[123]

Moladh ’Ic Aoidh

IAIN GRIMBLE

’S E cho diamhairs cho iongantachs a thanar n-eachdraidh gun tug Gaidheil Eirinn, ris an abradh aig an àm na Scotaich buaidh air na Cruithnich a dhfhairtlich air cumlachd nan Ròmanach. Cha toir sinn ach tuairmeas air ciod den bhuaidh so a thàinig bho chathachadh, agus uiread dhith a bha mar thoradh air achaidreamhachds air an eòlas a bha taisgte ann an cànan an luchd buaidh. Chan eil cinnt againn ach air gun tainig na Scotaich le dualchas catha na Féinne agus le eòlas eaglais Chaluim Chille. Nach àluinn an smuain a their gun robh aig an àm sin am peann na bu treise na an claidheamh, ’s gun robh eòlas nan Scotach á Eirinn, a thug buaidh cho mór san Roinn-Eòrpa, comasach air na Cruithnich a cheannsachadh gun móran fala a dhòrtadh.

Cha do stad na Scotaich aig oir a tuath tir-mór ach rinn iad ionnsaigh taobh Arcaibh is Shealtainn is eileanan nam Faroes agus Iceland. Mar a bfhaide an ceum o Eirinns ann bu lugha a rinn iad de làrach, aguss iongantach mur e sin as coireach cho beags a tha de fhreumhan na Gàidhlige ann an cainnt Iceland an diugh an coimeas ri na gheibhear an cainnt nam Faroes.

Bhon tha na h-eileanan sin uile an diugh Lochlannachnan gné, is dòcha gur e suidheachadh nan àitean a chuir crìochan roimhn sgaoileadh Ceilteach mu dheireadh san àird a tuath. Tha e glé choltach gur e so a bhan inntinn an fhir a rinn dealbh-dùthcha air an sgìr so san t-seachdaimh linn deug. ’Na àm-san, be Strath-Nabhair, a bha gabhail a steach a chuid bu mhotha de airthir a tuath Alba agus a bha na bu mhotha na iomadh siorramachd am Breatainn, an daingneach Ghaidhealach a bfhaide tuath. Rinn e dealbh air an dùthaich so air a cuairteachadh le beanntan àrda bho chladach gu cladach, mar gum biodh e den bheachd gun robh beanntan do-ghlacadh eadhon mur an robh eileanan. Am broinn achearcaill bheann so bha an Taobh Tuath no DùthaichIc Aoidh, air an tugadh an t-ainm, Strath-Nabhair mar thoradh air an abhainn a bha sruthadh troimh mheadhon. A deas air an Taobh Tuath bhaSudurland,” an iar air bha naSudureysnach biodh fhathast, ’s dòcha, ’nan Innse Gall Gàidhlige mur be gun deachaidh aig an daingnich Cheiltich air tir-mór air i féin a ghleidheadh bho na Lochlannaich a bha mu a timcheall.


[124]

an cinneadh ris an robh an daingneach so air a h-earbsa? Biad sluagh chun an do chuir Donnan agus Maol Rubha teachdairean Crìosdaidh ged nach do thadhail iad fhéin riamh air an Taobh Tuath. Biad daoine a bha eòlach air àrd-ghrinneas obraichean-snaidhidh no gràbhalaidh na h-eaglaise Ceiltich, agus muinntir a chùm air cuimhne litreachas gaisgeil na Féinne. Nuair a thòisicheadh an toiseach air a bhith ataghadh ainm cinnidh, thug iad orra fhéin ainm a bha sean agus urramach. Gheibhear an t-ainm Aodh cho fada air ais ri fionn-sgeulBàs Chloinn Lir.” Be Aodh a bainm don rìgh mu dheireadh a chrùnadh aig Teamhair ann an 1592, agus be an t-ainm ceudna a bhair ceann-cinnidh mór Ulaidh air an deachaidh call-catha aig Cinn t-Sàile ann an 1602. Be Aodh, a chaochail sabhliadhna 1571, an ceann-cinnidh mu dheireadh den ainm sin a bhair CloinnIc Aoidh, agus tha freagarrachd mhuladach an lùib sin, oir be achiad ceann-cinneadh a thugadh fo ìochdranachd do na Sasunnaich.

