith far Galldachd, a gheibh dhiubh, air cànan na dùthcha fhoghlum. A thuilleadh air a sin, tha Gael-Linn atoirt seachad duaisean airson mhìos domheadhon-sgoilearaná Ceann-a- tuath na h-Eireann, ach an cuir iad ri an eòlas air aGhaeilge. Am bliadhna thugadh piseach as ùr air scéim nan duaisean sgoileireachd, nuair a thòisich Gael-Linn ag obair an comh-bhoinn ri Coisde na Páistí, comunn á Baile Atha Cliath a tha acur nan ceudan pàidean gu ruig an Ghaeltacht gach bliadhna.

Filmichean

Bha Gael-Linn airson dearbhadh gu robh còir aig aGhaeilge a h-àite fhéin a dhleasadh anns an fhicheadaibh linn, agus thòisich iad acur a mach filmichean-mineachaidh gach mìos, acleachdadh na Gaeilge anns an fhuaimlorg. Thug so aGhaeilge a steach do phioctair-lannan na dùthcha, agus thug e cothrom don luchd-coimhead a bhith afaicinn rudan air nach robh iad eòlach gu ruige so. ’S e Cuideachd Rank a chraobh-sgaoil na filmichean so, agus bha iad rim faicinn anns gach pioctair-lann far a robhUniversal News. Cha bfhada gus a robh Cuideachd Rank deònach film a thaisbeanadh gach cealladeug, agus an ceann greise thug an Riaghaltas fa-near gu robh Gael-Linn adeanamh obair thàbhachdach don teangas don tìr, agus ghabh an Riaghaltas orra fhéin na filmichean so a dhèanamh.

A measg na filmichean-mìneachaidh anns an t-sreathAmhairc Eireannbha feadhainn mu thimcheall Aerphort na Sionnaine, Mèinichean Thráigh Dhá Abhainn, Iasgairean san Sgoil, Féis Ciùil,


[31]

Cùrsa Ostaireachd, Caiseal na , Iasgaireachd an Dún Mór agus mar sin air adhart.

O chionn ghoirid thòisich Gael-Linn air filmichean-naidheachd a dheanamh an Gaelige; agus aig Féis Filmichean Chorcaigh choisinn film-fada a rinn iad— “Mise Eire” —duais air leth. ’S e cuspair an fhilm so na h-aimsirean carraideach ann an eachdraidh na h-Eireann, agus bu chòir gum biodh móran deasbaid ann mu dheidhinn an Eirinn anns an àm a tha ri teachd. Leis an fhìrinn innse chan eil móran dhùthchannan eile ann aig a bheil film mar so a tha air a stéidheachadh air eachdraidh na tìre aca.

[Dealbh]
Tigh oibreach Ghael-Linn an Conamara.

An Ghaeltacht

Duine sam bith aig a bheil eòlas air gnè is eachdraidh chànanan, tuigidh e gur e an teanga anam na tìre, agus ann an seaghs i aGhaeilge anam na h-Eireann. Thòisich Gael-Linn air Obair Chárna an Gaelacht Chonamara, a chum leas na Gaeltacht agus na dùthcha air fad. Chuir iad obair an tairgse luchd-àiteachaidh na Gaeltacht, agus chuir so stad ann an tomhas mhór air an imrich. Tha iad air factoraidh àlainn a thogail ri bruaich na mara, gus iasg agus lusan-gàrraidh a reothadh, deiseil gu an cur don mhargadh sabhaile mhór agus a null thar lear gu Ameireaga agus tìrean eile. Thug Gael-Linn cothrom do na h-iasgairean an Gaeltacht Chomamara bàtaichean a cheannach air prìs reustanta. Tha na mìltean de ghiomaich adol gu tìrean céine gach bliadhna. Tha an talamh bochd agus tha an fhairge an sona meadhon beairteis do luchd-àiteachaidh na dùthcha.

An Gaeltacht Thìr Chonaill cheannaich Gael-Linn oighreachd Duffin, a bha ann an làmhan nan gall fad cheudan bliadhna, agus a nis tha dùil aca iasgachd locha, aibhne agus fairge a chur air adhart, a thuilleadh air feum a dheanamh den talamh-àitich: scéim mhór


[32]

Don cheàrnaidh so, far a robh aGhaeilge adol rud beag á cleachdadh o chionn greis a nis.

