Gnothaich Bhoireannach
MURDAG NICCOINNICH
A REIR na chluinnear, b’ e Mòd càirdeil, àghmhor, a bha anns a’ Mhòd mu dheireadh. Co-dhiùbh, cha chualas uimhir de chasaid, no de àrach mu sud ’s mu so ’s a b’ àbhaist, ged is math ar fios nach robh a’ chùis sin ann nach do chuir dìombas air cuideigin.
Bha Eóghan Macphì ann an cathair fir-riaghlaidh A’ CHOMUINN GHAIDHEALAICH, airson a’ chiad àm, agus chan eil teagamh gun d’ rinn a dhòigh, a bha gu daonnan séimh, rèidh, móran gu an Mhòd-sa a chumail cho càirdeil, gasda.
Ach, ged a b’ e na fir a bh’ air thoiseach, agus mu ar coinneamh, mar bu trice, tha fios math againn nach deanadh iad a’ chùis idir, gun am mnathan r’an cùlaibh agus bha e furasda dhuinn a léirsinn gu robh bean Eóghain Mhicphì gu dìblidh ri thaobh, agus gum bu mhath a thigeadh sin dhi.
Rugadh Ealasaid Nicphì ann am Baile Dhùbhthaich, ann an Siorramachd Rois, ged a thogadh i ann am Pàislig. B’ e a h-athair am bàrd Gàidhlig, ainmeil, IAIN CAMSHRON—a sgrìobh maille ri òran eile “Gleann Baile Chaoil,” —agus is ann á Manchainn Rois a thàinig a màthair. ’S e bròd na ban-Ghàidheil a th’ innte, matà, brod na ban-sheinneadair, cuideachd. Choisinn i iomadh duais aig Mòdan Nàiseanta, agus, chan e mhàin sin, ach tha còir-sgrìobhta Cuirm Chiùil Ghlaschu aice, agus bonn òir is còir-sgrìobhta an Athenaeum—ris an abrar an diugh AN SGOIL CIUIL RIOGHAIL ALBANNACH. Faodar a bhith cinnteach gur h-ann le cluais ealanta agus le cridhe blàth do chùisean ar cànain ’s ar ciùil, a sheas i tac ri a fear. Tha i ealanta cuideach le a làmhan, ann an obair ghréis Cheilteach an obair leathair agus crèadha. Choinnich i rinn gu ciatach, ciùin; maiseach ’na coltas agus tarraingeach ’na gné. Bha sinn uile uasal á prìomh bhan-Ghàidhealta a’ Mhòid.
Bean Eóghain Mhicphì
Na teachdairean
Chan eil e ach nàdurrach do na Gàidheil sgrìob a thoirt gu ’n Mhòd, ma thig aca air, ach bha sinn toilichte uimhir de luchd tadhail á dùthchannan eile fhaicinn ’nar measg. Chì sibh an so na ceithrir theachdairean, a thàinig a dh’ aon ghnothaich á Eire agus ás A’ Chuimrigh.
Thàinig Risteard MacConchradha maille ri a bhean, agus bu tlachdmhor càirdeil iad le chéile. Bha iad luma làn molaidh air cho dàimheil ’s a fhuair iad an sluagh, air cho clisg, ealamh ’s a bha na co-fharpaisean air an ruith, agus, gu h-àraidh air cho sgileil ’s a bha chlann air an teagasg. Tha aon nighean bheag aca fhéin, aois dhà bhliadhna, agus chan eil focal aice ach a’ Ghàidhlig. Cha chuala iad na bu toigh leotha de ’n Ghàidhlig ann am beòil a’ mhóir shluaigh, a mach ’s a steach—ach có againn a chuala?
Chòrd an turas riutha da-rìribh, agus bha an dearbh sgeul aig Siùn Nì Mhurchù—a’ bhean-ionaid a thàinig á Eire. Tha i ’na ban-teagaisg sgoile; tha i trang daonnan an gnothaichean Oireachtais na Gaeilge, ach gu h-àraidh ann am buidheann Cáirde Na Cruite, a tha strì ri ceòl na cruit a chumail a’ dol gu beothail ann an Eire.
As A’ Chuimrigh, thàinig Maighstir Richards agus a bhean, agus Anna Weeks. Tha an dithis mhnatha-sa cuideachd sàs an gnothaichean an cànain. B’ e Anna Weeks bean fhrithealaidh nam fàlluinn(Mistress of the Robes)aig AN EISTEDDFOD mu dheireadh, agus is e bu taitnich leatha buileach nach robh Am Mòd cho mór ris AN EISTEDDFOD, agus, le sin dheth gun robh e comasach eòlas a chur air càch a chéile, aig céilidhean, agus cruinnichidhean a chumail le co-chomunn is cairdreabh air nach eil iadsan comasach idir. Ealanta ’na cànan fhéin, tha i de ’n bheachd gu bheil iadsan a’ cur cus muinighinn ’nan cuid seinn, air innealan ciùil, agus gu bheil sinne a’ gleidheil nan ceòl gu math nas dìlse, le bhith a’ seinn gun eiseamalachd piàno.
[168]no a leithid sin. Chòrd na deuchainnean Gàidhlige rithe, agus bha i an dùil gum b’ e so nì eile anns an robh sinn gu math air adhairt orra-san.