Tha na seann sgeulachdan Lochlannach adeanamh soilleir gun do chuireadh bacadh air adhartas naVikingsann an DùthaichIc Aoidh. Ged a chaidh iad a steach do chridhe na dùthcha a chur catha cha burrainn dhaibh tuineachadh an sin. ’S ann a mhàin an àiteachan anns an gleidheadh iad bàta, fo dhìon an uachdranachd air muir, a tha ainmean-àite tha cumail cuimhne air tuineachadh nan Lochlannach. Tha na sgeulachdan atoirt tarraing air ceann-cinnidh Ceilteach don bainm Moddan agus is dòcha gur ann uaithe-san a thug ClannIc Aoidh an sloinneadh neònach sinClan Morgan.” Tha e soilleir, cuideachd, nach ruigeadh dìoghaltas air ànraich is fògarraich a theicheadh gu fasgadh an Taoibh Tuath. Nuair a sguir bagraidhean nan Lochlannach thòisich maoidheadh nan Sasunnach bho dheas. Stéidhich iadsan iad fhéin ann am baile a dhainmich iad air righ Edwin á Northumbria. Ghabh iad orra fhéin an t-ainm Scotaich, ged nach bu ghnàth le luchd ceannsachaidh iad fhéin a sgeadachadh le craobhan-cosgair an t-sluaigh a smachdaich iad gus am biodh an ceannsachadh coimhlionta. Thug na Sasunnaich cùmhnant-fearainn do chach a chéile air talamh nam fìor Scotach, agus air Sealtainn is Arcaibh cuideachd nuair a thug tubaisd uachdranachd cothrom dhaibh. Ghabh iad na cùmhnantan-fearainn sin mar lethsgeul a bhith tuasaid an aghaidh an luchd-àitichidh dhligheach, agus cho-éignich iad gach ceann-cinnidh Ceilteach den drinn iad tràill gu sabaid an aghaidh a nàbaidhean a bha fhathast gun cheannsachadh.

Airson ùine mhór thàrr ClannIc Aoidh ás on sgrios so. Thug iad acheart aoidheachd do Uilleam an Leómhanns a thug iad do na Lochlannaich, agus chan eil teagamh nach tug muinntir Dhun-Eideann dùil-thairis gun rachadh aca air Strath-Nabhair. Be an teaghlach làidir Sasunnach sin, Gòrdon, a ghabh còir troimh mhort air iarlachd Shutharlainn, a fhuair tighearnas air Strath-Nabhair, anns an t-siathamh linn deug, troimh chealgaireachd is shlaightearachd.

Mar sins ann an toiseach na seachdaimh linn deug a chuireadh ClannIc Aoidh, mar ìochdarain nan Gòrdonach, a chogadh as leth nan Sasunnach an aghaidh Aodh Ni Néill ann an Ulaidh, agus an aghaidh ChloinnIc Leòid an coimhearsnaich ann an Leódhus.


[125]

S ann a nuas bhon linn sin a choisinn na Gaidheil, oighreachan an dìleab Cheiltich, fìor inbhe gaisgealachd. Anns an ùghdarras, a thug Rìgh Seumas VI airson an turuis airn do chuireadh ClannIc Aoidh agus feadhainn eile an aghaidh Leòdach Leódhuis, bha na faclancuir á bith.” Aig an àm sin dhealbh agus sgrìobh na Gòrdonaich innleachdan air aGhàidhlig a chur á bith. Nan robh an latha air a dhol leis an riaghaltas an Dun-Eideann chan eil teagamh nach robh iad air aGhaidhealtachds aGhàidhlig a sgrios gu tur, ’s cha bhiodh air fhàgail ach ainmean-àiteachan troimhn deanadh na h-àil ri teachd tuairmeas air an eachdraidh. Cha bhiodh sgeul air pìobaireachd no air òrain mhóra no air luinneagan Dheirdre agus na Féinne. ’S dòcha nach biodh eadhon dearbhadh sam bith air fhàgail nach be sluagh borb agus aineolach a bhanns na Gaidheil. Be sin beachd nan Gall orra san t-seachdaimh linn deug agus cha bhiodh rathad air am beachd sin a bhreugachadh. Bann mar sin a thachair an Arcaibh agus an Sealtainn agus chan eil air fhàgail ach cànan is litreachas nam Faroes gu taobh na fìrinn a ghleidheadh.

