Gnothaich Bhoireannach
MURDAG NICCOINNICH
THA lainnir gloinne fhìnealta cho maiseach ri lasair is boillsgeadh sheud phrìseil. Có an té nach do chuir sùil ann an cuaich chriostail uair no uaireigin! Ach tha criostal car daor, agus chan eil té a bheir sgrìob troimh ’n ionad-ceàirde, ann an Dun-Eideann, far a bheil a’ ghloinne àillidh-sa ’ga dèanamh, nach tuig glé luath carson a tha an criostal deònach air leantainn daor. Tha a’ mhór-chuid dèanta gu h-iomlan leis an làimh, agus chan eil aon bhall nach eil suas ri deichnear a’ làimhseachadh, air dhòigh air choreigin.
Cluinnear bho àm gu h-àm còineal mu na tha de cheàirdean aosda ri dol bàs, mu bheairtean-innleachd a bhith a’ cur sgil na làimhe an dìmeas, agus mar sin air adhart. Tha treallaich mhath de ’n fhìrinn an so cuideachd, ach cha chreid mi gu bheil càil a chunnairt gun séid gaoth sgairteil sam bith le atharrachadh troimh Obair Chriostail Dhun-Eideann agus Lìt—oir tha luchd-ceàird, le mór sgil agus dìchill, gu daonnan a’ séideadh an so, gloinne cho àlainn ’s a gheibhear air saoghal mór.
’S ann tac an doruis do Sgoil Pàirc Nortain a tha an t-ionad-sa. Mar fhear-riaghlaidh tha Calum Tulloch. B’ e eileanaich a bha ’na phàrantan, ach thogadh esan ann an Grianaig far an robh e a’ seinn anns a’ choisir-chiùil Ghàidhlig. Tha beagan de ’n Ghàidhlig aige agus móran spéis do nithean Gaidhealta. Bha a mhac a’ gabhail na Gàidhlig ann an sgoil mhór Ghrianaig. ’S e obair Albanach a tha so, agus tha Calum Tulloch an làn dùil a cumail mar so.
Ged nach deachaidh an t-ionad so a stéidheadh san lagh gu 1868, aig Pàirc Nortain, bha iad a’ deanamh ghloinneachan soilleir, agus ’gan reic, ann an 1811. Ach bha a’ cheàird-sa am bitheantas an Alba dà chead bliadhna roimhe sin.
Thòisicheadh air obair gloinne ann an Wemyss, an Siorrachd Fìobh, ann an 1610, oir bha am pailteas guail an sud agus feumar tòrr teas gu gloinne a leaghadh. Bha e cuideachd furasda na soithichean a thoirt thar aiseag gu Lìt, oir b’ e turus mara gu math bu shàbhailt air nithean cuglaidh, na turus air ròidean nan làithean sin.
Co-dhiùbh, mar as deònaich anns gach rè, cha robh e fada, mu fhichead bliadhna, gus na thog an luchd-ceàird orra gu na bailtean a bha fàs na bu mhotha gach latha, agus thòisich obraichean gloinne an Dun-Eideann, an Glaschu, am Peairt, an Dun-dé agus an Alloa. Bha móran féill air fìon, oir b’ e so an deoch nàiseanta aig an àm-sa, agus feumaidh fìon botuil.
Troimh riaghladh nan rìghrean Stiùbhartach bha na h-obraichean gloinne a’ dol aig am peileir, agus is e gloinneachan bho ’n àm-sa cuid cho prìseil ’s a tha r’ am faotainn an diugh. Ach thainig Cuil-lodair agus sgrios air iomadh cùis Albanaich. Chaidh cìs-rìgh cho trom air gloinne(Glass Excise Act) ’s nach mór nach do chuir e ás do ’n cheàird gu bithbhuan.
Mar as tric a thachras aig amannan mar so, chùm cròileagan an sgil a’ dol gu dìomhair, agus is iomadh gloinne a chaidh a shéideadh ann an cùil dhorch.
Séideadh gloinne
Thòisich am buidheann air a bheil sinn a’ bruidhinnn, gu follaiseach, an uair a chaidh a’ chìs a thogail. Is e criostal bùird am prìomh obair, agus chan eil aon ionad eile de ’n t-seòrsa an Alba.
Bu dualach, a cheana, gloinne a dheanamh le bhith leaghadh gainmhich a measg aol na sòda na luath-luibhean(potash) ,agus tha e coltach gu bheil cuid de ’n ghnè-sa ’ga toirt a mach fhathast. Bho chionn trì ceud bliadhna fhuair Sasunnach d’ am b’ ainm Ravenscroft dòigh ùr, a b’ fheàrr. B’ e sin a bhith leaghadh grinneal ailbhinn(flint)measgaichte le luaidhe. ’S ann a bha e ’na fhìor mhìorbhail a bhith a’ coimhead an deàrrsaidh agus an t-soillseachd a bh’ air a ghloinne ùir.
Anns an ionad-leaghaidh tha àmhuinn chruinn, le deich dorsan beaga m’ a timcheall. Tha gainmheach ailbhinn, luaidhe agus potassium carbonate ’gam measgachadh ’s ’gan leaghadh. Tha an stuth a nis, còmhla ri gloinne bhriste, ’ga chur a steach do ’n àmhuinn, ann am poit-leaghaidh, no suacan criadha, ’s’ga thoirt gu teas cho àrd ri 1300°C .