An Dràma

Bha móran dhaoine den bharail nach fhaighte luchd-éisdeachd do dhràma Ghaeilge am Baile Atha Cliath, gus an do chuir Gael-Linn air bhonn anDamer Halla chum dealbh-chluichean a nochdadh gu cunbhalach do Ghaeil abhaile. Dhfhasdaidh iad Proinnsias Mac Diarmada, a bhana Iar-dhealbhadair ann an Amharclainn na Mainistreach(Abbey Theatre)agus aig aBh.B. C., agus chuir iad dràma air an àrd-ùrlair a chumadh a choinneal uair sam bith ri dràma a bha air a dealbhachadh ann an cainnt sam bith eile anns abhaile. Agus gach bliadhna tha luchd-cluiche Ghaoth Dobhair atighinn á Gaeltacht Thír Chonaill agus anochdadh dràma fad seachdanach sanDamer Hall. Tha iad sin atogail tigh-cluiche ùr an Gaoth Dobhair, agus tha ena dheagh chomharra air gean-math Ghael-Linn don Ghaeltacht gu bheil iad air £1000 a thairgse don luchd-cluiche so, a tha air a bhith cumail an àirde na dràma Gaeilge fad bhliadhnachan. Agus a chum an dràma a chraobh-sgaoileadh air feadh na tìre, mar mheadhon air a bhith aneartachadh na teanga agus na h-aigne Gaelaich, thug Gael-Linn cobhair-airgid agus sgiath do cheithir Féisean Dràma anns nach robh dad air a nochdadh ach dealbh-chluichean Gaeilge. Shoirbhich iad so, ach is e Dún Geanain san taobh-tuath as soirbheachaile dhiubh uile. Ged nach robh móran cothrom aca air aGhaeilge ionnsachadh an so, bha dhealbh-chluich ar fhichead anns an fhéis an uraidh, agus bu mhath a chaidh iad riutha. Tha Proinnsias Mac Diarmada adealbhachadh dràma leis an luchd-cluiche so a nis, agus theid a foillseachadh thalls a bhos air feadh an taobh-tuath.

Ceòl

O chionn grunn bhliadhnachan, aig àm an Tostail, bha Oidhcheannan Seanchais aig Gael-Linngan cumail anns anDamer Hall, agus bha iad atoirt luchd-ciùil, dannsairean, luchd-seinn agus sgeulaichean sean is òg, á ceàrnaidhean eadar-dhealaichte na Gaeltacht gu ruig Baile Atha Cliath, a chur an céill do mhuinntir Eireann gu bheil cultùr òirdheirc againn dhuinn fhìn ach a thighinn ga lorg.

Tha Gael-Linn an déidh shreath de chlàir-gramafon a dheanamhachiad shreath de amhrain agus de cheòl o bhial-aithris, agus an dara sreath de cheòl nuadh-aimsireil le Tomás O Suilleabháin agus Còmhlan-ciùil Aotrom Ràdio Eireann. Tha sreath eile de amhrain agus de cheòl bho bhial-aithris, deiseil aca a nis: Seán Mac Lochlainn á Armagh, Co., Aontroma, agus Johnny Pickering á Co. Ard Mhacha an luchd-ciùil, agus Aodh O Duibheannaigh agus Aine Ghallachobhair á Tír Chonaill an luchd-seinn.

