Air An Spiris
THA greis mhór a nis bho thòisich daoine a’ cleachdadh chlàr-sanais, no postairean, gus am beachdan no am badhar a sparradh air an t-sluagh, is tha an saoghal a th’ againn làn de na clàir sin. Anns na bailtean móra chì thu iad ag eubhachd riut bho bhallachan nan tighean, le na dathan ùra a chì thu fada bhuat. Tha feadhainn bheaga a’ sanais riut nuair a bhios tu ’nad shuidhe air do chaoin-shocair ann am bus no ann an trèana. Chì thu feadhainn meadhonach mór ann an stéiseanan an rathaid-iaruinn, a’ sméideadh ort bho na h-ionadan grianach ud a tha air an coisrigeadh do dhia ùr na gréine, Billy Butlin. Ann an tiota bheir na deilbh sin a null do na Bahamas thu, no ’s dòcha do ’n Oban, far a faod thu, mas math ar cuimhne, spéileadh-mara a dheanamh air an t-Sàbaid mas e sin do thoil.
Tha na clàir-sanais ag iarraidh oirnn iomadach seòrsa rud a dhèanamh no a sheachnadh: barrachd a chaitheamh de sheòrsa àraidh de thoiteanan, no sgur dhiubh buileach air eagal an aillse thighinn oirnn; gabhail dh’ an arm, no seasamh gu daingeann an aghaidh armachd an daduim; Times Lunnainn a leughadh ma tha sinn an dùil gu bheil sinn spaideil agus inbheil, no Herald Ghlaschu mur eil a dhìth oirnn ach an fhìrinn. Gabhaidh na clàir-sanais an cleachdadh gu modhail, beusach no gu stròthail, ceannairceach. Tha buaidh aca a chum maith no a chum uilc, a réir miann an luchd-deilbh.
Tha greis cuideachd bho chuala sinn daoine ag ràdh gum bu chòir na clàir-sanais a chleachdadh ás leth aobhar na Gàidhlig, agus is dòcha nach fada gus am faic sinn iad a’ nochdadh.
Nise, tha cumhachd aig iomadach duine air feadh na Gaidhealtachd gnìomh beag de ’n t-seòrsa so a dhèanamh. Baile Gaidhealach sam bith a tha a’ sireadh luchd-tadhail, dh’ fhaodadh Comhairle a’ Bhaile beag no mór de Ghàidhlig a chur anns na clàir-sanais aca, agus bhiodh so ’na annas is ’na thàladh do luchd-tadhail. Duine sam bith a tha a’ cur air adhart chéilidhean no cuirmean-ciùil air a’ Ghaidhealtachd dh’ fhaodadh e barrachd Gàidhlig a chur sa’ chlàr-sanais. Dh’fhaodadh Comhairlean Foghluim clàir Ghàidhlig a chur a mach do na sgoiltean, agus cha chuireadh e iongnadh oirnn ged a chlo-bhuaileadh Oifis a’ Phuist pàirt de na sanasan aca ann an Gàidhlig nan iarrte sin orra.
Tha iomadach dòigh eile mar so anns an gabhadh aire an t-sluaigh a tharraing do an cànain fhéin. Dh’ fhaodadh an Comunn Gaidhealach móran a bharrachd a dheanamh anns an dòigh so. Dh’ fhaodadh agus Gairm.
title | Air an Spiris |
internal date | 1961.0 |
display date | 1961 |
publication date | 1961 |
level | |
reference template | Gairm 35 %p |
parent text | Gairm 35 |