Am Putan Dearg
FIONNLAGH I. MACDHOMHNAILL
Ann an New York bha leth-cheud mìle teaghlach a’ fuireach ann an Tùr Iàcob, an dioglaiche-adhair a bha fichead staidhre na b’ àirde na Tùr Mhao ann am Peking, far an toireadh an suasaiche-dealain leth-uair an uaireadair eadar an dorus mór agus an seòmar cabrach air a’ mhullach far an robh Einstein Brovnik a’ fuireach maille r’ a mhnaoi agus a thriùir cloinne.
Bha Einstein Brovnik agus a bhean fo uallach, oir ged nach robh lagh an t-saoghail a’ ceadachadh dhoibh ach dithis chloinne cha leigeadh an t-eagal leotha an treasa fear a chur gu tigh a’ ghas oir thuiteadh càin orra airson a bhith cho mì-shealbhach agus gun do ghin iad triùir.
Cha tug iad ainm air an treas fear ann. Cha robh aca air ach “A’ Chuileag.” Mar sin bha iad an dòchas nach tuigeadh clann eile an Tùir có air an robh an dithis bu shine a’ bruidhinn. Gu ruige sin bha a’ chuileag ceadaichte mar chnuimheag tighe, oir bha e ro chosgail do ’n Riaghaltas Mhór cur ás dith mar a chuir iad ás do ’n luchaig is do ’n phiseig is do ’n chù, is do na h-ainmhidhean eile a bhiodh a’ toirt a’ bhidhe á beòil a’ chinne-daonna.
Ach bha Einstein Brovnik fo uallach. Là an déidh là bha a’ chrith ’na làmhan a’ dol na bu mhiosa, agus a h-uile madainn anuair a rachadh e fhéin agus a cho-oibrichean chun a’ chanteen bhiodh e a’ slugadh trì pilichean far nach robh càch ach a’ gabhail a dhà.
Eadhoin anuair a bhiodh e ’na shuidhe air a stòl le a shùilean air an deilbh a bha a’ tighinn thuige bho Lunar LB350MK bha rudeigin air cùl ìnntinn ag ìnnse dha gu robh am maor air a chùlaibh ag ràdha fir fhéin “Tha rudeigin a’ cur dragh air Brovnik.”
Uaireannan bha e cho mì-chomhartail agus gu robh e a’ dìochuimhneachadh briobadh le sùil mu seach—rud a dh’ ionnsaich Iad dha bho chionn fichead bliadhna—agus bha sin cunnartach, oir anns a’ bhloigh tiotaidh a bheireadh duine a’ briobadh le dà shùil dh’ fhaodadh rocaid Shìneach éirigh ás a’ bhìdeig de Iùpatar a bha fo chùram Einstein.
Là and déidh là, air a rathad sìos anns an t-suasachan-dealain theireadh Einstein ris fhéin “Cho luath agus a ruigeas mi an stèisean tha mi a’ dol far am bheil am maor agus a’ dol a ràdha ris ‘tha leanabh agam bharrachd air a’ chòir. Cuir a’ ghas-bhan ’ga iarraidh agus thoir a’ chàin far mo thuarasdail. ’”
Ach a h-uile là anuair a dh’ fhiachadh e r’ a bhial fhosgladh chitheadh e siolpadh ìnntinn de ’n “Chuileig” a’ màgaran a mach ’s a steach air cùl an telebhisean. Agus chuimhnicheadh e an oidhche a thug e a’ phòg mhór dh’ a bhean agus a dhìochuimhnich iad an lagh a rinn an Riaghaltas.
Aon là chuir am Fear-Faire spot dhubh air an deilbh mu choinneamh Einstein. Nan robh e air a faicinn bha e air putadh a thoirt do ’n phutan dhubh a bha a’ ciallachadh “An aire” agus mura lasadh solus uaine mu choinneamh ann an leth tiotaidh bha e air am putan dearg fhàsgadh agus an rocaid a leigeil air falbh a chuireadh á do ’n bhìdeig ud de Iupatar a bha an urra ris-san.
