[107]

Air an Spiris

ANNS an àireamh so de Ghairm tha sgialachd anns an nòs ùr. Aon te fo bhuaidh Orwell ’s dòcha. An t’ éile, ann an dòigh le bhuaidh Jules Verne.

Is gann gu bheil e gu diofar am bheil na sgialachdan math no dona. Is e atha gu diofar gu bheil iad a’ soillseachadh shligheanan ùra ann an litreachas na Gàidhlige. A’ dearbhadh gu bheil ar smuain, mu dheaireadh thall, a’ falbh bhothigh mo sheanaragus bhoshitig sheanmhar.” Tha deich bliadhna fichead agus còrr bhon a chaidh na sgrìobhadairean Beurla ann an Alba iompachadh. Tha làn àm an t-ath-leasachadh ceudna a thighinn air litreachas na Gàidhlige.

Bha na bàird na bu dàine na bha na rosgairean, agus riamh bhon a thòisich an ràitheachan so cha robh sinn gun bhàrdachd ùrnosach a chuireamaid an gréim. Tha a’ bhàrdachd sin cho -beathte an diugh agus a tha an t-seann te, eadhoin aig an fheadhainn a ghabh amadan agus cealgaire air Somhairle MacGilleathain anuair a chuir eDàin do Eimhiran clò.

Chan eil sin r’ a ràdha nach eil meas agus feum air na seann chumaidhean, mar a tha meas agus feum air na bodaich ’s air na cailleachan. Cha bhiodh an saoghal ach bochd mura biodh ann ach spealpairean òga; ach cha bhiodh e ach bochd buileach ás an aonais gu tur. Tha an aon rud fìor mu litreachas ge be a’ chànan.

Tha clann nan cóig bliadhna a’ leughadh Sradag, ràitheachan a tha cho ìnntinn-tharraingeach ann an Gàidhlig agus a tha Bunty no am Beano no fear sam bith eile ann am Beurla. Anuair a thig a’ chlann sin gu ìre, bithidh iad an tòir gearradaireachd mar a tha ann an Oisean na bliadhna so, no air Fòlan agus air Dùbhal agus Natan a chaidh suas ameasg nan rionnagan. Uaireigin bithidh iad an tòir air Einstein Brovnik, no eadhoin air Shang Lì ged a chuireas iad gràin air cuid air a’ chiad leughadh.

Is ann a chionn agus gu bheil sinne cìnnteach gu bheil feum air litreachas anns a’ mhodh ùr a tha sinn a’ tairgse duais thomadach airson sgialachd ghoirid air duilleig eile. Is ann a chionn ’s gu bheil sinn an dùil gu bheil saoghal fada roimh Ghairm a tha sinn a’ strì gus a shròn a chumail air thoiseach anns an réis.

Agus chan eil sin a’ ciallachadh gu bheil sinn a’ deanamh tàire air dualchas agus air gliocas chàich a tha a’ sgrìobhadh dhuinn. Tha sinn a’ riasladh gus am measgachadh a chumail taitneach do ’n mhórchuid, ged a tha fios againn gun téid sinn leis an drochaid mar a chaidh an aiseal aig Aesop ma dh’ fhiachas sinn ris na h-uile a thoileachadh aig an aon àm.

titleAir an Spiris
internal date1960.0
display date1960
publication date1960
level
reference template

Gairm 34 %p

parent textGairm 34
<< please select a word
<< please select a page