[Dealbh]
Bean Alasdair Mhic ’Ill Eathain
As An Ròimh thàinig an t-Urramach Alasdair Iain Mac’IllEathain, agus a bhean, le blas na Gàidhlige air an còmhradh, eadar gum b’ e a’ Bheurla no an cànan Eadailteach a bh’ aca. Bha iad anns A’ Ghearasdan fad fichead bliadhna, agus b’ e an eaglais aca an t-aon te a bha a’ toirt searmoin Gàidhlig, aig an àm ud co-dhiùbh, anns a’ bhaile. Gu tubaisteach, bhiodh Am Mòd a’ tuiteam aig àm nan òrduighean aca an sud, agus cha tàinig aca air Mòd Nàiseanta a thadhail bho chionn còrr math air fichead bliadhna. Rugadh Fionnghal Nic ’IllEathain ann an Uig an Eilein Sgitheinich, ach chaidh a togail ann an Tobair Mhoire, ’s tha làn a clagainn de ’n Ghàidhlig aice. Ged is ann an Gearrloch a rugadh a fear, b’ éiginn dha a’ Ghàidhlig ionnsachadh nuair bha e gu math na bu shine, ach chan eil neach a chuireadh an umhail sin, agus an uair a chluinneas e, mar a chuala e am bliadhna, agus e ag crathadh làmh aig dorus Eaglais An Naoimh Aindreadh san Ròimh, guth ag ràdh, “Am bi searmoin Gàidhlig an so an diugh? ”, cuiridh e a cheairt uimhir a dh’ iongnadh air an luchd-feòraich, ’s a chuireas iadsan airson, le, “Faodaidh gum bì.”
Cha bhiodh am Mòd ’na Mhòd idir gun chròileagan bho Chomunn Gàidhlig Lunnainn a bhith ’nar measg. Fhuair sinn fàilte agus furan ’nam measg-san cuideachd, agus ar cànan ’s ar ceòl dlùth do ’n cridheachan, chan ann a mhàin le cianalas an dream nach eil ach greis an dùthaich am breith, ach le argamaid, ’s le deòin an tuilleadh a dheanamh ás a leth.
Mairi Rothach
Chì sibh an so dealbh aon diubh—te a tha, mar mhóran de a ban-chàirdean, air iomadh latha, gu dìblidh, an sàs an gnothaichean Gàidhealta Lunnainn. Ged a rugadh agus a thogadh Màiri Rothach ach astar beag a mach á Lunnainn, is iomadh seachdain a chaith i ann an Leódhus, ás an tàinig a dithis phàrantan. Bha i eòlach air Gairm bho thoiseach tòisich. Tha Màiri agus a coimhearsnaich pròiseil ás an Gàidhlig, agus chuala sinn cliù da-rìribh ’ga toirt air an sgil anns a’ chànan nuair a sheinn iad. Is dòcha nam biodh beagan de ’n smuain agus de ’n oidheirp shunntaich, a tha iasdan a’ cumail a’ dol cho buanachail, chan e mhàin air beagan Gàidhlige thogail, ach air a’ chànan aosda-sa a chumail beò, agus aig a’ cheairt am gualainn ri gualainn ri cànanan eile anns an latha anns am bheil sinn beò, air a dheanamh ann an iomadh baile, beag agus mór, an Alba, nach biodh a’ Ghàidhlig cho lapach anns an réis.
A measg na cloinne b’ e clann Bharraidh a thog ar cridheachan. Gun teagamh, thug iad cuid dhinn air ar n-ais iomadh bliadhna, gu Mòid eile, le osaig ùrach, ghloin a Chuain a Siar ’nan guthan, agus ’nan aignidhean. Is e iad fhéin, gu dearbh, a thug an cunntas math orra fhéin; b’ e seachdain mhór ’nam beathachan a bha sud. Ghabh a’ chaileag a thug gu Tìr-mór iad obair chudthromach os láimh, ach chan i Ceiteag Haggerty té air an cuir obair uallach sam bith. Bha i cho aoidheil aig deireadh a’ Mhòid ’s a bha i aig a thoiseach.
Rugadh is thogadh Ceiteag ann am Barraidh agus chaidh a teagasg anns a’ Ghearasdan agus ann an Colaiste na Còcaireachd ann an Glaschu. Chan eil càil air an t-saoghal as fheàrr leatha na a saor-làithean a chur seachad anns a’ bhaile, ach cha rachadh i a dh’ fhuireach anns a’ bhaile mhór air dad a chunnaic i riamh.
Tha i aotrom, òg, ’na dòigh, ach anuair a thòisicheas i a’ bruidhinn air adhbhar na Gàidhlig (anns a’ Ghàidhlig) tha e soilleir gu bheil a cridhe anns an t-seann chànain. Cha leigeadh i smid leis a’ chloinn ach Gàidhlig fhad ’s a bha iad an urra rithe, agus bha a’ bhuil sin air am fileantachd anns na co-fharpuisean anns an deach iad an gréim.
Tha Ceiteag ainmeil mar bhan-dhannsair agus cha b’ e so a’ chiad fhéis aig an robh i ann an Dun-Eideann! A chionn ’s gu bheil i fhéin cho suigeartach chan ann mar bhan-sgoileir a tha a’ chlann a’ sealltainn oirre, agus is ann mar sin as motha a bhios a buaidh.
Ma bha amharus oirnn an dràsda ’s a rìs, mar chaidh am Mòd air adhairt nach robh an cànan idir cho diongmhalta, snog, no cho coitcheann ’s a bha am féileadh; ma bha sinn a’ cur umhail air cho gann ’s a bha na buidhinn ás na ceàrnaidhean Gàidhlige; ma bheir sinn smuain a nis air cho tric ’s a fhuair sinn freagairt Beurla, bheireamaid sùil air ais gu Di-Màirt, agus gu clann Bharraidh, agus togamaid òirnn.
title | Gnothaich Bhoireannach |
internal date | 1960.0 |
display date | 1960 |
publication date | 1960 |
level | |
reference template | Murdag NicCoinnich in Gairm 34 %p |
parent text | Gairm 34 |