Tha Gael-Linn adeanamh a dhìchill a chum an ceòl Gaelach a chaomhnadh agus a chraobh-sgaoileadh; tha phrógram aca air a ràdio gach seachdain, agus ann an aon de na prógraman sin tha móran acaga thoirt dhuinn de cheòl dùthchasach nan dùthchannan eadar-dhealaichte san Roinn-Eòrpa. Tha iad acur air adhart co-fharpaisean ciùil air feadh na tìre gus spéis na h-òigridhnan ceòl dùthchasach a dhùsgadh. Tha co-fharpais nàiseanta aca airson luchd-


[33] seinn, agus tha so air a chumail ann am Baile Atha Cliath gach bliadhna. Bha meas a riamh air obair nam bàrd anns an tìr so, ach ghabhadh a steach móran de fhuinn ghallda a rinn truailleadh air pàirt de cheòl na h-Eireann. Bheir co-fharpaisean Gael-Linn cothrom don òigridh eòlas a chur air saothair na feadhnach a rinn agus a chruinnich na h-amhrain, leithid Hardebeck, Bunting, Petrie, agus Art Mac Cubhthaigh, Eoghan Rua O Suilleabhain, Séamas Dall Mac Cuarta agus móran eile.

Gu minic as t-samhradh, nuair a tha gach àite trang le cuairtearan alorg ceòl-gàire is cuideachd, gheibhear ann an tighean-òsda na dùthcha so fear acluich air aphiàno agus ri abhachdas eile. An uraidh thòisich Gael-Linn, fo stiùireadh Dhiarmuid Bhroin, air Cabaret Gaelach a chur gu tighean-òsda móra na dùthcha. Thug an Cabaret so do na cuairtearan sealladh nas fheàrr air mór-stòras ar ciùil, agus leig e fhaicinn do dhaoine á tìrean eile gu robh ceòl agus dannsa againn a bhuineadh dhuinn fhìn, agus a ghabhadh samhlachadh ri rud sam bith den aon ghnè a bha atighinn bhon Roinn Eòrpa.

Oideachas

Cha bheag an obair sin a chaidh a dheanamh ann an sia bliadhnaach cha do rinneadh luaidh ach air cuid de na rudan móra. Chuir iad clàir-gramafon a mach am bliadhna a chuideachadh le sgoileirean anns na meadhon-sgoilean: a thaobh Gaeilge a labhairt le blas nas fheàrr, agus a thaobh barrachd spéis a chur anns abhàrdachd.

Tha iad acur air adhart deasbaireachd anns na meadhon-sgoilean air feadh Eirinn gu léirdeas is tuathagus bithidh sona chuideachadh mór leis na sgoileirean nuair a thig orra labhairt gu follaiseach. Tha scéim eile den aon sheòrsa aca airson Macra na Feirme agus Macra na Tuaithe.

Chuidich iad ann a bhith atogail meadhon-sgoil ùr ann an Gaeltacht Mhuigheóàite anns na rinneadh dearmad gu tur leis an Riaghaltas, agus is dòcha gum faicear toradh na h-obrach so an ceann ùine. Tha Foras na Gaeilge aca am Baile Atha Cliath, agus tha cothrom air a thoirt do dhuine sam bith a tha airson aGhaeilge ionnsachadh teachd a steach ann. ’S e luchd-teagaisg ás aGhaeltacht aig a bheil eòlas àraidh air an t-seòrsa teagaisg so a tha atoirt seachad nan leasanan.

Be Gael-Linn an aon chomunn Eireannach a chuir a steach airson cead-craobh-sgaoilidh an Telibhisean. Tha Gael-Linn airson co-oibreachadh le neach sam bith a tha astrì as leth na Gaeilge; chan eil gnothaich aca ri polataics no ri roinnean-creideimh. Tha iad airson gun cuir muinntir na h-Eireann an airgead gu feum le bhith atoirt obair as fhiach an t-saothair don daoine fhéin aig an dachaidh. Tha iad airson còir na Gaeilge a sheasamh anns an linn anns a bheil sinn beò.

Tha Gael-Linn aneartachadh gach gnè den chultùr Ghaelach le bhith daingneachadh na Gaeilge mar chloich-stéidh airson ath-thogail an nàisinn. Tha iad adol o neart gu neart gach .

Tha Gael-Linn airidh air cuideachadh o gach Eireannach.

(Ma tha duine airson tuilleadh eòlais fhaighinn air Gael-Linn, bu chòir dha sgrìobhadh gu 54 Grafton St., Baile Atha Cliath, Eire.)

titleGael-Linn
internal date1960.0
display date1960
publication date1960
level
reference template

Padraig Ó Baoighill in Gairm 33 %p

parent textGairm 33
<< please select a word
<< please select a page