Sgialachdan á Scalpaidh
Rann ort fhéin
Thachair an dà bhàrd ri chéile. Mun do dhealaich iad thuirt an dàrna fear ris an fhear eile: “Mun dealaich sinn dean rann dh’ an fhaoileig ud mu ar coinneamh no ni mise rann ort fhéin.”
Ars am fear air an do dh’ iarradh an rann a dheanamh:
“Seall ormsa bho m’ cheann gu m’ shàil,
’S dean thusa dhòmhsa dàn air réir,
Ach ma dh’ aoireas tu mis’, a Bhàird,
Aoiridh mis’, a Bhàird, thu fhéin.”
Saoil an tog
Ghabh dithis fhear turus daorach mhór. Thug iad oidhirp air a dhol gu bàta a bha aca ris an lamairig faisg air an àit anns an do ghabh iad an daorach. Dé nach robh iad a’ dol a dhèanamh leis a’ bhàta, ach cha d’ fhuair iad na b’ fhaide na an tiùrr.
“Cà’, cà’, cà’ ,” ars an darna fear ris an fhear eile. “Cà’, cà’, cà’ —saoil an tog an làn á so sinn?”
Cleas
Bha seòldair Gaidhealach uair ’na làimh ann an soitheach-seòlaidh. An là bha so agus an soitheach-seòlaidh ann am port, dé ach ’s ann thòisich na seòldairean uile bh’ air bòrd innte ri fiachainn ach có a b’ fheàrr a shreapadh air na ròpan a mhullach nan crann àrda air an robh na siùil paisgte. Bha cothrom fìdhle aca air a dhol a mhullach nan crann. Ach am fear mu dheireadh dhe na seòldairean a dhìrich, cha robh e dad ach air faighinn an àird a mhullach aon de na croinn nuair a chaill e a ghréim, agus an uair a shaoil càch e a bhith marbh gun diog gu h-ìosal dh’ amais dhàsan breith air aon de na ròpan mun do bhuail e clàr-uachdair na luinge, is leig e e fhéin sìos air a’ chlàr-uachdair gu socair gun bheud tachairt dha. Dh’ eubh e ri càch, “Cuiridh mi geall,” ars esan, “nach eil aon duine agaibh a ni sud.”
A’ feitheamh
Tormod ri Cailean (is iad a’ feitheamh eathair gu an aiseag thar caolas anns an Hearadh): “Dé tha cumail an cathair co-dhiùbh?”
“Na h-acraichean,” arsa Cailean.
Togail uime
Ann an cuid de àitean anns a’ Ghaidhealtachd ’s e “togail uime” a theirear ris an rud a their na Hearaich “todhaigeadh” ris—togail na h-ùrach mu bhàrr a’ bhuntàta. An latha-sa bha Hearach a’ todhaigeadh air feannaig agus bha coigreach a’ gabhail cuairt faisg air an fheannaig, agus dh’ eubh an coigreach anns an dol seachad, “Tha thu togail uime.”
“Chan eil na togail càis,” ars a Hearach.
DOMHNALL R. MOIREASDAN
title | Sgialachdan á Scalpaidh |
writers | Donald R. Morrison |
internal date | 1960.0 |
display date | 1960 |
publication date | 1960 |
level | |
reference template | Dòmhnall R. Moireasdan in Gairm 34 %p |
parent text | Gairm 34 |