Ach cha robh e gu tachairt saGhaidhealtachd airson trì cheud bliadhna eile. Ann an Strath-Nabhair fhéin thòisicheadh adeanamh laoidhean spioradail ann an Gàidhlig aig acheart àm a bha am fear riaghlaidh Gòrdonach afeuchainn ri Beurla chur orra don aindeoin. Tha e air innseadh dhuinn gun biad laoidhean IainIc Aoidh á Mughdal a bhrosnaich Dùghall Bochanan anns an linnna dhéidh. Thug Dòmhnall Mór MacCriomain na buinn dhith gu Strath-Nabhair an déidh losgadh Chille Chrìosd aguss ann uaithesan a thug Ian Dall agus Aonghas MacAoidh an ealain bhon tàinig móran de phìobaireachd ChloinnIc Criomain air am bheil lorg againn an diugh. Dhfhàg Rob Donn againn ceithir cheud duilleag de bhàrdachd a tha deanamh deilbh air dóighean is cor an t-sluaigh an Strath-Nabhair san ochdaimh linn deug. Ann an Leabhar na Féinne tha cho-chruinneachadh mhór de òrain ghaisgeil á DùthaichIc Aoidh. Cha bann gus an naoidheamh linn deug, nuair a thugadh an seilbh bho mhóran Ghaidheals a chuireadh iad thar chuan, a chuireadh crìoch air obair Rìgh Seumas VI, ’s a chaidh Strath-Nabhair á biths a shlugadh suas i ann an siorramachd mhóir Shutharlainn. Agus an uair sin bha iad fadalach, oir eadhon ged a thigeadh latha anns nach bi mac màthar de ChloinnIc Aoidh san Taobh Tuath aig am bi facal Gàidhligna chlaigionn, tha dearbhadh gu leòr a nis nach be teanga dhaoine borb allaidh a bhinnte agus gun do mhair ina cànan anns an robh taisgte mór shaibhreas eòlais, teòmachd agus ealain. Faodaidh e bhith nach ceadaichear a chaoidh do ghineil ChloinnIc Aoidh an eachdraidhs an litreachas fhéin fhoghlum anns na sgoilean; ach mairidh iad a dhaindeoin sin.

Chan eil eachdraidh Strath-Nabhair gun choimeas dhi. Dhàraich ceàrnan eile pìobairean a bionmholta agus bàird a bu lìonmhoire. Dheanadh àiteachan eile uaill á buaidhean cogaidh a biomraidiche agus á diadhairean a bainmeile, ach bhon tha aGhàidhlig adol an comhair a cùil gus am bheil na h-eileanan fhéin ann an cunnart, tha e mar ìmpidh oirnn eachdraidh Strath-Nabhair a chumailnar cuimhne.


[126]

’S e Strath-Nabhair an t-oisean as iomallaiche den Ghaidhealtachd, agus ghleidheadh e airson mìle bliadhna a dhaindeoin iomadh seòrsa deuchainn. Nan robhas air a bhriseadh aig àm sam bith bho theachd na Vikings chun an latha an , aig tha fhios cia mheud daingneach eile a bha air géilleadh cuideachd.

Goirid an déidh achogaidh mu dheireadh sgrìobh Wallace Notestein, àrd-ollamh an Ameireaga, leabhar dam bainm “The Scot in History” agus anns an leabhair sin tha e ag ràdh gun dhfhairtlich air smuain-aonachaidh sam bith a lorg an eachdraidh Alba; cha dfhuair e idir innt an aonachd a tha cho soilleir an eachdraidh Shasuinns a tha deanamh na h-eachdraidh sin cho tlachdmhor! ’S e a dhfhaodadh sin a ràdh, oir tha gach a bhuineadh do fhìor stéidh eachdraidh Alba air am fàgail gu tur a mach ás an leabhar. Tha iomadh facal ann a sgrìobh Raibeart Burns, Bhaltair Scott agus sgrìobhaichean Beurla eile, ach chan eil aon lideadh ann bho Ghaidheal. Chaidh aig Goill na h-àird an ear-dheas air abheachd a sparradh air oilthigh Ameireaganach gum biad féin na fìor Scotaichair an sàrachadh le trioblaidean dhaoine allaidh an taobh tuath.

S e aon a mhàin a tha comasach air mealltachd abharail sin a nochdadh. ’S e sin misneach is cruadal nan Gaidheal troimh iomadh linnamhisneach a tha toirt na h-aonachd do eachdraidh Alba a dhfhairtlich air Wallace Notestein a lorg. Chòmhraig na Gaidheil eadhon nuair nach robh dùil sam bith aca ri buaidh. Rinn iad litreachas nuair bha innleachdan clò-bhualaidh air an àicheadh orra agus chùm iad beo an eòlas agus an ionnsachadh nuair a bha na ceithir oilthighean Albannach aleigeil orra nach robh a leithid de eòlas ann.

Is dòcha gun toir buill-airm ùra an latha an diugh, an ràdio agus telebhisean, buaidh thairis orra. Faodaidh gun tig latha anns nach cluinnear ach Beurla ann an Strath-Nabhair agus ann an àiteachan eile as tèaruinte. Ach choisinn na Gaidheil anns na trì cheud bliadhna a chaidh seachad buaidh nach urrainn iad a chall a nis; buaidh a thug iad fada roimhen so air na Cruithnich. Tha samhla den bhuaidh so ri a faighinn an diugh am baile Thokyo an Japan, far am bheil fear teagaisg Beurla san Oilthigh aig na e ag ionnsachadh na Gàidhlig.

(Dheadar-theangaicheadh an t-iomradh so le Murchadh MacSuain).

titleMoladh ’Ic Aoidh
internal date1960.0
display date1960
publication date1960
level
reference template

Iain Grimble in Gairm 34 %p

parent textGairm 34
<< please select a word
<< please select a page