Ach chan fhaca Einstein an spot.
Cha do dh’ fhaisg e am putan dubh. Agus bha fhios Aca-san nach robh aire air obair.
“Aon turus eile” ars iadsan “agus théid thu dha ’n t-seòmar.”
Agus riamh bho’n uairsin bha an t-uallach air Einstein na bu mhiosa na bha e riamh.
ANN an Tùr Mhao ann am Peking—air an fhìor mhullach—bha Shang Lì a’ fuireach leis fhéin ann an seòmar seachd troighean a dh’ fhaid agus ochd troighean a liad. Aig seachd uairean anns a’ mhadainn bha truinnsear beag a’ tighinn anuas thuige air an t-suasachan-bidhe as a’ chidsin mhór fo ’n talamh. Bha cairteal na h-uarach aige airson ithe mun cuireadh iad air an deochdaiche-gaoithe a bheireadh air falbh dust sam bith a bha san rùm. Agus cairteal eile airson e fhéin a sgioblachadh agus naidheachdan an domhain fhaicinn air an telebhisean mus fhalbhadh e a chur seachad an là aig an dasc bheag air an robh ainm anns an togalaich ris an canadh iad Motabmobrut.
Chaidh Shang Lì a spoth anuair a bha e sia-bliadhna diag, anuair a rinn e trom nighean a bha ag obair còmhla ris ann an raoin rus, agus iad le chéile a’ cur a steach na mìos oibreach a bha air a chur orra leis an Riaghaltas ré nan cóig seachdainean a bha aca saor as an Oilthigh.
Cha do rugadh an leanabh riamh oir mhothaich na dotairean dhi.
Chaidh ise a chur bho fheum, agus, ged a bha i ainmeil mar oileanach Frangais, chaidh a cur gu obair tuathanachais air eilean ris an canadh na seann daoine Formósa.
Anuair a chaidh na clachan a thoirt á Shang Lì leis na dotairean cuirp chaidh a chur chun nan dotairean ìnntinn gus gach smuain air boireannaich a thoirt ás.
Ach cha robh na dotairean ìnntinn cho mionaideach agus a bha càch, agus ann an cùil bhig ann an cùl ìnntinn Shang Lì dh’ fhàg iad fìor-chuimhne a bha a’ fàs agus a’ crìon, a’ fàs agus a’ crìon, mar sìlean ann an seann atharnaich.
A h-uile madainn, air a rathad eadar Tùr Mhao agus Motabmobtur—astar a dh’ fheumeadh e a choiseachd gus a shlàinte a chumail ceart—bhiodh e a’ dol seachad air Oifis na Gineachd far am biodh na caileagan òga an dùil pòsaidh a’ feitheamh ’nan sreathan gus cairt fhaighinn a bheireadh cead dhoibh, bho ’n Riaghaltas Mhór, dithis chloinne a dheanamh ma bha iad slàn fallain, agus ma bha an duine a bha iad a’ dol a phòsadh freagarrach.
Madainn an déidh madainn bhiodh Shang Lì a’ toirt sùil orra agus e a’ liùgadh seachad air eagal agus gum biodh iad a’ magadh air le cion na fiasaig, agus mar a b’ fheàrr a dh’ fhiachadh e ’s ann bu lugha a b’ urrainn dha a shùilean is eanchainn a chumail far an cuid chalpannan is an cuid chìochan.
Bha làithean na bu mhiosa na chéile, anuair a shaoileadh e gu robh e faicinn cìoch, agus uaireannan imleag, air an deilbh a bha a’ tighinn chun an dasc aige bho Chamara 3210 air Màrs. Cha robh ann an Shang Lì ach gnoigean beag anns a’ phlan mhór agus—là an déidh là, diog an déidh diog—cha robh mar chùram air ach a shùil a chumail air an
Leis mar a chaidh e triollainn leis an tè ud anns an raoin rus cha robh de dh’ earbsa aca ás na bheireadh iad dha tè de na camaran a bha a’ coimhead air Afraca-a- Deas.