An uair a tha a’ ghloinne teth gu leòr tha cnap ’ga thogail a mach air ceann iarunn-séididh. An sin thatar ’ga luasgadh chuige is bhuaithe, air lic shleamhainn, ris an abrarmarver .Tha so ’ga dheanamh còmhnard, réidh ’s a’ cur craiceann tana air, agus cumaidh e nise cruth. An sin cuiridh am fear-ceàird an t-iarunn-séididh ’na bheul agus séididh e a’ ghloinne an àirde gu cruth sònraichte. Bheir e an sin do ’n phrìomh fhear-ceàirde e. So am fear a chuireas an cruth deireannach air, le maide-tomhais, siosar mór, seòrsa de chlobha no clabar-muillein—buill-acain cho sean-fhasanta ’s a chunnacas a riamh.
’S e obair sgileil da-rìribh a tha so, fir-ceàirde ealanta, ach chan eil càil de bheachd air meud na sgil ’ga fhaotainn le bhith ’gan léirsinn aig an cuid obrach. Bheir gille cóig bliadhna a’ toirt a mach a cheàird, agus am beachd an fhir a bha a’ còmhradh rium chan eil ach tòiseachadh.
Tha an soitheach a nis ’ga bhriseadh bho ’n iarunn-séididh ’s ’ga thoirt, mar a thà e, do sheòmar far an teid a theas a leasachadh uidh air n-uidh gus an ruig e staid riaghailteach nàduir. ( ’S eAnnealgin Rooma their iad ris an t-seòmar so).
As déidh so tha sgrùdadh dlùth ’ga dheanamh air gach gloinne, ’s ma tha nì air domhain ceàrr thatar ’gam briseadh ’s ’gan tilleadh air an ais gu an ath-leaghadh.
Tha na h-oirean air an lomadh sìos le cuibhle copair làn dhaoimeanan, agus tha iad deiseil gus an gràbhaladh le cuibhle eile de chloich no de charborundum—obair ealanta gun cheisd. Tha cumadh air a chur air gach soitheach, le peant, agus tha am fear-gràbhalaidh a’ gearradh a mach nan cruth ás a’ chriostal. Fàgaidh so cneas geal air a’ ghloinne agus feumar a chur am bogadh ann an stuth eile—sulphuric acidagushydrofluoric acid—gu lìomh maireannach a chur oirre.
Tha ceangal dlùth aig cuid de ’n obair a tha dol air adhart an so ri eachdraidh Alba: ’s e sin a bhith séideadh ’s a’ toirt a mach mhic-samhail gloinneachan nan Stiùbhartach.
Is ann anns a’ ghràbhaladh, ’s chan ann anns a’ ghloinne fhéin, criostal fìnealta ’s ged tha innte, a gheibhear luach nan cuachan-sa. Ged nach robh an gràbhaladh cho ealanta ’s a tha e ’n diugh b’ e osmhalachd a bha anns a’ chuid mhór dhiubh.
Tha riochd na ròis air an fheadhainn ris an abrar Cupanan a’ Phrionnsa Teàrlaich. B’ e an ròs cosamhalachd a’ chrùin. A mach ás an ròs bha dà ùr-ros bheag a’ fàs, aon diubh leis an fhlùran mheanbh dìreach air briseadh a mach. B’ e sin am mac bu shine. Nuair ghabh am Prionnsa Eanruig, bràthair Theàrlaich, beatha manaich os làimh, sguireadh de ghràbhaladh nan geugan, agus b’ e an ròs a mhàin a bha corra bho ’n àm sin.
[Dealbh]
Gloinneachan ‘Lochnagar’ a thugadh do’n Bhan-phrionnsa Mairead nuair a phòs i.
Ach ’s ann bho linn athair Theàrlaich—an t-ochdamh Seumas—a thainig na gloinneachan as luachmhoire idir, na gloinneachan Amen. Chan eil ach mu fhichead dhiubh air mhaireann. Tha “I.R. 8” gràbhaichte orrasan, agus facail na laoidhe, a bha an toiseach aig na Stiùbhartaich, agus a tha an diugh le atharrachadh an sud ’s an so, aig Breatainn mar laoidh nàiseanta.
Tha cruth a’ chluarain tric air a’ chriostal, agus ainmeannan Gaidhealta air na cruthan mar a tha iad a’ tighinn a mach—Glenfinnan, Appin, Lochnagar—.
Nuair a thatar an tòir air gibht a bhios air leth bho chàch prìseil, àlainn, sàrmhath—leithid na thugadh do ’n Bhànrigh agus do a piuthar aig àm am pòsaidh; no mar fhuair Khrushchev nuair bha e an Dun-Eideann; no mar thugadh do Real Madrid agus Eintracht nuair thainig iad a chluich an so, is ann air criostal Dhun-Eideann a thig smuain.
Tha an leómhan Albanach, ann an òr, air dath gorm na h-Alba, aca mar shuaicheantas. Chan eil san ionad gu h-iomlan ach sia deug thar fhichead de luchd-ceàird, agus uimhir eile de ghillean ionnsaich, ach ’s e luchd-ceàird a tha so air nach eil a bhith ’g obair ann an ionad dorch, blàth a’ cur stad, oir tha an ùidh ann a bhith a’ cruthachadh le ’n làmhan bòidhchead agus òirdhearcas a tha a’ cumail Alba air thoiseach air an t-saoghal mhór ann an cruthachadh criostail bùird.
title | Gnothaich Bhoireannach |
internal date | 1961.0 |
display date | 1961 |
publication date | 1961 |
level | |
reference template | Murdag NicCoinnich in Gairm 35 %p |
parent text | Gairm 35 |