Oiteagan A Albainn Nuaidh
CALUM IAIN MACLEOID
Cladh Gleann a’ Bhàird ann an Albainn Nuaidh.
Is ann an so a tha am bàrd Iain MacGilleathan air a thiodhlacadh.
O CHIONN seachdaine no dhà fhuaras sgial bàis Chaluim Bhig Ratharsair, no Calum Mac Gille-Eathain. Ged nach robh Gàidheil Eilein Cheap Breatainn eòlach air Calum ’na phearsa chuala iad fathann thall ’s a bhos air an obair ionmholta a bha e a’ deanamh ann a bhith a’ dìoghlum seann bhial-aithris a tha fhathast am bial an t-sluaigh an Innse-Gall, ’s an Gàidhealtachd na h-Albann. Bha làn-dùil againn ri Calum fhaicinn an Albainn Nuaidh air an naoidheimh là diag de ’n t-Sultuin, 1960, oir ’s ann air an là sin a bha Oilthigh an Naoimh Fransaidh Xavier, an Antigonish, a’ dol a thoirt dha an onoir a b’ àirde a bha ’nan cridhe ’s ’nan comas airson a shaothrach. Cha robh an turus-cuain sin an dàn dha; mar a thuirt am bàrd Murchadh Mór Mac Mhic Mhurchaidh:—
“Dìomhain bhur léigheann, bhur léirsinn a bhàn,
Dìomhain bhur geurchuis sna speuraibh gu h-àrd,
Dìomhain bhur tuigse tha tuisleach a ghnàth,
Dìomhain gach aon nì an uair thigeas am bàs.”
THA mi cinnteach gun do thadhail cuid agaibh san t-Seann Dùthaich, uair no uaireigin, an Tigh Madame Tussaud, an Lunnainn, far a bheil ìomhaighean nan daoine allail san t-saoghal air an gràbhal
MA théid a h-uile nì mar is miann bidh tombaca a’ fàs an Albainn Nuaidh an ath-bhliadhna. Tha Bòrd an Fhearainn air chùl a’ ghnothaich, agus thug iad seachad dà fhichead acaire mar thràth airson toiseach-tòiseachaidh an àite ris an abrar Kentville, baile beag an iar thuath air Halifax. ’S e Olaindeach air a bheil Ted Driessen mar ainm, a tha ’na cheannard air gach iomairt a th’ ann. Bha eòlas farsaing aige-san air fàs tombaca nuair a bha e an Ontario o chionn bliadhna no dhà. Bha mi a’ conaltradh ri Driessen an là roimhe, is thuirt e rium gu bheil gné na talmhainn an Albainn Nuaidh air leth freagarrach airson fàis tombaca, “ ach,” ars esan, “feumaidh sinn aimsir fhaighinn a bhios cuidhteas reothaidh. Feumaidh sinn, co-dhiùbh, sia fichead là gun sgath reothaidh idir mu àm an Fhogharaidh, is chan eil sin furasda fhaighinn sa’ cheàrnaidh so de ’n t-saoghal.”
Tha iad a’ buain an tombaca san t-Sultuin. Chan e buileach “buain” a their iad ris ach “taghadh.” ’S e obair chruaidh a tha so,
CHA mhór nach eil breacan ùr aig a h-uile Mórroinn an Canada dhi fhéin a nis. Tha iad ’ga reic airson seachd dolair an t-slat, agus tha na Ameireaganaich ’ga cheannach mar as luaithe a théid aca air. Tha cuid de na dathan sna breacanan ùra so air leth taitneach, ach, ’s e cnag na cùise nach e fìor bhreacanan a th’ annda idir oir cha do chuir an Ridire Tòmas MacAonghuis, Fear Leatharnaidh, àrd cheannard nam breacan ’s nam fear-chinnidh, an Dùn-Eideann, a sheula ri gin de na breacanan ùra sin, ach a mhàin, breacan na h-Albann Nuaidhe.