Bha sùil daonnan air Shang Lì, oir bha fios aig an fheadhainn os a chionn gun deach e ceàrr.
Aon là chuir am Fear Faire spot dhubh air an deilbh mu choinneamh.
Nan robh Shang Lì air an spot fhaicinn bha e air putadh a thoirt do ’n phutan dhubh a bha a’ ciallachadh “An aire” agus mura lasadh solus uaine mu choinneamh ann an leth tiotaidh bha e air am putan dearg fhàsgadh agus an rocaid a leigeil air falbh a chuireadh ás do dh’ Uibhist.
Ach chan fhaca Shang Li an spot.
Cha do dh’ fhàisg e am putan dubh. Agus bha fhios aca-san nach robh aire air obair.
A MUIGH ann an Uibhist cha chuala Seonaidh Ruadh riamh iomradh air Einstein Brovnik no air Shang Lì, agus eadhoin ged a thachradh mìorbhail air choireigin (rud nach tachradh) agus gun coinnicheadh iad, cha tuigeadh aon seach aon aca gu robh am bann an treise air an t-saoghal ’gan ceangal agus gur e am bann sin toiseach agus crìoch an domhain.
B’ e Seonaidh Ruadh a’ ghinealach mu dheireadh.
Anuair a reic a shìn-seanair oighreachd Uibhist ris na h-Ameireaganaich thugadh dha gealladh nach rachadh a theaghlach, no an sliochd, a chur far an eilein. Agus air dhòigh neònaich air choireigin chaidh an gealladh a chumail eadhoin anuair a liùbhraig na h-Ameireaganaich Uibhist an t-seann dùthaich gu léir do ’n Riaghaltas Mhór.
Chan e gu robh an gealladh gu diofar. A’ bhliadhna a rugadh Seonaidh thainig an t-òrdadh nach fhaodadh aon bhoireannach fuireach ann an eilean nan rocaid, oir dhearbh na dotairean gu robh iad a’ toirt ìnntinnean an luchd-oibreach far an cuid oibreach.
Chaidh na caileagan singilte a sguabadh air falbh, ach thugadh cothrom do ’n fheadhainn a bha pòsda cheana an imrich a dheanamh do Bhatarsaidh—eilean a bha air a chur air leth airson daoine nach robh treun ann an corp no an ìnntinn, caran coltach ris na h-àiteachan anns am biodh iad a’ cròdhadh luibhreach anns na seann làithean.
Bha athair agus màthair Sheonaidh a’ dol a dh’ fhalbh gus an cualas nach fhaodadh iad an leanabh a thoirt leotha.
Aon mhadainn thainig bhan chun an doruis agus thogadh iad le chéile—aig an t-Sealbh a bha fios càite—agus chaidh Seonaidh a chur do ’n Sgoil-inntinn far am biodh gillean os cionn shia mìosan air an àrach an dòighean agus ann am modhannan an t-saoghail ùir.
Cha robh fada gus an do sguir e chaoineadh. Agus anuair a bha e dusan bliadhna chaidh a chur an urra ri obair iriosal ann an Tùr nan Rocaid, a’ chiad Uibhisteach riamh a fhuair obair sgileil anns an àite. Agus am fear mu dheireadh. Dhùin an Sgoil-inntin; cha robh an còrr feum oirre.
