Dónall Og, Taighde ar an amhrán, le Seosamh O Duibhginn (An Cló-chomhar Tta., Baile Atha Cliath. 134 t.d. 6/- .)
Tha sinn eòlach air Seosamh O Duibhginn mar aon de ’n ghinealach ùr a dh’ àraich an Saorstát gu fìor mheas a chur air cainnt is ceòl is litreachas bhunaidh Eirinn, is e sin air a’ Ghaeilge, agus air litreachas is ceòl na Gaeilge. B’ i a’ Bheurla a’ chiad chainnt a bh’ aige, ach an diugh is fheàrr leis gu mór Gaeilge a labhairt agus a sgrìobhadh, agus tha deagh alt aige air sin a dhèanamh. O chionn greis tha e air a bhith ’na Eagarthóir, no ’na Fhear-deasachaidh, air a’ mhìosachan Feasta, aon de phrìomh phaipearan Gaeilge na dùthcha.
B’ ann an Campa an Churraigh, prìomh chàmpa an Airm an Eirinn, a chuala O Duibhginn an toiseach an t-amhran Dónall Og. Bha clas Ghaeilge aig Máirtín O Cadhain, an sgrìobhaiche ainmeil, an sin, agus nuair a thug e an t-amhran so dhaibh chòrd e gu h-anabarrach ri O Duibhginn agus thug e leis air mheamhair e. Thòisich e an ceann ùine air gach lethbhreac a lorgadh e a thional, á làmh-sgrìobhainnean is á leabhraichean, is á taifeidean is clàir a chruinnicheadh le muinntir a’ bheòil-aithris ann an Eirinn, agus ged nach do lorg e an t-amhran gu h-iomlan ann an Albainn, fhuair e sgeul air amhrain Ghàidhlig, no air bloighean dhiubh, aig a bheil dlùth cheangal ri Dónall Og. Anns an leabhar so tha e a’ toirt cunntais air lethcheud lethbhreac ’s a seachd, feadhainn dhiubh goirid agus feadhainn eile nas fhaide, ged nach eil gin dhiubh cho fada ris an lethbhreac a bh’ aca an Campa an Churraigh, agus da fhichead ceathramh ’s a trì ann. Tha e cuideachd a’ toirt dhuinn ceòl an òrain.
Tha O Duibhginn de ’n bheachd gum faodadh e bhith gur h-e duine eachdraidheil a bha ann an Dónall Og—is dòcha Dónall Og O Dónaill a bha ’na phrionnsa an Tír Chonaill sa’ bhliadhna 1258—ach chan eil dòigh air dearbhadh soilleir fhaighinn air a so. Agus ged a b’ e, chan eil gach lethbhreac de ’n amhran mu dheighinn an duine sin, oir is e an cuspair a th’ aca air fad mar a thréigeadh caileag òg le a leannan falaich, agus ise an déidh trom ghràdh a thoirt dhà, agus an déidh a cliù a chall air a sgàth. Cuspair fìor chumanta an eachdraidh gach cinnidh—is beag an t-iongnadh ged a gheibhte amhrain de ’n t-seòrsa so anns gach ceàrn de Ghaidhealtachd Albainn is Eirinn.
Ged a tha an dà sheòrsa Gàidhlig a nis air a bhith greis mhath sgarte bho chéile, ann an amhrain de ’n t-seòrsa so chì sinn gu furasda an dlùth dhàimh a tha eatorra. So agaibh grunn cheathrannan á lethbhreac Mhuimhneach (á “Cóigeamh Mumha na h-Eireann,” an duirt an t-òran Uibhisteach):
A Domhnaill Oig, má theidhir thar fairrge
Beir mé féin leat, is ná déin de dearmad,
Is beidh agat féirín lá aonaigh is margaidh,
Is inghean Ríogh Gréige mar chéile leaptha agat.
Do gheallais damhsa, nídh ba dheacair duit,
Luingeas óir fá chrann-seoil airgid;
Dhá bhaile dhéag de bhailtibh mhargaidh;
Is cúirt bhreagh aoldha cois taobh na fairrge.
Do gheallais damhsa, nídh nár bh’ fhéidir,
Go dtiubharthá laimhinne de chroicean éisg dam;
Go dtiubharthá bróga de chroicean éan dam;
Is culaidh dhe ’n tsíoda ba dhaoire i nEirinn.