’S e ’n Tìr Ur Nodha, no Newfoundland, a’ Mhórroinn mu dheireadh an Canada a tha a’ strì ri breacan ùr a thionnsgnadh is h-abair sibh-se gu bheil cogadh a’ bhreacain ri buille gu brais an dràsda an Newfoundland oir tha dà bhreacan aca ri clàr a nis, agus tha muinntir an àite eadar an t-euradh ’s an t-aimbeairt ach dé ’m breacan a thaghas iad aig a’ cheann thall. So agaibh na dathan a tha sa’ chiad bhreacan:—
(l) Uaine, mar shamhla air a’ chraoibh-ghiuthais.
(2) Or, air son gathan na gréine.
(3) Geal, mar chomharradh air sneachd fuaraidh, neimheil a’ gheamhraidh.
(4) Donn, airson an iaruinn ás an talamh, agus
(5) Dearg, a’ cur an céill suaicheantais an rìgh.
So agaibh na dathan sa’ bhreachan eile:—
(l) Dearg, geal is buidhe, na dathan a tha air an tionnsgnadh an suaicheantas Newfoundland e fhéin.
(2) Dearg, geal is gorm, a’ foillseachadh comh-fhlaitheachd Bhreatainn.
(3) Uaine, geal is bàndearg, datha a tha sa’ bhratach aig Newfoundland o shean.
(4) Bàndearg airson nam Pròstanach.
(5) Uaine airson nam Pàpanach, agus
(6) Geal, a’ foillseachadh, agus ag innse dhuinn gu bheil a nis sìth eadar na Pròstanaich agus na Pàpanaich. Sin agaibh sin, agus mar a thuirt Gàidheal á Arasaig, faisg air Antigonish, rium, Di-Luain-sa chaidh, ’s sinn a’ bruidhinn air cogadh a’ bhreacain an Newfoundland, “ ’S ann aig Dia fhéin tha brath is fios dé ’m breacan a bheir buaidh aig deireadh an là.”
A RIAMH o ’n là a bhuail a’ chiad soitheach-seòlaidh á tìrean-chéine feamainn chìreanach is barra-stamh na h-Albann Nuaidhe, dh’ fhidir na daoine gu robh an leithid de ghalar an aorabh an t-sluaigh ris an canadh iad an tachas-tioram. Tha Jacques Cartier fhéin ag ìnnse dhuinn gun do chaill e móran de na maraichean aige leis an tachas-tioram san dùthaich so. Sa’ bhliadhna cóig ciad diag, ceithir fichead ’s a trì diag, fhuair an Ridire Ruiseart Hawkins a mach gun dèanadh sùgh an òrmheas léigheas air an tachas-tioram, ach, sa’ bhliadhna so fhéin, an Albainn Nuaidh, bha thairis air deich thar fhichead duine cloinne san ospadail, an Halifax, loma-làn de ’n tachas-tioram. Tha na lighichean ag ràdh gur e dìth “Vitamin C” a th’ air a’ chloinn, is gum bu chòir do gach màthair aig a bheil duine beag, sugh an òrmheas a thoirt dha cho luath ’s a ruigeas e dà sheachdain a dh’ aois. A réir nan dotairean, chan eil bainne na bà idir cho iomlan ’na bhiadh ’s a thàtar am beachd, is gur h-e bainne na cìche as fheàrr uile gu léir airson beathachaidh nan naoidhean.
THA trì bliadhna air a dhol seachad a nis on a chaidh Cathair na Gàidhlige a stéidheachadh an Oilthigh an Naoimh Fransaidh Xavier, an Antigonish, Alba Nuadh. Anns an Oilthigh so thàtar a’ teagasg Gàidhlig na h-Albann, Eachdraidh nan Ceilteach, is Litreachas nan Ceilteach. Anns a’ bhliadhna a chaidh seachad bha trì fichead oileanach a’ gabhail nan cuspairean sin, is ’nam measg bha duine dubh á tìr Basuto a bha a’ meòrachadh air a’ Phrionnsa Teàrlach, Fionnghal NicDhòmhnaill, agus am Morair Seòras Moirreach. Chaidh an duine dubh air ais gu tìr Basuto ach mun d’ rinn e breacan-á- baile thug e urras dhuinn gun dèanadh e spàirn chruaidh air eachdraidh Bliadhna Theàrlaich a theagasg do chloinn na sgoile an tìr Basuto. Thog e beagan Gàidhlig nuair a bha e cuide ruinn cuideachd, is sheinneadh e “Am Ministear ’s am Bàillidh,” le dreach is le suigeart a dh’aindeoin blas beurla Basuto an sud ’s an so am measg nan ceathramhnan.