Anuair a bhiodh daoine a’ bruidhinn Gàidhlig, bha facal aca ‘gu rachadh dualchas an aghaidh nan creag’ ach bha dùil gun deachaidh am facal a bhreugnachadh anns an aonamh linn thar fhichead anuair a stéidhicheadh na Sgoiltean-ìnntinn a chuireadh a mach oileanaich eadar nach robh an dealachadh bu lugha ann an dòigh smuain, ann an tuigse, agus ann am faireachadh—daoine a bha tur fhreagarrach airson am beatha (tri fichead bliadhna ’s a trì, a réir an lagha mu dheireadh) a chur seachad ann an aon de Thùir nan innealan faire. Bha sgoiltean eile ann an àiteachan leithid New York agus Cairo agus Peking, agus anns na h-àiteachan far an robh pòsadh agus gin cloinne ceadaichte gus àireamh an t-sluaigh a chumail suidhichte fo ’n aonadh a rinn na Cumhachdan fo ’n Riaghaltas Mhór. B’ ann ás na sgoiltean sin a thigeadh an luchd riaghlaidh, na h-oifigich, agus an leithidean.
Rinneadh an aon mhearachd a rinneadh riamh ann an Uibhist. Chumadh aon Uibhisteach ag obair ann an Tùr nan Rocaid, fear de shliochd na talmhainn, air cùl an robh na mìltean bliadhna de dhualchas, na mìltean bliadhna de ghliocas an fhuinn, de chreideamh, de ghràdh teaghlaich. Agus ged a sguab an Sgoil-ìnntinn móran rudan air falbh bha aon fhreumhach bheag air nach do ruig i.
An déidh dha no tri bhliadhnachan agus là an déidh là de thrèanadh chaidh Seumas Ruadh àrdachadh gus mu dheireadh an do ràinig e an dasc far an robh dealbh a’ tighinn bho chamara iarmailtich a bha a’ cumail sùla air Peking.
Cha robh dad cudthromach anns an obair. Nam faiceadh Seumas spot air an deilbh mu choinneamh cha robh aige ach am putan dubh fhàsgadh a bha a’ ciallach “An aire.” Chuireadh sin oifigich os a chionn ’nan rabhadh, agus dh’ fhàisgeadh iadsan putan a bheireadh rabhadh do dh’ fheadhainn os an cionn-san. Nan robh gach nì ceart lasadh solus uaine mu choinneamh Sheonaidh. Mura lasadh, dh’ fhàisgeadh e am putan dearg a leigeadh air falbh rocaid a chuireadh ás do Pheking.
Cudthromach ann an dòigh! Ach cha robh ann an Seumas ach cnag bheag ann an inneil mhóir.
Là an déidh là bha e a’ dol chun an dasc aig an aon uair. Feasgar an déidh feasgair bha e a’ fàgail an dasc aig an aon uair. Mar spàl breabadair a’ dol air ais ’s air adhart anns an t-slinne-chlar.
Madainn Earraich—dh’ aithnicheadh tu gur e an t-Earrach a bh’ ann leis an dath a bha a’ tighinn air an fheur, ged is fhada bhon a fhuaras smachd a chur air là is oidhche ’s air sìde—thainig góbhlan agus thòisich i a’ deanamh nid fo chabar os cionn na h-uinneige a bha ri taobh Sheumais.
Cha do chuir e dragh oirre. Rud a b’ iongantaiche, cha do chuir gin de na h-oifigich, ma mhothaich iad dhi. Rug i a h-uighean agus shuidh i oirre Agus thòisich a céile gu dìleas a’ frithealadh oirre le boiteagan ’s le cnuimheagan.
An ceann thrì seachdainean thainig na bigeanan, agus chan fhaca Seumas Ruadh riamh dad coltach ris an uaill a rinn na pàrantan. Agus cho fritheilteach ’s a bha iad. Là an déidh là a’ cumail bidhe ris an àl gus mu dheireadh an do dh’ fhàs na h-itean agus gus an do dh’ fhàs na sgiathan làidir, agus dh’ fhalbh iad.
Cha do dhìochuimhnich Seumas Ruadh riamh an góbhlan, agus mar bu mhotha a smaoinicheadh e air na chunnaic e ’s ann bu mhotha a thòisich smaoin, no tuigse, no ’s dòcha faireachadh, a’ cuachagaich air cùl ìnnntinne.