A Dhómhnaill Oig, b’ fhearr dhuit mise agat
’Ná bean uasal uaibhreach iomarcach,
Do chrúdhfainn bó agus do-ghéanainn cuigean duit,
Is, dà mba cruaidh é, do bhuailfinn buille leat.
Is moch ar maidin do chonnac-sa an t-óigfhear
Ar muin chapaill ag gabháil an bhóthair;
Níor dhruid sé liom is níor chuir na stródh orm;
’S ar mo chasadh abhaile dham ’s eadh do ghoileas mo dhóthain.
Siúd é an Domhnach do thugas grádh dhuit,
An Domhnach díreach roimh Dhomhnach Cásga;
Is mise ar mo ghlúinibh a’ léigheadh na páise
’S eadh bhí mo dhá shúil a’ síorthabhairt an ghrádh dhuit.
Tá mo chroidhe-sa chomh dubh le háirne,
No le gual dubh a bheadh i gceárdchain,
No le bonn bróige bheadh ar hallaíbh bána;
’S gur dheinis lionn dubh dhíom os cionn ma shláinte.
Do bhainis soir dhíom, is do bhainis siar dhíom,
Do bhainis romham, is do bhainis im’ dhiaidh dhíom,
Do bhainis Gealach, is do bhainis Grian díom,
’S is ró-mhór m’eagla gur bhainis Dia dhíom.
Ged nach eil an sin ach taghadh de na ceathrannan tha iad ag innse earrann mhath de ’n sgeulachd dhuinn, ach tha iomadach leudachadh ’ga dheanamh oirre anns na h-amhrain eile a fhuaradh ann an Connacht, an Ulaidh agus an Albainn. Tha e soilleir gu bheil ceangal aig a’ cheathramh mu dheireadh shuas ris a’ cheathramh againne:
Thug thu ’n ear dhìom is thug thu ’n iar dhìom,
Thug thu ’ghealach is thug thu ’ghrian dhìom,
Is thug thu ’n cridhe a bha ’nam chliabh dhìom,
Cha mhór, a ghaoil, nach tug ’s mo Dhia dhìom.
Tha O Duibhginn a’ lorg dlùth cheangal eadar Dónall Og agus Fear a’ Bhàta, agus mar an ceudna dh’ fhaoite ceangal a lorg eadar Dónall Og agus Fail il ó agus hó ro éile, agus O ’s tù ’s gura tù th’ air m’ aire, agus Hug órann óro gur toigh leam fhìn thu, agus òrain eile cuideachd.
Is dòcha, ceart gu leòr, gu bheil cunnart ann a bhith a’ togail shreathan á amhrain agus ag ràdh gu bheil ceangal aig na h-amhrain ri chéile, oir tha e furasda aithneachadh gu robh móran de shreathan, is de cheathrannan, a rinn siubhal, mar gum b’ eadh, bho amhran gu amhran. Seall na sreathan so, á Dónall Og:
Nuair a chluinim cáil ar na mná dhá lua leat,
Titeann bun agus bárr mo ghruaige,
agus cuir ri ’n taobh na sreathan á Coisich a rùin, a rèir ’s mar a sgrìobh K. C. Craig iad ann an Orain Luaidh, is e air an cluinntinn bho Mhàiri Nighean Alasdair ann an Uibhist a Deas, uaireigin eadar 1942 agus 1949:
Nan cluinninn té eile luaidh riut,
Spìonainn bun is bàrr mo chuailein.
Ach a rèir coltais ’s ann air Seon Caimbeul ás na Hearadh a bha aire na bana bhàird an so. Tha leithid nan sreathan sin a’ dearbhadh dhuinn cho rèidh ’s a bha an t-slighe, do na h-amhrain, eadar Albainn is Eirinn. Is dòcha nach robh na seabhaltaich a bha sgrìobhadh ann an Oisean, o chionn ghoirid, fada ceàrr idir nuair a mhol iad dhuinn tuilleadh eòlais a chur air na càirdean as fhaisge oirnn air an taobh so de ’n Chuan a Siar.
Co-dhiùbh, tha sinn an comain a h-aoin diubh, Seosamh O Duibhginn, airson an leabhair so aige.
R. McT.
title | 2 |
internal date | 1960.0 |
display date | 1960 |
publication date | 1960 |
level | |
reference template | Ruaraidh MacThómais in Gairm 34 %p |
parent text | An Sgeilp Leabhraichean |