NAN abradh duine ás an t-Seann Dùthaich gun robh e ri bìtheadh fad an là, thuigeadh duine gu robh e sìos aig a’ chladach, no faisg air laimrig a’ bìtheadh, no a’ tearradh bàta, ach, san dùthaich so, ma their thu gu bheil thu “a’ bìtheadh,” tha sin a’ ciallachadh gu bheil thu a’ sgrìobadh bì á cairt nan craobhan giuthais, ’s e sin ri ràdh, an giuthas-Lochlannach. Nuair a tha a’ bhì air a cruinneachadh o na craobhan, tha na boireannaich ’ga sgrìobadh, is ’ga
AN ceann trì seachdainean eile bidh a h-uile seòrsa cuirm, fàilte is fleadhachais air chois an ceanna-bhaile Shidni, an Eilean Cheap Breatainn, oir, mu ’n àm sin, bidh baile Shidni ciad, trì fichead ’s a cóig bliadhna diag a dh ’aois. Chan eil luchd eachdraidh idir cinnteach có a’ chiad duine geal a fhuair lorg air Eilean Cheap Breatainn an toiseach. A réir cuid, bha iasgairean á ceann an iarthuath na Frainge a’ seòladh thairis gu Eilean Cheap Breatainn air eiriridh an truisg mun tàinig fios no forfhais air Columbus no Iain Cabot. Nuair a ràinig Iain Cabot na còrsaichean againn bha dùil aige gun robh e an Asia, is mar sin chuir e iongnadh air nach robh sgial air na sìodan luachmhor, agus na seudan prìseil mu ’n cuala e iomradh. Tha amharus againn cuideachd gu robh,
“Lochlannaich threun toiseach bhur sgéil,”
Sliochd solta bh’ air freumh Mhànuis,”
mar a thuirt Màiri nighean Alasdair Ruaidh, ag èaladh timcheall air na cladaichean againn mu chóig chiad bliadhna mun tàinig Columbus do ’n Mhórroinn so. Chan eil a mach air seachdain on a chunnaic mi itealan beag, buidhe, ag itealaich gu mall is ìosal thairis air Acarsaid MhicFhionghuin, an Eilean Cheap Breatainn. Có a bha so ach an Dotair Helge Ingstad a tha a’ fiachainn ri lorg fhaiginn air fearann-àiteachais nan Lochlannach. Tha e coltach gu bheil e móran nas fhasa gnothach mar so a rannsachadh o ’n adhar na bha e air tìr. Tha dùil aig an Dotair Ingstad gun tàinig na Lochlannaich air tìr an Labrador, no an Quebec, no an Albainn Nuaidh.
’S e am Màidsear Ioseph Desbarres a’ chiad àrd-riaghladair a bh’ air “Eilean Cheap Breatainn, is thug e an t-ainm Sidni air prìomh-bhaile an Eilein mar chuimhneachan air fear d’ am b’ ainm, “Am Morair Sydney,” a bha ’na Rùnaire Stàite airson nan Eilthireach. Thachair so sa’ bhliadhna seachd cia diag, ceithir fichead ’s a cóig. An déidh Desbarres bha an Còirnealair MacCarmaig ’na àrd-riaghladair air Sidni, agus tha esan ag ìnnse dhuinn gu robh ceithir mìle duine a’ fuireach an Sidni nuair a bha esan an ùghdarras. Cha robh dìth no deireas air an t-sluagh oir bha an t-iasg pailt, is bha na méinean-guail ag obair dìreach mar a tha iad an diugh. Dh’ fhaodadh duine sitheann-féidh, ’s e sin ri ràdh, “caribou”, no an lon Ameireaganach, a cheannach airson trì sgillinn am punnd.