Anns an Sgoil-ìnntinn cha robh teagasg no eadhoin iomradh air Nàdur, oir cha robh ann an Nàdur ach rud a cheannsaich an cinne-daonna bho chionn fhada.
Chan fhaca Seumas Ruadh riamh boireannach, agus cha chuala e riamh iomradh air pòsadh no air gin chloinne no air ciamar a bha beatha a’ tighinn beò.
Ach aon là, agus e a’ beachdachadh air a’ ghóbhlan-gaoithe agus ’ga h-ionndrain, spreadh rudeigin ’na inntinn agus thuig e. Leth-thuig e carson a bha e a’ cur sgàig air anuair a dh’ fhiachadh fear-eigin de na h-oifigich ri gaol a dheanamh ris.
Anns a’ bhad, thuig e gu robh an góbhlan-gaoithe saor air taobh a muigh na h-uinneige ach gu robh esan glaiste air an taobh a stigh, agus glaiste ann an smaoin agus ann am faireachaidhean nàdurra cuideachd.
Cha robh fada gus an do mhothaich na fir faire gu robh rudeigin air ìnntinn, agus mhothaich Seumas gun do mhothaich iad. Aon mhadainn dh’ fhaisg e am putan dearg . . . .
ANN am Peking bha Shang Lì a’ coimhead gu dùrachdach air an deilbh mu choinneimh, cho dùrachdach agus gur ann a thug am Fear-faire a shùil dheth ag ràdha ris fhéin “Tha Shang Lì gu bhith ceart gu leòr . . . .”
Ach ’s ann a bha Shang Lì ag aisling air an te mhóir chìochaich a ghnog a ceann ris anuair a bha e a’ dol seachad air Oifis na Gineachd. Anuair a thainig e thuige fhéin bha an spot air an deilbh mu coinneamh mu mheud òrdaig. Leig a chridhe leum ás leis an eagal. Stad a chorrag tiota os cionn a’ phutain dhuibh. Agus mus robh fhios aige dé bha e a’ dèanamh dh’ fhàisg e am putan dearg . . . .
Ann an New York bha Einstein Brovnik a’ fiachainn ri shùilean chumail fosgailte ged a shluig e ceithir pileachan.
An raoir fhéin thuirt cuideigin rudeigin ris a chuir ’na bhoil e gu robh fios Aca-san mun “Chuileig” agus cha do chaidil e norradh. Bha fhios aige gu feumadh e an fhìrinn ìnnse an là sin fhéin. Nan innseadh e fhéin an fhìrinn ’s dòcha nach deanadh iad ach càin a chur air.
Bha e a’ fiachainn ris na facail a bhrathadh A’ Chuileag—am ball bu docha leis de ’n teaghlach uile—a chur an òrdugh ’na ìnntinn fhéin, agus ’s ann a dh’ fhairich e deòir a’ briogadh a shùilean. Bhriob e air falbh iad, agus thug e sùil air an deilbh mu choinneamh.
Bha spot mhór dhubh os cionn Iupatar a’ sìor fhàs mór agus thuig e gu robh e tuilleadh is fadalach gus putan dubh an rabhaidh fhàsgadh.
’Na bhreislich, gun fhios aige gu dé bha e a’ dèanamh dh’ fhàisg e putan dearg na rocaid . . . .
Ann an leth mionaid bho ’n àm a dh’ fhàisg Seumas Ruadh òrdag ann an Uibhist, chaidh an saoghal ’na smàl.
BHA seachd là mun do sgaoil a’ cheò. Ach air madainn an ochdamh là, shìos—fada shìos fo ’n duslaich agus fo ’n làva—thòisich cnuimheag a’ cnuasail . . . .
title | Am Putan Dearg |
internal date | 1960.0 |
display date | 1960 |
publication date | 1960 |
level | |
reference template | Fionnlagh I. MacDhòmhnaill in Gairm 34 %p |
parent text | Gairm 34 |