An Sgeilp Leabhraichean
“Lord of the Isles” le Nigel Nicolson. Clo-bhuailte le Weidenfeld & Nicolson. 30/-.
Saoil cia meud a mhothaicheas gur e an tiotal a thagh Nigel Nicolson airson a leabhair mu Mhorair Leverhulme, an dearbh thiotal a rinn a’ chonnspaid anuair a thagh Lever fhéin e airson na Moraireachd a thugadh dha ann an 1922?
“Dear Viscount” ars a’ chailleach Leódhusach “Don ’t give up your title. May you long grace its beauty. We Lewis folk love our proprietor to own it. Never mind that big Macdonald Uist.” Ach cha b’ ann uile gu léir air sgàth na caillich a chuir Leverhulme a bhuinn an tacsa. Bha e seachd sgìth a’ call bhatal ann an Leódhus agus cha robh e a’ dol a chall a’ chòrr.
Chosg Leódhus agus na Hearadh faisg air £l ,500,000 do Lever anns na bliadhnachan a bha e an sàs annta. Agus thainig a’ mhórchuid de’n airgead ás a phocaid fhéin. An diugh chan eil dad as fhiach air fhàgail. Anns a’ Ghàidhlig, chan eil eadhoin ainm air a’ bhaile a dh’ fhiach e ri thogail ann an ceann-a- deas na Hearadh. Ciamar a rinn na h-Eileanan an Iar an gnothaich air fear a bhuannaich ann am PortSunlight, anns a’ Chongo, agus ann an leth-cheud àite eile air feadh an t-saoghail?
Tha Nigel Nicolson a’ cumail a mach gur e am fear as fhaisge a thainig air an fhìrinn Ruaraidh Mac a’ Ghobhainn, a bha bliadhnaichean ’na phròbhoist air Steòrnabhagh, anuair a thuirt e “It is possible that there might have been a different end to the story of Lord Leverhulme’s work in Lewis, had his first early impressions of thirty years before been supplemented and nourished by one or two visits in those years in between. Such would have given his active mind a clear view of the character and forces he was subsequently to meet on these shores when he came to live among the people.”
Agus ’s dòcha dìreach gur e sin a bha ceàrr; gu robh Leverhulme de ’n bheachd gun làimhsicheadh e an Leódhusach cho furasda agus a làimhsicheadh e an Congolese ás an robh e an dùil na mìltean a dheanamh le feòil mhuic-mhara ann an canastairean.
Ann an dòigh chan eil sin gu diofar ann an iomradh air leabhar anns nach eil an t-ùghdar fhéin a’ deanamh móran sgrùdaidh air buaidh a chuspair air cor chàich. Is e a tha Nigel Nicolson a’ tairgse dhuinn dealbh de ’n duine—dealbh de William Hesketh Lever chan ann de “Bhodach an t-Siabainn.” Agus tha an dealbh soilleir agus ioma-dhathach. Cha leugh móran a’ chiad duilleag nach ruig an duilleag mu dheireadh.
Anuair a bha Lever ’na bhalach cha d’ fhuair e bho athair ach tasdan san t-seachdain mar airgead pòcaid; anuair a ràinig e na diagan fhuair e àrdachadh gu dà thasdan; cha d’ fhuair e tuarasdal gus an robh e aon thar fhichead. Anuair a chruinnich e £4 ,000 (le cuideachadh bho athair) thòisich e a’ deanamhSunlight Soap, agus ann am beagan bhliadhnachan bha e air fear de na daoine a bu bheairtiche ann am Breatainn. Anuair a bha e beagan is trì fichead thilg e air falbh muillean gu leth not anns na h-Eileanan an Iar.
Tha aon cheangal beag eadar Nigel Nicolson agus am fear mu ’m bheil e a’ sgrìobhadh. An diugh is ann aig Nicolson a tha na h-Eileanan Móra a bhuineadh uair do Leverhulme. Ach is e am fìor cheangal gu bheil spéis mhór aig an ùghdar do dhuine a bha cho loma làn de spiorad agus de dh’ eanchainn.
Tha an leabhar so a’ sealltainn dhuinn Leverhulme mar fhear a bha cho cruaidh ris an iarunn aon uair, agus làn de spòrs uair eile. Tha e a’ sealltainn dhuinn mar a bha e ag òrdachadh agus a’ riaghladh na h-Impireachd a thog e airSunlight Soap, agus mar a bha e ag òrdachadh a bheatha fhéin aig an dasc agus ’na sheòmar-cadail.
Chan eil leabhar air an t-saoghal a tha cho inntinneach ri leabhar a tha a’ soillseachadh beatha duine eile. So fear a tha a’ deanamh sin thar tomhas, agus ann an dòigh a chòrdas ris an fhear nach eil an tòir air doimhne no air feallsanachd ach dìreach air eachdraidh bheòthail agus, uaireannan, aighrearach.
F.McD.
[Sanas]
title | 1 |
internal date | 1960.0 |
display date | 1960 |
publication date | 1960 |
level | |
reference template | Fionnlagh I. MacDhòmhnaill in Gairm 34 %p |
parent text | An Sgeilp Leabhraichean |