THA iasgach nam bànagan ’s nam breac gu math am bliadhna. Tha na bànagan a’ tòiseachadh ri ruith suas na h-aibhnichean mu dheireadh mìos a’ Ghiblein. Gabhaidh iad boiteag aig bial na mara ach nuair a ruigeas iad suas gu còmhnardan uachdrach na h-aibhne ’s e am maghar as fheàrr leotha. H-abair sibh-se gur e faghaid ghrinn a th’ ann nuair a shìneas iad ri riobadh. Gabhaidh iad “Am Feòladair Airgid,” mar a th’ agaibh-se san t-Seann Dùthaich, ach ’s e “Am Para Belle,” agus an “Jerry Ma Diddler,” na sùileagan as docha leotha sa’ chèarnaidh so de ’n domhan.
Tha iasg eile againn an so a bhios a’ snàmh a steach o ’n mhuir, agus a’ tadhal nan aibhnichean mu ’n àm so de ’n bhliadhna ris an abrar “gaspereaux.” Their na h-Innseanaich “Kiacks” riutha, agus ’s e sgadan-garbh an t-ainm a chuir Gàidheil Cheap Breatainn orra. Tha iad càirdeach ris an sgadan an gné ’s an cumadh, ach gu bheil iad nas motha. Tha na h-iasgairean ’gan glacadh le lìon-iadhaidh is ’gan reic ri na giomadairean airson biadhaidh. Tha feadhainn eile ’gan glacadh an cléibh, car coltach ri cléibh-ghiomach, ach tha na cléibh so lethchiad troigh air fhad, is fichead troigh air liad. Tha muinntir Eilein Eòin a’ feannadh nan gaspereaux, ’gan sgoltadh, ’gan gearradh an òrdan, ’gan sailleadh, ’gam pacadh am baraillean, is ’gan aiseag a null do na Stàitean Aonaichte, do na h-Innseachan an Iar, is do ’n Roinn Eòrpa. ’S e glé bheag a dh’ itheas gaspereaux an Canada, ach tha sluagh na Roinn Eòrpa anabarrach fhéin measail orra. Bidh iadsan ’gan-itheadh cuide ri bàrr goirt agus fìon.
O CHIONN deich bliadhna air ais bha e furasda gu leòr teisteanas fhaighinn airson carbad-ola a stiùireadh an Albainn Nuaidh. Dh’ fhaodadh duine air leth-shùil is air leth-chois cead fhaighinn ach, an diugh tha riaghailtean ùra air bonn a tha a’ cur ceannsachaidh air an fhear nach bu chòir a bhith air chùl cuibhle air an rathad mhór. A bharrachd air sgrùdadh fhaighinn air ciamar a stiùireas tu carbad, tha agad ri ceasnachadh a sgrìobhadh air reachdan-siubhail an rathaid-mhóir, is gus a faigh thu làmh-an-uachdair air na cnapan-starraidh sin, chan fhaigh thu cead carbad a làimhseachadh idir. Nuair a tha sin ás do dhéidh, tha Lagh nam Pongan romhad a h-uile uair a ghluaiseas tu o ’n tigh ann an carbad. Tha dà fhichead pong ann uile gu léir, is ma chailleas tu deich ás an dà fhichead bidh do theisteanas-stiùiridh air a thoirt bhuat airson sia mìosan. So cuid de na pongan-dìtidh a bhios ’nad aghaidh ma bhristeas tu na riaghailtean:—
(l) aonan, a’ falbh aig astar thairis air trì fichead mìle san uair: trì pongan.
(2) a dhà, a’ stiùireadh a’ charbaid nuair tha smùid ort: sia pongan. Air uairibh, ma tha thu ’ga do sheann dalladh, ’s e deich là ar fhichead sa’ phrìosan a bheir iad dhut, gun chothrom idir air càin a phàidheadh, is chan fhaigh thu cead-stiùiridh fad dà bhliadhna an déidh sin.
(3) a trì, a’ fàgail àite san rathad mhór far an do thachair sgiorradh: trì pongan.
title | Oiteagan à Albainn Nuadh |
internal date | 1960.0 |
display date | 1960 |
publication date | 1960 |
level | |
reference template | Calum Iain MacLeòid in Gairm 34 %p |
parent text | Gairm 34 |